AM PHAIRISEACH AGUS AN CÌS-MHAOR.
(LUCAS, xviii. 9-14.)
THA againn anns a’ chosamhlachd so leasan eile air nàdur na h-urnuigh, gu h-àraidh air an spiorad anns an còir urnuigh a dheanamh, eadhon spiorad na h-irioslachd eadar-dhealaichte bho spiorad na féin-fhireantachd agus an àrdain. Agus a rìs, ’s e nàdur deilbhe a tha againn, dealbh dithis luchd-aoraidh a sheasadh, cha ’n e mhàin air son luchd-aoraidh ri linn an t-Slànuighir, ach air son luchd-aoraidh an là an diugh. Tha an dithis fhathast anns a’ h-uile coimhthional, agus faodaidh tu am faicinn là sam bith anns an eaglais. ’S ann aig aoradh choitchionn an teampuill a nochd an dithis an gné dhe ’n robh iad. ’S ann timchioll air dleasdanasan coitchionn a tha daoine gu bitheanta ’g an nochdadh fhéin— ’s ann aig na h-uairean sin a gheibhtear agus a chìtear iad mar a tha iad da-rìreadh. Cha b’ann gun aobhar a thagh an Tighearna an dithis—fear á measg nam Phairiseach, agus am fear eile á measg nan cis-mhaor. Bha na Phairisich diadhaidh o ’n leith a muigh, urramach agus cliùiteach ’n am barail fhéin, agus
am barail dhaoine eile, “daoine maithe” an là, cràbhach, beusach, pongail. Cha ’n ’eil teagamh nach robh na thuirt am Phairiseach fior gu leòr o ’n leith a muigh. B’ e am peacadh an uabhar, gu ’n robh iad “ag earbsadh asda féin gu ’n robh iad ’n am fìreanaibh, agus a’ deanamh tàir air dream eile.” Air an làimh eile bhuineadh an cis-mhaor dh’an dream a bha mi-bheusach agus mi-chùramach agus mi-chliùiteach. Theagamh a rìs gu ’n robh cliù an duine so air fhéin ceart gu leòr eadhon o ’n leith a muigh. Ach ’s ann a bha an dealachadh mòr eatorra ann an spiorad an dithis—aig an Phairiseach bha spiorad an uabhair, aig a’ chìs-mhaor spiorad na h-irioslachd. Tha an dealachadh so air a thaisbeanadh eadhon ’n an giùlan. Tha dòigh seasaimh an Phairisich a’ còrdadh ri seasamh uaibhreach a spioraid. Tha e a’ gabhail àite mar àite a bhuineas dhàsan gun amharus mar dhuine eadar-dhealaichte bho chàch, duine leis fhéin aig am bheil làn-chòir air an àite, mar a tha e air a chur anns a’ Ghàidhlig, “Sheas am Phairiseach leis fhéin.” Air an làimh eile tha an cis-mhaor ’g a ghiùlan fhéin mar neach a tha ’g a fhaotainn féin ann an àite ris nach ’eil e cleachdta, agus air nach ’eil e airidh, agus a tha amharusach m’ a chòir a bhi idir ann. Ach ’s ann an ùrnuighean an dithis a chìtear an t-eadar-dhealachadh spioraid a tha eatorra. Tha an dealachadh r’a
fhaicinn ann an cruth nan ùrnuighean. Tha ùrnuigh an Phairisich òrdail, suidhichte, pongail. Tha ùrnuigh a’ chis-mhaoir ’n a sgread na h-éiginn, mar o dhuine ann an cunnart bàthaidh. Beachdaicheamaid orra le chéile.
Urnuigh an Phairisich.
’S e a’ cheud nì a chì sinn anns an ùrnuigh so, nach ’eil ni de mhothachadh peacaidh innte. Cha ’n fhaigh thu guth an aidichidh idir an so, agus sin do bhrigh nach ’eil mothachadh peacaidh ann. An uair a dh’fhaighnicheas sinn so chì sinn dà nì; an toiseach, gu ’m bheil fìreantachd an duine so a’ co-sheasamh ann an nithean nach robh e—cha robh e ’n fhear-fòr-éiginn, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor; agus ’s an dara àite, gu ’n robh i co-sheasamh, cho fada ’s a bha i deanadach, ann an nithean o ’n leith a muigh—a’ trasgadh agus a’ toirt na deachaimh. A thaobh nan deanadasan o dheireadh so tha aige, cha ’n e mhàin guth an fhéin-riarachaidh, ach guth na comain, mar gu ’n robh Dia fo fhiachaidh dh’ a leithid de dhuine ’s a bha esan ann—duine a bha deanamh eadhon barrachd na bha dh’fhiachaibh air. Chì sibh cho faoin, aotrom, aodomhain, ’s a tha beachdan an duine so air lagh Dhé agus a naomhachd, agus mar sin cho faoin, aotrom, aodomhain, ’s a
bha a bheachdan a thaobh a pheacaidh, ag aobharachadh dha nach robh mar sin aige mothachadh ceart, ma bha mothachadh idir aige, air peacadh. Bha fhìreantachd a’ co-sheasamh ann an nithean o ’n leith a muigh, air dha a bhi call seallaidh gu buileach air spioradalachd lagh Dhé agus air an fhireantachd a tha esan ag agairt. Cho tur eadar-dhealaichte ’s a tha ùrnuigh an duine so bho ùrnuigh agus aideachadh Dhaibhidh anns an aona Salm deug ar an dà fhichead! Dh’ fhàgadh an t-Salm sin leis aig a’ chìs-mhaor bhochd. Bhuineadh an t-Abstol Pòl dh’an dream so uair dh’an robh e; bha e ’n a Phairiseach mòr; bha e “beò as euginhais an lagha uair-eigin” dìreach mar a bha am fear so anns a’ chosamhlachd. Ach dh’iompaicheadh am Phairiseach mòr gu bhi ’n a chìs-mhaor— “air teachd do’n àithne, dh’ath-bheòthaich am peacadh, agus fhuair mise bàs,” ars’ esan (Rom., vii. 9).
’S e an dara ni a tha sinn ag ionndrain as an ùrnuigh, mothachadh dha-rìreadh air Dia. So fior fhreumh cion mothachaidh air peacadh. Gabhamaid an t-Salm a dh’ainmich sinn a cheana, agus gheibh sinn innte taobh ri taobh mothachadh air peacadh agus mothachadh air Dia—tha ceangal do-sheachainte aca r’a chéile. Tha am mothachadh air Dia anns an t-Salm sin domhain, bàithteach, mar thonnan na fairge a’
dol thairis air an anam, agus mar sin tha am mothachadh air peacadh domhain, tròm. Is e mothachadh air Dia a tha dhìth air an duine, araon ’n a naomhachd agus ’n a thròcair, agus tha ùrnuigh an Phairisich a dh’easbhuidh an dà chuid—cha ’n ’eil innte mothachadh air naomhachd Dhé no faireachadh feum air a thròcair. Cha ’n ’eil Dia idir anns an ùrnuigh so, oir tha dia eile aige seach Dia na naomhachd agus na tròcair, eadhon an duine e féin—an dia MI-FHEIN.
Mur am faigh sinn anns an urnuigh mòr mhothachadh no mothachadh idir air Dia gheibh sinn gu leòr innte de mhothachadh air an duine agus an dia MI-FHEIN. Gheibh sinn an duine so, no ’s e b’àill leinn a radh an dia so, air ainmeachadh còig uairean, “tha mi a’ toirt buidheachais,” “cha’n ’eil mi mar a tha daoine eile,” “tha mi a’ trasgadh,” “tha mi a’ toirt deachaimh,” “tha mi a’ sealbhachadh.” ’S e so suim agus brìgh uabhair an duine so, mar a tha an Slànuighear ’g a chur, gu’n robh an dream so “ag earbsadh asda féin.” Bha acarsaid an duine so ann fhéin ’s cha b’ ann an tròcair Dhé. Bha moit air dh’ a thaobh fhéin air son a dhiadhachd, a bheusalachd, eud, agus fhialaidheachd, agus a chùram dh’an teampull agus do dh’orduighean Eaglais Dhé, agus bha e dhe ’n bheachd gu ’m bu chòir moit a bhi air an
Tighearna fhéin, do bhrigh a leithid a dh’fhear-aoraidh a bhi aige, agus gu ’m bu chòir dha spéis àraidh a bhi aige dha. Bha e taingeil air son so uile. Ach gu dé a bha ann gu léir ach an fhéin, an fhéin, an fhéin! Agus mar sin cha b’ioghnadh ged a gheibheamaid nì eile anns an ùrnuigh so.
Gheibh sinn innte mòr thàir air muinntir eile. So agaibh bràthair an uabhair spioradail—cruaidh-bheachd, mi-charthanas. Tha spiorad an Phairisich a’ toirt a chreidsinn air nach ’eil ann ach e fhéin, nach ’eil a choimeas ann agus nach ’eil daoine eile an taca ris-san ach ’n an creutaran truagh an-diadhaidh. So spiorad cho cronail ’s a tha ann do rioghachd Dhé. So an spiorad a bhac agus a tha fhathast a’ bacadh teachd na rioghachd sin. Thuirt an Tighearna ri Phairisich a latha-san gu ’m b’ an-aoibhinn dhaibh a chionn gu’n robh iad a’ druideadh rioghachd Néimh an aghaidh dhaoine, “Cha téid sibh fhéin a steach,” thuirt e, “agus cha ’n fhuiling sibh do’n dream a tha dol a steach, dol ann.” Cha do bhàsaich siol nam Phairiseach—tha an spiorad fhathast am measg dhaoine. So an spiorad a tha ’g aobharachadh roinnean agus bhearnan ann an coimhthionalan agus ann an Eaglaisean, an spiorad a tha a’ toirt a chreidsinn air daoine gur iadsan a mhàin a tha ceart agus a’ coimhead na fìrinn, agus gu ’m bheil gach buidheann eile de chriosduidhean cearr agus mì-dhìleas. So an
spiorad a tha toirt air daoine a bhi smaoineachadh gur ann mar is lugha a’ bhuidheann dh’am buin iad is sàbhailt iad. So an spiorad a tha a’ giùlan cuid gu bhi ’g an cur fhéin air spiris, cleas coilich, a’ sealltuinn sios air càch agus ’g an gairm fhéin a mhàin maith agus glic. Gu ’n saoradh Dia sinn uaith, agus gu ’n toireadh e dhuinn ’n a àite spiorad a’ chis-mhaoir!
“Feuch mar a tha sùil nan seirbhiseach
Air làimh am maighstir féin;
Agus mar shùilibh banoglaich air làimh
A ban-tighearn faraon,
Feithidh ar sùil air Dia, gus ’n dean
E tròcair oirnn gu caoin.”
SALM, cxxiii. 2.
Urnuigh A’ Chis-mhaoir.
Air dhuinn tighinn gu bhi beachdachadh air urnuigh a’ chis-mhaoir tha sinn ’g ar faotainn fhéin ann an dùthaich eile.
’S e cheud ni a tha sinn a’ faotainn innte, mothachadh domhain air peacadh. Tha an so fior spiorad an aithreachais. Tha am mothachadh so air peacadh cho domhain agus cho cudthromach ’s gu ’m bheil e ’g a thaisbeanadh fhéin anns a’ ghiùlan o ’n leith a muigh. Tha an duine a’ cromadh a chinn agus a’ bualadh a làimhe air uchd, agus sin, cha ’n ann a chum gu ’m faicte le daoine e, ach a mhàin do brigh doimhneachd
agus cudthrom fhaireachaidhean. Is maith a dh’fhaodta gu ’n chuir a ghiùlan sgainneal air an Phairiseach do bhrigh ana-mheasarachd, ach cha robh an duine còir a’ smuaineachadh idir air nithean o ’n leith a muigh, ach a mhàin air a chor fhéin mar pheacach an làthair Dhé. Bha e ’g a mheas fhéin air leith o dhaoine eile, ach cha b’ann mar fhìrean ach mar pheacach. Tha e ’g a shloinneadh fhéin, “am peacach” mar nach biodh ann ach e fhéin dh’am buineadh an cliù sin. Tha e ’g a chur fhéin air leith o chàch ach cha ’n ann air spiris na féin-fhìreantachd agus an fhéin-mholaidh, cleas an Phairisich, ach air stòl an aithreachais agus an fhéin-dhìtidh. Tha an t-iodhol, mi-fhéin, an àite a bhi ’n a chuspair aoraidh, air fhaotainn anns an ùrnuigh so, cleas Dhagon o shean, briste ’n a bhloighdean fa chomhair làthaireachd an Tighearna.
’S e an dara ni a gheibhear ann an so, mothachadh cudthromach, cothromach, air Dia. ’S e Dia na h-uile anns na h-uile dh’an duine so—Dia ’n a naomhachd, Dia ’n a mhaitheas, Dia ’n a thròcair. Dia ’n a fhiachan-san? B’fhada bho ’n sin e! ’S ann a bha esan bàithte ann am fiachan do Dhia—fiachan neo-chriochnach. So agaibh fior spiorad an aona Salm deug ar an dà fhichead, “A’ d’ aghaidh, a’ d’ agaidh féin a mhàin pheacaich mi. Agus mar sin,
Tha againn anns an treas àite làn mhuinghin
a mhàin an tròcair Dhé. So agaibh a rìs guth na Sailm cheudna a dh’ ainmich sinn a cheana, “Dean tròcair orm a Dhé a réir do chaoimhneis ghràidh; a réir lionmhorachd do chaomh-thròcairean, dubh as m’eusaontais. Tha fhaireachadh air peacadh ’g a dhùnadh a steach ri tròcair Dhé, agus tha e ag ùrnuigh air son tròcair mar nach biodh ann ach e fhéin. Tha e ’g a fhàgail fhéin gu buileach ann an làmhan an Tighearna, a’ tagradh a thròcair, agus a thròcair a mhàin. Mar a thoill e mar pheacach gu ’n luidheadh air làn fhearg Dhé, mar sin a nis tha e a’ guidhe gu ’n luidheadh air a làn-thròcair, oir tha e a’ creidsinn nach fhoghainn dha ach uile lànachd na tròcair sin. Cha ’n urrainn agus cha ’n fhaod a leithid so a dh’ùrnuigh a dhol gun fhreagradh. Agus mar sin tha an Slànuighear ag ràdh gu ’n deachaidh an cìs-mhaor “sios d’ a thigh air fhìreanachadh.” Thubhairt sinn, mu thràth, gu ’n robh Pòl aon uair ’n a Phairiseach, ach gu ’n deachaidh a thionndadh gu bhi ’n a chìs-mhaor aig àm iompachaidh. ’S ann uaith so a tha e cho làidir agus cho soilleir air teagasg an fhìreanachaidh. ’S iomadh ùrnuigh fhada, phongail, a chuir Pòl, am Phairiseach, suas, ach thainig e là gu bhi cur suas ùrnuigh a’ chis-mhaoir agus fhuair e am freagradh a gheall an Slànuighear; ars’ esan, agus e suimeadh suas na fhuair e, “Fhuair mi tròcair” (1 Tim., i. 13). Cha ’n
urrainn, ma tha, ceisd sam bith a bhi oirnn a thaobh fìreanachaidh a’ chìs-mhaoir, no a thaobh aon sam bith anns an aon inntinn, agus a’ cur suas na ceairt ùrnuigh ris-san, ach faodaidh e bhi ’n a cheisd an robh aithne aige fhéin air an sin aig an àm a dh’fhàg e an teampull—am bheil am “fìreanachadh” a’ gabhail sin a steach no nach ’eil? Tha cuid de luchd-mìneachaidh ag ràdh gu ’m bheil, agus cuid nach ’eil. Tha sinne dhe ’n bheachd gu ’m bheil e na’s còrdaichte ri teagasg na cosamhlachd nach ’eil, agus gur e mhàin a tha air a ghabhail a steach anns an “fhìreanachadh” so, fìreanachadh dha-rìreadh ann an sealladh Dhé, gun fhios aig an duine fhéin air an sin aig a’ cheart àm. Cha ’n ann air faireachdan a’ chìs-mhaoir a tha an Tighearna a’ labhairt ach air a shuidheachadh an làthair Dhé. ’S maith a dh’fhaodta gu ’n deachaidh am Phairiseach dhachaidh làn-riaraichte leis fhéin, le gné de dh’aoibhneas ’n a chridhe a’ saoilsinn gu ’n do ghabh Dia ris, agus gu ’n deachaidh an cìs-mhaor d’a thigh dubhach, brònach, làn de theagamh, agus de dh’ amharus, a’ saoilsinn nach do ghabh Dia idir ris. Ach tha an Slànuighear ’g a ghairm beannaichte, “air fhìreanachadh,” agus ’s e binn agus facal an t-Slànuighir a sheasas. Oir is ann aig an so a tha soisgeul agus teagasg na cosamhlachd a’ tighinn dachaidh a dh’ionnsuidh suidheachaidh na muinntir a tha
ri bròn ann an Sion, a’ teagasg dhaibh nach fhaod iad a bhi a’ dol a réir am faireachdan bochda féin, ach a réir soisgeil, facail, agus geallaidh an Tighearna, agus ’g an cur sin air thoiseach air am faireachdan fhéin. Cha ’n e faireachadh ach fìrinn a ta ann, gu ’m bheil Dia a’ fìreanachadh nan daoine mi-dhiadhaidh a chreideas ’n a Mhac (Rom., iv. 5). Ma thainig ann an cridhe a’ chìs-mhaoir anns an teampull, no air an rathad dhachaidh, no ’n a thigh féin, bho earrainn dhe ’n fhirinn, no bho shanas an Spioraid ’n a cridhe, dearbhaidhean gu ’n robh a pheacaidhean air am maitheadh, shruth sin bho ’n fhìreanachadh a thachair aig àm dha e fhéin a thilgeadh gu buileach air tròcair Dhé. Thainig am faireachadh an lorg an fhìreanachaidh agus cha b’e am fìreanachadh an lorg an fhaireachaidh, mur a b’ e am fìreanachadh roimh làimh cha bhiodh am fìreanachadh ’n a fhìrinn. Feumaidh sinn mar sin a bhi a’ buanachadh, cha’n ann air faireachdan, cho maith no cho mi-ghealltanach ’s ge ’m bì iad, ach air “facal fìrinn an t-soisgeil,” air binn agus briathran Chriosd a sheasas, agus air comhairle agus geallaidhean Dhé ann-san, “chum,” mar a their an t-Abstol, “tre dhà nì neo-chaochlaidheach (mionnan agus gealladh Dhé) anns an robh e eu-comasach gu ’n deanadh Dia breug, gu ’m biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich chum
dìdein gu gréim a dheanamh air an dòchas a chuireadh romhainn” (Eabh., vi. 18). Feumaidh sinn a bhi “a’ gluasad a réir creidimh agus cha ’n ann a réir seallaidh” (2 Cor., v. 7). Chuala mi an Dr MacLachlainn, nach maireann, uair ann an Leòdhus a’ searmonachadh bho na briathran, “Cha ’n ’eil a nis dìteadh sam bith do ’n dream sin a tha ann an Iosa Criosd” (Rom., viii. 1), agus thuirt e mar so, “Cuir thusa a’ chreidmhich dealachadh eadar do choran agus do chòraichean; tha do choran gluasadach ach tha do chòraichean seasmhach; tha làmh an t-Satain fada gu leòr gu ruigheachd air do choran gus am milleadh, ach cha ’n ’eil làmh fada gu leòr aige gu ruigheachd air do chòraichean—tha iad sin seasmhach, siorruidh, falaichte maille ri Criosd ann an Dia.” Tha an fhianuis so fior agus sgriobtuireil. O thusa, ma tha, a thilg thu fhéin air tròcair Dhé ann an Criosd, agus a tha fhathast teagmhach an do ghabh e riut, O thusa air bheag creidimh, biodh deagh mhisneach agad—tha e fhéin ag radh gu ’m bheil do pheacaidhean air am maitheadh dhuit, imich ann an sith! Gabh air fhacal e a tha ’g radh, “An tì a thig a m’ionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach e.” Ach feuch gu ’n tig thu mar pheacach—cha ’n ann ann an spiorad an Phairisich ach ann an spiorad a’ chìs-mhaoir. ’S ann ri peacaich a tha E a’ gabhail, oir mar a thuirt
e fhéin, cha d’thainig e “a ghairm nam fìrean ach nam peacach a chum aithreachais.” Bha duine ann a bha fada ag iarraidh réite ri Dia gun a bhi ’g amais oirre ach a fhuair a mach fa dheòigh gur e a choire fhéin a b’aobhar dh’an sin, agus b’àbhais dha, an uair a bhiodh muinntir a’ faighneachd dheth ciamar a fhuair e sìth, a bhi ’g a chur mar so, “Fhuair mi slàinte le tiocaid a fhuair mi ’n a m’ bhroilleach. ’N uair a fhuair mi e an toiseach bha sgriobhta air, ‘LEIG A STEACH AM FEAR SO A THA ’N A PHEACACH.’ Cha bu leòr so leam oir bha e ro lom, th’ar leam, agus chuir mi so ris, ‘ach nach ’eil ’n a pheacach cho mòr ri cuid,’ agus dh’ fheuch mi a dhol a steach leis mar sin, ach cha leigeadh an dorsair leam. An ceann tacain chunnaic mi nach deanadh na chuir mi ris an gnothuch, agus dhubh mi as e agus chuir mi ’n a àite, ‘agus a tha gu brònach agus gu deurach ag iarraidh slàinte,’ agus arsa mise, ‘cha chreid mi nach dean so an gnothuch,’ ach a rìs dhiùlt an dorsair mi. Dh’fhan mi tacan eile mar sin, ach bho dheireadh thainig mi gu bhi a’ faicinn gu ’m b’éigin creideamh a bhi agam, agus dhubh mi as a rìs na chuir mi air agus chuir mi ’n a àite, ‘agus a tha a’ feuchainn mar as fhearr is urrainn dha a bhi creidsinn,’ agus arsa mise rium fhéin, ‘cha ’n fhaod a bhi nach dean so an gnothuch co dhiùbh.’ Ach, mo thruaighe! chaidh mo dhiultadh a rìs. Bha mi
nis ann an eu-dòchas, oir cha robh nì tuilleadh agam a chuirinn ris, agus bha mi an dùil nach fhoghnadh dhomh a dhol leis an tiocaid luim mar a fhuair mi an toiseach i. Ach bho dheireadh, an deigh mòr dheuchainn, agus ann am mòr imcheisd (oir bha mi a’ cur romham tearnadh fhaotainn air na h-uile costus) ghlac mi misneach gu dhol leis an tiocaid luim mar a fhuair mi i ’n a mo bhroilleach an toiseach agus, iongantas nan iongantasan, dh’fhosgail an dorsair dhomh air ball ag radh aig a’ cheart àm, ‘THA MISE A’ GABHAIL PHEACACH A M’IONNSUIDH AGUS AG ITHE MAILLE RIU.’ Sin agaibh mar a fhuair mise slàinte.” Mo cho-pheacaich, feuch thusa an dòigh cheudna agus theid leatsa mar a chaidh leis-san agus mar a chaidh leis a’ chìs-mhaor anns a’ chosamhlachd.
“Làn fhoillsich mi mo pheacadh dhuit,
Nior cheil mi m’aingidheachd:
Aidmheil, thuirt mi, do Dhia ni mis’,
Is mhaith thu cron mo lochd.”
SALM, xxxii. 5.
title | Am Phairiseach agus an Cis-Mhaor |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |