A’ CHAORA CHAILLTE.
(LUCAS, xv. 1-7. )
LABHAIR an Tighearna na trì cosamhlachdan so anns a’ chòigeamh caibdil deug de Shoisgeul Lucais le sùil, air an dara làimh, a bhi ’g a dhion fhéin bho chasaid nam Phairiseach, agus, air an làimh eile, a bhi misneachadh nam peacach a bha tarruing am fagus da. Ma tha thusa ag iarraidh fior chliù neach sam bith na teirig gu a chàirdean, oir cha labhair iad ach maith mu thimchioll, ach theirig gu a nàimhdean, oir ma tha olc sam bith r’a chur as a leith gheibh thu uathasan e, agus mur a bheil sin agadsa fior dhuine maith. So a’ chasaid bu mhiosa a b’urrainn nàimhdean Chriosd a thogail ’n a aghaidh cha ’n e gu ’n robh e fhéin ’n a pheacach, cha b’urrainn dhaibh sin a radh, na ’m b’urrainn theireadh iad e, ach a mhàin gu ’n robh e, “a’ gabhail pheacach d’ a ionnsuidh agus ag ithe maille riu.” ’S iomadh neach bho ’n uair sin aig am bheil an Tighearna r’ a mholadh air son na casaid so, agus cha ’n ann air son na casaid a mhàin ach air son nan cosamhlachdan òirdhearc a shruth uaipe. Annta sin tha an Tighearna a’
coinneachadh nam Phairiseach air an còmhnard fhéin, a’ leigeil fhaicinn dhaibh cho nàdurach ’s a tha e do dhaoine a bhi ag iarraidh nithean caillte, agus a’ deanamh gàirdeachais os an cionn air dhaibh am faotainn, mur gu ’n abradh e: “Ma tha e nàdurach dhuibhse a bhi ag iarraidh nithean caillte, agus a bhi a’ deanamh gàirdeachais os an cionn air dhuibh am faotainn, c’ ar son a tha sibh a’ faotainn coire dhomhsa air son mi bhi air m’ fhaotainn ag iarraidh pheacach, mar dhaoine a tha caillte, chum tearnaidh? Am bheil barrachd suim agaibh do chaoraich na tha agaibh do dhaoine?”
Tha againn mar so o bhilean an t-Slànuighir na trì cosamhlachdan as gràsmhora agus as mìlse dhe na cosamhlachdan gu léir. Tha cuid de luchd-mìneachaidh a’ smaoineachadh gu ’m bheil gràdh an Athar anns an dara agus anns an treas fear. Cha ’n ’eil nì an aghaidh sin, ’s ann a tha mòran a’ dol leis, agus r’a fhoghlum uaith. Ach tha cuid eile, gun a bhi a’ dol an aghaidh a’ mhìneachaidh sin, a’ smuaineachadh, gur e a tha air a thoirt duinn trì taobhan dhe ’n aon fhìrinn luachmhor—gu ’m bheil truas aig Dia ri daoine caillte, agus tlachd aige ann a bhi ’g an tearnadh; gu ’m bheil an Slànuighear anns na cosamhlachdan so, cleas neach aig am bheil seud ro luachmhor ’n a làimh g’ a sealltuinn do
dhaoine, a’ tionndadh na fìrinn so bho thaobh gu taobh gus am faicte a breaghad agus a luach.
Tha trì fìrinnean àraidh air an cur air ar beulaobh anns na cosamhlachdan, air an aithris a rìs agus a rìs annta, “air chall,” “air iarraidh,” “air fhaotainn,” agus tha gach cosamhlachd a’ toirt dhuinn sealladh àraidh air gach aon dhiubh sin.
Tha cudthrom na cosamhlachd so a’ luidhe air an fhacal, “caillte,” a’ cur air ar beulaobh gu h-àraidh staid thruagh na muinntir sin a tha caillte. Anns a’ cheathramh rann, ’s e aon fhacal a tha anns a’ Ghreugais an àite nam briathran so anns a’ Ghàidhlig, “na caorach a chailleadh,” facal a tha a’ ciallachadh, “an nì caillte,” no “an creutar caillte,” facal a tha air a ghnàthachadh leis an Tighearna gu bhi nochdadh gu sonruichte truaighe a’ chreutair sin.
Tha againn an toiseach dealbh na caorach, AIR CHALL.
Tha againn an so anns an dol a mach, amaideachd. Cha ’n ’eil fhios agam am bheil beathach sam bith eile ann cho amaideach ris a’ chaoraich. Tha i mar sin air a toirt dhuinn anns an Sgriobtur mar shamhla air a’ pheacach. “Chaidh sinn uile mar chaoraich air seachran” (Isaiah, liii. 6). ’S e an t-ainm a tha aig a’
Bhiobull air a’ pheacach ann an leabhar nan Gnàth-fhacal agus ann an leabhar nan Sailm, “an t-amadan.” Tha a’ chaora ceart coma c’àit an téid i fhad ’s a gheibh i gréim a dh’fheur milis ri itheadh. ’S e cion smuaineachaidh a tha a’ cur mòran a dhìth, “Cha ’n aithne do Israel; cha ’n ’eil mo shluagh-sa a’ toirt fainear” (Isaiah, i. 3). Théid na caoraich an comhnuidh ’n an treudan. ’S e companachas a tha milleadh mhòrain. Fhaic sibh na creutaran gòrach ud a bhios a’ lionadh nan tighean-òsda, ag òl, a’ seinn, a’ cluich, a’ call an tìm, ’s an cuid, ’s an céill, ’s an cliù, ’s an slàinte, agus ’s maith a dh’fhaodta am beatha ’s an dol dachaidh air muir no tìr, agus an cunnart an anam neo-bhàsmhor a chall fa-dheòidh. Ciod e a tha ’g an cur-san air an t-seòl sin ach companachas agus cion smuain? Tha mòran a’ dol air chall do bhrìgh nach ’eil de dhuinealas aca na bheir orra briseadh air falbh o chàch, no a radh “cha teid” ris an neach a thàlaidheas iad a chum an uilc. Tha an t-amadan mar chaora agus cha’n ioghnadh mar sin ged a rachadh e, cleas na caorach, air seachran agus air chall.
Tha againn ann an so a rìs, cunnart. Tha caora chaillte eadhon anns na dùthchannan so againn fhéin buailteach a dh’iomadh cunnart, ach ’s ann gu h-àraidh anns an àirde an ear, far
an do labhradh a’ chosamhlachd so a tha so buileach fior. Tha cunnart nan creag agus nam fitheach a mhàin againne, ach a thuilleadh orra sin tha, anns an àirde an ear, fiadh-bheathach de iomadh gné ann, agus iad uile ’n an nàimhdean dh’ an chaoraich bhochd. Tha iad buailteach gu leòr air a bhi a’ briseadh a steach air an treud air am bheil am buachaille. Tha cùram agus dion a’ bhuachaille air caoraich na treud, ach mo thruaighe a’ chaora bhochd chaillte a chaidh air seachran agus aig nach ’eil crò no buachaille! O, mo cho-pheacaich, a tha mach a Criosd, agus a’ dol air seachran bho Dhia, nach tuig thu an cunnart anns am bheil thu! Nach lionmhor do nàimhdean agus do chunnartan! Tha d’ana-miannan a’ feitheamh air do thuisleadh gus do reubadh. Tha an diabhul mar leòmhann beucach ag iarraidh do shlugadh suas, agus ’s e crioch na slighe air am bheil thu am bàs siorruidh. Tha thu annad fhéin a thaobh do staid cridhe agus cleachdaidh, CAILLTE, gun Chriosd, gun Dia, gun dòchas (Eph., ii. 12).
’S e an treas nì a chì sinn anns an staid chaillte so, eu-comas. Cha ’n ’eil creutar as dìblidh no as eu-comasaiche air faotainn dachaidh leatha fhéin na a’ chaora chaillte. Tha e furasda dhuit-sa, mo cho-pheacach, falbh air seachran bho Dhia agus bho mhaitheas, ach ciod mu ’n
tilleadh? Tha na dh’fhàg thu air do chùlaobh ann a do sheachran a nis a’ seasamh eadar thu agus Dia. Bha e furasd dhuit falbh, tha e duilich, seadh do-dheanta dhuit tilleadh dhachaidh. Nach ann mar sin a tha do shuidheachadh? ’S maith dh’fhaodta nach ’eil thu a’creidsinn sin gu buileach—gu ’m bheil do chor cho buileach caillte. Innseam sgeula beag dhuit a dh’fhaodas do chuideachadh. Tha beinn àrd an Asaint ris an abrar Sùilbheinn.Tha aon taobh dhi anabarrach cas cunnartach, agus ’n a meadhon air mòran chaorach a chur a dhìth. Bha duine uasal là a muigh comhla ri gaimeir agus iad a’ coimhid taobh cas na beinne fad air falbh. Chunnaic an duine uasal nì geal a’ gluasad fada shios air taobh na beinne. Dh’fheòraich e dhe ’n ghaimeir ciod a bha ’n sud. “Thà caora chaillte,” arsa an gaimeir ’s e a toirt da na gloine-amhairc. Chunnaic e mar sin gur e caora a bha ann gu cinnteach a’gluasad agus ag ithe gu neo-chùramach air uachdar lice uaine bhreagha lan feòir a bha air aghaidh na cais-chreige. Dh’fhaighnich an duine uasal cia mar a rainig i sios cho fada. “Le bhi dol sios bho aon lic feòir gu lic eile,” arsa an duine eile. “An robh comas tillidh aice?” “Cha robh aice fhéin,” arsa am fear eile, “agus cha mhò a bha am measg chiobairean Asaint fear a ruigeadh oirre gus a toirt as.” “Ciod a
thachradh rithe, ma tha?” “Dh’fhanadh i beò,” arsa an gaimeir, “fhad ’s a mhaireadh am feur far an robh i, ach an uair a theirigeadh, agus a sheargadh am feur, le stoirmean agus ceothaidhean a’ gheamhraidh, bhàsaicheadh ise, agus cha bhiodh a làthair dhith air an lic mu àm an earraich ach an craicionn agus na cnàmhan.” Bha i beò, gidheadh bha i caillte agus fo bhinn a’ bhàis. ’S e criosduidh a bha anns an duine uasal agus ghlac e staid na caorach ud mar shamhla air cor a’ pheacaich chaillte a mach á Criosd—e beò, gluasadach, ’s maith a dh’fhaodta, gun smuain gun chùram sam bith mu thimchioll a chunnairt, a’ tighinn beò air sonasan an t-saoghal a ta làthair, agus binn a’ bhàis shiorruidh a mach ’n a aghaidh, e “air a dhìteadh a cheana” (Eoin, iii. 18). So do chor-sa, mo cho-pheacach, ma tha thu a mach á Criosd. Tha thu caillte, gun chomas gun dòchas annad fhéin, ach tha so de eadar-dhealachadh eadar do chor-sa agus suidheachadh caorach na h-Asaint—cha robh ciobair an Asaint a b’urrainn ruigheachd air a’ chaoraich ud agus a tearnadh, ach tha air do shon-sa Buachaille a thainig a dh’aon ghnothuch a dh’iarraidh agus a thearnadh an nì sin a bha caillte, agus a tha foghainteach gu tearnadh a dh’ionnsuidh na cuid as fhaide a mach. Tog do ghuth ris air ball. Iarr air ’n a do bhriathran fhéin
do thearnadh, no abair bho do chridhe briathran an t-Salmadair,
“Deònaich do m’anam bochd bhi beò,
Is dhuitse bheir e glòir;
Is deanadh do cheart bhreitheanais,
Deagh chomhnadh dhomh le fòir.
“Do chaidh mi féin air seacharan,
Mar chaoirich chaillte thruagh;
Iarr d’òglach oir cha do leig do d’reachd,
Dol as mo chuimhne uam.”
SALM, cxix. 175-176.
So, ma ta, ni-eigin de staid thruagh na caorach ’s i caillte—amaideachd, cunnart, eu-comas.
’S e an ath phuinc a tha anns a’ chosamhlachd, gu ’n deachaidh an duine leis am bu leis a’ chaora a mach g’a h-iarraidh. Nach breagha an dealbh a tha againn an so!
Dealbh air gràdh co-éigneachaidh. Ciod a thug air an duine a dhachaidh fhàgail agus a dhol a mach as deigh na caorach a chailleadh? Ciod e ach an gràdh agus an truas. So agaibh dealbh air an t-Slànuighear gràidh a dh’fhàg a ghlòir shuas agus a thainig a nuas dh’ an t-saoghal bhochd bhrònach so a dh’iarraidh an nì sin a bhi caillte. Ciod a thug air sin a dheanamh ach an gràdh agus an truas? “Ghràdhaich e an eaglais agus thug e e féin air a son” (Eph.,
v. 25). Co aige a tha fhios dé na duilgheadasan troimh an robh aig an duine ud r’ a dhol mu ’s b’urrainn dha ruigheachd air a’ chaoraich chaillte ud—na h-astaran a bha aige r’ a shiubhal, na beanntan agus na bruaichean a bha aige r’ a dhìreadh, na h-uisgeachan agus na h-aibhnichean a bha aige r’ a dhol trompa, na creagan agus na cas-chreagan a bha aige r’ a shreap, an tart agus an t-acras agus an sgios a bha aige r’ a ghiùlan? Ach chaidh e ’n an coinneamh agus trompa do bhrigh a ghràidh agus a thruais do ’n chaoraich bhochd—bha e fo éiginn a ghràidh. Dé bha aig an t-Slànuighear r’ a dhol troimhe mu ’s b’urrainn aon pheacach caillte a bhi air a thearnadh? Co aig a tha fios? Dé na h-uisgeachan troimh ’n deachaidh esan dh’ar n-iarraidh—uisgeachan ìsleachaidh, doimhneachdan fulangais? Gheibh sibh ceumannan a thuruis ag iarraidh an nì sin a bha caillte anns a’ litir a dh’ ionnsuidh nam Philipianach, agus anns an dara caibdil, “Neach air bhi dha ann an cruth Dhé, nach do mheas e ’n a reubainn e féin a bhi co-ionnan ri Dia: ach chuir e e féin ann an dìmeas a’ gabhail air féin cruth seirbhisich, air a dheanamh ann an coslas dhaoine: agus air dha a bhi air fhaigheil ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e féin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ Chrainn-cheusaidh.” O meud gràidh an t-Slànuighir do pheacaich chaillte! So an
éiginn fo ’n robh e fad a thuruis troimh ’n fhàsach so—éiginn a ghràidh agus a thruais do chreutaran dìblidh caillte. B’ esan am Buachaille maith a bha a’ leigeil anama sios air son nan caorach (Eoin, x. 11).
Dealbh air a’ ghràdh leanmhuinneach. Cha b’aithne dha tilleadh agus cha b’aithne dha sgìos. Bidh mise gu tric an uair a bhios mi a’ ceasnachadh nan sgoiltean, a’ foighneachd de na sgoileirean dé cho fada ’s a bha an duine anns a’ chosamhlachd ag iarraidh na caorach, ach ’s ann ainneamh a gheibh mi am freagradh ceart. Their cuid seachduin, cuid eile mios, cuid eile bliadhna, agus mar sin air adhairt, agus feumaidh mise mo cheann a chrathadh gus am faigh mi am freagradh ceart, ma gheibh mi idir e— “gus am faigh e i.” Cha robh crioch aig an iarraidh-sa ach a h-aon, eadhon a’ chaora a bha caillte fhaotainn. Agus so agaibh eachdraidh na h-Eaglaise, eachdraidh a h-uile h-anam a tha air a theàrnadh, biodh e òg no sean, biodh e aig làimh no fad bho làimh. Tha an Slànuighear a’ faotainn cuid ’n an oige, cuid eile ’n am meadhon-aoise, cuid eile aig deireadh am beatha air an talamh agus an leith-chas anns an uaigh. Tha dà thaobh air an eachdraidh so—taobh an t-Slanuighir agus mo thaobh-sa agus do thaobh-sa, mo cho-pheacaich—esan ’g ar sior leantuinn agus sinne a’ sior-theicheadh uaithe. O, mo cho-
pheacaich, nach stad thu, agus nach leig thu leis breith ort.
Tha againn ’s an dara h-àite dealbh na caorach, AIR A FAOTAINN.
So agaibh dealbhair gràdh cuideachail. Cha b’ e a’ chaora a fhuair an duine ach an duine a’ chaora. “Cha sibhse a thagh mise ach mise a thagh sibhse” (Eoin, xv. 16). Am bu mhiann leat Iosa fhaotainn? Tha e fhéin anns a’ mhiann sin, oir tha esan romhad anns an iarraidh sin. Biodh deagh mhisneach agad, tha e ’g a d’iarraidh, tha e ’g a do ghairm, tha e làimh riut, ri do thaobh gus gabhail riut, ma ghabhas tusa ris-san, mar a thugadh a chliù dhuit a cheana anns a’ chaibdil so, “Tha am fear so a’ gabhail pheacach d’ a ionnsuidh agus ag itheadh maille riu.” Thainig an duine a dh’ionnsuidh na caorach, a dh’ionnsuidh a’ cheairt bhad anns an robh i. Cha b’e a’ chaora a thainig a dh’ionnsuidh an duine ach an duine a thainig a dh’ionnsuidh na caorach. ’S ann mar so a tha a thaobh an t-Slànuighir. Bidh sinne a’ bruidhinn mu dhaoine a tha tighinn a dh’ionnsuidh an t-Slànuighir, agus tha a’ chainnt sin sgriobtural agus iomchuidh, ach tha taobh eile air an fhìrinn so, eadhon gu ’m bheil an Slànuighear a’ tighinn a dh’ionnsuidh a’ pheacaich, ceart far am bheil e agus ’g a ghabhail ceart mar a tha e. Cha b’urrainn dh’an chaora chaillte so aon athar-
rachadh a thoirt air a suidheachadh fhéin, no eadhon aon cheum a thoirt an cò-dhail an duine a bha ’g a h-iarraidh, ged is maith a dh’fhaodta luthaigeadh i sin a dheanamh. Cha robh feum air. Thainig an duine far an robh i. O, chàirdean, nach ’eil againn ann an so dealbh air an t-Slànuighear gràidh agus solus air a thoirt dhuinn air fior ghràs an t-soisgeil? Cha ’n ’eil feum agad, mo cho-pheacaich, air ullachadh no deasachadh sam bith air son an t-Slànuighear: tha e dlùth dhuit agus deas gus gabhail riut mar a tha thu, millte, dìblidh, peacach, caillte. Earb thusa thu féin gu buileach ris.
Chì sinn gu ’n do rinn an duine so na h-uile ni air son na caorach, air dha a faotainn. Cha b’e mhàin gu’n chuir e air a casan i, agus gu ’n d’thug e oirre an sin coiseachd dhachaidh air a casan fhéin. Cha b’e sin idir a rinn e, ’s ann a chuir e air a ghuaillean i, agus a ghiùlan e dhachaidh i mar sin fada an t-siubhail. So agaibh a rìs gràs an t-soisgeil. Am bheil sinn ’g a thuigsinn? Tha feadhainn ann agus ar leam gu ’m bheil eagal orra iad fhéin earbsa ri Criosd agus an t-slighe dhachaidh gu Dia a thoirt orra, air eagal nach seas iad agus nach mair an gnothuch. O, mhuinntir air bheag creidimh, na ’m biodh an gnothuch ’n ’ur làmhan-sa dh’fhaodadh sibh àite a thoirt dh’ a
leithid sin a dh’amharusan, ach nach ’eil sibh a’ faicinn gur th’ann a tha an gnothuch an làmhan Fir-saoraidh, agus gu ’n dean esan, bho ’n àm a dh’earbas sinne sinn fhéin ris, ar giùlan dhachaidh, cha ’n ann air cuid dhe ’n t-slighe, ach air fad na slighe gu léir, eadhon a dh’ionnsuidh na crìche. Cha leig e sios a’ chaora a ghabh e aon uair air a ghuaillean gus a ruig e an dachaidh. “Bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh,” tha e ag radh, “agus cha sgriosar iad am feasd, ni mo a spionas neach air bith as mo làimh iad. M’ Athair a thug dhòmhsa iad, is mo e na na h-uile: agus cha ’n urrainn neach air bith an spionadh a làimh m’ Athar” (Eoin, x. 28-29). Na biodh eagal ort, ma ta, anam amharusaich, thu féin earbsa gu buileach air son tìm agus siorruidheachd ri Mac Dhé; tha e foghainteach gu tearnadh a chum na ceum as fhaide a mach; agus sibhse a dh’earb sibh féin a cheana ris, na biodh eagal oirbh, ach bibh “dearbhta as an nì so féin, eadhon an Tì a thòisich deagh obair annaibh, gu ’n coimhlion e i gu là Iosa Criosd” (Phil., i. 6), oir “air dha a mhuinntir féin a bha anns an t-saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gus a’ chrìch iad” (Eoin, xiii. 1).
Tha an so againn a rìs dealbh air gràdh aoibhneachail. Bu mhòr gàirdeachas an duine os cionn na caorach air dha a faotainn agus a
giùlan dhachaidh, ach is beag an gàirdeachas sin an taca ri gàirdeachas an t-Slànuighir os cionn nam peacach. So duais an Fhir-shaoraidh, “De shaoithir anama chì e agus bidh e toilichte” (Isaiah, liii. 11). So cuid co-dhiùbh dhe ’n “aoibhneas a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an Crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim” (Eabh., xii. 2). So an t-aoibhneas a ghlac e an uair nach b’urrainn dha biadh itheadh, air dha aon chaora bhochd chaillte fhaotainn, agus a giùlan dhachaidh (Eoin, iv. 31-33). So duais na muinntir a bhios ’n am meadhon air muinntir eile a thearnadh. “Ciod e,” arsa an t-Abstol Pol, “ar dòchas-ne, no ar n-aoibhneas, no ar crùn uaille? Nach sibhse féin e am fianuis ar Tighearna Iosa Criosd aig a theachd? Oir is sibhse ar glòir-ne, agus ar n-aoibhneas” (1 Tes., ii. 19-20). So aoibhneas nan aingeal, oir tha co-fhulangas aca ris an t-Slànuighear ’n a obair tearnaidh uile (1 Phead., i. 12). So aoibhneas na h-Eaglaise a bhos agus shuas. “An uair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, an sin lionadh ar beul le gàire agus ar teangadh le luath-ghaire. Rinn an Tighearna nithean mòra air ar son-ne: bha sinn aoibhneach” (Salm, cxxvi. 1-3) . Tha inntinn Chriosd aig an Eaglais, agus aig gach neach as le Criosd. So comharradh an fhìor chriosduidh, gu ’m bheil gàirdeachas air ann a bhi a’ cluinntinn mu pheacaich a bhi a’
tighinn gu Criosd, agus a bhi air an tearnadh, aig an tigh agus bho ’n tigh. Agus ma tha fhios aig an Eaglais an Glòir air ciod a tha tachairt air thalamh, agus a theagamh gu ’m bheil (Eabh., xii. 1), nach ’eil gàirdeachas mar an ceudna am measg nan naoimh an Glòir os cionn pheacach a tha deanamh aithreachais? Agus so agaibh nì a tha a’ cur aoibhneis air cridhe Dhé. Tha aoibhneas na Trianaid againn an so—aoibhneas Dhé, an t-Athair, a’ Mhic agus an Spioraid Naoimh. Cluinnimid briathran Dhé as a leabhar fhéin, “Tha an Tighearna Dia ann a d’ mheadhon cumhachdach: ni e do thearnadh: ni e gàirdeachas os do chionn le seinn.” Tha mòran aobhair air son a’ ghàirdeachais so. Cha cheadaich ùine dhuinn ach cuid dhiubh ainmeachadh. Tha so mar phriomh aobhar, eadhon nàdur Dhé fhéin, “gur gràdh Dia.” Cha ’n àill le Dia gu ’n rachadh aon a dhìth. Is aobhar eile, fulangasan Chriosd, no mar a theirear riu, “saothair anama,” na chaidh Criosd troimhe air sgàth gu ’m biodh peacaich air an teàrnadh. Agus ’s e an treas aobhar a dh’ainmicheas mi, luach do-thuigsinn an duine. “Ciod e an tairbhe do dhuine ged a choisneadh e an saoghal gu h-iomlan agus anam a chall? No ciod a bheir duine an éiric anama?” (Mat., viii. 36-37).
’S e theirinn riut anns a’ cho-dhùnadh, mo
cho-pheacaich, ma tha thu ag iarraidh aoibhneis a chur air cridhe Dhé, air Eaglais Dhé shuas agus a bhos, air ainglean Dhé, thoir thu fhéin do Chriosd. Is e so a’ chrioch air son an d’thainig E, agus a bhàsaich E, agus a dh’éirich E a rìs, agus air son am bheil E a nise beò, gu ’n cuireadh tu an gàirdeachas so air a chridhe.
“Iadsan a chuir gu deurach siol,
Gu subhach ni iad buain;
An neach gu cur a theid a mach,
Le siol ro-phriseil caoin.
“Air dha bhi gul gu muladach,
’G a iomchair sud gu fonn;
Le h-aiteas pillidh e gu dearbh,
A’ giùlan sguabaibh trom.”
SALM, cxxvi. 5-6.
title | A’ Chaora Chaillte |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |