[25]

AN T-IONMHAS AGUS AN NEAMHNUID.
(MATA, xiii. 44-46.)

THA againn an so chosamhlachd ghoirid a tha teagasg nam fìrinnean ceudna, ach le dealachadh ann am puincean. Seallamaid an toiseach ris na fìrinnean a tha coitchionn eadar na dhà; agus a rìs beachdaichidh sinn air na h-eadar-dhealaichidhean. Tha na cosamhlachdan ateagasg dhuinn trì nithean: Luachmhorachd rioghachd néimh innte fhéin; an luach a dhfheumas daoine a thoirt seachad air a son; agus an sealbh a tha iad mar sin afaotainn oirreluachmhorachd, luach-ceannach, coir-sheilbh, na rioghachd.


Luachmhorachd rioghachd néimh innte fhéin.

Tha i cosmhuil ri ionmhas falaichte agus ri neamhnuid mhaisich. Tha samhladh so an ionmhais atachairt oirnn ann an iomadh àite dhe na Sgriobturan. Tha e air a ràdh mu ghliocas ann an leabhar nan Gnàth-fhacal (caib., ii. 4-5) , “Ma dhiarras tu i mar airgiod, agus ma rannsaicheas tu air a son mar air son ionmhasan falaichte: an sin tuigidh tu eagal an Tighearna,


[26]

agus gheibh thu eòlas Dhé.” Be Gliocas Criosd, mum bheil Pòl ag ràdh anns an litir a dhionnsuidh nan Colosianach (caib., ii. 3), “Anns am bheil uile ionmhas aghliocais agus an eòlais falaichte.” Tha an t-Abstol ceudna alabhairt gu tric mu shaoibhreas Dhé agus Chriosd: “Dia a tha saoibhir ann an tròcair” (Eph., ii. 4), “saoibhreas ro-phailt a ghràis” (ii. 7), “saoibhreas a ghlòire” (i. 18; Phil., iv. 19; Col., i. 27), “saoibhreas a mhaitheis, agus fhoighidinn, agus fhad-fhulangais” (Rom., ii. 4), “saoibhreas Chriosd nach faodar a rannsachadh” (Eph., iii. 8), agus mar sin air adhairt. So an t-ionmhas: na tha aig Dia air son dhaoine ann an Criosd. So an t-ionmhas mum bheil an Salmadair ag radh, “Cia mòr do mhaitheas a thaisg thu dhaibh-san dan eagal thu!” (Salm, xxxi. 19). Tha an t-ionmhas so taisgte anns aBhiobull, mar a thuirt an Slànuighear ris na h-Iudhaich, “Rannsaichibh na Sgriobturan … ’s iad sin a tha toirt fianuis mu mo thimchioll-sa” (Eoin, v. 39), ach gu h-àraidh ann an Criosd e fhéin, mar a chunnaic sinn a cheana (Col., ii. 3), “Oir be deagh thoil an Athar gun còmhnuicheadh gach uile iomlanachd annsan” (Col., i. 19).

Tha an fhirinn cheudna air a cumail a mach le samhladh na neamhnuid. Bi an neamhnuid an seud bu luachmhoire ri linn ar Slànuighear a bhi air an talamh. Tha an daoimean air a


[27]

h-àite a ghabhail anns an sam bheil sinne beò. Tha rìs an samhladh ceudna gu tric air a chleachdadh, gu h-àraidh anns an t-Seann Tiomnadh. Tha Iob ag radh mu ghliocas. “Air coireal no neamhnuidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle” (Iob, xxviii. 18). “Is luachmhoire i na na seudan” (Gnàth-fhacal, iii. 15). “Is fearr gliocas na na clachan-luachmhor” (Gnàth-fhacal, viii. 11). Tha aon neamhnuid a mhàin air a h-ainmeachadh gu bhi toirt a mach na fìrinn gum bheil rioghachd Dhé agus a beannachdan air thoiseach air na h-uile maith eile gun choimeas ann, ceart mar a tha an Salmadair ag radh, “Aon do mhiannaich mi bho Dhia” (Salm, xxvii. 4); no mar a tha Pòl ag ràdh, “Aon tha mi adeanamh” (Phil., iii. 13); no mar a tha an Slànuighear fhéin ag radh, “Tha aon ni feumail” (Lucas, x. 42). So an , ma tha, a tha air a theagasg, luachmhoireachd rioghachd néimh innte fhéin, eadhon Dia fhéin a bhi aig an anam mar a chuibhrionn,

Cuibhrionn mo chup is moighreachd, Dia:
S tu sheasas dhomh mo chrann.
An àitibh aoibhneach thuit mo lion:
S leam oighreachd bhreagha nach gann.”
SALM, xvi. 5.


Luach-ceannach na rioghachd,

no ciod is fhiach a thoirt seachad air a son a chum a cosnadh. Anns na cosamhlachdan reic


[28]

an dithis na bha aca gu léirmheas acheud fhear gum bfhearr an t-ionmhas airn a thuit e na na bha aige anns an t-saoghal air fad; agus an ceannaiche, a dhaindeon na bha aige de neamhnuidean luachmhor air an ceannach a cheana, mheas e gum bfhiach an aon neamhnuid so air an damais e, chan e mhàin na bha aige de neamhnuidean, ach na bha aige anns an t-saoghal gu léir, agus dhfhalbh esan cuideachd agus reic e na bha aige. Sin agaibh malairt rioghachd néimhcall nan uile nithean eile gus a cosnadh. Tha an reic a than so acumail a mach dhuinn an luach a dhfheumas sinne a chur air beannachdan spioradail rioghachd Dhé. So agaibh brìgh na ceisde sin a chuir Criosd aon uair, agus dha nach dthugadh freagradh fhathast, “Ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged a choisneadh e an saoghal uile, agus anam féin a chall? No ciod i mhalairt a bheir duine air son anama?” (Math, xvi. 26).

Feumaidh reic agus ceannach a bhi ann. Feumaidh daoine an roghainn a dheanamh eadar Criosd agus an saoghal. Chan urrainn iad a thaobh rioghachd Dhé cleas nan drobhairean o shean a dheanamh, agus na tha eatorra fhéin agus Criosd a roinn. Cha dean Criosd bargan sam bith dhen t-seòrsa sinfeumaidh e a phrìs fhéin fhaotainn airneo cha toir e seachad an rioghachd. So mar a fhuair Pòl cùisean, ach


[29]

cha do stad e an imcheisd. “Ach na nithean,” arsesana bhan am buannachd dhomh, mheas mi iad sinn an call air son Chriosd” (Phil., iii. 7). Agus bhuanaich e dhen inntinn sin a dhaindeon na dhfhuiling e, agus e nisn a phriosonachs an Roimh, ceangailte ri saighdear le slabhraidh, agus am bàs abagradh air ah-uile . “Seadh gun amharus, agus tha mi ameas nan uile nitheann an call air son ro-oirdhearcais eòlais Iosa Criosd mo Thighearna: air son an dfhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi ameas gur aolach iad chum gun coisninn Criosd” (Phil., iii. 8). Sin agaibh fear areic na bha aige uile, agus a cheannaich an rioghachd.” Be Maois fear eile dhiubh sin, mum bheil e air a chur sios gundhiult e a bhi air a ghairmn a mhac do nighinn Pharaoh; aroghnachadh àmhghair fhulang maille ri sluagh Dhé, roimh shòlas apheacaidh a mhealtuinn seal: ameas gum bu mhò an saoibhreas masladh Chriosd na ionmhas na h-Eiphit: oir bha sùil aige ris an luach-saoithreach” (Eabh., xi. 25-26).

Cha be so an roghainn a rinn an t-uachdran òg aig an robh mòran saoibhreis. An uair a thuirt Iosa ris, “Reic, na h-uile nithean a tha agad, agus thig agus lean mise,” dhfhalbh e gu tùirseachbha an luach-ceannach ro dhaor leis. Cha do chuir e uidhir a mheas air an rioghachd


[30]

agus gun toireadh e suas na h-uile nithean a bha aige air a son. Bfhearr leis leantuinn ri chuid saoibhreis shaoghalta na sealbh a bhi aige air rioghachd Dhébfhearr leis an saoghal na Criosd. Nach e rinn an roghainn amaideach? Cha chall dha-rìreadh do neach air bith Criosd a roghnachadh agus a leantuinn, ach is buannachd shiorruidh dha sin. “Oir dhomhsa,” arsa Pòl, “a bhi beò is e sin Criosd, agus bàs fhaotainn is buannachd dhomh so” (Phil., i. 21).

Ach mus dealaich sinn ris aphuinc so, facal bhon so air luach aBhiobuill mar am fearann anns am bheil saoibhreas Chriosd falaichte. Ciod e am meas bu chòir daoine a chur air aBhiobull? Gheibhtear Biobull a nis air sgillinn no dhà, ach bha uair ann gur gann a gheibhteadh Biobull idir, ach le mòr-shaoithir, agus air mòr-phrìs. Is cuimhne leam-sa an t-Urramach Calum MacRisnidh, a bhas an Rudha, an Leòdhus, a bhig innse mar a chaidh e fhéin, an uair a bha en a ghille òg, a dhaon ghnothuich dhan Eilean Sgitheanach a dhiarraidh Biobuill, a chionns nach robh aon ra fhaotainn an Eilean Leòdhuis. Dearbhaidh am meas a tha sinn acur air leabhar Dhé am meas a tha sinn acur air Criosd, agus air nithean rioghachd Dhé. Eadar cho iosals a tha prìs aBhiobuill, agus na tha de sgoil aig daoine an diugh, chaneil leisgeul


[31]

aig neach sam bith a bhi gun Bhiobull, no a bhi adearmad a bhig a leughadh, agusg a rannsachadh.


Sealbh na Rioghachd.

Am fear a cheannaich am fearann, bu leis fhéin e tuilleadh leis na bha ann. Am fear a cheannaich aneamhnuid bu leis fhéin i agus cha robh a chridhe aig neach a toirt uaithe. Fhuair iad le chéile còir chinnteach, sheasmhach, air an ni a cheannaich iad le luach. So acheud ni a tha sruthadh bho neach a bhi ameas nan uile nitheann an call air son Chriosd, agus a bhig a thoirt fhéin suas gu buileach dhatha Criosd agus a shaoibhreas uile air an deanamh cinnteach dha, tha e afaotainn làn-sheilbh ann an rioghachd néimh agusn a beannachdan. Cha dfhuair neach sam bith a riamh, agus chan fhaigh, fior chall le bhi deanamh roghainn de Chriosd agus a sheirbhis. Chi Criosd mun sin. “Bheir mi abheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, ni mo a spionas neach air bith as mo làimh iad” (Eoin, x. 28). Ach chan e sin a mhàin, ach gheibh iad air uairibh, eadhon anns abheatha so, tuilleadh agus na chaill iad air a sgàth. “Gu deimhin, deimhin, tha mi ag radh ribh,” tha e ag radh, “nacheil neach sam bith a dhfhàg, tigh no bràithrean, no peathraichean, no athair,


[32]

no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann, air mo shon-sa, agus air son an t-soisgeil, nach faigh acheud uireads an aimsir so féin, tighean, agus bràithrean, agus peathraichean, agus màthraichean, agus clann, agus fearrann, maille ri geur-leanmhuinn; agus anns an t-saoghal a tha ri teachd abheatha mhaireannach” (Marc., x. 29-30). Ma tha thu ag iarraidh do chòir an Criosd a dheanamh cinnteach, chan e mhàin thoir thu fhéin dha, ach mar an ceudna bi ullamh gu fulang air a shon. “Ma dhfhuilingeas sinn righichidh sinn mar an ceudna maille ris” (2 Tim., ii. 12). Fhaic sibh Pòl, a dhfhuiling call nan uile nithean air a shon, an ni a tha e ag ràdh faisg air crìch a thuruis, “Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chriochnaich mi mo thurus, ghleidh mi an creidimh, o so a mach taisgear fa mo chomhair crùn fireantachd, a bheir an Tighearna, am breitheamh cothromach dhomhs an ud: agus chan ann dhòmhsa a mhàin, ach dhaibh-san uile mar an ceudna, leis an ionmhuinn a theachd-san” (2 Tim., iv. 7-8) . “Mas es gum fuiling sinn maille ris, glòraichear sinn maille ris mar an ceudna” (Rom., viii. 17). Aleluia! nach ann againn a tha an oighreachd!

Chan e sin a mhàin, ach bheir e dearbhadh dhuinnn ar cridheachaibh air a dheagh-ghean fhéin. Tha cuimhne agaibh an a thachair


[33]

dhan duine a rugadh dall ach a fhuair a fhradharc bho Chriosd. An uair a thilg na h-Iudhaich a mach as an eaglais e choinnich ris aig an dorus? Choinnich Criosd, agus an sin thug Criosd dha làn-fhoillseachadh air fhéin. Nach do rinn so suas dha, agus barrachd mòr, air son na dhfhuiling, agus na chaill e air son Chriosd. Chaill e còir air an Eaglais a bhos, fhuair e sealbh chinnteach air an Eaglais shuas. Tha dùil aig muinntir an t-saoghail gur beag na tha dhaoibhneas aig sluagh an Tighearna anns abheatha so, ma tha e idir aca, ach nach iad a tha air am mealladh? Cluinnibh an t-òran a bha aig Daibhidh agus e air a chuairteachadh le nàimhdean, “Chuir thu aoibhneas ann mo chridhe nas na an uair is pailte an arbhar agus am fion-san” (Salm, iv. 7.) Faicibh Pòl agus Silas anns aphrioson agus an casan anns acheap, aseinn nan Salm agus nan Laoidh-mholaidh do Dhia.

Tha rioghachd néimh an so air a samhlachadh ri neamhnuid luachmhor. Tha so atoirt gu mo chuimhne naidheachd mun Urramach, an t-Ollamh Iain Newton. Bha en a mharaiche, agusn a sgibeir soithich, mus robh en a mhinistear. An uair a bha e an imcheisd a thaobh anam thachair dha a bhi aig acarsaid am Bàgh Venice. An sin chunnaic e aisling. Bhruadair e gun robh e air bòrd an t-soithich,


[34]

agus gun dthainig far an robh e neach a bha ro mhaiseachn a dhreach, agus a thug neamhnuid ro-luachmhor dha, ag radh ris a gleidheadh gu tearuinte gus an tigeadh esan a rìs ga h-iarraidh air. Air dha-san falbh thainig neach dubh-dhreachach, agus dhiarr e air aneamhnuid a thoirt dhasan. Cha robh e deònach sin a dheanamh an toiseach, ach bho dheireadh, le cainnt mhiodalaich, thug e air a toirt suas da, agus cha luaithe a rinn e sin na thilg aneach dubh-dhreachach aneamhnuid thar bòrd a mach anns achuan. Ghrad las na speuran le dealanaich agus dhùisg an tàirneanach mhòr agus chriothanaich an talamh le crith-thalmhainn. Chaidh Newton fhéin air chrith leis an eagal, ach thug am fear dubh gàire na fochaid as, agus thàr e air falbh. Cha robh fios aig Newton ciod a dheanadh e gus an dthainig a rìs acheud neach, agus a dhfheòraich e dheth, càite an robh aneamhnuid a thug e dha ra chumail. Dhinnis Iain Newton sin dha. Leum e an sin a mach anns achuan sios dhan doimhne anns an robh aneamhnuidn a luidhe agus thainig e nios agus i aigen a làimh. Thainig e air bòrd agus thug e aneamhnuid air a h-ais do Iain Newton. “Sin agad,” arsesananeamhnuid a chaill thu le do ghoraichid fhéin. Shaor mise i. ’S fhearr dhuit a nis a toirt dhomhsa air a h-ais agus gleidhidh mise dhuit i gu tearuinte


[35]

gus an a dhiarrar ort a rìs i.” Rinn Newton sin; bhris an agus dhùisg e. Bu bhruadar e, ach bha Dia ann, agus chaidh a bheannachadh dha. Be aneamhnuid anam, be acheud neach Criosd, be an dara neach Satan; agus dhfhoglum Newton uaithe sin gum béigin dha anam earbsa gu buileach ri Criosd, agus rinn e sin. An do rinn thusa so, a leughadair? Mur do rinn nach dean thu nis e? Nach abair thu comhla ris an t-Salmadair,

“ ’S mi dòglach, mac do bhan-oglaich,
Mo chuibhreach bhriseadh leat.”
SALM, cxvi. 16.

Chunnaic sinn a cheana beagan mu na puincean a thaobh am bheil an chosamhlachd so acòrdadh. Thig sinn a nis gu bhi abeachdachadh air na puincean sin anns am bheil dealaichidhean eatorra. Cha robh an Tighearna air an chosamhlachd a liubhairt dhuinn mur a biodh atharrachadh teagaisg air chor-eiginn a bheachd. Nis, an uair a bheachdaicheas sinn gu mion air an chosamhlachd chì sinn air a chur air ar beulaobh sheòrsa rathaid anns am bheil daoine ag amais air rioghachd néimh: ann am briathran eile sheòrsa iompachan. Aguss maith gum bheil rioghachd néimh cho farsuing agus gun gabh i steach innte an sheòrsa. Seallamaid orra:


[36]

Am fear a fhuair an t-ionmhas.

Tha e coltach nach robh dad a dhùil aige ri leithid fhaotainn far an dfhuair e e. Thuit e air an ionmhas. ’S maith a dhfhaodta gur e fear oibreach a bhann dhethduine bochd asaoithreachadh air son arain làitheil an uair a thuit am fortan air. Bha en a dhuine saoibhir air ball. Tha am fear son a shamhla air amhuinntir a tha air an iompachadh gu h-obann, an uair is maith a dhfhaodta nach robh dùil aca ri leithid a ni a thachart idir orra. Tha iomradh gu leòr againn ann an eachdraidh na h-Eaglais air an leithide sin. Tha Sacheus againnneach dhan daobharaich neònachas e shreap suas anns achraoibh gu sealladh fhaotainn air Iosa. Fhuair e barrachd air na bha dùil aig risfhuair e rioghachd néimh. Tha fear-coimhid aphriosoin againn, agus Saul o Tharsus, risn a choinnich an Tighearna air an t-slighe gu Damascus, ged a dhfhaodas sinn esan a ghabhail a steach fon dara cosamhlachd. Tha mhuinntir so fhathast anns an Eaglais. Baithne dhomhsa gille òg, agus so mar a thuit esan air an rioghachd. Bha coinneamhan soisgeulachg an gleidheadh anns an àite, agus an àite dhàsan a bhin a shuidhe gu h-iosal am measg an t-sluaighs ann a bha e shuas gu h-àrd air an lobhta leis fhéin, aguss i an obair a bha aige, adeanamh


[37]

pheileirean pàipeir, agusg an tilgeadh air ah-uile ceann maol a chitheadh e gu h-iosal fodha. Cha robh e toirt aire no smuain do sam bith a bha an soisgeulach ag ràdh. Aig aon phuinc dheugh an soisgeulach a mach le àrd-ghuth, “caillte, caillte,” agus grad, mar pheileir á gunna, no mar shaighead á bogha, chaidh na facail dhachaidh gu cridhe an fhleasgaich le cumhachd Dhé, agus mhothaich e gun robh e fhéin caillte, agus dhiarr e agus fhuair e tròcair. Bha bhuil air a chaithe-beatha on uair ud. ’S aithne dhomhsa eaglais an Dun-éideann agus uair aig àm suidheachadh nan suidheachan thainig gille òg ag iarraidh suidheachan àraidh, agus cha ghabhadh e fear eile. Dhfhaighnich iad dheth carson a bha e ag iarraidh an fhir ud thar na h-uile suidheachan eile a bha anns an eaglais, agus dhinnis e sin. Thuirt e gun dthainig e steach dhan eaglaisn a choigreach, chan ann a mhàin air an eaglais, ach air Criosd. Shuidh e anns an t-suidheachan ud, agus am measg nithean eile a thuirt am ministear thuirt e nan robh neach air bith anns an eaglais a bhag iarraidh Chriosd dha anam nach ruigeadh e leas caruchadh as abhads an robhgum faodadh e Criosd fhaotainnn a chridhe le bhi creidsinn ann. Ghrad ghabh an gille ògn a chridhe ri Criosd far an robh en a shuidhe, agus bha e nis ag iarraidh dha fhéin an t-


[38]

suidheachain ud anns an dfhuair e Criosd. Tha cuimhne agam air a thuirt duine maith rium fhéin, fear air an robh cuid dhe mo leughadairean mion-eolach, Domhnull Ros, an greusaiche, a bha ann an Stiòrnabhagh. “Tha sibh,” arsesan, “acur an teagamh gum bheil mise acreidsinn ann an iompachadh obann; ach am bheil sibh afaicinn an stùil a than so,” agus e bualadh a làimhe air an stòl air an robh en a shuidhe, “ma fhuair mise riamh Criosd dha manams ann air an stòl sin a fhuair mi e, agus nam burrainn mi chuirinn ann an òr e.” Baithne dhomh fear eile, aguss e fuineadair a bhann, a fhuair solus agus saorsa, agus e ri fuine, bho na briathranTha e Criochnaichte.” Ach ciod thige a theirinn tuilleadh air aphuinc so, oir bha is tha is bidh an leithid sin de iompachain anns an Eaglais cho fads a bhios eaglais a bhos air thalamh annmuinntir a thuit air ionmhas rioghachd néimh an uair nach robh dùil sam bith aca ris.

Tha a rìs comharadh eile air amhuinntir so, gur tric a tha iad ro bhlàthn an aignidhean. Bha am fear anns achosamhlachd air a lionadh le aoibhneas. ’S annair sgàth a ghàirdeachaisadhimich e agus a reic e na bha aige.” Tha cuid mar sin mar a bha na h-Abstoil an deigh na Cuingischaneil en comas daibh gun na nithean a chunnaic agus a chuala iad a labhairt


[39]

(Gniomh, iv. 20). Tha iad mar dhaoine air mhisg le fion na rioghachd. Mar a chuala mi Aonghus Domhnullach, a bha anns na h-Earadh ag ràdh, air ceisde. Dhinnis e seanchas mu mhuinntir ann an aon de bhàigh na h-Earadh, a fhuair tocsaid de dheoch làidir air chor-eigin air achladach. Shuidhich iad nach innseadh iad do neach sam bith eile naidheachd na fhuair iad, ach gun cumadh iad an a fhuair iad dhaibh fhéin. Ach an uair a dhearg an deoch làidir orra sud suas iad gu mullach a chnuic a bàirde anns abhaile ag éigheach a mach, “O fheara, thigibh an so, chan fhaodar a chleith.” “Sud agaibh,” arsAonghas, “an rathad anns am bheil gràdh Dhé acur dhaoine air mhisg ionnus nach urrainn dhaibh anaidheachd mhaith a chumail aca fhéin; feumaidh fios a bhi aig achoimhearsnachd, agus aig an t-saoghal, air.” Tha iad son an teachdairean anabarrach eudmhor an t-soisgeil. ’S e so a thag aobharachadh gum bheil na Gàidheiln an teachdairean-céin cho foghainteach. Chan ainmich mi ach dithis dhiubh aig an àm soan t-Urramach Dr Duff; a bha aig ar n-Eaglais fhéins na h-Innseachan, agus an Dr Macanléigh, teachdaire-céin ainmeil na h-Afric. Bha iad sin le chéilen an Gàidheil. Bhuineadh an Dr Duff do shiorramachd Pheairt, agus an Dr Macanléigh, a thaobh a shinnsireachd, do eilean Ulbha. ’S e cho blàths a tha an Gàidheal


[40]

n a aignidhean a thag aobharachadh dha e bhin a theachdaire soisgeulach cho eudmhor agus foghainteach aon uair agus gum bris airgloir Dhé ann an Iosa Criosd.”

Aon ni eile a thaobh na muinntir so. Tha atharrachadh nan gràs annta anabarrach follaiseach, eadhon on leith a muigh. Bhiodh am fear so anns achosamhlachd car coltach ri neach mun cuala mi airn a thuit fortan mòr. Bha en a fhear-oibreach, navvy, mar a their sinn anns aBheurla. Thainig an sud am post far an robh iad ag obair, agus dhfhaighnich e an robh a leithid so de fhearn am measg, ’g a ainmeachadh, chionns gun robh litir aige air a shon. Thuirt am fear so gum besan an duine, ach gum bioghnadh leis gum biodh litir ann air a shon-san. Fhuair e an litir, agus an uair a dhfhosgail e i ciod a bha innte ach naidheachd fortain a bha air tuiteam air. Air ball thilg e uaithe an ceaba a bha aigen a làimh, agus arsesan ra chompanaich, “Beannachd leibh, mo sheana chompanacha, tha misen a moighre air fortan mòr, agus chaneil mi gu bhin a mfhear-oibreach tuilleadh.” Agus dhfhalbh e air ball gus fhortan a shealbhachadh. Sin mar a tha a thaobh na feadhnach so airn a thuit rioghachd Dhé agus a h-ionmhas, tha iad acur cùl gu buileach ran seana chompanaich, agus chleachdaidhean, agus tha iad gu follaiseachn


[41]

an creutaran nuadh. Mar a chuala mi a thachair ri fear a bàbhaisd a bhi machs a steach dhan tigh-osda. Thachair seann chompanach air agus arsan seana chompanach ris, “Thig a stigh a dhuine agus bidh gloine againn.” “Cha téid,” arsesan. “Carsonarsam fear eile. “Companach a tha agam,” arsesan, “agus ma théid mise a stigh, feumaidh mi esan fhàgail a muigh.” “Càite am bheil e,” arsam fear eile, ’s e sealltainn timchioll— “nach toir thu steach leat e?” “Cha téid e steach leam,” arsesan, “ ’S e Criosd a tha ann, a fhuair mi o chionn ghoirid mar mo charaid, agus mo chompanach, agus cha dhealaich mi ris.” Agus dhfhalbh e gun a dhol a stigh. “Ma tha neach sam bith ann an Criosd is creutar nuadh e: Chaidh na seann nithean seachad, feuch, rinneadh na h-uile nithean nuadh” (2 Cor., v. 17). Sin agaibh, ma tha, aon seòrsa iompachainamhuinntir a tha tuiteam air ionmhas na rioghachd gu h-obann, a tha air ball air an lionadh làn le gàirdeachas do bhrigh iongantas an a fhuair iad, agus a tha bhon uair sin a mach gu follaiseachn an creutaran nuadh. Sin teagasg na ceud cosamhlachd.


Am Fear a Fhuair an Neamhnuid.

Tha an dara cosamhlachd atoirt ri ar n-aghaidh seòrsa iompachain eilemuinntir a thag


[42]

amais air an rioghachd an lorg an iarrtuis agus an rùin. ’S e ceannaiche a bha anns an dara fear, dham baon ghnothach a bhi ag iarraidh neamhnuidean maiseach, aguss ann air cois a shaoithreach a dhamais e air an aon a bfhearr. Tha muinntir ann agus tha iad afaotainn rioghachd Dhé an deigh bhliadhnachan de shaoithir agus de shireadh, ag iarraidh sìthe agus ag iarraidh fìreantachd agus maith gun a bhi ag amais orra dha rìreadh gus an damais iad air Criosd. Dhiubh so bha Pòl féin a bha coguiseach eadhon an uair a bha e ageur-leanmhuinn na h-Eaglais (Gn., xxiii. 1; xxiv. 16; xxvi. 9), agus a bhaa réir na fìreantachd a thas an lagh neo-choireach” (Phil., iii. 6). ’S ann dhiubh so cuideachd a bha Luther, an t-ath-leasaicheir, agus Wesley, an soisgeulaich, agus Chalmers, ceannard an Dealachaidh. Bha iad sin uilen an daoine a bha ag iarraidh fìreantachd rioghachd Dhé fada mus dfhuair iad i ann an Criosd. Dhiubh so cuideachd bha duine ainmeil ann an ceud linn Eaglais an Tiomnaidh Nuaidh, Justin Martyr. Bha en a fheallsanach ag iarraidh gliocais fada mus robh en a chriosduidh; achs ann an lorg a bhi mar so ag iarraidh gliocais a dhamais e air Criosdanns am bheil uile ionmhas aghliocais agus an eòlais falaichte.”

S e, mar so, an dara comharradh a tha orra so, gur muinntir iad as mo a tha air an gluasad


[43]

len inntinn na len aignidhean. ’S e ceannaiche a bha anns an duine so anns achosamhlachd. Cha deanadh e , bargan no eile gun chunntas roimh làimh. So mar a tha amhuinntir air am bheil en a shamhladh. Bha inntinn mhòr aig na daoine sin uile a dhainmich sinn. Cha bann gu h-obann a rinn iad sam bith, ach an deigh smuain agus cunntas chosd. Tha Pòl mar so an comhnuidhameas” (Rom., viii. 18; Phil., iii. 7-8) “abreithneachadh” (2 Cor., v. 14), agus ag iarraidh oirnn a bhi ameas mu nithean rioghachd Dhé (Rom., vi. 11). ’S e ceannaiche a bha ann deth, agus bha e a ghnàth acur na calldachd agus na buannachd fa chomhair a chéile, agusg an tomhais air meigh an ionaid naoimh. Tha iad so agluasad chan ann a réir am faireachdan ach a réir am breithneachaidh agus an tuigse. Ged a tha an cridhe blàth tha barrachd aig acheann air achridhe, agus na fìrinnean sin a tha agluasad cridhe agus caithe-beatha tha iad aruigheachd air an cridhe tre an inntinn.

Tha feum mhòr aig aGhàidhealtachd air a leithid so de chriosduidhean, daoine agus mnathan ciallach toinisgeil a thomhaiseas cùisean, agus nach bi air an gluasad a null agus a nall leis ah-uile oiteig gaoithe de amharus agus de theagamh a dhfhaodas séideadh orra á cearnaidh sam bith, acur am faireachdan troimhe chéile


[44]

air son na h-uaire, agus atoirt orra nithean a dheanamh agus a ràdh dhen gabh iad aithreachas a rìs, ged nach leig am pròis leò sin aideachadh. Is maith agus is fheumail an teine an uair a tha e fo cheannsail, ach tha cunnart mòr ann an uair a tha a chead fhéin aige.

S e an treas comharradh orra so nacheil, aig uairean co dhiùbh, uidhir a dhatharrachadh on leith a muigh ra fhaicinn orra agus a tha air acheud chuid a dhainmich sinn. Bha Justin Martyrn a fheallsanach mus robh en a chriosduidh, ach an deigh dha a bhin a chriosduidh lean e air a bhin a fheallsanach agus cha do chuir e riamh dheth deise an fheallsanaich. Bha Wesley agus Chalmersn am ministearan mus dthainig iad gu làn sholus na fìrinn mar a tha i ann an Iosa, agus an deigh an iompachaidh lean iad mar sin. Bha brìgh agus buaidhn an teagasg nach robh roimhesin na bha a dhatharrachadh ann; bha e na bu mhò thaobh fìrinn na bha e thaobh coltais. Ann am briathran eile: ged a thug na fhuair iad air acheud fheadhainn an seann chaithe-beatha a thréigsinn gu buileachs e thug e air an dara muinntir na seann nithean a dheanamh an dòigh a bha tur nuadh. Dhfhan an ceannaichen a cheannaiche, am feallsanach, ’n a fheallsanach, am ministearn a mhinistear, fear na stàtan a fhear-stàta, ach bu mhòr an dealachadh a bha anns an


[45]

dòigh annsn a chuairtich iad a nis dleasdanais an gairmean.

ni anns acho-dhùnadh.

Feumaidh an sheòrsa chriosduidhean a chéile a thuigsinn aguss éigin dhaibh giùlan le cach a chéile. Tha feum air caochladh sheòrsa chriosduidhean anns an Eaglais. Ach tha iad ealamh gu dhol a mach air a chéile. Bidh mi air uaireann a mo mhac-meamna fhéin acur nan trì iompachain, Timoteus agus Lidia agus fear-coimhid aphriosoin, a chomhradh ra chéile. Chì mi iad anns an dol a mach amharusach a thaobh a chéile, no dhan taobh fhéinFear-coimhid aphriosoin acur ann an teagamh iompachadh Thimoteuis a chionn nach robh no uair aige a thaobh am burrainn e a radh gur ann aig an uair sin a chaidh iompachadh; agus e teagmhach cuideachd mu Lidia do bhrigh agus ged a bha is uair aice nach dthainig i riamh fo fhior dhùsgadh mar a thainig e fhéin; agus Timoteus agus Lidia leith-amharusach mun timchioll fhéin a chionn nach dfhuair iadsan a riamh an dùsgadh mòr a fhuair fear-coimhid aphriosoin; air neo iad ag radh nach robh ann am fear-coimhid aphriosoin achrevivalair an dthainig an t-atharrachadh, ge be sam bith ciod a bhann, car luath agus air dhòigh neo-àbhaisteach. Ach mu dheireadh chunnaic iad gun robh an t-aon feumail aca le chéile,


[46]

eadhon Criosd agus a shaoibhreas, ged a dhamais iad air an caochladh dhòighean.

S i cheisd mhòr dhuinn uile, chan e ciamar a dhamais sinn air an rioghachd, ach an damais sinn idir oirre. An dfhuair sinn Criosd na h-uile anns na h-uile dha ar n-anam? Am bheil e luachmhor dhuinn? An e is maisiche na deich mìle dha ar n-anam? “Mureil spiorad Chriosd aig neach cha bhuin e dha.” “Mur a beirear duine a rìs chan fhaic e rioghachd Dhé.” ’S i acheisd dhuit-sa, ma tha, a leughadair, chan e cuin no ciamar a rugadh tu, ach am bheil thu a nisn a do bheò-chreutar ann an Criosd. An urrainn dhuit a radh còmhla ris an t-Salmadair,

Do thogadh manam leatsa a Dhé,
Glan as an uaigh a mach.”
SALM, xxx. 3.

titleAn t-Ionmhas Agus A’ Neamhnuid
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page