[51]

AM BREITHEAMH EUCORACH.
(LUCAS, xviii. 1-8. )

THA an cosamhlachd so a rìs acòrdadh gu buileach ri caithe-beatha agus cleachdaidhean na h-àirde an ear. Chaneil ceartas ra fhaotainn ann ach ainneamh, agus sin le neart abheartais agus achumhachd. Cliù do Dhia nach ann mar sin a tha en ar dùthaich-ne. Faodaidh e bhi nach còrd abhreith ruinn air uairean, mar is maith a dhfhairich cuid againn o chionn ghoirid, ach chan fheum sinn a dhaindeon sin eucoir no -shuim a chur as leith ar breitheamhan. Tha so ag aobharachadh duilgheadas do chuid ann a bhi mìneachadh na cosamhlachd. Cionnus is urrainn an Tighearna eisimpleir duine eucorach a ghabhail gu bhi teagasg dhuinn leasanan spioradail? Maith gu leòr. Anns acheud àite tha an Tighearna, ann a bhi atarruing na cosamhlachd, agabhail dhaoine mar a tha eg am faotainn anns abhitheantas, chan ann mar bu chòir dhaibh a bhi, ach mar a thà iad. Agus anns an dara àite, tha e areusanachadh bho chleachdadh an duine eucoraich suas gu cliù agus cleachdadh an


[52]

mhaith, mar a tha e ag ràdh an àite eile, “Mas aithne dhuibhse a tha olc, tiodhlacan maithe a thoirt dour clainn, nach na sin a bheirur n-Athair a tha air Neamh nithean maithe dhaibh-san a dhiarras air iad” (Mata, vii. 11)?

A rìs, tha an dealbh anns achosamhlachd ullamh gu gàire a thoirt oirnn. Chì sinn abhantrach agus am breithimh ri aghaidh a chéileabhantrach ullamh gu leum air abhreithimh le teangaidh no le dòrn agus gabhail dhà, agus am breithimh fo eagal gun dean i sin, oir is e is ciall anns aGhreugais dhan fhacalsgithichbuille thoirt do neach anns an aodann, no sùil ghorm a thoirt da. So am facal a tha an t-Abstol agnàthachadh an uair a tha e alabhairt mun cheannsail a bha e acumail air a chorp fhéin, “Tha mi atrom-bhualadh mo chuirp, agusg a chur fo smachd” (1 Cor., ix. 27), cleas fir-chatha abualadh a nàmhaid anns an aghaidh. So an t-eagal, ma ta, a bha air abhreithimh, gun gabhadh abhantrach dha air chor-eigin le a teangaidh no le a dòrn, agus gum biodh e air a nàrachadh an làthair na cùirte, no gum béigin dha an t-sràid a shiubhal le sùil ghorm. Tha bantraichean ah-uile tìrn an cuspairean truais, air am fàgail mar is tric gun chobhair gun chuideachadh; ach tha cuid dhiubh an uair a tha an druim ri balla, a sheasas gu dian agus gu làidir air son an còraichean, gu h-àraidh ma


[53]

tha clann aca, agus nach stad aig gus am faigh iad ceartas. ’S ann dhiubh so a bha abhantrach anns achosamhlachd. Agus bhuinig i.

S ionnan teagasg na cosamhlachd so agus teagasg cosamhlachd acharaid air amheadhon-oidhche. Tha iad le chéile ateagasg dhuinn gum bu chòir dhuinn buanachadh ann an ùrnuigh, “Gur còir ùrnuigh a dheanamh a ghnàth agus gun fannachadh,” ach tha aghaidh àraidh aig achosamhlachd so ri suidheachadh Eaglais Dhé air fad, agus a cùis anns an t-saoghal. Tha staid an t-saoghail agus staid na h-Eaglaise ag aobharachadh mòran cheisdean agus amharusan air siubhal sluaigh Dhé air uairean, agus acur mòr-dhearbhadh air an creidimh. Tha iad ullamh aig aleithid sin a dhamannan a bhi adol chan ann a réir creidimh ach a réir seallaidh. Gheibh sibh an staid inntinn so gu tric anns na Sailm agus anns na Fàidhean. “Ghabh mi farmad ri amadanaibh, ri faicinn soirbheachadh dhaoine aingidh” (Salm, lxxiii. 3). “Is ceart thusa, O Thighearna, an uair a thagram riut: gidheadh ceadaich dhomh labhairt riut mu thimchioll do bhreitheanais. Car son a tha slighe nan droch dhaoine asoirbheachadh? Car son a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro aingidh” (Ier., xii. 1)? Tha dàil an Tighearnan a fhreasdal agus ann am freagradh ùrnuighean a shluaigh gu tricn a


[54]

dhiomhaireachd dhaibh. “Cia fhad a bhios, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dean thu breitheanas, agus an diol thu ar fuil-ne orra-san a than an còmhnuidh air an talamh” (Taisb., vi. 10)? Nis, chaneil achosamhlachd afosgladh dhuinn na diomhaireachd gu buileach, ach tha i ateagasg dhuinn ni a thaobh ar dleasdanais, agus a thaobh na staid inntinn sin a tha iomchuidh dhuinn aig amannan dorcha ann an suidheachadh na h-Eaglais: An toiseach, nach bu chòir dhuinn gu bràth sgur a dhurnuigh air son teachd rioghachd Dhé a dhaindeon coltais on leith a muigh; agus anns an dara àite, gum bu choir dhuinn creidsinn a ghnàth, ged a dhfhaodas Dia air son aobharan a tha fad os cionn ar breithneachaidh, agus ar tuigse, ach a tha aithnichte dhasan, agus a tha maithn a shealladh, dàil a chleachdadh a thaobh a bhi greasad teachd a rioghachd, gidheadh gun tig a rioghachd fa dheòidh agus gu cinnteach an lorg ùrnuighean a shluaigh, agus, ’s maith a dhfhaodta, air dhòigh gu buileach obann, agus an rathad nach robh dùil rithe.

ACheud Leasan:

S ann an uair is duirche a tha nithean a thaobh cùisean na h-Eaglais agus aobhar Dhé air thalamh is a tha dhfhiachan oirnn a bhi buanachadh ann an ùrnuigh. Chan aobhar eu-dòchais agus geilte amannan dorcha, achs


[55]

aobhar ùrnuigh agus dòchais iad. Sin na h-amannan anns an còir sluagh an Tighearna a dhol an co-bhuinn ann an ùrnuigh. Faicibh an dealbh a tha Malachi atoirt duinn air amannan dorcha, agus air cleachdadh agus dleasdanas na h-Eaglais aig a leithid sin a dhàm. Bha mi-chùram spioradail agus dearmad tighe Dhé air tighinn air an t-sluaghs achoitchionnas agus bha eadhon luchd-aideachaidh an ag radh, “Is diomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod abhuannachd dhuinn gun do choimhid sinn òrdugh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh” (Mal., iii. 14)? Aig acheart àm sin chìtear fior shluagh an Tighearna acruinneachadh air son co-labhairt agus ùrnuigh, “An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chéile, agus dhéisd an Tighearna agus chuala e, agus bha leabhar-cuimhne air a sgriobhadhn a làthair, air son na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smuainich air ainm” (Mal., iii. 16). Uime sin, mar is deuchainniche na h-amannan, agus mar is neo-tharbhaiche a gheibhtear ùrnuigh, a réir coltais on leith a muigh, ’s anns acheart uair sin, tha achosamhlachd ateagasg dhuinn, a bu chòir dhuinn meudachadh agus buanachadh ann an ùrnuigh.

An Dara Leasan:

Tha freagradh an Tighearna chan e mhàin


[56]

cinnteach ach obann. Tha e aglacadh naoimh agus peacaich an neo-aire. Tha diomhaireachd mhòr co-cheangailte ri dàlaichean Dhén a fhreasdal. Is esan a mhàin dhan aithne an toiseach agus achrioch agusn a tha eatorra. Ged nacheil achosamhlachd atoirt dhuinn soluis air bith air na h-aobharaichean dàlach sin, agus ged nach urrainn fios a bhi againn orra air fad, gidheadh faodaidh sinn a dhà dhiubh a thogail on Bhiobull.

1. Tha, an toiseach, fad-fhulangas an Tighearna.

Mar a tha an t-Abstol Peadairg a chur, “Chaneil an Tighearna mall a thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille) ach tha e fad-fhulangach do ar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhi caillte, ach na h-uile dhaoine a theachd gu aithreachas (2 Pead., iii. 9).

2. Tha, a rìs, gliocas an Tighearna.

Tha rùintean an Tighearna mòr agus farsuing, agus tha iad ag agairt ùine air son an abuchaidh. Feumaidh an t-olc agus am maith le chéile an làn-thoraidhean a thoirt a mach. Feumaidh mar sin faghaidin a bhi an cleachdadh gus an tig am fogharadh. Tha rioghachd Dhé fa dheòidhn a h-iomlanachd gu bhi mòr agus farsuing; agus mar a dhfheumas bunaitean gach togalach a bhi a réir leud agus àirde na togalach, mar sin feumaidh bunaitean rioghachd


[57]

Dhé a bhi domhain agus leathan agus làidir. Faodaidh tu bothan fiodha a thogail ann an uair no dhà, ach ma tha tigh mòr agad ra thogail gabhaidh sin miosan nos maith a dhfhaodta, bliadhnachan. Nis tha oibre Dhé mòr seach oibre dhaoine, agus ged a bhios dàil an Tighearnan a mòr ann an sealladh agus am beachd dhaoine, chaneil so ach ag éirigh bho aineolas agus bho mhi-ghliocas dhaoine, agus gur creutaran an an diugh iad. Tha iad aineolach air an aon so, gum bheil aon aig an Tighearna mar mhìle bliadhna agus mìle bliadhna mar aon (2 Phead., iii. 8). An uair a thig crioch an Tighearna bidh in a crìch ghlòrmhor, agus nas glòrmhoire do bhrìgh na dàlach.

Bha aig beul caladh New York, anns na Staidean, sgeir mhòr ris an abraisdGeata na h-iutharnaa chionn gun robh i cho cunnartach agus cho sgriosail don luingeas. Chuir na h-Americanaich rompa a toirt as an rathad. ’S e an dòigh a ghabh iad air an sin a dheanamh an sgeir mhòr a tholladh bho thaobh gu taobh, agus a sioss a suas, agus na tuill a lionadh le phùdar. Chaidh an obair so uile air a h-adhairt fon mhuir agusn a broinn. Chaidh i air a h-adhairt mios an deigh mios gun dad a dhatharrachadh air coltas na sgeire on leith a muighshaoileadh daoine nach robh g a dheanamh agus gun robhGeata na h-


[58]

iutharnacho seasmhachs a bha i riamh. Ach cha bann mar sin a bha dha-rìreadh. Thainig an an uair a bha obair a chladhaichidh ullamh agus na h-uile réidh. Chruinnich daoine mòra New York ann an aon sheòmar, an t-àird bhàillidh air an ceann. Leag an t-àird-bhàillidh cudthrom a chorraig air puton beag air a bheulaobh agus air ball bhaGeata na h-iutharnaá bith. Tharruing an t-ullachadh ùin fhada, ach thainig achrioch ann am priobadh na sùla. Sin mar a tha agus a bhios a thaobh rùintean agus rioghachd Dhé. “Cha toir geatachan ifrinn buaidh air Eaglais Dhé” (Mata, xvi. 18). Sgriosar iad fa dheòidh.

“ ’N trath thug Iehobhah air a h-ais
Bruid Shioin, bionnan sinn
Is daoine chunnaic aisling mhòr,
S a mhosgail as an suain.

Lionadh ar beul le gàiran sin,
S ar teangadh fòs le ceòl;
Am measg nan cinneach thuirt iad,
Rinn Dia dhaibh bearta mòr.

Rinn Dia mòr-bhearta air ar son,
Chuir oirnne gàirdeachas.
Iehobhah pill ar bruid a rìs,
Mar shruths an àirde deas.

Iadsan a chuir gu deurach siol,
Gu subhach ni iad buain.
An neach gu cur a theid a mach,
Le siol ro-phrìseil caoin.


[59]

Air bhi dha gul gu muladach,
G a iomchair sud gu fonn;
Le h-aiteas pillidh e gu dearbh,
Agiùlan sguaba tròm.”
SALM, cxxvi.

titleAm Breitheamh Eucorach
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page