AN CARAID ’S A’ MHEADHON-OIDHCHE.
(LUCAS, xi. 6-13.)
THA an Tighearna anns a’ chosamhlachd so a’ teagasg dhuinn mar bu chòir buanachadh ann an urnuigh. Tha a’ chosamhlachd gu buileach a’ còrdadh ris na tha tachairt gu tric anns an àird an ear, far am bheil e ’n a chleachdadh aca a bhi siubhal ré na h-oidhche le sùil a bhi seachnadh teas an là. Tha an dealbh air a tharruing dhuinn air dhòigh a tha ealamh gu gàire a dhùsgadh; cha mhòr nach fhaic sinn agus nach cluinn sinn a h-uile ni mar a tha iad a’ tachairt. Tha an duine o’n leith a stigh ’n a cheud chadal an uair a tha e air a dhùsgadh le gnogadh mòr aig a dhorus. Tha sinn a’ cluinntinn a’ chomhraidh agus freagradh grùnsgulach an fhir a tha ’s an leabaidh. Ach thug e e fhéin seachad ann an làmhan a charaid aig an dorus an uair a dh’ innis e dha a shuidheachadh am measg a chuid chlainne. “Ma’s ann mar sin a tha leat,” ars’ am fear aig an dorus, “bheir mise ort gu’n toir thu dhomhsa na tha mi ag iarraidh,” agus leis an sin a’ toirt an ath ghnogadh na bu truime na am fear roimhe. “An
duine gun nàire a tha e ann,” ars’ am fear anns an leabaidh, “cha dean so an gnothuch idir; dùisgidh e an teaghlach orm agus bidh am mi-shealbh ann—feumaidh mi éirigh agus na builionnan a thoirt dha,” agus leis an sin tha e ag éirigh agus ’g an toirt da. Cosmhuil ris an duine so, feumaidh sinne buanachadh ann a bhi ag iarraidh gus am faigh sinn. Chì sibh gu h-àraidh gur h-ann mu thiodhlac an spioraid naoimh a tha an Tighearna a’ labhairt. Nis, tha fhios againn nach ’eil an Tighearna mi-dheònach an spiorad naomh a thoirt dhuinn. Tha cuid de nithe a thaobh am bheil e fior gu ’m feum sinn an iarraidh mar nithe a dh’ fhaodas an Tighearna àicheadh dhuinn agus a thaobh am feum sinn a bhi striochdta dh’a thoil, ach cha ’n ’eil tiodhlac an spioraid, no beannachdan spioradail, am measg nan nithean sin; tha a thoil foillsichte mu’n timchioll, gu ’m bheil e ghnàth deònach an toirt dhuinn. C’arson, ma ta, am bheil againn, air uairean mar a tha an Tighearna ann an so a’ teagasg, ri buanachadh ann a bhi ’g iarraidh? Tha dà aobhar air an sin:
Gus dearbhadh a chur air ar treibhdhireas, dh’ fheuch am bheil sinn dha rìreadh ’g an iarraidh.
Gu dé a chuir an duine so gu dorus a charaid aig meadhon oidhche? Chuir an éigin. Cha
b’urrainn e dhol as aonais nam builionn. An ann mar so a tha sinne ag iarraidh bheannachdan spioradail—gu h-àraidh ag iarraidh an Spioraid naoimh? Am bheil sinn ’g an iarraidh mar nithe nach urrainn sinn deanamh as an aonais? Agus cha b’ann air a shon fhéin a mhàin a bha an duine so ’g an iarraidh ach air son aoidheachd dh’a charaid. ’S e feuman a charaid a bha ’g a chur thige. Sin mar a tha leinne. Tha muinntir eile gu tric an urra ruinn agus a’ sealltuinn ruinn air son maith, agus ’s maith a dh’fhaodta, sinne mar a bha fear an tighe so, gun nì againn a bheir sinn dhaibh. Tha cuid againn ’n ar pàrantan, cuid againn ’n ar luchd-teagaisg agus ’n ar ministeirean, tha na h-uile againn ann an dàimh mar choimhearsnaich no mar chàirdean ri muinntir eile a tha an crochadh ruinn air son nithean spioradail, mur a teid iad acrach a thaobh nan nithean sin. So an suidheachadh bu chòir ar dùnadh a steach ris an Tighearna fhéin agus ar cur a dh’ionnsuidh a dhoruis-san, agus ar cumail an sin gus am faigh sinn uaith na nithean sin a chuireas sinn air beulaobh chàich. Tha dàil an Tighearna mar sin a’ dearbhadh ar treibhdhireis.
Tha i a’ dearbhadh ar creidimh, dh’fheuch am bheil sinn dha rìreadh a’ creidsinn gu’m bheil nithean maith aig Dia air ar son, agus gu’n toir e dhuinn iad.
Fhaic sibh an duine so—cha robh e air dol idir a dh’ionnsuidh doruis a charaid, no air buanachadh ann a bhi ’g iarraidh, mur an robh e creidsinn gu ’n robh builionnan aige anns an tigh. B’ e sin a chuir a dh’ionnsuidh an doruis e, agus a chum an sin e. Sin mar a tha leinne; “Oir is éigin do ’n tì a thig a dh’ionnsuidh Dhé a chreidsinn gu’m bheil e ann, agus gur e an Ti a bheir duais do ’n dream a dh’iarras e gu dìchiollach” (Eabh., xi. 6).
So, ma tha, teagasg àraidh na cosamhlachd so—nach fheum sinn àicheadh a ghabhail a thaobh bheannachdan spioradail, an uair a tha sinn ’g an iarraidh, gus am faigh sinn iad; mar mhuinntir nach urrainn deanamh as an aonais, agus aig am bheil làn chreidimh ann an saoibhreas, agus ann am fialaidheachd, Dhé. Tha am freagradh cinnteach.
“Bidh easbhuidh air na leòmhnaibh og’,
Is ocras orr’ air leith:
Ach air an dream a dh’iarras Dia,
Cha cheilear aon ni maith.”
SALM, xxxiv. 10.
title | An Caraid ’S A’ Mheadhon-oidhche |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |