[191]

AN STIUBHARD EUCORACH.
(LUCAS, xvi. 1-13.)

IS i so aon de na cosamhlachdan as duiliche a mhìneachadh. Cia mar a burrainn an Tighearna duine eucorach, agus a ghiùlan, a ghabhail mar bhonn-teagaisg air nithe Spioradail? Ciod e a tha air a chiallachadh leMamon na h-eucorach,” agus ciod lecàirdeana dheanamh leis dhuinn féin? Tha acheud cheist nas usadh a freagairt na na dhà eile, oir chunnaic sinn cheana ann an cosamhlachd aBhreithimh Eucoraich gu bheil an Tighearn anns na cosamhlachdan agabhail dhaoine mar a tha Eg am faotainn gu coitchionn anns abheatha so, agus atarruing leasanan on giùlan. ’S maith a dhfhaoidte gun amais sinn air fuasgladh an cheist eile anns an dol air adhart.

Stiùbhard eucorach! Ta, gu dearbh fhéin, cha robh an seòrsa sin riamh gann ram faotainn! No daoine saoibhir a dhfhàg an gnothuichean gu buileachn an làmhan! Nach


[192]

e sin a thug creach air aGhàidhealtachd, agus a dhfhàg gleanntan fàs? Ach fhuair am fear so a bhàirleigeadh; mar a thubhairt ministear Leòdhusach, nach maireann, mun mhnaoi aig an robh na seachd fir-pòsda, ’nuair a fhuair i bàs, “gu dearbh fhéin bha thìd aice.”


1. So acheud leasan, gu bheil sinne uile, cleas an stiùbhaird, ’n ar stiùbhardan; chaneil ni againn ach na chaidh earbsa ruinn le Dia, uachdaran nan uile.


2. Anns an dara àite, tha sinn uile, mar a bha esan, air ar bàirleigeadh. Cha robh seadh no ni-h- eadh dha thaobh-san, ach cunntas a thoirt, agus e dhfhalbh. Sin mar a tha sinne. “Tha e air òrduchadh do dhaoinibh bàs fhaotainn aon uair, achn a dhéigh so breitheanas” (Eabh., ix. 27). “Chaneil againn an so baile a mhaireas” (Eabh., xiii. 14). Cha ghabh am bàirleigeadh so seachnadh.


3. Tha e mar fhiachaibh oirnn anns an t-suidheachadh sin sinn fhéin a ghiùlan gu glic, agus gu h-àraidh leithid a dhfheum a dheanamh de nithe maithe an t-saoghail so, agus de shaoibhreassam bith a bhuilich an Tighearn oirnn anns abheatha so, agus gun coisinn iad dhuinn deagh fhàilte anns an t-saoghal ri tighinn.

(1) An toiseach, am feum as còir dhuinn a


[193]

dheanamh de nithe maith agus saoibhreas an t-saoghail so. ’S e gliocas, no seòltachd, astiùbhaird a mhol a thighearn. Bha iad le chéilen an saoghaltaich, agus molaidh an saoghaltach an saoghaltach. “Agus molar thusa, ’n uair a ni thu maith dhuit féin” (Salm, xlix. 18). Cha mhòr nach faic sinn an duine saoibhir agàireachdaich ris féin aig cluinntinn dha an cleas a rinn an stiùbhard air; cha mhòr nach dthug e maitheanas dha do bhrìgh a sheòltachd. “An slaoightear tapaidh!” arsesan, agus e crathadh a chinn agàireachdaich. ’S e a ghliocas a mhol e, agus cha be mhì-dhìlseachd. Aguss e gliocas a tha air a mholadh dhuinne anns achosamhlachd; gliocas anns an rathad anns an cuir sinn gu buil cothroman, agus comasan, na beatha so; mar a tha an Tighearn féin ag ràdh ann an àite eile, “Bithibh-sa glic mar na nathraichean, agus neò-chronail mar na columain” (Mata, x. 16). Tha caochladh rathadan anns am bheil na briathranMamon na h-eucorachair am mìneachadh. Tha cuid ag ràdh gur e a tha air a chiallachadh gum buin an cliù so dha na h-uile seòrsa saoibhreis, gur thann le eucoir aig uair air chor-éigin a fhuaireas e; cuid eile gur e tha air a chiallachadh gu bheil an t-airgiodn a nàduir buaireasach, cleas na deocha làidire, atàladh dhaoine fo bhuaidh a ghràidh a dhionnsuidh an uilc, agus na h-eucorach, air a sgàth;


[194]

mar a tha an t-abstol ag ràdh gure gaol an airgid freumh gach uilc; am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seacharan on chreidimh, agus throimh-lot siad iad féin le iomadh cràdh” (1 Tim., vi. 10). Tha an Tighearn a rìs agus rìs acur a dheisciobuil air am faicill roimh chunnart gràidh an airgid. “Chan urrainn sibh seirbhis a dheanamh do Dhia, agus do Mhamon” (Mata, vi. 24). Isusadh do chàmhal dol troimh chrò snàthaid, na do dhuine saoibhir dol a steach do rìoghachd Dhé.” Is e gràdh a shaoibhris a bhac an riaghladair òg Criosd a leantuinn. Nach e sannt an airgid a thug air Iudas a Thighearn a bhrath? ’S e so, tha sinn atogail, fìor mhìneachadh nam briathran so; aguss i fìor leasan na cosamhlachd gum bu chòir dhuinn na nithe sin a dhfhaodadh, nan leigte leò, ar tàladh a dhionnsuidh an uilc, a ghràdhachadh air a leithid a dhòigh, agus gun tionndadh iad a chum maith spìoradail, agus sìorruidh dhuinn fhéin, agus do mhuinntir eile. Faodaidh airgiod daoine a thoirt a thaobh; ach, air an taobh eile, gabhaidh mòran maith a dheanamh leis, mar a thubhairt Daniel ri rìgh Nebuchadnesar, “Uime sin, O a rìgh, bitheadh mo chomhairle-sa taitneach leat, agus bris air falbh do pheacaidhean le fìreantachd, agus deuceartan le tròcair a nochdadh do na bochdaibh” (Dan., iv. 27).


[195]

Tha stòraidh air innseadh mu mhinistear a bhanns an t-Saipel an Inbhirnis. Bha en a mhinistear-airm anns an Eiphit aig àm cogadh Napoleoin. Thàinig e dhachaidh mun do thill na saighdearan, agus chaidh earbsadh ris leis na saighdearan airgiod a bha iad acur dhachaidh a dhionnsuidh an teaghlaichean, agus an càirdean. Bha an t-ionmhas sin uile aige ann am bocsa, oir cha robh airgiod pàipireach ann anns an ud. Ràinig e Inbhirnis anmoch oidhche Dhi-sathuirne, agus cha robh aige ach am bocsa a thoirt leis a dhionnsuidh an àite-fuirich aige. na Sàbaid shearmonaich e anns an t-Saipeil, mar a bàbhaist toiseach an latha, agus an dèigh mheadhon-latha. Bha e air a theannadh gu mòr toiseach an latha gur gann a burrainn dha faotainn air adhart idir, ach an déigh mheadhon-latha bha saorsa anabarrach aige. ’Nuair a dhfheòraich na h-eildeirean dheth ciod a baobhar dhan dealachadh eadar an sheirbhis, ’s e am freagradh thug an duine còir so, anns amhaduinn gun robh an saoghal air a mhuin, ach an déigh mheadhon latha gun robh esan air muin an t-saoghail. So mar a thachair. Anns amhaduinn, dhfhàg e bocsa an airgid aig an tigh, agus le cùram an airgid nach buineadh dha cha robh gné de shaorsainn aige; ach aig an ath sheirbhis thug e am bocsa leis a steach a dhionnsuidh


[196]

na cùbaid agus bha e aige fo a chasan fad an t-siùbhail! Sin mar a fhuair an duine còir buaidh air an t-saoghal, agus mar a rinn e a bha an tòiseachn a bhacadh mu dheireadhn a chuideachadh! Tha barrachd agus samhladh anns an stòraidh; tha gliocas ann.

(2) Anns an dara àite an duais. Ach, arsthusa, ciod e a tha air a chiallachadh leis na càirdean? Tha dìreach daoine agus mnathan dhan drinn sinn maith aimsireil agus spioradail anns abheatha so le ar maoin. Gabhamaid aon sampull. So agaibh fear no nach burrainn a dhol a mach iad féin, gu tìrean céin, a shearmonachadh an t-soisgeil do na fineachan, ach thug iad seachad dhan cuid gu a bhi acur a mach theachdairean agus Bhiobull dhan ionnsuidh sin. Saoil sibhse nach bi aca sin co-roinn dhen duais, agus dhen fhàilte, a gheibh iadsan a bhan am meadhon air an toirt gu glòir? A chàirdean, bithimid glic a thaobh an t-saoghail ri teachd. Co-dhiùbh a tha ar cuibhrionn de dhionmhas, agus de dhairgiod, an t-saoghail so mòr no beag, cuimhnichimid nacheil sinn achn ar stiùbhardan, gu bheil sinn uile air ar bàirleigeadh an saoghal fhàgail, agus cunntas a thoirt air ar stiùbhardachd, agus mar sin cleachdamaid gliocas agus deagh chaitheamhn ar gnàthachadh air nithean an t-saoghail so. Gabhamaid gu cridhe earail an abstoil, “gu


[197]

bheil an aimsir goirid, ionnus gum bi iadsan a thagnàthachadh an t-saoghail so, mar dhream nacheilg a mhì-ghnàthachadh; oir théid cumadh an t-saoghail so seachad” (1 Cor., vii. 29-31).


[198]
titleAn Stiubhard Eucorach
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page