AN DÀ BHUNAIT, NO, AN DA FHEAR-TOGAIL.
(MATA, vii. 4-9; LUCAS, vi. 46-49.)
SO aon de na cosamhlachdan as giorra a labhair an Tighearn, ach tha i làn brìgh agus teagaisg. Tha i a’ teagasg na ceirt leasain a tha cosamhlachd nan Deich Òighean a’ teagasg, eadhon am feum a tha ann air aire agus air faire. A réir coltais cha robh atharrachadh ’sam bith ri fhaicinn eadar an dà thigh; cha’n fhaiceadh duine ’s am bith a bha gabhail an rathaid dealachadh ’sam bith eatorra; bha an dealachadh na bu doimhne na coltas; bha e folaichte anns a’ bhunadh. Ach bha an t-atharrachadh bunaite a’ dearbhadh atharrachadh gnè anns na daoine. Bithidh sinn, mar sin, a’ beachdachadh air trì nithean, na daoine, na bunaitean, agus na deuchainnean.
I. AN DÀ FHEAR-TOGAIL. —Mar ann an cosamhlachd nan Deich Òighean, bha fear diubh glic agus fear duibh amaideach.
(1) A thaobh roimh-aire. Cha do smuainich an duine amaideach ach air an là a bh’ann. Is e tìde bhreagh samhraidh a bh’ann ’nuair a thòisich iad le chéile air na tighean a thogail; cha robh eadhon stoirm samhraidh a’ bagradh agus cha robh nì a choltais atharrachaidh air an aimsir. Cha d’thug an duine amaideach tuileadh smuaine, ach ghabh e air adhart air ball mar nach bitheadh geamhradh, no stoirm, no gaoth, no tuil, gu tighinn. Ach an duine glic smuainich esan air na bha roimhe, gu’n tigeadh là na doinnin a chuireadh na h-uile deuchainn air a thigh, agus rinn e ullachadh fa chomhair gaillinn, agus stoirme. “Feumaidh mi,” ars’ esan, “mo thigh a thogail fa chomhair latha na deuchainn.” Agus rinn e sin. Tha an dà sheòrsa dhaoine ann fhathast, eadhon ann an nithe aimsireil gun ìoc air nithe spioradail. Tha daoine ann a tha ’tighinn beò mar na dealanan-dé, o bhlàth gu blàth, gun smuain air an là am màireach. Ach tha cuid eile ann a tha ’gabhail a steach ’n an cunntas latha na deuchainn, a dh’fhaodas tighinn orra, agus a tha a’ deanamh ulluchaidh fa chomhair sin, daoine glic. Ach ma tha cion roimh-aire agus smuaine calltach a thaobh nithe aimsireil, tha e buileach sgriosail ann an nithe an anama, agus na sìorruidheachd. Tha an Tighearn a’ toirt dhuinn ann an cosamhlachd eile deilbh air an t-seòrsa duine so, an duine
saoibhir a chuir roimhe saibhlean ùra a thogail dha féin, agus a thubhairt ri ’anam, “Anam, gabh fois, ith, òl agus bi subhach,” ach mu ’n d’ thuirt an Tighearn, “Amadain, air an oidhche so féin iarrar d’anam uait.”
(2) A thaobh dùrachd. Cha do chuir am fear amaideach e féin gu dragh ’sam bith; thòisich e togail air ball air an làraich a thagh e, gun uidhir agus caibe a chuir ’s an talamh, a dh’fheuchainn ciod e an seòrsa bunaidh a bh’aige. Ach am fear glic “chladhaich e domhain” tha Lucas ag innseadh dhuinn. Tha sinne, mar sin, air ar gairm gu féin-rannsachadh, agus gu bha a’ deanamh dìchill chum ar gairm, agus ar taghadh, a dheanamh cinnteach. Na bithimid riaraichte le seòrsa ullachaidh ’sam bith air son na sìorruidheachd, ach deanamaid obair chinnteach, dhomhain, dheth, ullachadh a sheasas fa chomhair buairidh, bàis, breitheanais, agus sìorruidheachd.
II. AN DÀ BHUNAIT. Bha aon bhunait ’n a bunait créige; bha a’ bhunait eile ’n a bunait gainmhich.
1. Ciod iad cuid dhe na bunaitean gainmhich air am bi daoine an cunnart togail orra airson na siorruidheachd?
(1) Tha cuid an urra ris a’ so, gu bheil iad ’n am buill, no eadhon ’n an luchd-dreuchd, ann an
eaglais aig am bheil ainm co-dhiùbh gu’m bheil i fallain ann an teagaisg an coimeas ri eaglaisean eile. Cha sheas sin, oir cha tearuinn eaglais ’sam bith duine ’sam bith. Gidheadh tha mi an dùil nach robh là riamh ann a bu mhò a bha de chunnart ann daoine, ann an cuid de chearnaidhean co-dhiùbh, a bhi a’ deanamh bun as a’ sin no an là an diùgh, —daoine a bhi eudmhor a thaobh beachdan, agus creudan, agus ’s maith a dh’ fhaoidte nithe nach fiù, agus iad a bhi buileach mì-chùramach a thaobh cleachdaidh, agus giùlain ann an rathaidean eile, fuasgailte eadhon ’n an caithe-beatha. Faodaidh creud ghlan a bhi aig neach maille ri cridhe grod. Tha an Sgriobtur soilleir gu leòir air a’ so. “Na meallar sibh,” deir an t-abstol Pòl; “cha sealbhaich luchd-striopahcais, no luchd-adhaltranais, no luchd-macnuis, no na daoine a tha ciontach de neòghloine mhì-nàdurra, no gaduichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd-anacainnt no luchd-foireigne, rìoghachd Dhé.” A chàirdean, cuimhnichibh “as eugmhais naomhachd nach faic neach air bith an Tighearn.”
(2) Tha cuid eile, agus ’s e am bunait a tha aca nach mios iad na càch. Is lag, agus is meallta, am bunait a tha’n sin. Cha toir e neach ’sam bith á cunnart gu bheil neach eile ri thaobh anns an aon chunnart ris-san. Tha am bunait so a ghnàth a’ toirt gu mo chuimhne dà earrann,
an toiseach briathran Phòil a dh’ ionnsuidh nan Ephesianach (Eph., ii. 3), a tha ag ràdh, “agus bha sinn a thaobh nàduir ’n ar cloinn feirge, eadhon mar chàch,” agus a rìs briathran a tha Eoin Bunyan a’ cur ann am beul aoin dh’a luchd-turuis, cha’n ’eil cuimhne agam an dràsd cò aca. Tha e a’ freagradh na céiste ciod e a dh’aobhraich dhàsan baile an leur-sgrios fhàgail, agus ’s e am freagradh a tha e toirt, “Thàinig fear d’am b’ainm Maois, agus bhagar e mo thigh a losgadh os mo chionn mur teichinn as.”
Cha cheadaich ùine dhomh leudachadh ann a bhi a’ labhairt air a’ chaochladh sheòrsa bhunaitean breugach meallta sgriosail air am bi daoine amaideach a’ togail dòchais; feumaidh sinn sealltuinn ris an fhìor bhunait créige.
2. Ciod e, mata, am bunait créige?
(1) An Ath-ghineamhuinn. “Mur beirear duine a rìs,” deir Criosd, “cha’n urrainn e rioghachd Dhé fhaicinn.” Tha slàinte Dhé a’ ruigheachd gu doimhneachd nàduir an duine, sìos gu freumhaichean a bhith agus a ghné. So am bunait a tha Dia féin a’ leagadh anns a’ chruthachadh nuadh. “Is sinne obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Criosd.” Ach anns an ath-ghineamhuinn tha sinn air ar n-aonadh ris an Tighearn Iosa Criosd, agus mar sin, is e, anns an dara àite.—
(2) Iosa Criosd Féin am bunait. “Bunait
eile cha’ n urrainn duine sam bith a leagadh, ach am bunait a leagadh cheana, eadhon Iosa Criosd” (1 Cor., iii. 11). ’S maith a dh’fhaoidte gu bheil neach éigin de mo luchd-leughaidh aig a’ cheairt uair ann an imcheist co-dhiùbh a ràinig no nach do ràinig air fhathast an ath-ghineamhuinn so o shuas, agus ciod e an dàimh a tha eadar i agus creidimh slàinteil. Theirinn ris sin gu bheil an ath-ghineamhuinn, agus an creidimh, ceangailte ri cheile ceart mar a tha beatha agus gluasad; is e creidimh ceud ghniomh an anam bheò. An neach a tha da rireamh a’ creidsinn ann an Criosd ràinig air-san gu cinnteach an ath-ghineamhuinn. Seallaibh ri briathran Eoin a tha dearbhadh sin. “Thàinig e (Criosd) dh’ ionnsuidh a dhùthcha féin, agus cha do ghabh a mhuinntir féin ris. Ach a mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do Dhia, eadhon dhoibhsan a tha creidsinn ’n a ainm: a bha air an gineamhuin, cha’n ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia.” Neach a bhi gabhail ri Criosd, a’ creidsinn ’n a ainm, sin comharradh, agus dearbhadh, na h-ath-ghineamhuinn air a shiùbhal. Tha sin soilleir, ars’ thusa, ach ciod e a bhi a’ creidsinn ann an Criosd? Freagram sin ann am briathran Leabhair Aithghearr Nan Ceist. “Is e creidimh ann an Criosd gràs slàinteil leis a bheil sinn a’ gabhail ris, agus a’
socrachadh air, ’n a aonar airson slàinte mar a tha e air a thairgseadh dhuinn anns an-t- soisgeul.” Faic so, a leughadair, cha’n ’eil agad ris a’ bhunait a leagadh, tha e leagta cheana le Dia. Leagadh i ’nuair a ghlaodh Criosd air a’ chrann, “Tha e crìochnaichte.” Cha’n ’eil agadsa ach togail air. Nach gràsmhor, glòrmhor an naidheachd sin duitsa, mo cho-pheacaich an imcheist! A mhàin creid; leag do thaic gu buileach air; is Esan Carraig nan Àl; cha chuirear gu h-amhluadh gu bràth aon a chuireas a dhòchas annsan. Cluinn so o Dhia féin; “Feuch suidhichidh mise mar stéidh ann an Sion clach, clach dhearbhta, clach-chinn na h-oisinn; SÀR BHUNAIT, esan a chreideas cha chuirear gu h-amhluadh e” (Isaiah, xxviii. 16). Is beannaichte iadsan uile a dh’ earbas as” (Salm, ii. 12).
III. NA DEUCHAINNEAN. —Tachraidh trì amanna deuchainn ris na h-uile anam, àm a’ bhuairidh, àm a’ bhàis, àm a’ bhreitheanais.
(1) Àm a bhuairidh. Tha suidhichidhean eadhon anns a’ bheatha so a tha gu tric a’ cur dearbhaidh air daoine, agus air an t-seòrsa diadhachd a tha aca. Tha cuid ann, mar sin, agus cha’n aithnich neach ’sam bith am bheil an fhìor nì aca ro nach ’eil gus an teid iad a mach am measg bhuairidhean an t-saoghail; cuid a’ call
an creidimh, an cleachdaidh, agus an cliù; agus cuid eile ’g an gleidheadh; dìreach á réir mar nach robh, no mar a bha, iad suidhichte air an fhìor bhunadh. Theirinn, gu h-àraidh ris an òigridh, deanaibh obair chinnteach dheth eadar sibh féin agus Dia mu ’s téid sibh a mach an còdhail bhuairidhean an t-saoghail uilc a th’ ann; deanaibh gréim daingean air Criosd, agus faigheadh Esan gréim daingean oirbhse; togaibh air a’ charraig, agus cha’n eagal duibh, ach mur a dean, tha cunnart, agus tuisleadh, agus call, roimhibh.
(2) Am a’ bhàis agus a’ bhreitheanais. Cuiridh iad sin dearbhadh air bunait, agus togail gach neach. Cò iad a sheasas stoirmean agus tuiltean nan amanna sin? Iadsan a mhàin a tha suidhichte air Criosd. Bha boirionnach diadhaidh uair air leabaidh bàis, agus thàinig duine eudmhor nach robh eòlach oirre ’g a coimhead. “Bheil fhios agad,” ars’ esan, “gu bheil thu a dol fodha?” Cha do fhreagar i facal. Chuir e a’ cheist a rìs, agus cha d’thubhairt i nì. Air dha a’ cheist a chur an treas uair ’s e thuirt ise agus a h-aghaidh a’ dealradh, “Cò ’s urrainn a dhol fodha troimh chréig?” Bha i air a’ bhunait. “Bu mhòr a thuiteam.” Tha dà ni againn anns na briathran sin. (1) Luach do-thuigsinn an anama. “Ciod e,” deir Criosd, “an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h-iomlan,
agus ’anam a chall? No ciod a bheir duine an éiric ’anama?” (2) Suidheachadh do-leigheas an anama chaillte. Tha cuid de challdaichean ann, agus faodar an deanamh suas a rìs, ach call an anam’ neo-bhàsmhoir, cha ghabh sin deanamh suas am feasd. Agus tha cuid an cunnart am mearachd fhaotainn a mach, cleas nan òighean amaideach, ’nuair a bhitheas e ro anamoch. Tha cuimhne agaibh air crìch Aineolaich ann an Turus a Chriosduidh. Fhuair e seachad air abhainn a’ bhàis gun aon chnead eagail ach, mo thruaighe, ’nuair a ràinig e dorus a bhaile nèamhaidh cha’n fhaigheadh e stigh, agus chaidh a ghiùlan air falbh gu slochd an eu-dòchais. An diugh, an diugh, deanaibh obair chinnteach dheth, cladhaichibh domhain: “ ’Bu mhòr a thuiteam.”
title | An Da Bhunait, Na An Da Fhear-togail |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |