[114]

AM MAC A CHAILLEADH.
(LUCAS, xv. 11-32.)

CHA bu leòr dhan t-Slànuighear, air an aon làimh, amaideachd caorach chaillte agus caran bonn airgid a chaidh air chall gu bhi agiùlan dhachaidh dhan luchd-eisdeachd làn-bhrìgh a theagaisg mu staid thruaigh apheacaich, no, air an làimh eile, cùram buachaille mu chaora chaillte agus ionndrainn bean-tighe air bonn-airgid a chaill i, gu a bhi ateagasg gràidh agus cùraim Dhén an iomlanachd. Cha robh tuigse nàdurrach aig caora, na saor-thoil agus coguis aig bonn-airgid, agus ged a bu mhòr cùram abhuachaille mun chaora, agus ionndrainn na mnà air son abhuinn, cha tigeadh a h-aon dhiubh, no an dithis aca comhladh, suas gu àirde aghràidh, agus achùraim, dham bu mhiann leis samhladh fhaotainn. Dhfheumtadh cosamhlachd eile fhaotainn a thigeadh na bu dlùithe dhan fhìrinn agus dhan chridhe na thàinig an dithis eile; dhfheumtadh duine an àite ainmhidh, no bonn-airgid, agus athair an àite buachaille, no bean-tighe. Fhuair e iad so ann an cosamhlachd a mhic struidheil, asamh-


[115]

lachadh, air an dara làimh, cionta an duine ann am pearsa amhic, agus, air an làimh eile, gràidh Dhé ann am pearsa an athar. Is i so achosamhlachd as breagha dhe na cosamhlachdan uile, agus as dlùithe a tha atighean ri ar cridheachan agus ar faireachduinnean. Tha, mar sin, dhealbh sònruichte anns a chosamhlachd, dealbh amhic, agus dealbh an athar.


AM MAC.

Chì sinn am macn a sheachran agusn a thighinn air ais.


1. Cùrsa seachranach amhic.

Chì sinn son a thoiseach, ’n a dhol air adhairt, agusn a chrìch.

(1) Toiseach ant-seachrain. —Tha mòran, cha mhòr nacheil a h-uile a leanas, aco-sheasamh ann an toiseach ghnothaichean. Tha an abhainn mhòr, air an seòl fadheòidh an luingeas, ag éiridh gu tric á tobar fhaoinn a sruthan beag as gann a chithear. ’S cuimhne leam an uair a bha min a mbhalach cleas a bhitheadh againn acur chlachan mòra le cas-leòidean sìos thun na mara. ’Nuair a chuirimid achlach air ghluasad an toiseachs gann gum falbhadh i idir, bha a gluasad cho mall, ach cha dthàinig stad riamh tuilleadh oirre aon uairs gun ghluaiseadh i, ’s


[116]

ann a dhfhàs a h-astar na bu luaithe agus na bu luaithe, car thar cuir, ceum thar cheuma, leum thar leuma, gus mu dheireadh an deach i fodha le plùmb anns achuan. Sin agaibhse samhladh air cùrsa a pheacaich. Thòisich cùrsa seachranach aghille òig so ann an cleachdadh a shaoir thoile féin ann a bhi afàgail tigh athar. Bha e ag iarraidh a bhi neo-eisimeileach, saor gu buileach bho lagh agus bho raighladh athar an dùil gu bann mar sin a bu shona a bhitheadh e. Agus leig athair leis; cha robh maith a chumail an aghaidh a thoile. Chaidh e air seachran an cridhe agus an aigneadh mas dthug e aon cheum follaiseach air falbh. So far am bheil slighe an-t- seachrain atoiseachadh, anns achridhe. So an tobar. Deir an Slànuighear (Mata, xv. 18-20), “Na nithean sin a thig a mach as abheul, tha iad ateachd on chridhe, agus is iad sin a shalaicheas an duine. Oir is ann as achridhe a thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianuis bhréige, toibheum: is iad so na nithean a shalaicheas an duine.” ’S ann acordadh ris aso a tha earal nan Gnath-fhocal, “leis gach uile dhìchioll gléidh do chridhe; oir as asin tha sruthan na beatha.”

(2) An dol air adhart.— “Agus ghabh e a thurus.” Bait, aoibhneach, a dhfhalbh e, an dùil a nis gum faiceadh e fìor bheatha agus


[117]

gum mealadh e sonas dha-rìreadh agus gum bann mar a bfhaide a rachadh e o thigh athar gum bann a bu shona a bhitheadh e. Agus cleas na cloiche leis achas-leathad chaidh e nas luaithe, agus nas luaithe, ceum thar cheuma, agus leum thar leuma, anns an olc air cùrsa an sgriosa. Agus chuidich amhaoin leis fhads a mhair i. ’S anabarrach na buadhan nàdurra a bhuilich Dia air daoine, agus tha e gu tric acur riu sin beartas agus cothroman on leth a muigh. Be crioch nan tiodhlac sin gun cuidicheadh iad daoine gu a bhi aglòrachadh Dhé leò agus annta, ach an uair nacheil daoineg an gnàthachadh anns an dòigh sin, tha iad buailteach a bhig an cuideachadh an rathad eile agus atoirt sgriosa orra. Nuair nacheil buadhan an duine fo cheannsal lagh’, agus eagail, agus gràidh, Dhé tha an duine cosmhuil ri each-iaruinn fa sgaoil, gun fear-stiùiridh air bòrd, aruith gu h-ealamh gu sgrios.

Tha an teine fo cheannsal, agus fo smachd, agus deagh riaghladhn a bheannachd, agus gu mòr fheum, ach eadar-dhealaichte uapa sin, agus air a chomhairle fhéin, ’n a ro chunnartach agus sgriosail. Sin mar a tha buadhan nàdurra an duine eadar-dhealaichte o ghràdh agus eagal Dhé. Thigeadh sradag buairidh à ifrinnn an gaoth, agus air ball, cleas sradag ri connadh, tha iadn am falloisg. So mar a bha thaobh amhic


[118]

struidheil. Agus cha bfhada gus an do chaith e a mhaoin gu léir. Am fac sibh riamh daoine a rinn sin? Chunnaic mise. Chunnaic mi daoine a chaith, chan e a mhàin na bhuilich Dia orra de bhuadhan inntinn agus cuirp, ach còmhla ris asin na thug Dia dhoibh de mhaoin an t-saoghail on leth a muigh, daoine a chaith ah-uile ni a thug Dia dhoibh le ruidhteireachd, agus misg, agus neò-ghloine, comas-inntinn, anam, slàinte, crannchur agus càirdean. Gu an t-ana-caitheamh a tha iad adeanamh leis an òl fhéin, gun iomradh air rudan uile!

(3) A chrìochgainne, daorsa, agus truaighe. Is beag a bha de dhùil aig an òganach ri àm dha fàgail tigh athar gun tigeadh e a dhiònnsuidh so. Achs e so aghnàth crìoch an t-seachrain o Dhia agus o mhaitheas. “Thoisich e ri bhi ann an uireasbhuidh.” —Chan urrainn nithe saoghalta anam an duine a riarachadh, eadhon na nithe a tha maith annta fhéin; mar a tha sean diadhair ag ràdh, “O Dhé, air do shon féin chruthaich Thu sinn, agus as deugmhais-se chan urrainn fois a bhi againn”; no mar a thubhairt an Slànuighear ri bean Shamaria aig an tobar, “Ge be neach a dhòlas den uisge so, bithidh tart air a rìs.” Nach gu mòr na sin an uireasbhuidh a thig air an duine a thug e féin thairis do ana-miannan peacach, agus brùideil. Anns an tìr a tha fad air falbh o Dhia, agus o


[119]

mhaitheas, feumaidh gorta ro mhòr éiridh fa-dheòidh; soan tìr ro-thioraim, thartmhoir, theith gun uisgair bhith bhi ann.”

Agus, “cha dthug neach air bith dha.” Càite an robh a chàirdean? Cha robh fìor charaid aige on dhfhàg e tigh athar, neo ma bha cha do ghabh e a chomhairle; cha robh aige ach companaich anns an ruidhtearachd agus anns an olc. Càite an robh iadsan, ma tha, nach dthug iad dha? Ochòin! thug iad an casan leònuair a chaith e a chuid. Fhads a bha sporan làn aige, neo air thàing mur an robh companaich gu leòir aige agus càirdean dhen t-seòrsa a bhann; ach an uair a thàinig àm na gainne leagh iad air falbh cleas ceò air beinn, no driùchd air feur, roimh theas na gréine. Cha robh annta ach creithleagan dhaoine atarruing fala. Fhuair e so a mach air a chostas. ’N a éiginn thug e fear dha sheana chompanaich air an dùil gun cuidicheadh esan en a éiginn, fear leis an do chuir e seachad iomadh oidhche mhireagachn a thigh ag òls adannsas acluich nan cairtean, ach, mo thruaighe, ’s ann a chuir e mach air an dorus e a bhiadhadh a chuid mhuc? Cha bann mar sin a chleachd e e fhéin dha thaobh an toiseach; ach bha e nis gun chuid, gun chàirdean. Bha e nis air tuiteam cho ìosals a burrainn dha. Nach iongantach doimhneachd na truaighe sin a dhionnsuidh


[120]

an toir am peacadh an creutair! Tha dealbh na cosamhlachd so fìor gu litireil gus an an diugh. ’S iomadh iad a bha aon uair saoibhir an cuid, àrd ann an inbhe, agus ann am fòghlum, a thug iad fhéin gu baigeireachd, agus truaighe, len ana-caitheamh, agus len ruidhtearachd, agus len cuid gòraichid fhéin. Baithne dhomhsa eadhon cuid a bhan am ministeirean a thàinig gu a bhin an creutairean luideagach bochd, air sràid abhaile mhòr, asireadh dhéirce air cuid a bhanns a chollaisd còmhladh riu. ’S i an deoch a bu tric a thug a dhionnsuidh sud iad. Sanabarrach cho ìosal agus a bheir i sin daoine agus mnathan, nas ìsle eadhon na am mac anns a chosamhlachd. Thàinig esan gu bhi biadhadh mhuc, ach bheir an deoch daoine agus mnathan gu bhin am mucan iad fhéin, no eadhon nas ìsle. An cuala sibh riamh mun duine air an robh amhisg agus a chaidh a chadalam fail na muice, agus a fhuaireadhs a mhaduinnn a luidhe ri taobh na muice, agus a làmhan tiomchioll a h-amhach? O, na truaighean aimsireil a tha daoine atoirt orra fhéin leis apheacadh! Ach is beag na truaighean sin an taice ris na truaighean modhanail agus spioradail a tha daoine atoirt orra, an uair a tha iad adol air seachran o Dhia; oir mar a tha Leabhar Aithghearr nan Céist ag ràdh, “chaill iad co-chomunn ri Dia, tha iad fo


[121]

fhéirg agus a mhallachd, agus mar sin air an deanamh buailteach do uile thruaighean na beatha so, don bhàs féin, agus do phiantan ifrinn gu sìorruidh.” Is i so crìoch a pheacaidh, staid chaillte an duinen a sheachrain o Dhia.

Chaidh umam dòruinn geur a bhàis,
Ghlac piantan ifrinn mi:
Theann-ghlacadh mi le trioblaid thruaigh
Is àmhghar cruaidh do mchlaoidh.”
SALM, cxvi 3.


II. Turus amhic dhachaidh, no aithreachas apheacaich.

Tha caochladh cheum air a thoirt dhuinn anns an turus so, ateagasg cuid dhe na nithe sin a tha air am filleadh a steach anns an fhìor aithreachas. Aguss e tha againn an so taobh an duine dheth. Tha fhios agaibh gu bheil dealachadh eadar ath-ghineamhuinn agus aithreachas, no iompachadh. ’S e tha anns an ath-ghineamhuinn gnìomh Dhé, anns am bheil an duine neo-gniomhach: ’s e tha anns an aithreachas gnìomh an duine anns am bheil esan gu toileach agus gu togarrachg a thoirt fhéin do Dhia; ’s i an ath-ghineamhuinn am freumh; ’s e an t-aithreachas achraobh agus a toradh. ’S e tha againn anns achosamhlachd, ma ta, cleachdadh inntinn agus deanadas an duine sin air an do ràinig an ath-ghineamhuinn; mar a tha


[122]

Leabhar Aithghearr Nan Ceistg a chur;— “Aithreachas chum beatha, is gràs slàinteil e, leis am bheil am peacach, o mhothachadh ceart da pheacadh fhéin, agus o bheachd de thròcair Dhé ann an Criosd, le doilghios agus le fuath da pheacadh, ationndadh uaith gu Dia le làn-rùn agus dìchioll air umhlachd nuadh a thoirt dha.”

Seallamaid, ma tha, ris na ceumannan sin a tha air an toirt dhuinn anns achosamhlachd.

(1) Dhùisg e. “Thàinig e da ionnsuidh féin.” Bha e gus a so mar neach a bha as a chéill, no mar neach ann am fiabhrus. Ach a nis thàinig e gu bhi afaicinn nithe mar a bha iad dha rìreadh. Roimh so bha e air a dhalladh; dhall dia an t-saoghail so e (2 Cor., iv. 4); bha e air a bheò-ghlacadh leis chum a thoile a dheanamh (2 Tim., ii. 26). Ach a nis bha e saor on druidheachd uamhasaich sin; chaidh a dhùsgadh gu bhi afaicinn agus afaireachdainn a thruaighe agus a chionta. Tha sinn afòghlum bho so nach buin am peacadh do fhìor nàdur an duine; gur ni e a thàinig a steach air muin fhìor nàdur, cleas puinsean no galair air duine fallain. Bha an ceud duine gun pheacadhnuair a thàinig e o làimh a Chruithfhear, agus air dhan dara duine a bhi air a dheanamh cosmhuil ra bhràithrean anns na h-uile nithe ach as eugmhais peacaidh, dhìt e am peacadhs an fheòil (Rom., viii. 3). A thuilleadh air


[123]

asin tha sinn afaicinn an dealachadh a tha eadar staid chaillte an duine agus staid nan aingeal a thuit. Chuala mi ministear uair ag ràdh gun robh am peacach ann an staid neo-iompaichte cho caillte ris an diabhul féin. Cha burrainn mi a dhol leis anns a bheachd sin. Tha an diabhul tur-caillte, gun aon chuid cothrom no comas aithreachais a bhi aige. Cho cailltes ga bheil an duines urrainnear a dhùsgadh gu aithreachas; tha le chéile cothrom agus comas aithreachais aige-san; tha ni-eigin annsan air an urrainn gràs greimeachadh gu aithreachas a ghintinn ann. Chan ionann sins an diabhul; tha esan an taobh thall de dhaithreachas agus de dhath-nuadhachadh.

(2) Smuainich e. Labhair e ris féin. ’S e cion-smuainichidh a tha cur mòran a dhìth. Tha gealltannas a thaobh an neach a thàinig gu smuaineachadh. Tha achuimhne an so. ’S mòr an t-àite a tha aig achuimhne ann an cleachdadh an aithreachais. “Cuimhnichidh air, agus pillidh a dhionnsuidh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn” (Salm, xxii. 27). “An sin cuimhnichidh sibhur droch shlighe féin, agusur deanadais nach robh maith, agus fuathaichidh sibh sibh féin annur sealladh féin, air sonur n-euceartan, agus air sonur gràineileachdan” (Esec., xxxvi. 31). “Agus chuimhnich Peadar focal an Tighearna


[124]

agus chaidh Peadar a mach, agus ghuil e gu goirt” (Luc., xxii. 61). Agus air an do smuainich am mac? Air maitheas athar agus air maise a dhachaidh. ’S e maitheas Dhé a tha atreòrachadh chum aithreachais (Rom., ii. 4). So an dealachadh a tha eadar aithreachas laghail, agus aithreachas soisgeulach. Tha aghaidh aig aithreachas laghail air féirg agus bagraidhean Dhé, aguss e a tha ag éiridh as asin eagal, agus geilt, agus ball-chrith, agus iarrtus an anama e fhéin fholach o Dhia, cleas Adhaimh anns aghàradh; tha an lagh ag oibreachadh féirge (Rom., iv. 15). Ach tha aghaidh aig aithreachas soisgeulach air maitheas, tròcair, agus gràdh Dhé, agus tha smuain nan nithe sin ag oibreachadh ionndrainn, iarrtuis agus dòchais anns an anam, agus mar sin atarruing an anama gu aithreachas, agus gu Dia. Oir chan e, a mhàin, gun do dhùisg cuimhne am broilleach amhic, ach còmhladh ris asin dhùisg dòchas. Tha cuimhne agaibh ciamar a fhuair Criosduidh agus Dòchasach a mach á Càisteal an Fhamhair Eu-dòchas, le iuchair an dòchais a fhuair Dòchasachn a uchd fhéin. So ani a fhuair am mac struidheil a nisn a uchd fhéin, dòchas gun gaibhteadh ris; “oir is ann le dòchas a shaorar sinn” (Rom., viii. 24).

(3) Rùnaich e. Chan e a mhàin gun do smuainich e, ach rinn e suas inntinn. “Eiridh


[125]

mi,” arsesan, “agus théid mi dhionnsuidh mathar.” Tha mòran ann a tha ri smuaineachadh air uairean, ach chaneil na smuaintean atighinn gu suidhichtesam bith; tha maitheas na muinntir sin cosmhuil ri maitheas Ephraim agus Iudah o shean. “Ciod a ni mi riut, O Ephraim? Ciod a ni mi riutsa, O Iudah? oir thaur maitheas mar neul maidne, agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh (Hos., vi. 4). Tha iompachadh aco-sheasamh ann an cosnadh na toile. “Bithidh do shluagh ro thoileach ann an do chumhachd” (Salm, cx. 3).

(4) Rinn e. “Dhéirich e, agus chaidh dhionnsuidhathar.” Cha leòir eadhon rùintean maithe anns an aithreachas; feumaidh deanadas a bhi ann. So mar a bha a thaobh Israeil agus Dhaibhidh. “Agus rinn Abner còmhradh ri seanairean Israeil, ag ràdh, anns an aimsir roimhe so dhiarr sibh Daibhidh a bhin a righ os bhur ceann. A nis, mata, deanaibh e” (2 Sam., iii. 17).

S maith smuaintean maithe, ’s maith rùintean maithe, aguss maith ùrnuigh dhùrachdach, ach feumaidh deanadas a dhol cùmhladh riu. Bha ministear ann aon uair, agus bfhad on a bha bean mhaith a dhìth air, ach cha robh eg a faotainn. Bha e a bruidhinn ri bean-uasal anns achoimthional aige, agus i asparradh air bean fhaotainn dha fhéin. “O,” arsesan,


[126]

“ ’s fhad on a bha mi ag ùrnuigh air son ach cha dfhùair mi fhathast i.” “Ud,” arsise, “on bha thu cho fada agabhail do ghlùn ris aghnothàch, gabh do chasan a nis.” Feumaidh sinn chan e, a mhàin, a bhi ag ùrnuigh ach a bhi adeanamh, chan e, a mhàin, a bhi ag iarraidh ach a bhi agabhail. Ghabh am mac struidheil mar sin an rathad dachaidh. Tha obair na h-Ath-ghineamhuinn, agus cleachdadh an fhìor aithreachais, acriochnachadh ann an dùnadh an anam ri Criosd. Feumaidh am peacach gnothach pearsanta a dheanamh ri Criosd. Sin mar a tha Leabhar Aithghearr Nan Ceistg a chur.” ’S i aghairm éifeachdach obair Spiorad Dhé leis am bheil e dearbhadh oirnne ar peacanna agus ar truaighe, asoillseachadh ar n-inntinn le eòlas air Criosd, ag ath-nuadhachadh ar toile, agus an lorg sin, ’gar deanamh deònach agus comasach air Iosa Criosd a dhlùth-ghabhail thugainn mar a ta e air a thairgseadh dhuinn gu saor anns an t-soisgeul.”

S e Criosd, a mhàin, an t-slighe dhachaidh a dhionnsuidh Dhé, an t-Athair (Eoin, xiv. 6), agus feumaidh sinne, cleas amhic struidheil, an t-slighe dhachaidh a ghabhail. Bha an t-Urr. Uilleam Ros gràdhach a bha ann an Glaschu, anns na Cowcaddens, abruidhinn ri caiptein soithich, aon dhe na bàtaichean mòra smùide


[127]

a bhitheas aseòladh gu New York. Dhaidich an duine nach robh nithe mar bu mhiann leis a thaobh anama, agus gun robh ni eigin aig a mhnaoi nach robh aige fhéin, fios agus cinnte gun robh i sàbhailte agus air an rathad gu nèamh. “Tha mi a ghnàth ag ùrnuigh,” arsesan, “agus sin gu dùrachdach, ach chaneil mi afaotainn na tha mi ag iarraidh.” Bha an soitheach mòrn a luidhe ri taobh a chéithe ullamh gu seòladh an ath latha, agus fàradh caol suas ri cliathaich. Arsa Mr Ros ris, “Nan tiginn-sa am màireach dìreach roimh àm dhuit seòladhn am dheann-ruith agus gun tuitinn air mo glùinean air a chéithe, agus gun eughainn a mach riutsa, ‘O Chaiptein, thoir gu New York mi?’ an toireadh sin gu New York mi?” “Cha toireadh,” arsan caiptein, “dhfheumadh tu a thighinn air bòrd.” “Ach ciamar a thiginn air bord?” arsa Mr Ros. “Suas air an fhàradh ud,” arsan Caiptein. “ ’N e nacheil rathad dhomh gu thighinn air bòrd ach air an fhàradh chaol ud?” “Chaneil rathad eile ann duit,” arsan Caiptein, “mur teid do thoirt air bòrd ann am bocsa cleas nan damh.” “O, tha mi afaicinn,” arsa Mr Ros, “chan fhoghainn dhomh ùrnuigh no iarraidh a mhàin, feumaidh mi tighinn air bòrd suas air an fhàradh.” “Deile?” arsan Caiptein. “Uill,”


[128]

arsa Mr Ros, “innis so dhomh; air dhomh tighinn air bòrd, an e an soitheach a bheir mise gu New York no mise an soitheach?” “Thusa an soitheach gu dearbh!” arsan caiptein, “an ann as do rian a tha thu? Cionnus a burrain duitse an soitheach a sheòladh?” “Dìreach aon cheist eile,” arsa Mr Ros, “am bheil thu cinnteach gun ruig mi New York gu sàbhailte?” Sheall an caiptein gu geur air mar gun robh eagal air gun robh e dha rìreadh air dhol às a rian, agus arsesan, “Sàbhailte gu dearbh! Thig thusa air bòrd mo shoithich-sa am màireach mar a thubhairt mi, agus théid mise an urras gun ruig thusa New York gu sàbhailte. Sheòl mi an soitheach a liùthad so de bhliadhnachan agus cha do chaill mi aon anam fhathast a dhearb e féin riumsa agus ri mo shoitheach.” “Nis,” arsa Mr Ros, “tha thu agam. So na tha de dhealachadh eadar thusa agus do bhean. Dhearb ise i féin gu buileach ri Criosd, agus tha a muinghinn a mhàin annsan, agus tha fhios aice ann a chreid i, agus is dearbh leatha gu bheil esan comasach air a ni sin a dhearb i ris a choimhead fa comhair an sin. Sin nach drinn thusa fhathast a dhaindeoin dùrnuighean agus diarrtusan. Dean thusa sin, thu fhéin earbsa gu buileach ri Criosd agus a ghabhail air fhacal, agus bithidh tusa cosmhuil


[129]

rithe-se.” “A Mhr Ros,” arsan caiptein, agus na deòir a sileadh oshùilean, “sin dìreach far an deach mi dochair fad nam bliadhnachan a tha air mo chùlaobh, ach tre ghrás g am chuideachadh cha bhi mi nas fhaide mar sin, théid mi air bòrd, earbaidh mi mi fhéin gu buileach ri Criosd.” Sin agadsa a leughadair, an rathad dachaidh. An do ghabh thu fhathast e? Mur do ghabh, gabh a nis e, cleas a mhic struidheil? ’S fhad, ’s maith dhfhaoidte, anns an aimsir roimhe so, a dhiarr thu Criosd a bhin a rìgh os do cheann. A nis ma ta dean e. Creid ann, gabh ris, agus chan eagal leatsa no leamsa nach ruig thu dachaidh. Fàgaidh sinn, mar sin am mac air an t-slighe dhachaidh, agus chì sinn air an ath tràth cionnus a chaidh leis.

Do chnuasaich mi mo shlighe féin,
s ri dtheisteas phill mo chos.
Rinn deifir choimhead dàitheanta
s nior ghabh mi tàmh no fois.”
SALM, cxix. 59, 60.


III. Fàilte an athar.

Dhfhag sinn a mac air an rathad dachaidh. Chì sinn a nis an seòrsa fàilte a fhuair e o athair. Chì sinn anns an fhàilte so.

1. Gràdh. “Air dha bhi fathast fada uaith, chunnaic athair e.” Tha e coltach gun robh e


[130]

sealltuinn a mach air a shon. Tha so adearbhadh ged dhì-chuimhnich am mac athair, nach do dhì-chuimhnich athair esan, ach gun do mhair a ghràdh da mhac fad nam bliadhnachan sin a bha e air seachran agus air chall. Chìtheadh na coimhearsnaich e a h-uile maduinn, meadhon-, agus beul-oidhche, adol suas gu mullach achnuic ri taobh an tighe, agus en a sheasamh ann an sin le alàimh tarsuing air a mhala ag amharc a mach gu geur sìos an rathad mòr a dhionnsuidh na lùib sin dhen rathad aig an dfhuair e an sealladh mu dheireadh da mhac, agus e atoirt na dùthcha fad as air. Bha e ag ionndrainn a mhic. So agaibh dealbh air gràdh Dhé. Chuala mi uair aig coinneimh ann an Sruibhle Capt. Brotchie á Grianaig ag innseadh an rathad a ghabh e da mhàthair gus a bhi adearbhadh oirre gun robh gràdh aig Dia dhi. Bha deichnear mhac aice. Bha sud agus chaidh am fear a bòige air chall agus cha robh lorg air. Bha a mhàthair ann an staid uamhasaich do bhrìgh an leanabh a bhi air chall. “Ud,” arsesan ri mhathair, “ciod e an othail a thort airson aon phàisde beag leanaibh; nacheil naoinear eile agad, agus nach fhaod thu a bhi coma?” “Ghille gun chéill, gun truas,” arsise, “ ’n e nach bitheadh ionndrainn agamsa air mo mhac, agus nach bithinng a chaoidh, fhads a tha e dhìth orm?” “A mhathair,”


[131]

arsesan, “a do ghràdhsa dha do mhacsa na gràdh Dhé da chloinn-san? Ma tha ionndrainn ortsa thaobh do leanaibh-sa a tha caillte ged tha naoinear eile agad, saoil nacheil spéis aig Dia da chloinn-san leth air leth, agus nach ionndrainn Esan aon fhear caillte dhiubh? Na abair tuilleadh nacheil gràdh agus spéis aig Dia dhuitse.” Chaidh iad le chéile air tòir an leanaibh, agus mu dheireadh fhuair iad en a chadal anns an t-sabhal, air fhalach fon fhodar. Ach dhfhòghlum màthair achaiptein leasan air gràdh Dhé nach do dhì-chuimhnich i riamh. Tha gràdh aig ar n-Athair Nèamhaidh da chloinn sheachranaich leth air leth, agus tha E ag ionndrainn gum pilleadh iad dha ionnsuidh le fior aithreachas, agus gum bitheadh iad air an teàrnadh.

2. Truas. “Ghabh e truas mòr dheth.” Cha bionghnadh sin, oirs annn a fhìor chùis-thruais a bha e, luideagach, lomnochd, casruisgte, cròm le gainne agus sgìos. Cha bionann a chor agus an a dhfhàg e tigh atharn a òganach tapaidh, treun. ’S e fhéin agus a ghòraich a thug an truaighe so uile air; ach cha do sheall athair air a chionta ach air a thruaighe. So mar a tha thaobh ar n-Athar Nèamhaidh. Tha fuath aig Dia dan pheacadh, ach tha truas aige dhan pheacach. Agus mar sos e an treas ni a chì sinn an so.

3. Gàirdeachas. “Agus ruith e, agus thuit e


[132]

air a mhuineal, agus phòg se e.” Cha burrainn dha cumail air fhéin; béiginn dha a chridhe a dhòirteadh a mach air muineal a mhic. “Tha Dia amoladh a ghràidh féin duinne, do bhrìgh an uair a bha sinn fathastn ar peacaich gun dfhuiling Criosd bàs air ar son” (Rom., v. 8). “Ruith e.” Ciod thig a rinn e sin? An ann air eagal agus gum fàilnicheadh cridhe a mhic aig an lùib ud far an dfhuair e an ceud sealladh air tigh athar, agus gum pilleadh e air ais fo bhuaidh a mhi-mhisnich? Ruith athair ga chòdhail gus coinneachadh ris, agus cuideachadh leis, dìreach aig an àite, agus aig an àm, anns am bu mhò fheum air cuideachadh agus misneachadh. Cha dfhuirich athair gus an do ràinig e dhachaidh agus an do ghlan e e féin mun do chuir e fàilte air; ruith e ga chòdhail, agus thuit e air a mhuineal agus phòg e e ceart mar a bha e, luideagach, salach, le (mar a chuir diadhair àraidh e) sabh nam muc dheth. So agaibh a rithisd fìor dhòigh Dhé ri peacaich atilleadh da ionnsuidh. Tha Eg an coinneachadh agusg an cuideachadhn a ghràdhsn a ghràs, agus agabhail riu ceart mar a tha iad. Is e E féin a tha atoirt daibh a h-uile ullachaidh a tha dhìth orra. Oir chì sinn an sos acheathramh àite.

4. Gràs. “Thugaibh, a mach achulaidh as fearr.” ’S e an t-athair a rinn ah-uile


[133]

ullachadh a bha dhìth air. So agaibh a rìs glòir an t-soisgeil gum bheilDia ann an Criosd adeanamh an t-saoghail réidh ris féin, gun a bhi ameas an cionta dhoibh,” agus gum bheil an réite sin afilleadh a steach innte ah-uile ni eile air am bheil am peacach acur feuma airson time agus siorruidheachd.

Tha, mar sin, fhìrinn luachmhor ri a tharruing on fhàilte so a thug an t-athair dha mhac struidheil. (1) An toiseach, gum bheil Dia ann an Criosd agabhail ri peacaich ceart mar a tha iad, agus nach ruig iad a leas feitheamh airson ullachaidh sam bith, ach iad a thighinn air ball an eisimeil gràis Dhé ann an Criosd. Bha am Paris, priomh-bhaile na Fràing, fear-tarruing-dhealbh, a rùnaich dealbh amhic struidheil a tharruing. Bha e fadag iarraidh neach-éiginn a sheasadh dha mar shamhladh air. Choinnich sid ris fear a chòrd gu buileach ris an a bha e ag iarraidh, fior struidhear, luideagach, lomnochd, cas-ruisgte, salach, truagh. Dhiarr e air tighinn a dhionnsuidh an tighe aige an ath aig àm suidhichte, agus gum faigheadh e duais. Aig an uair shuidhichte, thàinig gnogadh aig dorus an dealbhadair, agus a nochd e féin, air dha an dorus fhosgladh, ach duine breagh, spaideil, air éideadh mar dhuine-uasal. “ thu, agus ciod e do ghnothach an so?” arsan dealbhadair ris. “Is mise an


[134]

duine a thachair ort an , agus a dhiarr thu air e thiginn an so an diugh aig an uair so, agus tha mi air tighinn mar a dhiarr thu.” “Thusa!” arsan dealbhadair, “ ’s e dhiarr mise air tighinn diol-déirce bochd, achs e thannadsa duine-uasal.” “Od,” arsan duine, “bha mi an dùil nach fhoghnadh dhomh tighinn mar a bha mi, agus dhfhalbh agus nigh mi mi fhéin, agus lom mi mo cheann, agus bhearr mi mfheusag, agus fhuair mi eudach agus brògan an iasad, agus so mi a nis.” “Ma tha,” arsan dealbhadair, “faodaidh tu falbh, chaneil thu gu feumsam bith dhomhsa; ’s e bha dhìth ormsa diol-déirce, agus cha be duine-uasal. Thoir do chasan leat á so.” Mo cho-pheacaich a tha acur ort pilltinn gu Dia, na fan gus am bi thu, a réir do bharalach, nas fèarr no nas iomchuidh. Thig ceart mar a tha thu agus bheir dAthair nèamhaidh dhuit ah-uile iomchuidheachd a tha dhìth ort; ni E do ghlanadh anns an tobar a chaidh fhosgladh airson peacaidh agus airson neòghloine; ni e déideadh le fìreantachd Immanueil; cuiridh e fàinne na h-uchd-mhacachd air do làimh, agus brògan na nuadh-chaithe-beatha air do chasan. A mhàin thig. (2) Anns an dara àite, nach e a mhàin gun gabh Dia ri peacaich, ach gun dean E an coimhead mar an ceudna. Tha aon dhe na seana dhiadhaireang a chur mar so a réir samhladh na cosamhlachd so. Air dhoibh uile


[135]

a bhin an suidhe aig a chuirm mhòir, chunnaic an t-athair am mac struidheil agul ra thaobh. “Ciod e a thu a cur ort, a mhic?” arsa athair ris. “Athair,” arsam mac, “am bheil làn fhàilte agam a bhi an so?” “Tha, a mhic,” arsan t-athair, “tha thu an so le mo làn thoil agus chridhe.” Agus thiormaich am mac suas a dheòir. Tacan an déigh sin chunnaic athair a mhac a rìs agul. “Ciod e tha riut a nis?” deir athair. “Athair,” arsam mac, “am faod mi fuireach an so?” “Faodaidh gu dearbh, a mhic,” arsathair. Thiormaich am mac suas a dheòir a ris. Tacan beag eile an déigh sin agus sid am mac agul a rìs. “Ciod e a tha atighinn riut a nis? arsathair. “Athair,” arsam mac, “an cum thu an so mi gun leigeil leam falbh?” “ ’S mi ni sin,” arsathair, “chì mise dhan sin nach fhalbh thu tuilleadh; ni mise do choimhead on àm so a mach agus gu bràth.” Cha do thuit deur tuilleadh o shùilean a mhic. Bha e aig a dhachaidh o nach rachadh e a mach tuilleadh. An àite a bhi agul, cluinnibh e a nis aseinn:

Mo shùile togam suas a chum
Nam beann, on tig no neart.
On Dia rinn talamh agus nèamh
Tha mfhurtachd uile teachd.
Do dhol a machs do theachd a steach,
Coimhididh Dia a ghnàth;
On aimsir so a nis a tann,
S o sin a mach gu bràth.” —SALM, cxxi. 1, 8.


[136]

IV. Am bràthair a bu shine.

Bha aoibhneas agus mire ann an talla an athar. Ach bha aon fhear aig an robh an t-eud dubhn a chridhe agus greann dhorch air a ghnùisam mac a bu shine. Cha rachadh e uidhir agus a stigh a dhionnsuidh na cuirme. air am bheil am mac son a shamhladh? Tha cuid ag ràdh gur e na phairisich, agus na sgriobhaichean, a bha acoireachadh an Tighearna airson gun robh en a charaid chìs-mhaor agus pheacach a bha am beachd an t-Slànuighir; cuid eile gur e a tha air a chiallachadh leis amhac so na h-Iudhaich aig an robh farmad ris na fineachannuair a ghabh iad so ris an t-soisgeul; ach tha cuid eile acumail a mach, agus thar leam gur iad a tha ceart, gur e a tha an Tighearn acronachadh ann an so chan e buidhinn àraidhsam bith, mar bhuidhinn leò fhéin, ach spioraid, spiorad an àrdain, an fharmaid agus an eud. Aguss ann mar so a ghabhas sinne e. Ciod e an seòrsa spioraid, ma tha, a nochd am mac a bu shine a chum gun seachainn sinn e?

1. Spiorad na féin-fhìreantachd, an àrdain, an duais-chosnaidh, no ainmsam bith eile a dhfhaodar a thoirt air. So an spiorad a tha an dùil gun urrainn dha Dia fhéin a churn a eisimeil. Tha e coltach nach ann ann am fìor


[137]

spiorad na macachd a thug am mac so seirbhis da athair fad nam bliadhna a bha en a thigh; bha a smuain, agus a shùil, fad an t-siubhail air an duais, agus bha en a chridheg a mheas cruaidh nach dfhuair e riamh uidhir agus meann. So spiorad a tha amilleadh iomadh seirbhis a tha on leth a muigh a réir coltais coimhlionta. So achnuimh a tha aig freumh iomadh lus ro-mhaisich— “chaneil mi afaotainn mar a thoill mi.”

2. Spiorad na -charthannachd. Cha leigeadh an t-àrdan leis chan e a mhàin a dhol a stigh, ach a làmh a thoirt da bhràthair. Cha bu diù leis a làmh a thoirt do leithid debhlackguard.” Cha robh cainnt ann ro-làidir airson a leithid. Ma tha mise geal, tha thusa dubh; agus ni mi thu eadhon nas duibhe na tha thu, chums gum faicear cho geal agus a tha mise. Chaneil an eachdraidh ag innseadh dhuinn ach gun do chaith am mac a bòige a mhaoin le beatha struidheasaich, ach dhfheumadh a bhràthair còir cur ris asin, agus a dheanamh cho dubh agus a burrainn da dhroch nàduir, agus da dhroch theangaidh, sin a dheanamh, “a dhith suas do bheathachadh maille ri strìopaichibh,” arsa am fear carthannach so. Tha cuid ann, agus, cleas a bhràthar so, thiormaich am féin-fhìreantachd suas ah-uile boinne truais agus tròcaire a bha riamh


[138]

annta, ma bha i riamh annta. Oirs e chì sinn anns an treas àite an so,

3. Spiorad a mhì-thruais. ’S maith dhan struidhear bhochd gum be athair, agus nach be a bhràthair, a thachair ris an toiseach air neo cha robh air dol leis mar a chaidh. Mur robh a bhràthair air na clachan a ghabhail dha, bha e air a theangadh a ghabhail co-dhiubh, aguss i a bu ghéire na na clachan, ach ar leam gun robh e air an chuid a ghabhail. Ciod e cho fad agus a bha spiorad amhic so o spiorad athar! ’S ann a tha an t-ioghnadh ann ciamar a burrainn a leithid de mhac a bhi aig a leithid de dhathair. Tha cuid ann agus, ma tha iadn an criosduidhean, tha iad acur ioghnaidh oirnn an spiorad dhem bheil iad. Chaneil truassam bith aca fhéin do pheacaich thruagha chaillte, aguss beag misneachadh a gheibh muinntirsam bith uathasan a tha afeuchainn ri peacaich a chosnadh do Criosd; ’s ena revivalsa bhitheas aca orra, mur bi nas miosa. Sin agaibhse sliochd a bhràthar a bu shine. Far am bheil Spiorad Dhé agus Spiorad Chriosda, bithidh inntinn Dhé agus inntinn Chriosda, agus far am bi inntinn Dhé agus Chriosda, bithidh truas ann do na peacaich agus don mhuinntir chaillte. ’S e so fìor chomharadh air leanabh Dhé, agus air aChriosduidh, gum bi aoibhneas cridhe air ah-uile uair a


[139]

chluinneas e mu eadhon aon pheacach a bhi air a thèarnadh, agus, ’s ann mar is fhaide a chaidh neachsam bith anns an olc, ’s ann is gàirdeachas a bhitheas air gun deachaidh a leithid a theàrnadh. Ach tha cuid ann agus tha iad coltach ri leth-chiallach air am bheil cuimhne agam ri àm mòige. ’N uair a bhiomaid acreagachadh bheireadh an leth-chiallach creag air leis fhein, agus nam feuchadh gille beags am bith creag an leth-chiallaich a thoirt air, phutadh am bodach air falbh e ag ràdh, “Creag dha fhéin, creag dha fhéin,” ged a banns amhuir a thuiteadh an gille. Sin mar a tha cuid anns an eaglais fhaicsinnich.

S coma leò ciod e cho maiths gam bi obair neach, mur buin e dhan bhuidhinn no dhan bheachd acasan, chan fhiach e fhéin no obair, agus tha an eaglais aca, agus an nèamh aca, cho cumhann ri creig abhodaich. Feumaidh sinn a bhi faiceallach ciod an gnè spioraid dhem bheil sinn; oirmureil Spiorad Chriosd aig neach, cha bhuin e dha”; aguss e Spiorad Chriosd Spiorad a ghràidh, na tròcaire, agus an truais, a tha a ghnàth asaothrachadh ri peacaich a threòrachadh chum aithreachais agus a tha deanamh gàirdeachais os an ceann air dhoibh e bhi air an giùlan gu sin. So agaibh cliù Dhé agus cliù ah-uile neach aig am bheil Spiorad Dhé;— “Than Tighearn Dia ann ad


[140]

mheadhon cumhachdach; ni e do thèarnadh; ni e gàirdeachas os do cheann le luathghair; gabhaidh e foisn a ghràdh; ni e gàirdeachas os do cheann le seinn.”

“ ’N tràth thug Iehobhah air a h-ais
Bruid Shioin, bionann sinn
Is daoine chunnaic aisling mhòr,
S a mhosgail as an suain.
Lìonadh ar beul le gàir an sin,
S ar teangadh fòs le ceòl:
Am measg nan cinneach thubhairt iad,
Rinn Dia dhoibh bearta mòr.”
SALM, cxxvi. 1, 2.

titleAm Mac A Chailleadh
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page