[173]

AN FHÉICHEANNACH.
(LUCAS, vii. 36-50.)

THA againn an so cosamhlachd am broinn eachdraidh. Tha leasanan na cosamhlachd so acòrdadh ri leasanan cosamhlachd a chìs-mhaoir agus an phairiseach, le so de eadar-dhealachadh, gu bheil againn dithis anns an fheòil fa ar comhair a tha acordadh gu buileach ri dealbh na cosamhlachd, am fior phairiseach agus an fhìor bhana-pheacach. Tha an eachdraidh agus achosamhlachd le cheile ateagasg:—

1. Gur e maitheanas a tha agintinn gràidh, agus gu bheil tomhas aghràidh a réir tomhais na chaidh a mhaitheadh.

Nochd a bhean bhochd mòr-ghràdh, agus sin do bhrìgh agus gun deachaidh mòran a mhaitheadh dhith; nochd Simon beagan gràidh ma nochd e gràdh idir, agus sin do bhrìgh agus nach do mhaitheadh mòran dha, ma chaidh idir a mhaitheadh dha. So fìor chumhachd an t-soisgeil. Tha maitheas Dhé gar treòrachadh chum aithreachais (Rom., ii. 4).

Is toigh leam Dia, air son gun déisd
Ri mghuth, ’s ri mùrnuigh fos,”


[174]

deir an Salmaidh. “Tha gràdh againne dhà-san,” deir Eoin, “do bhrìgh gun do ghràdhaich esan sinne an toiseach” (1 Eoin, iv. 19).

Tha cuid acumail a mach gum bu chòir dhuinn Dia a ghràdhachadh air sgàth a nàduir fhéin eadar-dhealaichte o dhòighean a ghiùlain do ar taobh-ne. Tha sgeulachd aig na h-Arabaich gun do thachair bean ri fear, agus shoitheach aice, aon anns gach làimh, aon làn teine agus an t-aon eile làn uisge. Dhfheòraich e dhith ciod e a bha i dol a dheanamh leis na soithichean, agus thubhairt i gun robh i dol a bhàthadh teintean ifrinn leis an uisge, agus a losgadh néimh leis an teine, chums gu fòghlumadh daoine Dia a ghràdhachadh air a shon féin, gun smuain air peanas no air duais. Chan ann mar so tha an Sgriobtuirg a chur. Tha fios gum bu chòir Dia a ghràdhachadh air a shon féin, achs ann troimh an rathad anns am bheil Eg a ghiùlan fhéin ruinne mar pheacaich a tha sinne atighinn gu bhi afaotainn eòlais airsann a nàdur. Is gràdh Dia (1 Eoin, iv. 8, 16). Ach cha baithne dhuinn an gràdh sin mur be tiodhlac Chriosd. Sin mar a tha gràdh Dhé air fhoillseachadh. “An so dhfhoillsicheadh gràdh Dhé dhuinne, anns gun do chuir Dia aon-ghin Mhic don t-saoghal, chum gum bitheamaid beò trid-san” (Eoin, iv. 9). Aguss ann gu h-àraidh ann am maitheanas


[175]

pheacaidhean a tha an gràdh so air a thoirt dachaidh oirnn, agus a tha an gràdh againne do Dhia air a ghintinn. Bha maraiche ann aon uair air bòrd luing-chogaidh, a thug mòr-dhragh dha na h-oifigeachan le dhroch ghiùlan. Dhfheuch iad gach dòigh ris gu ath-leasachadh a thoirt air, chuir iad càin air, ghabh iad air, chuir iad ann an geimhlichean e, ach dhfhàilnich e orra, agus cha robh fhios aca ciod e a dheanadh iad; ’s ann a bha e afas na bu choma, agus na bu chruaidhe. Cha robh iad afaicinn rompa mu dheireadh ach a chur a mach as an t-seirbhis gu buileach, agus gidheadh cha robh iad toileach dealachadh ris, oir bu sheòladair maith e air gach dòigh eile. Aig an so, thuirt fear dhe na h-oifigich anns achùirt gum faodadh iad aon dòigh eile fheuchainn ris nach dfheuch iad fhathast, agus nam fàilnicheadh an dòigh sin orra gum faodadh iad an uair sin a chur a mach as an t-seirbhis. Dhfheòraich na h-oifigich eile ciod e an dòigh a bha sin, oir bha iad asmuaineachadh gun robh iad air a h-uile dòigh a burrainn dhoibh fheuchainn. “Thoiribh e,” arsesan, “air beulaobh na cùirte, cuiribh a chionta fa chomhair ann an dathan cho dorcha agus is urrainn dhoibh, agus am peanas a thoill e, agus dìreach an uair a tha e an dùil gu bheileas adolg a


[176]

pheanasachadh le binn a chur a mach as an t-seirbhis, mar neach a chaill gach toillteanas air tròcair, thoiribh dha maitheanas saor an dòchas nach tig e tuilleadh air bhur beulaobh mar chiontach.” Dhaontaich iad leis an sin, agus ghairm iad a steach e. Am feadhs a bhatar acur a chionta, agus a thoillteanais, air a bheulaobh bha e fàs na bu chruaidhe, agus na bu chruaidhe, coltas mar gun robh en a chridhe atoirt dùlain dhoibh an bu mhiosa a bhan an comas a dheanamh air, achnuair a chual e an àite binn peanais, binn a mhaitheanais shaoir, bhris an duine mòr làidir a mach acaoineadh, agus thubhairt e, air dhoibh déiligeadh ris mar a rinn iad ann a bhi atoirt dha maitheanais shaoir, nach do thoill e sin ach a chaochladh, nach bitheadh aca tuilleadh aobhar air esan a thoirt air am beulaobh mar chiontach. Agus mar a gheall e, thachair; cha robh aobhar cronachaidh aca tuilleadh ris. An uair a dhfheòraich a cho-oifigich dhen oifigeach a thug an dòigh sin air am beulaobh ciod e a chuir a leithidn a cheann, dhinnis e dhoibh gum be criosduidh a bhann; gu bann air an dòigh sin a dhéilig an Tighearn ris-san, agus gun robh e asmuaineachadh an dòigh a ghabh an Tighearna leis-san, gur maith a dhfhaoidte gun drachadh leis ann a bhi cosnadh a mharaiche bhuirb.


[177]

Tha en a cheist an do maitheadh idir do Shimon. An àite esan a bhig a fhaicinn fhéin fo fhiachan dhan Tighearn, ’s ann a bha esan an dùil gun robh e acur an Tighearna fo fhiachan dhasan, ann a bhi toirt aoidheachd dha. Tha en a cheist an robh coguis peacaidh idir aig Simon; ma bha, cha do nochd e sin. Ach an creutair bochd eile cha robh tomhas air faireachadh a mi-thoillteanais. Bha i aon uair caillte ach fhuaradh i. Is dòcha gun robh i air an rathad gu cur as di féin, cosmhuil ri iomadh dha seòrsa, sgìth dhen bheatha pheacaich ghràineil a bha i acaitheamh ach ann an eu-dòchas a thaobh comas, no cothrom, ath-leasachaidh dha leithid-sa. Anns an dol seachad, chunnaic i sluagh cruinn aig oisinn sràide, ag éisdeachd ri neach le aghaidh chiùin ghràsmhor a bha alabhairt riu. Dhlùthaich i ris achuideachd, agus sheas i tacan ag éisdeachd. Thuit air a cluais, agus dhrùigh air a cridhe, briathran nach cual i an leithid riamh, agus nach robh fhios aice gum burrainn an leithid a bhi ann. “Thigibh a mionnsuidh-sa,” arsan searmonaiche, “sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” “Sin mise,” arsise, agus theann i na bfhaisg. “Cha dthàinig mise,” arsan searmonaiche, “a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach chum aithreachais.”


[178]

Sud mise a rìs,” arsise, “tha fhios aig an t-saoghal féin gur peacach mise, achs anng a mo chàineadh, agusg a mfhuadach air falbh a tha iad ged nach feàrr iad mòran na mi. Agus eadhon na daoine maithen am measg, no iadsan a tha gabhail orra a bhi gu maith, cha sheall iad mo rathad, ach gabhaidh iad taobh eile na sràide gus mo sheachnadh; chaneil truas no tròcair aca dha mo leithid. Ach am fear so, tha mi ag aithneachadh air gu bheil cridhe as cleachdadh aige cho geals cho glan ri sneachd nam beann mòra, agus gidheadh tha truas agus tròcair aige do na peacaich bhochd a chaidh air seachrain. Eisd ris a nis. O manams tusa achaora chaillte mum bheil e a nis a labhairt, aguss e féin am buachaille a thag am iarraidh anns an fhàsach. Tha dòchas ann dhomh, tha maitheanas ann dhomh, tha slàinte ann dhomh; cha bhàth mi mi fhéin mar a bha dùil agam a dheanamh, ach bheir mi mi fhéin dha gus mo shaoradh, agus mo choimhead, agus mo thoirt dhachaidh gu Dia, agus gu maitheas. Tha e ullamh a nis. Bruidhnidh mi ris. Ach sud am Phairiseach mòr ud Simon, a dhfhuadaich mi air falbh o a dhorus an diugh, ’g a thoirt leis gu biadhn a thigh. Chan airidh mi, tha fhios agam, air suidhe maille ris, agus chan fhaighinn cuireadh no fàilte anns an tigh ud co-dhiùbh, achs éigin dhomh mo ghràdh agus


[179]

mfhiachan dha, a nochdadh air dhòigh-éigin. Théid mi dhachaidh, agus gheibh mi am bocsa alabastair a dhfhàg mi aig an tigh, agus théid mi gu tigh Shimoin a dhaindeoin na their e rium, agus ungaidh mi casan an t-searmonaiche ghràdhaich leis an olaidh luachmhoir; chaneil dòigh eile agam air mo ghràdh, agus mfhiachan dha a nochdadh.” ’S ann car mar so a thachair e gun dfhuaradh a bhan-pheacach so ann an tigh Shiomoin. Ghràdhaich i gu mòr, do bhrìgh agus gun do maitheadh mòran di. Tha sog ar giùlan a dhionnsuidh an dara leasan.

2. Gur éigin don ghràdh e féin a thaisbeanadh gu follaiseach. Ann a bhi adìteadh na mnà dhìt Simon e féin; nochd e cho fuar agus a bha a ghràdh fhéin ma bha e idir ann. Cha do nochd e uidhir agus modh cumanta dhan Tighearn. A réir fasan nan Iudhach bu chòir do Shimon uisge dha chasan, agus pòg na failte, agus oladh-ungaidh dha cheann, a thoirt dhan Tighearn; ach cha dthug e a h-aon diubh dha; bonoir gu leòir do Iosa, bha Simon an dùil, gun dthug e gu a bhòrd e. Tha cuid ann fhathast aguss maoidheadh leò sam bith a thoirt do aobhar an Tighearna. Neò-air-thàing mureil iad fialaidh gu leòir do aobhraichean eile, gu h-àraidh ma tha cliù, no buannachd shaoghalta, no féin-thoilleachassam bith, ri fhaotainn leò, ach thigeadh e gu aobhar an Tighearna


[180]

aig an tigh no ann an tìrean céin, agus thig atharrachadh air aghnothach. Cleas Shimoin, ni sam bith an gnothach air son an Tighearna agusaobhair, sprùileach tìm, no neirt, no airgid. Cleas a bhean-tighe air oidhche Dhi-Sathuirne a thug leth-chrun agus sgillinn dhan t-searbhanta, agus a thubhairt rithe, “Is e am màireach na Sàbaid; falbh agus faigh on cheannaiche botul uisge-bheatha, agus bhonna-sia airson achollection.”

Chan ionann so agus far am bheil an gràdh. Chan urrainn dhan ghràdh gu leòir a thoirt seachad. Bheir an gràdh seachad an as fhèarr a thaige, eadhon a bheatha air uairean. Agus tha an gràdh coma ciod e a , no a their, an saoghal, no muinntir an fhuar-ghràidh. Tha e furasda gu leòir dhuinne, aig am bheil ar gràdh air fuarachadh, ma bha e riamh blàth, a bhi acronachadh, agus acoireachadh, mhuinntir an teas-ghraidh, ach thoirimid an aire nach anng ar dìteadh fhéin a tha sinn. Cuimhnichimid cronachadh an Tighearna do eaglais mheagh-bhlàth Laodicea— “Uime sin do brìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nacheil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu mach as mo bheul” (Taisb., iii. 16). Gun saoradh an Tighearn sinn o fhéin-riarachas, agus o mheagh-bhlàthas, an phairisich, agus gun toireadh e dhuinn cridhe briste blàth a pheacaich


[181]

sin dhan deachaidh mòran a mhaitheadh, agus mar sin a tha agràdhachadh gu mòr.

Bheir mise ìobairt-molaidh dhuit;
Air ainn Dhé gaiream féin,
Iocam mo bhòid do Dhia, a nis
An làthr a shluaigh gu léir.”

titleAn Da Fheicheannach
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page