CUIRM-PHÒSAIDH AN RIGH.
(MATA, xxii. 1-14.)
AIG a’ cheud dol a mach shaoileadh tu gu ’m b’ionann a’ chosamhlachd so agus cosamhlachd na suipeire mòire; ach air dhuinn meurachadh oirre gu mion chì sinn dealachaidhean eatorra, agus leasanan ùra a’ sruthadh uaipe so.
1. ’S e bh’ againn ann an cosamhlachd na suipeire mòire duine àraidh; ’s e th’ againn an so rìgh àraidh. Nis, ceart mar a bha na briathran duine àraidh a’teagasg dhuinn faisgeachd Dhé ’n a ghràs, tha na briathran rìgh àraidh a’ teagasg RIOGHALACHD GRÀIS DÉ. Is ni rìoghail gràs Dé; tha gràs mar a tha tròcair ’n a nàduir rìoghail. Mar sin tha an t-abstol Pòl a’ bruidhinn air gràs a’ rìoghachadh (Rom., v. 21). Tha caochladh nithe a’ sruthadh bho so.
(1) An toiseach, gur ni àrd-uachdranail gràs Dé. Faodaidh rìgh a’ nì a thogras e a dheanamh gun chunntas a thoirt do neach air bith eile; tha e neo-eisimeileach. Cha robh Dià fo fhiachan neach ’sam bith a thearnadh. ’S ann dh’a shaor thoil fhéin a rinn e ullachadh na slàinte. B’e gnìomh Dhé e ’n a àrd-uachdranachd
a Mhac féin a chur a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so air sgàth nam peacach.
(2) Anns an dara àite, tha meud agus éifeachd na slàinte a th’ againn ann an Criosd a’ sruthadh bho so. Cha’n ’eil aig duine cumanta air a chùlaobh ach a shaoibhreas, agus a chumhachd féin, ach tha air cùl rìgh uile bheartas, agus chumhachd, a rìoghachd. Tha Dia, mar sin, a’ toirt dhuinn “a réir a shaoibhreis ann an glòir” (Phil., iv. 19). Mar sin:
(3) Anns an treas àite, tha againn Saorsa na slàinte so. Bha bantrach bhochd ann aon uair a bha a’ fuireach faisg air luchairt rìgh àraidh. Bha nighean thinn aice. Bha tigh-gloine mòr aig an rìgh ann an gàradh na luchairt anns an robh mòran de dhearcan-fiona breagha a’ fàs. Bha déigh mhòr aig a bhantraich air cuid diubh fhaotainn dh’ a nighinn, ach bha dùil aice gu’m b’ éiginn di an ceannach. Thòisich i mar sin air airgiod a chur air leth as a cosnadh gus sin a dheanamh; agus air là àraidh air dhi a bhi an dùil gu’n robh a nis gu leòir aice gus na dearcan a cheannach, chaidh i gus a’ ghàradair le a h-airgiod anns an aon làimh, agus bascaid anns an làimh éile, agus dh’iarr i air luach a h-airgid a reic rithe dhe na dearcan-fìona. ’S ann a dh’fhàs an gàradair diombach rithe, agus a thòisich e air a fuadach air falbh. Cò chual an deasboireachd ach nighean an rìgh, agus i
anns a’ ghàradh. Dh’ fheòraich i c’arson a bha e a’ fuadach a’ bhoirinnich air falbh, agus dh’innis e dhi an t-aobhar, gu’n robh a bhathais aice iarraidh airsan dearcan an rìgh a reic rithe. Thug nighean an rìgh air a gairm air a h-ais, agus dh’ éisd i r’a stòraidh. An sin thionndaidh nighean an rìgh ris a’ ghàradair, agus dh’àithn i dha am bagaid a bu bhreagha a bh’anns an tigh a ghearradh sìos. Ghlac i fhéin e, agus thug i dh’ an bhantraich e, ag ràdh, “So dhuit dearcan-fìona dha d’ nighean; ’s e rìgh a tha ’n a m’ athair; cha reic e dearcan, ach bheir a dhuit na dh’ iarras tu a nasgaidh; thig a rìs.” Sin agaibh samhladh air fialaidheachd gràis Dé a’ sruthadh bho rìoghalachd.
(4) Anns a’ cheathramh àite, tha againn an so ùghdarras an t-soisgeil. ’S i àithne rìoghail a ta ann an àithne an t-soisgeil. Ann an cosamhlachd na suipeire mòire cha’n’ eil iomradh againn ach air a’ chall a thàinig air luchd-dearmaid na suipeir; cha d’thuirt an duine a dh’ ullaich an t-suipeir sin ach nach blaiseadh aon de na daoine ud a fhuair cuireadh de shuipeir-san (Lucas, xiv. 24). Cha d’ thàinig orra ach call; cha’n ’eil iomradh air cionta no air peanas. Cha robh ùghdarras aig duine cumanta peanas a dheanamh air a’ mhuinntir a dhiùlt fhialaidheachd. Cha’n ’eil cosamhlachd na suipeir a’ teagasg dhuinn ach an call a tha luchd diùltaidh an t-soisgeil
a toirt orra fhéin. Ach tha cosamhlachd na cuirm-phòsaidh a’ dol na’s fhaide na sin, agus a’ nochdadh dhuinn ceannairc, cionta, cunnairt, agus peanais, na muinntir a tha a’ cur an suarachas gràs Dhé anns an t-soisgeul. “An uair a chual’ an righ so ghabh e fearg; agus chuir e armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd-mortaidh sin, agus loisg e am baile-san” (Mata, xxii. 7). Sin agaibh cionta agus corruich agus peanas. Tha iadsan, ma tha, a tha diùltadh gràis agus gràidh Dhé anns an t-soisgeul, ciontach de eas-umhlachd, agus de cheannairc an aghaidh an Uile-chumhachdaich; tha iad, mar sin, buailteach dha fheirg, agus ann an cunnart a’ pheanais shìorruidh (Eoin, iii. 36; 1 Pead., iv. 17; Eabh., ii. 3). Cuimhnichimid briathran sòluimte na litir a dh’ ionnsuidh nan Eabhruidheach— “An neach a rinn tàir air lagh Mhaois, bhàsaich e gun tròcair, fo dhithis no thriùir a dh’ fhianuisibh: Cia mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo ’chosaibh Mac Dhé, agus a mheas mar nì mi-naomh fuil a choimhcheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcuis air Spiorad nan gràs?” Bha dà nì, tha air innseadh dhuinn, a tharruingeadh na deòir o shùilean an t-soisgeulaiche mhòir, Whitefield, ’nuair a bhitheadh e a’ bruidhinn orra—gràdh Dhé agus fearg Dhé. Bha an Dotair Dòmhnullach uair a’ searmon-
achadh anns an Tòiseachd o na briathran so, “Cha’n àill leibh teachd a m’ ionnsuidh-sa, chum gu’m faigheadh sibh beatha.” Aig crìochnachadh na seirbhis thàinig boirionnach far an robh e, agus ars’ ise, “Moladh do Dhia airson searmoin an là an diugh! ’S fhad o na dh’ fhairich mi gu’m b’e mo chall e nach robh mi a’ tighinn gu Criosd, ach cha’n fhac mi gus an là an diugh e gu’m b’e, mar a ceudna, mo chionta e.” Sin agaibhse teagasg na cosamhlachd so, gu’m bheil iadsan uile ceannairceach, agus ciontach, agus mar sin buailteach do fhéirg Dhé, nach ’eil a’ gabhail ri gràs agus gràdh Dhé anns an t-soisgeul. Bha iad so, mar an ceudna, cha’n e a mhàin ceannairceach ach nàimhdeil, agus fuathach. Dh’ fhàs dìmeas gu a bhi ’n a naimhdeas, agus fuath dha’n teachdaireachd gu fuath agus nàimhdeas dha na teachdairean a bha a’ sparradh orra ùmhlachd do gràs, agus do àithne an t-soisgeil. ’S iongantach air uairean mar a bhriseas nàimhdeas agus eas-ùmhlachd a’ chridhe nàdurraich do Dhia, agus dha shoisgeul, agus dha àitheantan, a mach gu follaiseach ann an nàimhdeas dha shluagh, dha theachdairean, agus dha aobhar, anns an t-saoghal so. Ach cuimhnicheadh luchd na geur-leanmhuinn nach téid leò aig a’ cheann mu dheireadh, ach gu bheil Dia ’n a Bhreitheamh cothromach a ni dioghaltas fadheòidh air nàimhdean a shluaigh, agus
aobhair. Tha Dia gràsmhor, agus fad-fhulangach, agus mall a chum féirge, ach an uair a lasas fhearg, cò sheasas ris?
“Do’n Mhac grad thugaibh pòg,
Air eagal gu’n las fheargsan ruibh,
G’ ’ur milleadh anns an ròd,
An uair a bhitheas corruich air
A’ lasadh ach gu beag.
Is beannaichte iad, gach uile neach,
An dòchas air a leag.”
SALM, ii. 12.
Tha darna cuid na cosamhlachd so, a réir coltais, cho dealaichte bho ’n cheud chuid, agus gu bheil cuid de luchd-mineachaidh dhe ’n bheachd nach buin iad d’ a chéile; ach aig beachd-smuaineachadh cha sheas am beachd so. Tha ceangal dlùth agus domhain eadar an dà chuid de ’n chosamhlachd; cha robh iad air an labhairt leis an t-Slànuighear, no air an liùbhairt leòsan a dheachd an Tiomnadh Nuadh, mur bitheadh e mar sin. Is ionann an leasan a tha air a theagasg anns an dà chuid, eadhon, cunnart, cionta, agus peanas, na muinntir a ni tàir air gràs Dhé anns an t-soisgeul. Ach tha so de eadar-dhealachadh eatorra, gu bheil aghaidh na ceud chuid ris a’ mhuinntir a tha diùltadh gràis an t-soisgeil gu follaiseach, muinntir nach d’ rinn riamh aideachadh sam bith gu’n ghabh iad ris, ach gu bheil aghaidh na darna cuid riusan
a tha ag aideachadh gu’n ghabh iad ris. Tha a’ cheud chuid a’ stad aig dorus tigh na cuirme; tha an darna cuid ’g ar toirt a steach am measg nan aoidhean. Tha i mar sin na ’s féin-rannsachail; tha a leasan na ’s pearsanta, agus airson an aobhair so tha aon neach air a chomharrachadh a mach. Cha’n ’eil so a’ ciallachadh nach robh ann ach e fhéin anns an aon suidheachadh, ach tha aon neach air a ghabhail le sùil gu a bhith sparradh an leasain oirnne air mhodh na ’s dlùithe, chum gu ’n abradh gach neach, mar a thubhairt na deisciobuil ’nuair a chual iad gu ’m brathadh aon diubh an Tighearn, “A Thighearna, ’n e mise e?” Tha sinn a’ fòghlum:
1. Nach ionann gabhail ris an t-soisgeul o ’n leth a muigh agus gabhail ris da-rìreadh. Is aon ni e a bhi a’ creidsinn mu thimchioll Chriosda, agus is ni eile e a bhi a’ creidsinn ann. Faodaidh creud ghlan fhallain a bhi aig neach, agus a chridhe a bhi neò-ghlan, salach. Tha mòran an cunnart a bhi ’g am mealladh féin a thaobh so, a’ smuaineachadh gu bheil iad ’n an criosduidhean a chionn gu bheil iad a’ creidsinn mar a tha càch a’ creidsinn, gu’n deachaidh am baisteadh, agus gu bheil iad a’ suidhe aig bòrd an Tighearna. Tha na nithe sin gu maith ach cha ’n fhoghainn iad leò fhéin. Feumaidh neach a bhi air aonadh gu pearsanta ri Criosd tre chreidimh, troimh obair éifeachdaich
an Spioraid Naoimh, anns an ath-ghineamhuinn. A ta Seumas ag ràdh, gu bheil na deamhain fhéin a creidsinn mu Chriosd ach cha’n ’eil sin a’ toirt atharrachadh cridhe orra; cha’n ’eil iad, mar a tha Leabhar Aithghearr Nan Céisd ’g a chur, a “socrachadh air ’n a aonar air son slàinte.” Sin an creidimh a tha ’g atharrachadh agus a’ glanadh a’ chridhe, an creidimh a tha socrachadh air ’n a aonar. Am bheil an creidimh sin agadsa, a leughadair, an creidimh a tha gabhail dha d’ ionnsuidh fhéin pearsa agus fìreantachd an Tighearna Iosa Criosda? An do ghabh thu Ris tre chreidimh mar d’ Fhear-saoraidh? So mar a gheibh thu trusgan na bainnse umad. Feumaidh tu muinghin a chur ann am fìreantachd nach leat, eadhon fìreantachd Immanueil, fìreantachd Mhic Dhé, fìreantachd Dhé. So agad trusgan as fhearr na trusgan Adhaimh ma’s do thuit e, no trusgan nan aingeal nach do thuit riamh. Am bheil e ortsa tre chreidimh? Tha e do na h-uile, agus air na h-uile, a chreideas (Rom., iii. 22). An do thréig thu d’ fhìreantachd fhéin uile, ’g a meas mar luideig shalaich (Isaiah, lxiv. 6), no mar aolach, chum gu’n cosnadh tu Criosd, agus gu’m faighear annsan thu, gun d’ fhìreantachd féin agad (Phil., iii. 8, 9)? So trusgan na bainnse mu’m bheil an eaglais anns an t-Seann Tiomnadh a’ seinn,— “Chòmhdaich e mi le trusgan na fìreant-
achd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e féin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’ uigheamaicheas bean-bainnse i féin le a seudaibh” (Isaiah, lxi. 10).
2. Gu’m feum Criosd a bhi anns a’ chridhe. Tha e ro-shoilleir o ’n Tiomnadh Nuadh nach fhoghainn do neach a bhi an urra ri Criosd air a shon gun Chriosd a bhi aig ’n a chridhe. “Ma tha neach sam bith ann an Criosd, is creutair nuadh e” (2 Cor., v. 17). “Mur ’eil Spiorad Chriosd aig neach, cha bhuin e dha” (Rom., viii. 9). “Naomhachd, ni as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna” (Eabh., xii. 14). Feumaidh fìreantachd Chriosda, cha ’n e a mhàin a bhi umainn, ach a bhi annainn. Faodaidh sinne an dà ni sin a chumail o chéile ann an smuain, ach ann an cleachdadh Dhé ris an anam tha an dithis a ghnàth a’ dol còmhladh. Tha na fìor chreidich air an seulachadh le Spiorad Naomh sin a gheallaidh (Eph., i. 13); sin an comharradh a tha orra mar chaoraich a’ Bhuachaille Mhaith. Nis tha làraichean an t-seulachaidh so follaiseach. Bithidh inntinn Chriosda aig an neach aig am bheil a Spiorad; bithidh e cosmhuil ri Criosd. Tha cuid ann a tha ag aideachadh na criosdachd agus is mò, a réir coltais, a tha aca de spiorad an deamhain na tha aca de Spiorad Chriosda; gidheadh tha iad an taobh stigh de dh’eaglais Chriosda, cleas an fhir so
anns a’ chosamhlachd, tha an taobh stigh de dhorus tigh na cuirme. Is spiorad na glainid Spiorad Chriosda; tha glainead cridhe air iarraidh leòsan aig am bheil E; is fuath leò eadhon an smuain shalach, gun ioc air a’ chainnt shalaich. Is Spiorad na fìrinn Spiorad Chriosda. An neach aig am bheil E is fuath leis a’ bhreug, agus cha toir e a char as a choimhearsnach am bùth no air féill. Fìor aoidhean an Fhìr-phòsda, is clann iad nach dean breug.
Is Spiorad a’ ghràidh, Spiorad Chriosda. “Gluaisibh ann an gràdh” deir an t-abstol, “eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne.” Cha dean a’ neach aig am bheil E fòirneart air a cho-chrìosduidhean ni mò a ni e geur-leanmhuinn air neach sam bith, agus bheir e maitheanas mar a fhuair e sin. Is spiorad na h-iriosalachd, Spiorad Chrìosda. Tha e calg-dhireach an aghaidh spiorad an àrdain agus an uabhair. “Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlumaibh uam,” deir Crìosd, “oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe” (Mata, xi. 29). Leughaibh, agus beachd-smuainichibh, co-cheangailte ris a’ so gu léir air Eph., iv. 17-v. 20. Oir,
3. Feumaidh Criosd a bhi anns a’ chaithe-beatha o’n leth a muigh. Thàinig an duine anns a’ chosamhlachd a stigh agus deise sam bith air. Cò air am bheil e ’n a fhìor shamhladh? Air an duine fo’n t-soisgeul a tha coma ciod e an rathad
anns am bi e ’g a ghiùlan fhéin do bhrìgh agus gu’n do bhàsaich Crìosd air a shon, agus nach eagal dha, tha e an dùil, ’s coma an dòigh anns an tig e beò. Ubh, ubh! ars’ thusa, am bheil an leithide sin ann? Tà, gu dearbh, thà. Thachair iad air Pòl. Cluinn fear aca ag ràdh, “Am buanaich sinn ann am peacadh, chum gu meudaichear gràs?” “Nar leigeadh Dia,” ars’ an t-abstol. Thachair fear dhiùbh so orm fhéin uair an Calcutta. Bha a’ mhisg air. Thòisich mi ’g a chronachadh. Am bheil fhios agaibh ciod e a thubhairt e rium? “Ud,” ars’ esan, “cha’n aithne dhuit fatal Dhé. Nach ’eil fhios agad gu bheil an Sgriobtuir ag ràdh gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreidimh as eugmhais oibre an lagha?” “Thà,” arsa mise, “ach tha fhios agam cuideachd gu bheil an creidimh, mur bi oibre aige, marbh, agus nach sealbhaich misgear sam bith rìoghachd Dhé; tha thu ’g a d’ mhealladh féin; tha thu fhathast ann an domblas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h-eucorach; feumaidh tu aithreachas a dheanamh air neo sgriosar thu.” “Ud,” ars’ esan, “cha’n aithne dhuit nì sam bith.” B’fheudar dhomh fhàgail; cha do dhearg mo chomhairle air; bha e ro-bhàithte ’n a fhéin-mhealladh. Sin agaibh fìor-eisimpleir an duine a bha air fhaotainn ann an tigh na cuirme am measg nan aoidhean, agus gun trusgan-bainnse
uime; agus mur deanadh e aithreachas bhitheadh a chrioch dheireannach-san cosmhuil r’ a chrìch-san, àite aige anns an dorchadas iomallach. Thoirimid uile fainear a’ ni a tha air innseadh dhuinn mu’ n bhaile néamhaidh; “CHA TEID AIR CHOR SAM BITH A STEACH ANN NI AIR BITH A SHALAICHEAS, NO DH’OIBRICHEAS GRAINEILEACHD, NO A NI BREUG: ACH IADSAN A MHAIN A THA SGRIOBHTA ANN AN LEABHAR BEATHA AN UAIN” (Taisb., xxi. 27).
Is e crìoch dh’an ghnothuich gu léir Criosd a bhi againn umainn mar ar fìreantachd, annainn mar ar naomhachd, agus timchioll oirnne mar ar caithe-beatha. “CUIRIBH UMAIBH AN TIGHEARN IOSA CRIOSD” (Rom., xiii. 14).
“Rannsaich mi, Dhé, mo chridhe faic;
Mo smuainte feuch, dearbh mise,
“Feuch agus amhairc féin am bheil
Sligh’ aingidh olc a’m’ chlé;
Is anns an t-slighe shiorruidh chòir
Gu dìreach treòraich mi.”
SALM, cxxxix. 23, 24.
title | Cuirm-Phosaidh an Righ |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |