[82]

NA DEICH ÒIGHEAN. —II.
(MATA, xxv. 1-13.)

Is i so achosamhlachd as breagha agus as cudthromaiche a labhair an Tighearn. Is iomadh dealbhadair agus bàrd a dhfheuch an làmh agus am mac-meamna rithe gus dealbh cothromach a thoirt dhuinn oirre, ach dhfhàilnich iad uile. Cha robh agus cha bhi ann banais cosmhuil rithe so. Tha nithean tìmeil agus neo-thìmeil air am figheadh ri chéile air leithid a dhòigh anns an aon dhealbh so gun choimeas, agus gu bheil achosamhlachd atoirt dùbhlain do neachsam bith a shamhuil a dhealbhadh. Tha gliocas agus amaideas, àrd-aoibhneas agus àrd-bhròn, acòmhlachadh a chéile anns an aon eachdraidh. Chan fhaic sinn anns an dol a mach ach aoibhneas agus aighear, ach aig achrìch tha farum an doruis udg a dhùnadh, agus sgread na muinntir ud air an glasadh a mach, afantuinnn ar cluasan agus gur gann a gheibh sinn cuibhteas iad.

Tha aghaidh na cosamhlachd air nithean deireannach, agus tha a h-earalan ri buill na


[83]

h-eaglais fhaicsinnich. Gus a tuigsinn seallamaid ri ni; an toiseach, ciod iad na puincean a thaobh an robh na deich òighean acòrdadh; agus anns an dara àite, ciod iad na dealachaidhean mòra a bha eatorra, agus cionnus a thàinig iad sin gu follais.


I. NA PUINCEAN-CÒRDAIDH.

(1) Is i an aon chrìoch a bha aca uile anns an amharc. “Chaidh iaduilea mach an còdhail an fhir nuaidh phòsda.” Bha iad uile adeanamh an aoin aideachaidh, ag aideachadh a bhin an càirdean an fhir nuaidh phòsda, agus a bhi afeitheamh a theachd.

(2) A réir coltais rinn iad uile an t-aon ullachadh; “thug iad leò an lòchrain.” Nan robh thu air am faicinn aig an dol a mach chan fhaiceadh tu dealachadhsam bith eadar glic agus amaideachn am measg. Bha an t-aon aoibhneas orra, an t-aon ghiùlan aca, agus na ceart lòchrain agus shoithichean acan an làmhan. Agus chan e a mhàin nach aithnicheadh tusa iad o aon a chéile, ach chan aithnicheadh iad iad fhéin o aon a chéile, oir cha bann a réir coltaissam bi on leth a muigh a bha an t-eadar-dhealachadh. Faodaidh mar sin caochladh seòrsa bhall a bhi anns an aon eaglais adeanamh an aoin aideachaidh, ’g an giùlan fhéin on leth


[84]

muigh air an aon dòigh, gun choiresam bith a bhi ra chur as an leth le daoine, no dealachadhsam bith ra dheanamh eatorra, agus gidheadh iad a bhi a thaobh fìor ghné on leth stigh gu tur eadar-dhealaichte o chéile.

(3) Bha iad uile riaraichte leis an ullachadh a rinn iad. “Thuit clò codail orra uile, agus suain.” Chan ann an rathad coire a tha na briathran sin air an gnàthachadh, gu h-àraidh dhan taobhsan a rinn ullachadh ceart. Chaneil an so ach a ni a bha nàdurrach dhoibh uile. Cha banns achadal a bha achoire, ach, mar a chì sinn a dhaithghearr, anns an-t- seòrsa ullachaidh a chaidh a dheanamh roimh làimh. Tha an cadal anns achosamhlachd aciallachadh nan dleasdanasan saoghalta, tìmeil, a dhfheumas daoine a bhi acuairteachadh anns an t-saoghal so co fhad agus a dhfhàgas Dia ann iad, co air bi is maith no olc iad. Tha gnothuichean agus cùraman saoghalta ann a tha coitchionn do chreidich agus do as-creidich, dhoibhsan a tha ullamh agus dhoibhsan nacheil. Chan ann anns na nithean sin a tha an dealachadh ra fhaotainn. Tha an Tighearn adeanamh moillen a theachd, co-dhiùbh is ann aig deireadh turuis an duine air thalamh a tha sin, no aig deireadh an t-saoghail so. Tha an dealachadh nas doimhne na nithean on leth muigh, eadhon fòdhpa anns achridhe air


[85]

fhaicinn le Dia a mhàin. Seallamaid, mar sin, air


II. NA DEALACHAIDHEAN MÒRA EATORRA.

(1) Is e dealachadh gnè a bha eatorra. “Bha còignear dhiubh glic agus còignear amaideach.” ’S anns achridhe a tha an t-amaideas an toiseach air fhaotainn mam bheil e abriseadh a mach anns achleachdadh. Tha am Bìobull ro shoilleir air a so, gu feum atharrachadh gnè tighinn air achreutair mam faic e rìoghachd Dhé. Tha anns an t-saoghal so sheòrsa dhaoine, clann Dhé agus clann an diabhuil, agus dìreach mar achuirear Satan féin an cruth aingil soillse,” mar sin faodaidh a chlann a bhi air am faotainn a thaobh coltais on leth muigh a measg cloinn an t-soluis. Feumaidh sinn a bhi air ar breith o shuas, agus a bhi air ar deanamh glic anns an duine on leth a stigh, leis a ghliocas sin a tha tighinn on àirde. Sinne a tha dhen eaglais fhaicsinnich, ceasnaicheamid sinn fhéin an dràinig oirnn abheatha o shuas, an ath-ghineamhuinn sin, ni as eugmhais nach faic sinn rìoghachd Dhé. Faodaidh sinn a bhi air ar faotainn anns an eaglais fhaicsinnich a dheasbhuidh so, ceart mar a fhuaras na h-òighean amaideach còmhladh ris na h-òighean glice, anns an aon chuideachd,


[86]

adol a mach an còdhail an fhir nuaidh-phòsda. “Ceasnaicheadh duine e féin.”

(2) Dhearbh iad sin anns an t-seòrsa ullachaidh a rinn iad. ’S ann a réir coltais a mhàin a bha an t-ullachadh ann. Thug iad leò an lòchrain, agus an soithichean maille ran lòchrain, mar a thug càch, ach bha na soithichean falamh. Ann am briathran eile, so agaibh muinntir nach do sheall riamh a steachn an cridheachan a dhfhaicinn an robh gràs, agus gràdh, Dhé acan an cridheachan no nach robh; bu leòir dhaibh so an coltas on leth a muigh, agus a bhi còmhladh ri càch aig an robh ullachadh. Nacheil iad annnuair a thigear teann orra a their riu fhéin, no ri muinntir eile; “Nacheil min a mchriosduidh maith gu leòir? Nach deachmo bhaisteadh? Nach do shuidh mi aig bòrd an Tighearna? Chaneil ni ra chur as mo leth on leth a muigh. “Chan eagal domh”; agus gidheadh, ’s maith a dhfhaoidte, tha an cridheachan, fad an t-siùbhail, tur-falamh de fhìor ghràdh Dhé. Tha coltas maith orra on leth muigh ach chaneil freumhsam bith aig an sinn an cridhe.

(3) Mar sin, cha do sheas an t-ullachadh ann an na deuchainn. ’Nuair a thàinig fìor fheum air an t-solus a bha aca, chaidh e as; cha robh ann a chum a bheòthachadh agus a bheathachadh. Tha iomadh deuchainn atighinn air


[87]

achreutair. Tha àm abhuairidh ann, agus àm na geur-leanmhuinn, agus àm abhàis. Aig na h-uairean sin cha sheas ach an t-aideachadh, agus an cleachdadh sin, aig am bheil fodha, agus air a chùlaobh, fìor ghràs Dhé anns acridhe. Agus gu tric thig an uair sin gu h-obann air daoine aig àm nach bi dùil aca rithe, agus mo thruaighe an duine sin aig nacheil ullachadh ceart fa comhair an sin! Théid an solus beag sin anns an robh muinghin aige gu buileach as, agus sin, aig amannan, gun leasachadh tuilleadh air achùis. So mar a bhitheas e aig àm abhàis, agus abhreitheanais. Oir,

(4) Cha burrainn muinntir eile dad a chuideachadh a dheanamh leò. Nach bolc, arsa cuid, nach dthug na h-òighean glice rabhadh dhoibh roimh làimh agus nach bu chruaidh nach toireadh iad dhoibh oladh as an lòchrain féin. Nis cuimhnichimid gur thann air nithean spioradail a tha achosamhlachd son a samhladh, agus chan ann air caoimhneas aimsireil. Gu ruige teachd an fhir nuaidh phòsda bha na h-òighean glice adol a réir coltais gun fhios air bith aca gun robh soithichean am ban-chompanach falamh de dholadh, agus cha bhuineadh e dhoibhsan a dhol gan rannsachadh; cha bhitheadh sin achn a mhì-mhodh. Chan urrainn do dhaoine, agus cha chòir dhoibh, breith a thoirt air an co-chreutairean agus air an


[88]

co-luchd-aideachaidh, ach a réir an coltais, an cleachdaidh on leth muigh, agus an aideachaidh. Buinidh rannsachadh acridhe agus breith a thoirt air do Dhia agus dan duine e fhéin. “Ceasnaicheadh duine e féin.” Agus ma tha e treibhdhireach anns aghnothuch sin gairmidh e air Dia ga chuideachadh. “Rannsaich mi, a Dhè,” deir an Salmadair, “agus aithnich mo chridhe: dearbh mi, agus tuig mo smuaintean. Agus amhairc am bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t-slighe shìorruidh.” Sin agaibh ùrnuigh an duine ghlic. Ach a rìs, a thaobh gun do dhiùlt na h-òighean glice oladh a thoirt dhan fheadhainn amaideach gun oladh, tha cuid de nithean nach urrainn dhuinn a thoirt do aon a chéile. Faodaidh mi oladh chumanta a thoirt dham choimhearsnach ma tha e as a h-eugmhais, ach chan urrainn mi oladh an Spioraid Naoimh a thoirt dhan a chridhe; tha sin os mo cheann; feumaidh e sin fhaotainn dha fhéin o Dhia a mhàin. Sin a ni a tha air a theagasg leis na h-òighean glice a bhi adiùltadh olaidh dham ban-chompanaich, agus a bhig an cur air falbh a cheannach olaidh dhoibh fhéin.

(5) Fhuair iad a mach am mearachdnuair a bha e ro anmoch agus nach gabhadh leasachadh a dheanamh oirre. “Dhruideadh an dorus.” Chaneil briathran nas sòluimte anns a


[89]

Bhìobull na iad sin. Tha cuid de mhearachdan ann, agus cha ghabhar leasachadh a dheanamh orra, cuid de cothroman ann, agus aon uair agus gu falbh iad cha till iad tuilleadh. ’S i abheatha a ta làthair aon diubh sin. An t-uisge a dhòirtear air an talamh cha ghabh e cruinneachadh a rìs (2 Sam., xiv. 14). Tha gnàth-fhacal aig na Persianaich a tha ag ràdh gu bheil trì nithean nach pill leò fhéin a chaoidh, saighead á bogha, facal á beul, agus cothrom air a leigeadh seachad. O chàirdean, nach ro-uamhasach an smuain so, anam air a dhùnadh a mach á flaitheas Dhé air feadh linntean na bith-bhuantachd, agus gun leasachadh air a sin! Nach grathail an call a bheir amaideas agus mi-chùram agus cion-smuaineachaidh air achreutair! Dorchadas iomallach, bròn, agus gul, agus gìosgan fhiacal! nan cothroman uile air a dhol seachad gun ann a nis ach siorruidheachd gun chrìch, gun dòchas! O leughadair, feuch gun toir thu a h-uile dìchioll a chum do ghairm agus do thaghadh féin a dheanamh cinnteach. Na dean dearmad, na dean moille, air eagal gun glacarn a dchadal thu agus gun dùisg thunuair a bhitheas e ro anmoch agus nach fhaigh thu cothrom tuilleadh. Is e nis an t-àm taitneach, is e an diugh na slàint. Ma théid thusa a steach an diugh air Criosd, an Dorus, nach diùlt neach a thig, cha dhùinear ortsa a chaoidh dorus tighe-na-bainnse


[90]

shuas; is e E Féin a dhfhosglas duit an dorus sin, agus a ghabhas a steach thu dhan chuirm, agus dhan aoibhneas o nach téid a mach gu bràth a h-aon a gabhar aon uair a steach. Ach feuch gun dean thu sin, oir mur a dean théid do dhùnadh a mach fa-dheòidh mar neach nach baithne dha riamh agus chan fhosglar an dorus sin dhuit a chaoidh tuilleadh, oir,

DHRUIDEADH AN DORUS.”

titleNa Deich Oighean II
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page