[13]

AN COGUL AM MEASG ACHRUITHNEACHD.
(MATA, xiii. 24-30, 36-40.)

CHANeil a h-aon de na cosamhlachdan as a dhùisg ceisd, no a dhaobharaich sgriobhadh, na cosamhlachd achoguil. Cha cheadaich ùine no inntinn a dhol a steach anns na ceisdean agus na connspaidean sin, ach so a radh, gum bheil iad uile ag iadhadh timchioll air acheisd so, ciod eam fearann”? An e an Eaglais a tha air a ciallachadh, no an e an saoghals achoitchionn? An e staid na h-Eaglais a tha air a chur romhainn anns achosamhlachd, no staid an t-saoghail? A nis gu bhig ar cuideachadh ann a bhi mìneachadh na cosamhlachd, chì sinn anns an dol a mach gur h-ann murioghachd néimha tha achosamhlachd. Niss erioghachd néimhainm na h-Eaglais fhaicsinnich anns na cosamhlachdan, agus mar sin tha ra thogail bhon sin gur h-ann mu staid na h-Eaglaise a tha achosamhlachd so alabhairt, agus gur i an staid sin a tha air a cur romhainn. Tha so air a dhaingneachadh dhuinn an uair a smaoinicheas


[14]

sinn air puinc-theagasg na cosamhlachd. Cha bfhirinn ro chudthromach, no ro dhrùighteach, rannsachail, idir an fhirinn so, gum bheil maith is olc am measg a chéile anns an t-saoghal anns achoitchionn, no eadhon gum bheil abhreitheanais afeitheamh air na h-uile. Tha na h-uile dhaoine adol leis an sin, agus chan fhìrinn sin a mhàin a bhuineas do Eaglais an Tiomnaidh Nuaidh. Ach mas e staid na h-Eaglais anns an t-saoghal a tha air a chiallachadh, chi sibh gur e tha air a theagasg dhuinn firinn a tha cudthromach, geur-rannsachail, “nas géire na claidheamh fhaobhar air bith, aruigheachd eadhon chum eadar-sgaraidh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus atoirt breith air smuaintibh agus air rùnaibh achridhe” (Eabh., iv. 12).

Gum bheil maith agus olc measgta ann an cridhe na h-Eaglais fhaicsinnich, agusgun tòisich breitheanas aig tigh Dhé,” sin agaibh fìrinnean a bu chòir ar cur gu faire agus féin-rannsachadh. Tha am beachd so air a dhaingneachadh an uair a sheallas sinn ris acheud rann ar an fhichead, far am bheil e air a radh gur h-annas a rioghachda thionailearna h-uile nithean a bheir oilbheum.” Ciod iad na nithean a tha ra fhoghlum bhon chosamhlachd?


[15]

Gum bheil staid na h-Eaglais fhaicsinnichn a staid measgta.

Cha ruig a leas dùil bhi aig deisciobuil Chriosda, eadhon an fheadhainn as eudmhora dhiubh, ri Eaglais fhior-ghlan anns nach bi olc air bith. Cha robh agus cha bhi a leithid sin de dhEaglais a bhos air thalamh: feumar fuireach ri leithid sin aig deireadh chùisean. Chìtear so gu soilleir eadhon aig toiseach na h-Eaglaises an Tiomnadh Nuadh. Cha robh aig Criosd ach Abstol dheug, gidheadh bha fear dhen àireamh bhig sinn a dhiabhul, Iudas a bha gu esan a bhrath (Eoin, vi. 70-71). Nach robh Ananias agus a bhean, Saphira, “a lion Satan an cridhe a dheanamh bréige don Spiorad Naomha dhàireamh nan deisciobuil (Gniomh, v. 3)? Ghabh Philip a steach dhan Eaglais fhaicsinnich leis abhaisteadh Simon Magus, a bha a dhaindeon sin fhathastann an dombhlas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h-eucorach” (Gniomh, viii. 23-24). Nach dthug Pòl rabhadh do éildeirean na h-Eaglais an Ephesusgun tigeadh madaidh-allaidh gharganur measg nach caomhain an treud. Agus éiridh daoine dhibh fhéin, a labhras nithean fiara, a chum deisciobuil a tharruingn an deigh féin” (Gniomh, xx. 29-30). Agus nacheil Eoin asgriobhadh mu mhuinntira chaidh a mach uainne, ach cha


[16]

robh iad dhinn: oir nam bitheadh iad dhinn, gu deimhin dhfhanadh iad maille ruinn: ach chaidh iad a mach a chum gun deantadh follaiseach iad nach robh iad uile dhinn?” (1 Eoin, ii. 19).

Tha na h-earrannan sing ar toirt gu fior bhrìgh teagaisg na cosamhlachd so, eadhon so, gum faod fior choslas na diadhachd a bhi aig cuid aig toiseach chùisean ach a bha riamhn an tur-choigrich air achumhachd. Bha an cogul cho coltach ris an arbhar, fhads a bfhochann iad le chéile, ’s nach fhaca na seirbhisich dealachadh sam bith eatorra; ach fad an t-siubhailagus so brìgh na cosamhlachdged a bha aonachd coltais ann bha caochladh nàduir. Agus fa dheòidh thug an caochladh gné a mach caochladh toraidh. O chàirdean, nach anabarrach rannsachail an teagasg so? Nach bu chòir dhi ar cur gu féin-rannsachadh mar a chuireadh na deisciobuil, an uair a chualiad gun robh fear dhiubh fhéin gus an Tighearna a bhrath! “A Thighearnaars a h-uile aon fa leith, “am mise e?” (Mata, xxvi. 22). Tha obair an Spioraid Naoimh domhain anns achridhe agus anns anàdur, oirmur a beirear duine a rìs chan urrainn e rioghachd Dhé fhaicinn” (Eoin, iii. 3). “An sin a tha air a bhreith bhon fheòil is feòil e, agus an sin a tha air a bhreith on Spiorad is spiorad e.” Oirs e thagainn an so dealachadh nàduir asruthadh bho dhealachadh breith. Cha


[17]

bionnan anns achosamhlachd an sioladair agus an siol anns an churachd. Mar sin chaneil ann ach an athair agus an theaghlachan diabhul agus a chlann-san, agus an t-Athair neamhaidh agus a chlann-san. Agus tha an sheòrsa anns an Eaglais fhaicsinnich! Faodaidh iad a bhi taobh ri taobh anns an aon tigh, aig an aon bhòrd, anns an aon eaglais, taobh ri taobh eadhon aig bòrd an Tighearna. Cionnus, ma tha, a dhaithnichear iad, arsthusa? Mar a tha an Tighearna ag radh a dhaithnichear iad, air an toraidhean. “ ’S an uair a thainig an t-arbhar fo dhéis, agus a thug e mach a thoradh, dhfhoillsich an cogul e féin mar an ceudna.” Bheir gach nàdur a mach a thoradh fhéin. Nochdaidh fa dheòidh clann an diabhuil an nàdur fhéin, agus clann Dhé an nàdur-san. So mar a tha Eòin gràdhach, abstol aghràidh, a leig a cheann air uchd a Mhaighstir, agus aig an robh uidhir dhe inntinn, agus dha ghné, ’g a chur, “An a peacadh, is ann bhon diabhul a tha e. Ge be neach a ghineadh bho Dhia, cha dean e peacadh; oir tha shiol-san afantuinn ann: agus chaneil e an comas da peacadh a dheanamh, do bhrìgh gun do ghineadh bho Dhia e. An so tha clann Dhé, agus clann an diabhuil follaiseach: Ge be neach nach dean fireantachd, chan ann bho Dhia a tha e, no an nach gràdhaich a bhràthair” (1 Eoin, iii. 8-10).


[18]

S iad so ma tha a réir Eòin comharaidhean achoguil agus achruithneachdcomharaidhean achoguil, eucoir agus fuath; comharaidhean achruithneachd, fìreantachd agus gràdh. Tha an teagasg so feumail anns an so. Tha mòran anns an so, chan ann a mhàin dhen Eaglais Phàpanaich, ach dhen Eaglais Easbuigich an Sasuinn, ateagasg nacheil sàbhaladh a mach as an Eaglais Easbuigich. ’S ann rithe-se a mhàin a their iad an Eaglais. Chuala mi mu easbuig dhen t-seòrsa so a dhionnsuidh an deachaidh fear a dhìnnseadh dha gun robh e dol a dhfhàgail na h-Eaglais Easbuigich, agus gus e fhéin a cheangal ris an Eaglais Chléirich. Ghabh an t-easbuig chathair, agus chuir e iad air beulaobh an duine, le àite falamh eadar na dhà. “Sud agad,” arsesan, ’s e leagail a làimhe air aon de na caithrichean, “an Eaglais Phàpanach: tha thu sàbhailt an sin. Sud agad an Eaglais Shasunnach,” agus e leagail a làimhe air an ath chathair; “tha thu sàbhailt an sin; ach,” arsesan, agus e comharrachadh le chorraig an t-àite a bha falamh, “sud an Eaglais chléireach, agus chaneil tearuinteachd air bith an sin.” “Nach grathail an teagaisg a tha sin,” arsthusa? ’S grathail dha rìreadh, ach thoir thusa an aire nach tuit thu gun fhios duit fhéin anns an aon ribe. Feuch nach cuir thusa muinghinn a do dhàimh ri Eaglais seach Eaglais, asaoilsinn, ’s


[19]

maith a dhfhaodta, do bhrìgh gum buin thu do Eaglais a tha glan bho mhearachdan, gun dean sin do thearnadh, eadar-dhealaichte o thu a bhi ann an Criosd, air dath-bhreith bho shuas, no gun cuir deud air son fallaineachd teagasg anns an Eaglais falach air do dhroch caithe-beatha. A dhuine, ma tha thu dhen bheachd agus dhen chleachdadh sin, nacheil thu dearbhadh dhuit fhéin agus do chàch gur h-ann dhen chogul a tha thu? Chaneil Eaglais tur-ghlan air thalamh, agus thoir thusa an aire nach caill thu danam ann a bhi sealltuinn air a son; agus ged a bhiodh i ann, agus ged a gheibheadh tusa i, cha deanadh i do thearnadh; ’s e Criosd a mhàin a ni sin dhuit. Na cuir Eaglais sam bith, ma ta, air cho glans gem bi thug a meas, an àite Chriosda, no dàimh eaglais an àite na h-ath-ghineamhuinn. Tha eagal orm gum bheil cuid ann agus is coma leò bhreug a dhinnseas iad, no an eucoir a iad, mas ann air sgàth na h-Eaglaise, no an taobh aca fhéin, a tha iad adeanamh sin, an dùil gun dean maitheas an aobhair olcas aghniomh a leasachadh. Na mealladh iad iad fhéin. “An a peacadh, is ann bhon diabhul a tha e.” Sin ceud leasan na cosamhlachd so. Mar sinceasnaicheadh duine e féin.” “Ceasnaichibh sibh féin, am bheil sibhs achreidimh, dearbhaibh sibh féin” (2 Cor., xiii. 5).


[20]

Bu chòir foighidinn a chleachdadh a thaobh na staid mheasgta so.

Bha na seirbhisich anns achosamhlachd, a réir coltais, fad nas eudmhora agus nas cùramaiche na Tighearna an fhearainn e fhéin. Achs ann a réir coltais a mhàin. Bha an Tighearna eadhon na beudmhora agus na bu chùramaiche, ach bha e na bu ghlice. ’S e an aon chrioch a bha rompa le chéile, eadhon gloinid agus maith abharra: ’s e bha eatorra barrachd gliocais agus atharrachadh dòigh air taobh an Tighearna. Ach bha na seirbhisich so glic cuideachd. An àite leum a dhaon ghnothuch, gun smuain gun chomhairl a ghabhail, a spionadh achoguil, ’s ann a chaidh iadn an imcheist a dhinnseadh dham maighstir mar a bha gnothuichean agus a dhiarraidh seòlaidh air. Nach iomadh ceum gòrach, cronail, do aobhar an Tighearna a sheachnadh seirbhisich eudmhor an Tighearna nam bes gun deanamh iad, cleas nan seirbhiseach so, achùis a chur an toiseach air beulaobh an Tighearna, agus comhairle agus gliocas agus seòladh iarraidh agus fhaotainn uaithe-san? Tha cuimhne agam air duine maith a bha an Strannd, ’s na h-Earadh, Tormad MacPhàdruig, agus abhreith a bàbhais e fhéin a thoirt air gniomh eudmhor na h-òige, a chleachd e fhéin aon uair ann an eaglais


[21]

Bhearnaraidh na h-Earadh. Bha e an eaglais stéidhichte Bhearnaraidh agus cha do chòrd an teagasg ris. ’S ann a dheugh Tormad a mach le guth àird, “mort! mort!” agus a mach a ghabh e agus achuid mhòr dhen choimhthional còmhla ris. Chaidh Tormad còir a churs aphrioson air son a bhi acur na seirbhis troimh chéile. “Och!” arsa Tormad, agus e ag innse an t-seanchais, mar a rinn e gu tric dhomh fhéin, “an gniomh amaideach a bhan sud!” Nan robh Peadair air a bhig urnuigh an àite dha bhin a chadal, an robh e air a bhi cho buileach bras ann a bhi tarruing a chlaidheimh, agus agearradh na cluaise dhen t-seirbhiseach? Tha gliocas a dhìth air seirbhisich an Tighearna a thaobh an dòigh anns an còir dhaibh beantainn ris an olc anns an Eaglais, agus a thaobh an rathaid anns an còir dhaibh iad fhéin a ghiùlan ann an suidhichidhean duilich. Mar a thuirt sinn, ’s iomadh ceum gòrach bhom biodh iad air an saoradh nan toireadh iad an Tighearna orra air tùs. Tha cuimhne agaibh an ni a rinn na deisciobuil anns abhàta an uair a thainig an stoirm orra. Cha be leum a mach as abhàta agus beannachd a leigeil leatha a rinn iad. Chaidh iad agus dhùisg iad am Maighstir. Nach iad a bha glic! Sud agaibh eisimpleir dhuinne. Fhaic thu, a thaobh na comhairle sin a thug an Tighearna dha sheirbhisich, cha be


[22]

suim sam bith a bha aige dhan chogul a thug air fhàgail am measg achruithneachd, ach an cùram a bha air air son achruithneachd. Be so acheisd, cia bu mhò cron is call a dheantadh le bhi spionadh achoguil air ball á measg achruithneachd, no bhig a fhàgail gu àm an fhogharaidh? Be bhi cleachdadh foighidinn, agus fhàgail, an dòigh bu ghlice. Be so an dòigh bu lugha a dheanadh de chron agus de chall air abharr. Chunnaic mi fhéin ni a thug an leasan ceudna dhomh. Chunnaic mi cailleach abiadhadh chearc. thainign am measg ach cearc choimheach. An uair a chunnaic achailleach achearc so am measg a treud fhéin thug i an duthar-leum aisde a dhionnsuidh na circe coimhich, ag eughach a machhuis.” Sgap an treud aice fhéin an suds an so, ach dhfhan achearc choimheach gu stòlda dàna ag itheadh a làin. Dhfheuch achailleach mar so a dhà no trì uairean ri a cur air falbh ach dhfhàilnich sin oirre, agus mu dheireadh bfheudar dhi an gnothuch a thoirt suas, agus leigeil leis achirc choimhich fuireach agus itheadh am measg a treud fhéin, oir bfhearr leigeil le aon chirc choimhich a leòr a ghabhail na gum biodh a treud fhéin acrach. ’S ann mar sin a tha a thaobh smachd eaglais uairean. Feumaidh sinn an aire a thoirt gur e an fheadhainn cheart a theid a chumail air an ais.


[23]

Chuala mi mu ni a thachair aig baisteadh chloinne uair. Bhatar aceasnachadh nam pàrantan, gach aon fa leith, dhfheuch an robh aoradh teaghlaichg a ghleidheadh aca agus thuirt a h-uile fear aca ach aon fhear gun robh. Chaidh esan a chumail air ais agus fhuair an fheadhainn eile am baisteadh. “ ’S iongantach an gnothuch a thann,” arsesan agus e falbh, “gur e luchd nam breug a gheibh an t-sochair, agus gun teid am fear a dhinnseas an fhìrinn a chumail air ais.”

Tha càradh aig teagasg na cosamhlachd, ar leam, ri suidheachadh ghnothuichean anns aGhàidhealtachd againn fhéin aig an àm so. Chan urrainn mi ach a bhi smaoineachadh air cho ao-coltachs a tha cuid, a shaoil gum be an dleasdanas sinne fhàgail, agus an Eaglais anns aGhàidhealtachd gu h-àraidh a bhriseadhn a bloighdean, ris na seirbhisich anns achosamhlachd a ghabh comhairle am maighstir. Cha chuir mi an teagamh an eud, ach tha mi acur an amharus an gliocais, agus an seòladh bho shuas. Chunnaic iad, ma bfhior dhaibh fhéin, cogul am measg achruithneachd, agus a steach a ghabh iad am measg an arbhair a spionadh achoguil, agus a nis tha aGhàidhealtachd fo eud gun eòlas, coltach ri achadh arbhair air a shaltairt fo chasan dhaoine. Tha cuid de sheirbhisich anns an so nas glice nan


[24]

Tighearna fhéin. Saoilidh mi fhéin nach urrainn e bhi achn a cheisd orra fhéin air uairean cia aca is rinn iad de mhaith na dholc anns na ceuman a ghabh iad. Ma chaidh aca air an cogul a spionadh tha eagal orm gun dthug iad dòrlach no dhà leò dhen chruithneachd còmhla ris; agus a thaobh mar a dhfhàg iad an t-achadh gu léir cha chreid mise nacheil e cur gàirdeachais an cridhe fir-chur achoguil. ’S e so mo bheachd-sa co-dhiùbh, agus tha mi asmaoineachadh gum bheil mòran leam anns abheachd sin aig am bheil spéis do staid spioradail agus mhodhannail ar Gàidhealtachd.

Anns acho-dhunadh: Ge be sam bith cia mar a tha gnothuichean a thaobh nan Eaglaisean air fad, ceasnaicheadh gach neach e féin cia dhiubh a tha e dhen chogul no dhen chruithneachd, a tha le chéile anns na h-uile Eaglais, air cho glans gem bi i a thaobh teagaisg agus cleachdaidh, agus cuireadh e suas ah-uile a dhéireas e urnuigh an t-Salmadair:

Rannsaich mi, a Dhé, mo chridhe faic;
Mo smuainte feuch, dearbh mi.

Feuch agus amhairc féin am bheil,
Slighe aingidh olc amchléith;
Is anns an t-slighe shiorruidh chòir,
Gu direach treòraich mi.”
SALM, cxxxix. 23-24.

titleAn Cogul Am Measg A’ Chruithneachd
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page