[141]

AN T-SUIPEIR MHÒR, NO RIOGHACHD NÈIMH AIRSON NAN ACRACH.
(LUCAS, xiv. 16-24.)

THA cuid ann aig am bheil an cainnt air thoiseach air an cleachdadh. ’S ann diubh so a bha am fear a bhrist a steach air teagasg Chriosda leis na briathran, “Is beannaichte an sin a dhitheas aran ann an rìoghachd Dhé.” Dhaobhraich so dhan Tighearn cosamhlachd na suipeire mòire a labhairt chum gun tuigeadh na h-uile nach bu leòir briathran breagha brosgulach, mìn miodalach, ciùin caoimhneil, mu thimchioll rìoghachd Dhé, ach gur e a bha dhìth deanadas agus cleachdadh. Anns achosamhlachd so tha ni air an cur fa chomhair a chéile, gràs Dhé agus dìmeas dhaoine.

I. GRAS DHÉ. Tha so air a theagasg dhuinn ann an caochladh rathaidean anns achosamhlachd.

1. Faisgeachd Dhé. Tha cosamhlachd eile againn car cosmhuil ris an so, cosamhlachd Suipeir na Bainnse (Mata, xxii. 1-14). Achs e righ a tha air ainmeachadh anns achosamhlachd


[142]

sin; ’s e thagainn anns an soduine àraidh.” So agaibh Dia ann a fhaisgeachd. Tha E ann an daonnachd ar Tighearna Iosa air tighinn faisg oirnn ann ar nàduir fhéin. ’S ann mar Dhia nan gràs ann a fhaisgeachd a chìtear Dia ann an Criosd, chan ann mar an t-Uile-chumhachdach, ach mar an t-Uile-ghràsmhor.

2. Fialaidheachd Dhé. Chìtear so a thaobh aobhar na cuirme. Chaneil aobhar sam bith air a thoirt dhuinn anns achosamhlachd air son fialaidheachd an duine so, ach a mhàin a dheagh-ghean fhéin. Sin mar a tha e a thaobh Dhén a ghràs. Chan fhaigh thu aobhar a mach á Dia Fhéin airson a dheagh-ghean do dhaoine ann a Mhac. ’S ann o shaor-ghràdh Dhé a tha slàinte asruthadh a mach do dhaoine. “Is gràdh Dia” (1 Eoin, iv. 8). Is anna mach á righ-chaithir Dhé agus an Uaina chunnaic Eoin an abhainn fhìor-ghlan de uisge na beatha ateachd (Taisb., xxii. 1). Sin agaibh priomh-thobar na slàinte, cridhe Dhé. “Diadeir an t-abstola tha saoibhir ann an tròcair, air son a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn (Eph., ii. 4). “Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun dthug e aon-ghin Mhic féin,” etc. (Eoin, iii. 16). Chìtear a rìs e a thaobh meud na cuirme. ’S e rinn an duinesuipeir mhòr.” So ani a gheall an Tighearna troimh an fhàidh a dheanadh E;


[143]

Agus anns abheinn so ni an Tighearn do na h-uile chinnich cuirm de nithe blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithe blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharruing” (Is., xxv. 6). Bha achuirm so, ’s cinnteach leam, costail. ’S anabarrach na chuireas daoine a mach air uairean air cuirm, gu h-àraidh daoine saoibhir. ’S fheudar gur e bhan so chan e a mhàin duine fialaidh, ach mar an ceudna duine saoibhir; chaidh fhialaidheachd agus a shaoibhreas an co-bhuinn anns aghnothuch. So mar a tha thaobh Dhé ann a ghràs ann an ullachadh an t-soisgeil. Ciod e a chosd e do Dhia cuirm an t-soisgeil ullachadh do dhaoine? Chosd Mac a ghràidh. “Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an an saoghal, gun dthug e aon-ghin Mhic féin.” Tomhais thusa dhomhsa gràdh Dhé, an t-Athair, dha Mhac agus leis asin toimhsidh tu gràdh agus fialaidheachd Dhé do dhaoine ann a bhi atoirt thairis a Mhic gu bàs air an son. Agus a thaobh ullachadh an t-soisgeil tha am Biobull alabhairt gu tric mu shaoibhreas Dhé, saoibhreas a thròcaire (Eph., ii. 4), saoibhreas a mhaitheis (Rom., ii. 4), saoibhreas a ghliocais (Rom., xi. 33), saoibhreas a ghràis (Eph., i. 7), saoibhreas ro phailt a ghràis (Eph., ii. 7), saoibhreas a ghlòire (Rom., ix. 23; Eph., i. 18; iii. 16; Phil., iv. 19). Fhuair an saoibhreas so làn-àite, agus cleachdadh ann


[144]

an ullachadh an t-soisgeil. Tha Dia adòrtadh a mach a shaoibhris gun tomhas ann an cuirm shòghmhoir a Rìoghachd.

Chìtear fialaidheachd gràis a rìs ann asaorsa na cuirme. Bha i gun airgiod agus gun luach. Cha robh aig a mhuinntir a fhuair cuireadh ach tighinn. Sin agaibh a rìs gràs an t-soisgeil. “Tha na h-uile a nis ullamh.” “THA E CRIOCHNAICHTE,” deir Criosd air achrann. ’S e cuireadh an t-soisgeil, “Thigibh,” chan eUllaichibh.” Cho mall agus a tha daoine gu sin a ghabhail a steach! Tha an creidimh féin ullamh, oir is e tìodhlac Dhé e (Eph., ii. 8). O, mo cho-pheacaich, thig a dhionnsuidh Chriosda ceart mar a tha thu, oir tha na h-uile ullachadh annsan air do shon.

Tha an fhialaidheachd so a rìs ri a faicinn ann an àireamh nan aoidhean. Rinn an duine fialaidh so ullachadh mòr chan e a mhàin a thaobh lòin, ach a thaobh àite. Nuair nach dthàinig a mhuinntir a fhuair acheud chuireadh, agus a chaidh na dorsan fhosgladh do na bochdan, agus do na ciurramaich, agus do na bacaich, agus do na doill bhàrr nan sràidean, agus nan caol-shràidean, bha àite falamh ann fathast. Nach bu mhòr an tigh e! Beadh. Ach bu bheag e an taic ri slàinte Dhé air an robh en a shamhladh! Och, na smuaintean beaga cumhann a tha againn mu ghràdh, agus


[145]

mu thròcair, agus mu shlàinte ar -ne! Bithidh sinne air uairean asmuaineachadh gur e tha ann an slàinte Dhé ullachadh mòr air son sluagh beag, achs ann tha achosamhlachd so ag innseadh dhuinn gur e tha innte ullachadh mòr airson sluagh do-àireamh. Chunnaic Eòin gràdhach a steach do sheòmar na cuirme so, agus ciod e a chunnaic e? Tha e ag innseadh dhuinn. “An déigh so dhamhairc mi,” arsesan, “agus, feuch, sluagh mòr, nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h-uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaibh” (Taisb., vii. 9). ’S e an saoghal a ghràdhaich Dia ann an toirt a mhic (Eoin, iii. 16). Aguss e a mu dheireadh anns am faicear fialaidhealachd gràis , éiginn an duine so gus a thigh a lionadh. Am bheil sinn atuigsinn gu ceart nàdur gràis , anns an rathad anns am bheil e acuairteachadh a pheacaich, agusg a cho-éigneachadh gu thighinn a steach? So agaibh suim na gairm éifeachdaich. Tha gràs atighinn gu daoine chan e a mhàin le cuireadh fialaidh, agus saor, air am beulaobh on leth a muigh, anns an fhacal, ach le còmhnadh agus cuideachadh gràsmhor air an cùlaobh on taobh stigh, ann an obair Spiorad nan uile ghràs. “Tre ghràs Dhé is mi an ni as mi,” arsan t-abstol (1 Cor., xv. 10). “Tha an Spiorad ag radh thig” (Taisb., xxii. 17). So seirbhiseach


[146]

na cosamhlachd, an Spiorad Naomh. ’S Esan a tha atoirt araon cuireadh coitchionn an fhacail, agus gairm éifeachdach na h-ath-ghineamhuinn. O, mo cho-pheacaich, tilg thu fhéin, ma tha, araon air fhacal agus air a chuideachadh; na cuirn a aghaidh ach cuir leis agus thoir thu fhéin seachad dha threòrachadh, agus ni E do ghiùlan gu seòmar-cuirme rìoghachd Dhé.

II. DIMEAS DHAOINE. Ach ma tha gràs Dhén a fhagusachd, agus ann a fhialaidheachd, ri fhaicinn anns achosamhlachd, tha air a thoirt dhuinn fa comhair sin dìmeas dhaoine. Chan e ah-uile neach, a dhionnsuidh am bheil gràs Dhé anns an t-soisgeul atighinn, a tha a gabhail ris. Ochòn, chan e.

1. Tha cuid ann a tha deanamh dìmeas air slàinte Dhé. Tha aghaidh aig achosamhlachd gu h-àraidh ri luchd-éisdeachd an t-Soisgeil. Cha be cion-fhios roimh làimh a dhaobharaich leisgeulan na muinntir a fhuair acheud chuireadh. Fhuair iad uile fios roimh làimh. Ciod eile a thàinig riu, ma tha? Thàinig cion-suime. Chuir iad an suarachas uile fhialaidheachd an duine chòir; cha dthug iad uidhir agus smuain dhi, no, ma thug, thàinig nithe eilen an car a mheasadh leò fad air thoiseach air achuirm, Be neo-shuim freumh nan leisgeul air fad. Chuir iad fialaidheachd an duine an suarachas agus leig iad le nithe eile


[147]

àite fhaotainn air thoiseach air achuirm. So agaibh samhladh air mòran anns an rathad anns am bheil iadg an cleachdadh féin a thaobh gabhail ri beannachdan an t-soisgeil. Tha iad adeanamh dìmeas orra, acur nithe eile air thoiseach orra. So agaibh peacadh achuid mhòir fon t-soisgeul. Chaneil suim aca do nithe Dhé. Chan e nacheil tìm aca, achs e nacheil cridhe aca, dha na nithe sin. ’S iomadh leisgeul a gheibh aneach aig nach bi a chridhe ann an gnothuch, gus an gnothuch sin a dhearmad; mur faigh e aon leisgeul gheibh e fear eile. So mar a bha iad so. Cha do chòrd iad thaobh nan leisgeul a thug iad, bha a leisgeul fhéin aig gach fear; ach chòrd iad uile ann an so, gun do chuir iad an suarachas ullachadh gràsmhor an duine. Agus sin mar a tha mòran fhathast a thaobh nithe rìoghachd Dhé. Chaneil suim aca dhiubh. Agus tha iad so gu tricg am mealladh fhéin fon bheachd so, a chionn nacheil iad adeanamh tarcuis fhollaisich air an t-soisgeul, no air ministeirean, no meadhonan an t-soisgeil, mar sin nach eagal doibh. Nis, ma tha achosamhlachd ateagasg ni sam bith dhuinn tha i ateagasg so gu bheil dòigh mhodhail ann anns am faod duine gràs an t-soisgeil a dhiùltadh. Cha dthug na daoine so a dhiùlt aoidheachd an duine chòir -mhodhsam bith dhasan no dha sheirbhis-


[148]

each, co-dhiùbh a thaobh cainnte; ’s ann a bha iad anabarrach modhail mìn anns an rathad anns an dthug iad seachad an leisgeulan. Cha bannn an cainnte, achn an cridhe, a bha achoire, cosmhuil ris an neach a thachair ris an t-salmaidh: “Bu mhìne na ìm focail a bheòil, ach bha cogadhn a chridhe; bu bhuige a bhriathran na oladh, ach bu chlaidhean rùisgte iad” (Ps., lv. 21). Tha cuimhne agam fhathast air mar a chaidh leam fhéin uair agus mi an Dùn-éideann adol timchioll ag iarraidh ainmean a chur ri pàipeir an aghaidh tigh-òsda ùr a bhi air a shuidheachadh anns achearnaidh dhen bhaile anns an robh mi asaoithreachadhn a mtheachdaire. Cho duilichs a bha e ainmean fhaotainn! Gheibhinn beannachdan gu leòir, agus briathran milis, tlàth, ach cha bionnan sin agus ainmean! Agus na leisgeulan a gheibhinn! Am fear so, ’s e a bhitheadh toilichte ainm a chur sios, ach cha deanadh e an gnothuch dha: ’s e fear-togalach a bhann deth; fear eile, bha a bheannachd agam ach cha deanadh e an gnothuch dhasan nas motha; ’s e fear-bùtha a bhann deth, agus chailleadh e a luchd-ceannachd; agus mar sin air adhart. Chan e cainnte a tha Dia ag iarraidh ach cridhe, agus cleachdadh. A dhuine gun Dia, agus gun Chriosd, is i so acheist dhuitse, an seas do leisgeulan aig àm abhàis, agus aig caithir-breitheanais, ’n uair a sheasas tu rùisgte


[149]

an làthair Dhé! Is i dan-toil fhéin, agus sin a mhàin, a tha seasamh eadar thusa agus do Dhia agus a rìoghachd. “Cionnus a théid sinne as ma ni sinn dìmeas air slàinte co mòr?” (Eabh., i. 3).

2. Tha cuid ann dham bheil ullachadh an t-soisgeiln a chuirm bhlasda. iad sin? Tha NA H-ACRAICH. Carson nach dthàinig acheud fheadhainn? Bha iad làn cheana. Chì sinn mòran nithe an so.

(1) Gur thann airson nam feumnach a tha ullachadh rìoghachd nèimh; co-dhiùbh, gur iad sin amhuinntir a tha gu toileach agabhail ris. ’S e amhuinntir a tha bochd, agus leòntan an spiorad, bacachn an imeachd, dalln an inntinn, agus lomnochd a thaobh maitheis, a thig an eisimeil gràis ann an Criosd. “Is beannaichte iadsan a tha bochdn an spiorad: oir is leò rìoghachd nèimh.” “Is beannaichte an dream air am bheil acras agus tart na còrach: air sàsuichear iad” (Mata, v. 3, 6). Gheibh iad sin lòn, agus leigheas, agus éideadh, ann an tigh na cuirme; tha fan comhair airson nan crìochan sin uile ionmhas Dhé ann an Criosd, “saoibhreas ro phailte a ghràis.” Is e a their fear-an-tighe riu so, “Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh” (Dan Shol., v. 1).

(2) Nach téid neachs am bith a thig a dhiùlt-


[150]

adh, no a chur a mach. “An a thig a mionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach e” (Eoin, vi. 37).

Nan robh acheud mhuinntir air tighinn bhatas air gabhail riu; cha do sheas nis am bith anns an rathad orra ach an an-toil fhéin; is e an t-aon dorus fosgailte, agus an aon chuirm shaor, a bha rompa-san, agus a bha roimhn mhuinntir a thàinig mu dheireadh. Agus dhan taobhsan a thàinig mu dheireadh cha deachaidh atharrachadhsam bith a dheanamh air an sonsan; be an t-aon dorus fosgailte, agus an aon suipeir mhòr, a bhann airson nan uile a thigeadh ge besam bith iad. Co-dhiùs ann on luchairt, no on bhothan, on tigh-mhòr no on t-sràid, ann an aodach sìoda no ann an clò, ann an scàrlaid no ann an luideagan, glan no salach, bochd no beartach, coma co-dhiù nan tigeadh iad chum na cuirme cha rachadh an cur air falbh; bha an aon fhàilte afeitheamh air na h-uile. Ach ma bha spéis aig fear-an-tighe do aon chuid seach cuid eile, agus tlachd àraidh aige ann a bhig an gabhail-san a steach is ann doibhsan bu truaighe coltais agus staid, amhuinntir a bacraiche, agus a bu luideagaiche, ’n am measg. Thubhairt an soisgeulach mòr Whitefield aon uair, agus e searmonachadh, gun gabhadh an Tighearna Iosa Criosd gu toileach riu-san ris an cuireadh an diabhul féin cùl, no


[151]

mar a thubhairt e, sprùileach an diabhuil. Chuir achainnt sin ioghnadh air cuid, agus bha iad ullamh gu oilbheum a ghabhail dith, gus an dfheòraich iad dheth fhéin, ciod a bu chiall dhan chainnt sin. Dhinnis e dhoibh gun deachaidh na ceart bhriathran sin a bheannachadh do chreutair bochd, boirionnach peacach, caillte, bhar na sràide, a bha adol seachad air an eaglais aig acheart àm, anns an do chleachd e na briathran sin, le sùil i fhéin a bhàthadh. Stad i tacan ag éisdeachd, agus aig cluinntinn nam briathran sin di, ghlac i misneach, gur maith dhfhaoidte gun robh dòchas ann fhathast dhan leithid dan robh ise, agus an àite a dholg a bàthadh fhéin, ’s ann a thadhail i air an teachdaire, a dhfheuchainn an robh e fior gun gabhadh an TighearnIosa ri leithid nam feadhnach dan robh ise. Dhearbh esan sin dhith on Sgriobtur, agus dhfhalbh i cosmhuil ri eile ann an sìth (Lucas, vii. 50).

(3) Ge be air bith a thig no nach tig, bithidh tigh-cuirme Dhé làn. Chì Criosd fadheòidh de shaothair anama, agus bithidh E toilichte (Isa., liii. 11). Is e bu chòir a bhin a cheist air a h-uile neach, chan e ciod e meud na h-àireimh a théid a thearnadh fa dheòidh, ach am bi mi fhéinn am measg sin. An uair a bha Mr Moody, an soisgeulach, an Dùn-éideann asearmonachadh, thachair ris air taobh a muigh na


[152]

h-eaglais òganach risn a chuir e acheist an ann ag iarraidh Chriosda a bha e. Fhreagair an t-òganach nach bann, gur ann afeitheamh a pheathar a bha e, agus nach robh suimsam bith aige dha na nithe sin. “Uill, ’ille òig,” arsa Moody, “ma ni thusa as eugmhais Chriosda, ni Esan as daonais-sa, oir gheibh E gu leòir eile a ghabhas Ris.” Lean na briathran dìleas sin ris air aleithid a dhòigh, agus nach burrainn e fhaotainn cuidhteas iad, oir bha a smuaintean an còmhnaidh ag ràdh ris ged a burrainn Criosd a dheanamh as aonais-san, nach burrainn esan a dheanamh as aonais Chriosda; agus leis asin béiginn da mu dheireadh e fhéin a thoirt suas do Chriosd. A leughadair am bi thusa air dfhàgail a muigh? Mur do ghabh thu fhathast ann adchridhe ri cuireadh an t-Soisgeil, agus mur a dthug thu géill fhathast do ghairm an Spioraid Naoimh, ann adchoguis, nach toir thu freagradh agus géill a nis, aig acheart àm so, eadhon air dhuit so a leughadh, oirFEUCH, A NIS AN T-AM TAITNEACH; FEUCH, A NIS LA NA SLAINTE” (2 Cor., vi. 2). “UIME SIN, MAR THA AN SPIORAD NAOMH AG RADH, AN DIUGH, MA CHLUINNEAS SIBH A GHUTH, NA CRUAIDHICHIBH BHUR CRIDHE.” “Oir tha mi ag ràdh ribh, nach blais aon de na daoinibh sin a fluair cuireadh, de mshuipeir-sa.”

titleAn t-Suipeir Mhor
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page