NA DEICH ÒIGHEAN. —I
(MATA, xxv. 1-13.)
THA aghaidh aig a’ chosamhlachd so air na nithe deireannach. Tha i teagasg dhuinn ciod a tha feumail fa chomhair teachd an Tighearna. “Deanaibh faire air an aobhar sin,” deir an Tighearna, “do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair, air an tig Mac an Duine.” ’S i a’ chosamhlachd as àillidh agus as uamhasaiche de chosamhlachdan an Tighearna, a’ measgadh aoibhneis agus bròin anns an aon eachdraidh, ionnus nach robh, agus nach bi, banais cosmhuil ris an té so—cuid air an gabhail a steach agus cuid air an dùnadh a mach. ’S iomadh bàrd agus dealbhadair agus gràbhaltaiche agus snaidheadair a dh’fheuch an làmh air dealbh cothromach na cosamhlachd so a tharruing, ach dh’fhàilnich a riamh orra dealbh a léirigeadh dhuinn a thigeadh suas ri breaghad na cosamhlachd fhéin. Cha robh agus cha bhi dealbhadair cosmhuil ris an Tighearna fhéin, oir air chùl boidhichead nan dealbhan tìmeil a tha e toirt dhuinn tha breaghad agus uamhas na siorruidheachd ’n a luidhe.
Ciod, ma ta, na leasanan a tha anns a’ chosamhlachd?
Leasan air iomlanachd, coimhliontachd, doimhneachd nithean an anama. A thaobh coltais o ’n leith a muigh cha robh dealachadh sam bith ri fhaicinn eadar na h-òighean amaideach agus na h-òighean glice. Bha spéis aca uile dh’an fhear-nuadh-phòsda—bha iad uile a’ feitheamh a theachd agus a’ dol a mach ’g a chòmhdhail—bha an lòchrain agus an soithichean aca uile— “thuit clò cadail orra uile agus suain.” Cha d’thainig an dealachadh mòr eatorra gu follais gus an d’thainig àm na deuchainn aig teachd an fhir-nuaidh-phosda. Tha iomadh là deuchainn a’ tighinn air creutaran, agus ’s e na làithean sin a dhearbhas cò tha glic agus cò tha amaideach. ’S e là na deuchainn a dhearbhas neart na togalach, agus mo thruaighe mur a seas i anns an là sin. So mar a thachair an Canada an là roimhe. Bha drochaid mhòr iaruinn ’g a togail tarsuinn air abhainn mhòr Chanada, agus a chionn nach deachaidh bunaitean na drochaid a leagail gu ceart, dh’aom an togail leis na bha dhaoine oirre, agus thuit i anns an abhainn agus chaidh trì fichead pearsa as an rathad. So an dealachadh a bha eadar an dà bhuidheann anns a’ chosamhlachd. Bha na h-òighean amaideach riaraichte le ullachadh faoin sam bith; cha do ghabh iad cùram sam bith agus cha do rinn iad geur rann-
sachadh a dh’fheuchainn an robh an deasachadh ceart aca fa chomhair teachd an fhir-nuaidh-phòsda; ma thug iad na soithichean leò cha do sheall iad an robh ola annta no nach robh—thug iad leò iad mar a bha iad, soithichean gun ola, riaraichte leis na soithichean agus an deagh choltas.
Air an taobh eile rinn na h-òighean glice ullachadh iomlan; cha d’fhàg iad nì mach as an cunntas. An uair a ghabh iad an soithichean sheall iad a steach annta a dh’fheuch an robh ola annta no nach robh. So mar a dhearbh an dà bhuidheann an dearbh nàdur—an dara buidheann gu’n robh iad glic, agus a’ bhuidheann eile gu ’n robh iad amaideach.
Ma ghabhas sinn an fheitheamh mar shamhla air an aideachadh chriosdail, na lòchrain mar shamhla air a’ ghiùlan o ’n leith a muigh a tha cubhaidh dh’ an sin, agus an ola anns na soithichean mar shamhla air gràs an spioraid anns a’ chridhe, an sin tha na h-òighean amaideach a’ co-chòrdadh riu-san a tha riaraichte le ullachadh faoin o ’n leith a muigh, gun a bhi deanamh dìchill a chum an taghadh féin a dheanamh cinnteach (2 Pead., i. 10). Ma bhuineas iad do dh’eaglais mar bhuill comanachaidh, agus mur ’eil sgannail sam bith ri chur as an leith le daoine, ’s leòr sin leò agus cha ’n ’eil iad a’ dol na’s fhaide; tha iad a’ deanamh dearmaid air an ath-
bhreith, ni mu ’n d’ thuirt an Slànuighear, “Mur a beirear duine a rìs cha ’n fhaod e rioghachd Dhé fhaicinn.”
Tha buidheann eile a tha air an samhlachadh leis na h-òighean amaideach, iadsan a tha a’ cur muinghin ’n an eud air son eaglaise agus aobhar Chriosd o ’n leith a muigh, agus a tha aig a’ cheart àm mi-bheusach agus mi-naomh ’n an caithe-beatha agus ’n an giùlan, muinntir a tha ag radh “A Thighearna, a Thighearna,” agus a dh’aindeon sin gun a bhi a’ deanamh toile Dhé—muinntir a tha a’ deanamh oibre an diabhuil ann an ainm an Tighearna. Cha ’n e a h-uile ullachadh no a h-uile aideachadh a ni an gnothuch fa chomhair là deuchainn an Tighearna; cha ’n fhoghainn anns an là sin ach fior ghràs Dhé anns a’ chridhe agus anns a’ ghné—cleachdadh agus giùlan a sheasas deuchainn theinntich an latha mhòir sin. Sin an uair a choimhlionar briathran an fhàidh Isaiah, “Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhunn na cealgairean; cò ’n ar measg a ghabhas còmhnuidh maille ri teine millteach? Cò ’n ar measg a ghabhas còmhnuidh maille ri lasraichibh siorruidh? Esan a ghluaiseas gu h-ionraic agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h-ainneart, a chrathas a làmh o bhi a’ glacadh duaise na h-eucorach; a dhruideas a chluas o éisdeachd ri sgeul fala agus a dhùineas a
shùilean o amharc air olc: bidh a chòmhnaidh-san anns na h-ionadan arda: bidh daingnichean nan creag ’n an dìdeann dha; bheirear aran dha; mairidh uisge gu cinnteach aige” (Isaiah, xxxiii. 14-16).
’S e an dara leasan, nach urrainn sinn malairt a dheanamh air gràs. Cha ’n fhoghainn dhòmhsa gràs no cliù fir eile. Shaoileadh tusa air a’ cheud shealladh gu ’m bu chruaidh-chridheach na h-òighean glice an uair a dhiùlt iad ola a thoirt dh’ an companaich. Feumaidh sinn cuimhneachadh air a’ phuinc so, gur ann air nithean spioradail a tha an Tighearna a’ labhairt, agus gu’m faod nì a bhiodh ’n a ghniomh an-iochdmhor a thaobh nithean aimsireil, do bhrìgh gu ’m bheil e furasd agus so-dheanta, nithean aimsireil a thoirt seachad do chàch, a bhi a thaobh nithean spioradail neo-choireach, a chionn agus gu ’m bheil e do-dheanta dh’an chreutar sin a dheanamh a tha Dia a’ gleidheadh aige fhéin; eadhon beannachdan agus gibhtean agus gràsan spioradail a bhuileachadh air daoine. Tha cuid de nithean a dh’fhaodas agus a dh’fheumas sinn a thoirt seachad do chach a chéile, ach tha cuid eile nach urrainn agus nach fhaod. ’S urrainn dhomh biadh agus deoch, airgiod agus òr, a thoirt dh’a mo choimhearsnach, ach cò is urrainn na fior nithean a bhuineas dha fhéin o ’n leith a stigh a thoirt dha ach Dia a mhàin
—eanchainn agus tuigse agus gràs anns a’ chridhe? Air là na deuchainn, “feumaidh,” mar a tha an sean-fhacal ag radh, “a h-uile cùdainn seasamh air a màs fhéin” no mar a tha an Sgriobtur ’g a chur, “giùlanaidh gach neach uallach féin.” Tha cuid ann agus tha eagal orm gur ann ri gràsan muinntir eile a tha iad an urra air son slàinte—gu ’n deachaidh am baisteadh le leithid so de mhinisteir, no gu ’n shuidh iad fo leithid so de mhinistrealachd. Cha sheas a leithid sin a dhòchas ann an là an dearbhaidh. Tha cuid ann a tha dearmad na slàinte mòire agus a’ tighinn beò ann am mi-chùram agus ann an an-diadhachd aig am bheil an dòchas so gu ’n tig am ministear an uair a tha iad aig uchd bàis agus gu ’n dean e ùrnuigh r’an taobh agus gu ’n tearuinn sin iad, cleas ungadh an t-sagairt phàpanaich. Och! an dòchas truagh, meallta, a tha ’n so! Cha ’n urrainn daoine eile—ministeirean, éildeirean, daoine maithe, sagartan de sheòrsa air bith—deanamh air ar son na ’s urrainn Dia a mhàin a dheanamh. Feumaidh gach aon againn cunntas a thoirt uime féin do Dhia (Rom., xiv. 12).
’S e an treas leasan, nach seas là nan cothroman gu bràth. Mar a tha diadhaire urramach ’g a chur, “Tha sinn a’ clisgeadh aig farum an doruis ud ’g a ghlasadh.” Bha aig na Greugaich o shean dia ris an d’thuirt iad, “dia a’ chothroim.”
Bha sgiathan air a chasan agus bha a cheann maol ach aon dosan ciabhaig air a bheulaobh ionnus nach b’urrainn nach breith air ach air a bheulaobh aig àm dha tighinn thugad. Aon uair ’s gu ’n leigeadh tu seachad e cha bheireadh tu air tuilleadh. Nach iomadh iad a tha a’ gabhail brath air là nan cothroman gun a bhi smuaineachadh gu ’m bheil an là sin a’ ruith seachad gu ro luath agus gun fhios c’uin a thig a’ chrioch agus gu ’m bi an là seachad ’s nach till e gu bràth? Tha eachdraidh air a toirt dhuinn mu dhuine mòr o shean aig an robh amadan ’n a thigh a bhiodh a’ deanamh spòrsa dha. Thug e an là ud bata dh’an amadan ag ràdh ris am bata ud a ghleidheadh gus an tachradh air amadan bu mhò na e fhéin. Beagan an deigh sin luidh maighstir an amadain air leabaidh a’ bhàis. Thainig an t-amadan a dh’fhaicinn a thighearna. “Tha mi cluinntinn,” arsa an t-amadan, “gu ’m bheil thu dol g’ar fàgail.” “Thà,” arsa an duine uasal. “Am bheil thu dol fada air astar,” arsa an t-amadan. “ ’S mi thà,” arsa a thighearna, “na’s fhaide na ’s urrainn dhuitse a dhol an tràth so.” “Ubh! Ubh!” arsa an t-amadan. “Agus c’uin a thilleas tu?” “Cha till gu bràth,” arsa an duine. “Agus am bheil fada o bha fhios agad gu ’m b’éigin duit an t-astar so a shiubhal?” “O thà, ’s fhada o ’n uair sin.” “Agus an
do rinn thu ullachadh sam bith, a mhaighstir, fa chomhair an turuis so?” “Ma ta,” arsa a thighearna, “cha do rinn.” “Fhalbh! Fhalbh!” arsa an t-amadan, “so dhuit mo bhata, ’s tu an t-amadan as mo na mi fhéin.” Bha an t-amadan glic ged a b’amadan e, na bu ghlice na a mhaighstir agus na iomadh eile aig am bheil làn-fhios gu ’m feum iad bàsachadh, agus a dhol fa-dheòidh an coinnimh breitheanais, agus gidheadh nach do rinn ullachadh ceart cùramach a riamh fa chomhair sin. “Ro-ANMOCH!” Nach eagalach am facal sin do luchd na dearmad! Mar a tha an diadhaire aig an do léirig sinn a cheana a bhriathran ’g a chur, “Is e an duine a tha ag earbsa á cothrom eile ri teachd an t-amadan as mò a dh’iarr a riamh a sgrios fhéin.” “Feuch, a nis là na slàinte.” “Iarraibh an Tighearna am feadh a tha e r’a fhaotainn; gairmibh air am feadh a tha e am fagus” (Isaiah, lv. 6).
“Do chnuasaich mi mo shlighe féin,
’S ri do theisteas phill mo chas,
Rinn deifir choimhead d’àitheanta,
’S nior ghabh mi tàmh no fois.”
SALM, cxix. 59.
title | Na Deich Oighean I |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |