[1]

AN T-OGHA MOR

Bidh fonn Cabar-féidh ort,
Nuair dhéireas do chabar ort!
SEANN ORAN

Is e cuspair nam bàrd a thann an Eilean aCheò. Chaneilsan Iar da choimeas; chaneil ann ach aon EileanEilean aCheò.

Co-dhiùbh sinne chaidh àrachna iomaill, ’s e so ar n-aideachadh-gin don t-saoghal.

Eilean aCheò: nach fad is cian bhon a dhéirich e a tuim an Iar-chuain, mar ailbhinn (1) fhiaclach air am bàbhaist do thamhaisg na doimhne bhi cumail cuirm an casgraidh. Ach chan ann mar sin a shnuadh an diugh; no mar sid an anns an drinn an t-Ogha Mór luaidh air brìgh nam bàrd. ’S ann aige fhein a bhan t-alt air sùgan nan rann a shniomh; oir tha bhlàth ri fhaicinn ann an cois bial-aithris.

Eilean aCheò: tha tìr-mór acoimhead lom as aonais; chaill i trian de maise, nuair a dhealaich nàdar bho chéiliad le sruth bras nan Caol. Tha stùcan a-ghnàth abeadradh ri aitealan shniomhach fo neòil; is caoir nan stuadh cìreanach abreacadh a chladaich. Ach ged a tha bheanntan àrd is corrach, fàsaidh am fraoch nas guirme mun cìochan; is an lusrach nas truime ann an ùrlar a ghleann. Leumaidh na h-uillt


1 creag mhór scrotach


[2]

nan lùban lachdunn troimh aonaichean ciara; is gheibh earba comraich (1) mum bruaichean cas.

Tha dòigh air leith againn fhin air gabhail ri eireachdas ar dùthcha. Cluinnidh sinnle cluas-amais nan Céilteachco-cheòl air ghléus ann am barunn nan tonngan iomairt; is caidreadh tiamhaidh ann am borbhan nam fuaran soilleir. Thug figheadair nan duannar measgan t-Ogha Mórmion-eòlas bho linn gu linn air cruth-deilbh nan sliabh, nuair a ruagas grian Samhraidh caochladh nan dubhar roimh gnùis. Is ma thogas fonn catha buille-bhras air do chuisle, gheibh thu ann an astar do shiubhail, barpan (2) nan saoidh air tulaich àrd.

Suainidh an ceòna ghlaic, mar bhréid-bainnse, na sgùrran anns an dean iolaire nead, is i fad os-cionn ruigheachd an t-sealgair. No ma thig thu air coire fo spréidh, chi thu òighean ann am biorgadh an dreacha; is an sùilean aitidh, mar dhearcan fo chiucharan bhraon asoillseadh. Guidh cobhair ma leagas dhiubh an t-sùil sin ortsa; oir bidh an sealladhna sgàthan anns am faic thu taibhsean maireann nan ioma gnè. Làmh riut air àilean grianach, chi thu ionaltradh crodh-laoigh len àl; caoraichgan iomain gu mainnirsan ìosal; is, mar chulaidh nan dreach gun chòrnadh (3) —òganan alùbadh le eòin cheileireach air fonn.

Bha gorm fo bhlàth ri leathad na mara; is toiseach aig an t-sìlean air sgiolcadh troimhn déis, nuair a bhuail bìrlinn Mhic Coinnich, —mac Maor-mór Chinn-t- Sàilea fiacail ann am Bun Abhainn Lusaidh.

Cha luaithe ghreimich i am port, na leum Iarlombe sin a bainm do Mhac Coinnichbeò glan air tìr.


1 àite-dion
2 cùirn chuimhne
3 pasgadh


[3]

II

Be Liunasdal a bhann. Oir cha deachaidh Féill an Ath-leathainn fhathasd seachad. Thachair don aimsir a bhi briagha ciùin, mar is tric a dhamais mun àm ud dhen bhliadhna. Bham pòr fo chinneas air machair, le barr-guc an cunabhalas cho fadsa thogadh sùil an comharradh; is dealt na h-òg-mhaidne acur ri sàth an abuchaidh. Cha robh, mar sin, ach toiseach aig aghréin air cur roimhpe, nuair a bhuail na coigrich lamairig.

Faodaidh sibh tràghadh a leigeil leis an eithear,” thuirt an t-òganach, dom bainm Iarlom, risgioba. “Ma theid gu math lium, bithidh mi air ais mun tig an t-ath sheòl-mara. Ach ma tha romhaib dol don fhéill, cumaibTulach Ard!’ ’san aire. Oir chaneil fios bheir latha mun cuairt. Tha Tolmaich nan sùilean mùgach romhainn; Clannic Fhraing nam brannag agleidheadh aiseag aChaoil oirnn; Sìol-an-Tuirc air gach fàireadh mar dhórain an conas; ar seann naimhdeanDomhnullaich na làimhe-deirge, toisgeal ar slighe bho Shléibhte. Ach mur a cluinn sibh guth-mór no droch fhacal, seachnaib mo chuideachda.”

Chan e Faochagan an t-Stratha, no Maothagan Shléibhte, ’bheireadh tilleadh air Cabar-féidh!” fhreagair fear den sgioba.

Tha min dòchas nacheil an dearbhadhgar feitheamh,” leasaich seann-duine a bha na shuidhe, car as an rathad, air tota na stiùire. “Cha bu mhisdur togradh, cuimir nan sreaths achruadal.”

No cuireid (1) nan ìnnleachd baoth,” thill fear.


1 cleas seòlta


[4]

No clach-fhiosachd Choinnich-Odhair,” thuirt fear eile.

Cha robh an còrr acair, ach gun a chuir iad cainnt air an seirbheis; is gheall iad faiceall is faireachadh, mar a thagair am fear-cinnidh.

Le ceum socair, mar gum biodh cleas na h-inntinn acur teagaimhna cheann-uidhe, thog Iarlom cas ri rathad. Ach do bhrìgh gubheil sgial math is dona ri h-aithris mu thimchioll, thainig, mar an ciadna, dearcnadh (1) a choslais bho chànain abhàird dar n-ionnsaidh.

Mar bu dùth da linn, bha e air éideadh ann am breacan-seilg Chloinn Choinnich. Thigeadh sin gu h-uallach . Bha claidheamh air a leis; is dag os cionn gach cruachain aige; biodagna truaill ri chrios; sgian-dubh fo bhann an osain; brògan-éille teann mun chois; peiteag dhearg le putain chròiceachga dùnadh; is bonaid ghorm, le ite innte, air a fiaradh ma cheann.

Cha robh ecoimhead ro àrd; ged nach fàgadh e ach an òirleach de shia troighean. Bha e deanta, tiugh, le chalpa cho cruinn, cumadails a lion osan; is féithean aseasamh ri iosgaid mar chaol seilich. ’Sann aige fhein a bha na slinneanan air nach deanadh sac dolaidh. Shaoileadh daoi air daraig, gun a ghabh e iosad snuadh nan òighna ghnùis. Ach rinn esan dearmad air na bha falach foruisg. Oir bha teine gun chnàmh anns an shùil a bhaige, nach biodh faoin fo chorruich. Bha iad cuideachd, mar gum b-eadh, asùghadh diomhaireachd na cruinne da ionnsaidh; ’safàgail a rùin acur cinn a-ghnàth air tòimhseagain.


1 dealbh beachdaidh


[5]

Bu dhearras (1) le gruagaich a làmh-dheas ga cobhair; ach gu h-àraid, sùgradh a bhilean ricluais, is conaltradh nan cranngan tàladh.

Be sid coltas an uasail— ’san dol-seachadannsna ghabh mnathan aChinn-ìochdraich tlachd. Is cha mhomha na sin a bha esan gun an ùidh chiadna anns na bha ri fhaicinn, ’s ri oilean mun cuairt da. Bhon a dhfhàg e Abhainn Lusaidh, bhan slios air chrith le crodhgan iomain gu féill; is géum air ghnòsad cho guthach ri sniomh nan tonn mu charraig. Chluinnte iomadach seòrsa Gàidhligga labhairt air an astar ach a bha air bheag blas do mhuinntir an Eilein. Bha Abraich aconnsachadh (2) bathair mar gum biodh achioch-shlugain gan dìth; Fìnich aslaodadh nam facal mar troimh chàirean loisgte; Geàrrluich, mar thuairnear, arothadh an seanachais; is Sàilich pheircleach adeanamh na sùla-bige air achéile; is iad adi-moladh prìs nan aighean, far an ruigeadh an còmhradh air cluas coimhich.

Dhfhaoidte nach robh na dròbhairean idir cho cearbachnan gnè, ’sa bheireadh òran an Ogha Mhóir a chreidsinn oirnn. Cha bhiodh esan ach acur an seòl nan turragan (3) bu mhiann leis gach sgìr a bhi tarruing as achéile mar mhagaid.

Ràinig Iarlom an fhéill air acheann-thall. Ach cha drinn e sin gun iomadach sùil alaidh air; is iomadh ceist a chur mu bu cheann-turuis dha, air nach teireadh an t-adhan (4) fuasgladh. Biodh sin mar a bha: nan do leigeadh fios-rùin ri dreallaig, thuigeadh fear beachdail an cion-fàth thug Morair òg Chinn-t- Sàile


1 iarrtas
2 argumaid
3 cothrom tilgeannais
4 sean-fhacal


[6]

dhionnsaidh Féill an Ath-leathainn. Ach bu lionmhor iad, aig an robh daor-an-ceannach air an lathas a theachdaireachd. Bann diùbh-san Goiridh Mac Fhraing aChaisteil Mhaoil, agus an a phòs eUna, piuthar an Ridire Tholmaich.


III

Is e fìor latha Féille bhannlathan àidh anns an gabhadh na cnoic tlachd. Bhan crodh is aonach orra leis an teas; coingam blianadh ri taobh nan sruthan, ’s iad aceapadh nan creithleag, a bhag iarraidh don teangaidhs i mach; bodaich, ’sam buinn an sàs, acumail lothan air taoid; -laoigh ateicheadh bho h-aineol is casa-luatha gabhail bealaich oirre; aighean, chaidh a ghiollachdsan aona chrò, ariabadh achéile; is mnathan, le goileam, aroinn na coire; brogaich easgaidh adeanamh falach-fead mu na bacan; is clann-bheag aruith nan lianag, mar dhrìlleachain air tràigh gaineachadh; eòlaich ag ùrachadh càirdeis; coigrich atagairt eòlais; luchd-malairt ableideil na prìs; bùthnan nam mìlsean trang areic, far an cuireadh fleasgach comain air maighdinn; pàilinn na dibhe na bu trainge; oir bha móran agabhail fàth air fionnarachd an dubhair airson crathadh-làmh mu chuach na h-aoidheachd; is uaislean aspaidsearachd cho curanta ri maoir-mhóra na Lochluinn air an drinn Oisein bàrdachd. Bha, mar gum b-eadh, an àibheis (1) ann an glaic nam beò: beatha gun deireas an ceann achéile; cànain aosda nan saoidh air trùmh (2) nam bilean; is gun neach idir mu-ruighe nach teòthadh ri fuaim a fàilte.


1 an t-adhar
2 càirdeachas soilleir


[7]

Is ann mar sid an t-ionad, agus an gnàth, anns an dfhuair Iarlom e fhein, an déigh ceithir mìle choiseachd. Chuireadh uibhireachd gu leòr air adol troimhn bhaile; ach is beag nach deach e as aire measg ùprait is ulla-thruis na féille. Theagamh gur h-e sin bu mhiann leis, nan rachadh aig air. Co-dhiùbh, cha robh e gun bhoiream (1) air an taobh bhon éireadh conas. Oir dhfhèach e ri e fhein a dheanamh cho neo-nochdaidhsa burrainn da le bhicumail a ghluasaid far am bu tibhen sluagh. Ach, mun dthuirt an t-Ogha Mór, ’ga aithris: ‘Chaidh sin leis mar achaidh an taigeis leis achat’.

Bha naimhdean a thighes a chinnidh cho dlùth dha ri truaill do chlaidheamh. Ach comharraichtenam measg bha Goiridh Mac Fhraing aChaisteil Mhaoil. Is mar nach robh an dànsan t-sìth, bha esan is Clann Choinnich ann an rùn nam biodag da chéile.

Cha be en gamhlas-gin buileach, a thog an sgial, no chuir fuath cho dealasach (2) eatorra. Bha cuspair am buaireis cho meachara ri ròs air meanglan lùbach. Nacheil e cho math domh ìnnse? Oir cha robh iadnan aonar, a chaidh an cìnnseal doilgheis air tàilleabh leannain, is a fhuair an t-saothair carraideach. Their cuid, gur math an airidh: seachainn thus an t-olc, is seachnaidh an t-olc thu. Glé cheart! Ach tha facal nan seanar ag ràdh? ‘Trì nithean a thig gun iarraidh: eagal, is iadach, is gaol.’

Bi Una, nighean Fhir-Laobhrais, ainnir nan sgìrean air bòichead. Tha òighean na Gaidhealtachd gu léir dreachmhor; ach thug Una, piuthar an Ridire Tholmaich


1 fathunn le amharus
2 diarasach dùr


[8]

ri latha bàrr orra. Bha dithisd air an astar, co-dhiùbh, a fhuair am beachd sin, sùgrach ri altrum: Iarlom Mac Coinnich a Ceann-t- Sàile, agus Goiridh Mac Fhraing aChaisteil Mhaoil. Bha iad le chéilen geall oirregach fearna dhòigh fhein. Ach ged nach deachaidh a toil ri rogha teaghlaich, thaobh ise òigeir Chinn-t- Sàile.

Cha robh an t-aomadh gun fhios do Mhac Fhraing. Is an àite gabhail ri togradh an dàin le déisthinn (1), rùnaich e dhol cala-dhìreachna aghaidh. Ach nan do thuig e bhuil roimhn mhithich, theagamh gun dfhàs iomadh bachlagna aigne, mun do chuir e a rùn an géill.

Bann air amhodh so, a thug an t-Ogha Mór dhuinn eachdraidh. Dhainmich mi na nithean a thachair mar a chuir e fhein cainnt orra. Ach thug e tarruing air rud éiginn no dhà, a bhuineas do mhànran na corra-chagailte; is nach cuir call air meanglanachd mo sgeòil, ged a dhfhàgainn achosamail (2) aig sìthichean beaga nan cnoc.

Bha nàbachd fearainn eadar an Ridire Tolmach is Mac Fhraing. Agus bu daor a chreanaich iad fhein is càch air an tuiteamas.


IV

esan an tìr nam beò anns nacheil gaiseadh air choireigin? —Chaneil e ann. Ni momha na sin a bha an Ridire Tolmach. Chan e idir gaiseadh-bodhaig no inntinn a bha cur air; ach tuisleadh beag ris an canadh eòlaich, sannt an t-saoghailsannt-fearainn, ma dhfheumair aideachadh. Fhuair e séilbh air na bhaige, is tiotal còmhla ris, goirid


1 tàmailt le àrdan
2 rud millte


[9]

an deigh aramach, 1715. Dhfhaoidte nach biodh e le sin ach a mealladh duais a shaothrach. Ach ma shoirbheich leasan, rug an Sguabag air cuid a bhràthar.

Dlùth do dhoighreachd an Ridire Tholmaich, bha eilean, ris an abrar Scalpaidh, agus Pabaidh. Bhuineadh iad do Mhac Fhraing. Is ged nach robh mac no nighean aig an Tolmach, bha criochadaireachd nan eilean ud a-ghnàthnam buaireadh da. Bu toigh leis Mac Coinnich mar bhràthair-céile; ach bu ro thoigh leis tin air séilbh nan eilean.

Cha robh ach aon dòigh anns an drachadh aigair a mhiann a shàsuchadh; be sin, a phiutharUna shuairce— ’thoirt an gealladh-pòsaidh do Mhac Fhraing. Ach an àite tochraidh a bhi leatha, ’s e thainigna rùn, cùmhnant a dheanamh dha taobh, airson an eilean fhaotuinn da fhein.

Thachair eis am beachd sin dian astrìth risair Mac Fhraing aig Féill an Ath-leathainn, mu eadradh an latha. Chuir iad fàilt air achéile; is cha bfhada gus an robh iad air cheumsaseanachas.

Cha deachaidhdad dhe sid as air Iarlom; oir lean a shùil iad gus an dfhàg iad ionad na féille. Thainig clisgeadh air a chridhe, gun robh gùm (1) fon ian aca bhiodh fadheòidh a chum dolaidh dha. Chaidh a mheomhair gu grad air uideil; ach dhiùlt i cobhair da amharus is da iomagain. idir a bha ceàrr? Nach do gheall Una a choinneachadh mun teannadh aghrian ri cromadh? Bha e cinnteach as a cridhe, carson a chuireadh e teagamhna facal? Ciod bu chiall don


1 plan


[10]

fhaireachadh shiùbhlach a bha tromadh, ’s atromadh air inntinn? A! cha robh e tuigsinn: bha e faotuinn rabhaidh bho dhruidheachd an dàin, gun robh toirmeasg sonaisga fheitheamh.

Is beag an rud a chuireas cion-furais air suiridhche, gu h-àraid, ma ghabhas e cùram gubheil fear-bagairtga dhochair. Nan do sheachainn Mac Fhraingsan Ridire Tolmach co-chòmhail foshealladh, is math a dhfhaoidte nach tugadh feitheamh, eadhon gu h-oidhche, an casadh bu lugha air fhoighidin.

Thainig ena rùn— ’s cha bann aon uaira dhol air tòir na dithisd a thog a bhruaillean; is an cur gu dùbhlan. Ach ged a bheireadh so beagan faochaidh da mhi-thlachd, smaointich e nach biodh stàth no gliocas ann air acheann-thall. Leig e leotha; is leigidh sinne leasan an ceartair, is e gabhail ealla ri dithisd a thòisich ri carachd na bfhaisgair na chòrd ris.

* * * * * *

Nise, Ghoiridh,” labhair an Tolmach cia luaths a fhuair iad an rathad dhaibh fhein, “tha thu canail rium gu bheil thu airson Una a phòsadh? Na chuir thu bial air do thogradh dhith? Chan ann idir le caog-shùil a bheirear an ud gu tachlais.”

Than fhìrinn air mo bhilean,” fhreagair Goiridh, ’s e deanamh gnè de sheasamh. “Bheirinn na chunna mi riamh na meallainn a làmh.”

Bhiodh sin soirbh gu leòr dhut,” thionndaidh an Tolmach air a tharsuinn, “nam bitheadh tu ag amharc air cuid chàich.”


[11]

Chan ann adeanamh di-meas air mo dhùrachd a tha— —”

Stad, stad!” thuirt an Ridire le gàire. “Neo chan fhaigh Caisean cuideachadh. An robh móran agad air an fhéill an diugh? Chuala mi gu bheil prìs chuimseach air aighean is -bhliadhnaich.”

Chuala mi sin,” dhaithlis Mac Fhraing, mar nach tuigeadh e air a bhan Ridire tighinn. Ach cha dubhairt e an còrrsan àm.

Chum iad ceum is ceum adol gus an dràinig iad stoirean-mór Abhainn aChoire, far an drinn iad suidhe. Be sid an rathad a dhionnsaidh aitreamh an RidireTigh-mór Laobhrais. Be sid an rathad cuideachd, a ghabhadh Una a dhionnsaidh na féille; oir, ged a bha i car fadalach, chìtear acoiseachd na slighi, mu bhuillean an ama sin.

Bha bruthach cas ag éirigh bhon abhainn, ’s afalach an rathaid far an robh e lùbadh don àth. Tha brod na drochaid air an làraich an diugh. Ach cha robh iomradh air a leithidsan linn ud, mur a tigeadh neach thairis air ann amfàisneachd Choinnich Odhair.’


V

Bha Una Tholmach agabhail an rathaid le cridhe cho aotrom ri beadradh leannain air mhire, nuair a thainig i gun fhios gun fhaireachadh air Mac Fhraings a bràthair, is iadnan suidhe aseanachas.

Thug iadsan le chéilen aire dhith; is cha robh leisgial an seachnaidh aice.


[12]

Una!” dhfhùc Mac Fhraing fo anail, is buille air a chridhe.

Adeanamh air an fhéill,” leasaich an Ridire mar chonas. “Chaneil fhios thaga feitheamh?”

Ràinig an t-saighead am beò aig Goiridh; is a-chionn nacheil meachainn (1) am farmad, ghuidh e barrachdna rùn na chuir an t-Ogha Mór cainnt air.

Aréir na h-inntinnsan robh i, agus a h-aideachadh fhein, bu lughair Una tachairt air ùraisg aognaidh nan sgialachd, na Mac Fhraing an uair ud. Cha robh gràinsam bith aic air. Ghabh i, is chòrd aoidheached a thighe rithe uair is uair. Chan fhac i riamh ach uasalna ghiùlan e. dha sin? Bha e sean! Ach nan robh ise de chleachdadh-pòsaidh nan Eallagholach, dhfhaoidte gun a sheachainn an aois buille na h-eadraigin. Thainig na thog a sùil bho chearn eile; ged a bha rudaigin acanail rithe nach tig an latha mhealladh i rùn a cléibh.

Chual is thuig i rian nam facal a dhaobhraich isan àm eadar an dithisd eile. Ach cha do leig i dad oirre. Oir ghabh i seachad le fàilt an latha chur, ach gann ann am freagairt. Ma ghabh, dhfhàg i Mac Fhraing ann an sunnd a rinn criadh dheth ann an làmhan a bràthar.

Bhan Ridire tuilleadh is teuma airson dàil a churna turus. Is cha dubhairt e móran gus an deach i gu math a sealladh.

Cha burrainn Mac Fhraing cumail air na bfhaide. Thug e an dudar-léum air a bhonnaibh, is thog e làmh ri àirde na féille.


1 truas no géilleadh


[13]

Abheil fios agad thair an astar so an diugh?” dhfhoighnichd e le racna ugan.

Ma ! ’s tu chuir acheist orm,” fhreagair an Tolmach, is e ag éirighna sheasamh. “Ged a be Mac Coinnich Chinn-t- Sàile thigeadh le bagairt, bhiodh gu leòr dhut a ghabhail cho teith.”

tha canail nach e Mac Coinnich a h-ann?” thill Goiridh.

An ann mar so do naigheachd?” thuirt an Tolmach air a shocair. “Cuiridh mi mo chluas dheas air agheall, nach bi duine air an fhéill bho oidhche nach tuig aobhar a chinn-uidhe; agus Una air achiad .”

Than fhìrinn agad! Than fhìrinn agad! Ach abheil thu dolga toirt dha?”

Chan e sin acheist,” arsan Ridire; “ach abheil thu dolga leigeil leis?”

Ciamar a théid agam air?”

Le deadh thagradh, is cridhe fosgailte,” fhreagar an Ridire. “Ach nacheil e cho math dhuinn sùil a thoirt don fhéill, gun fhios nach faigh thu deachd.”

Bfheàrr lium gu mór fhaotuinn mun ruiginn an fhéill,” dhaidich Mac Fhraing. “Bidh sùil agam ri gnìomh nàbaidh uat, co-dhiùbh.”

Theagamh gu bheil thu ceart an sin,” thuirt an Tolmach, ’s ecur a làimhe air gualainn an fhir eile. “Ach an creid mi gu robh thu ann an da-rìribh, nuair a gheall thu na chunnaic thu riamh, nam biodh Una pòsdagad? Tha mi dol a dhearbhadh tfhacail.”

Is fiach air duine na gheallas e,” fhreagair Mac Fhraing gu grad.


[14]

Tha toiseach aig an iasg air gabhail, smaointich an Ridire, ’s egriobadh Mhic Fhraing air falbh leis. Ach cha robh e airson a rùn a chasadh. Oir bha e làidir dhen bheachd gum bann air tàilleabh Mhic Coinnich a chaidh Una don fhéill; is nan tigeadh do Mhac Fhraing a faicinnna chuideachda, fhuair e fhein gun spàirn, na bha dhìth aircòir air Eilean Scalpaidh, is Eilean Phabaidh.


VI

Is gann a nochd Una ri iomall na féille, na bha Iarlom Mac Coinnich ritaobh. Rinn iad furan gun aithris ri chéile; oir bha iad air cnàimh an rathaid, is folaiseach don t-sluagh. Ach bha esan coma chitheadh, no chluinneadh e. Bha briathran a dheòin aruith air a theangaidh le caomhalachd nach buin ach do Ghàidhlig a mhàin.

Gu tha ceàrr?” thuirt ise le athadh, ’s i ag amharc thar gualainn Mhic Coinnich.

Bha esan anns an togradh nach gabhtairson sùgraidh. Oir bann le lasadh-feirgena aodann a lean a shùil an rathad a bha Una acoimhead. Ach thionndaidh a chorruich gu cùram, nuair a thug e an aire dhan fhear a chunnaic e carachd an toiseach, is iad ris achleas chiadna nise rithaobh.

Thòisich an sluagh ri dùmhlachadh mun cuairt dhaibh. Ach ged nach burrainn da rian a chur airsan àm, mhothaich e gun robh an còrrga amharc fhein, na chumadh ri bhaisteadh e. Cha robh cothrom dol as aige, nan éireadh tuaireap (1); an rud a bha h-uile


1 sabaid le dortadh fola


[15]

collas air. Thuig e a chunnart; ach, mar bu dual do shìol na Féinne, cha tug a rùn àite-builgidh do gheilt, no dheagal.

Clannic Fhraings aGharbhag-shléibhenam bonaid,” labhair Una beagna chluais. “Than aimhreit fodhpa. Coisich liumsa,” ’s icur a làimhe air a ghairdean.

Cha tig e do Mhac Coinnich e fhein a theanachdas fo sgiatha boirionnaich,” fhreagair e le fiamh gàire, thug rughadh blàthna gruaidh agus léum air a cuisle. “A-chionn nacheil còir le cead agam air do chuideachda, mholainn dhut an fhéill fhàgail. Oir tha eagal orm gum bi clò air cleatha bho fheasgar, a bheir aBhean-nighe don àllt. Ma gheibh mi cuidhtes na greannain so, am faic mi aig an Ath thu a-nochd, agus cuin?”

Chi,” arsise, “nuair a dhùinear an duilleag, ’sa sgaoilear am breacan, ’s a théid amarbh a thiodlacadh abheò! Buaidh dha dlaimh, is beannachd do mhisneachd dhut.”

Aig acheart mhionaid a bha Una adealachadh ri Iarlom Mac Coinnich, thainig air fàireadh ach a bràthair, is Mac Fhraing.

Nach dubhairt mi riut,” arsan Tolmach, cia luaths a chunnaic ephiuthar, “gu feum fear nan cuaran éirigh uair roimh fhear nam bròg? Cuir Scalpaidh is Pabaidh air ceann-gìll, neo rinn an Sàileach mór an gnothuch ort.”

Sheas Mac Fhraing, is e cur a bhoise fo uilinn, anns an dòigh a bhiodh aig an Ileach ag aoireadh an Donais. Ma thuig e rùn an Ridire, thar-leis, gum be sid an t-àm


[16]

san cothrom airson iomlaid riaraichte dheanamh dhaibh le chéile.

Faic so,” thionndaidh e ris an fhear eile. “An latha bheir Mac Fhraing, Una do phiuthar mar chéile-phòsda da chaisteal, ’se do chuid-sa Eilean Scalpaidh, agus Eilean Phabaidh. Oir bfheàrr lium a bhi dhìth fuinn, na bhi dhìth suim ann an sùilean mo naimhdean.”

Do làmh le tfhacal,” thagair an Tolmach gun a ghuth a chasadh. “An latha phòsas Mac Fhraing agus Una Tholmach, is liumsa Eilean Scalpaidh, is Eilean Phabaidh; agus leotha-san a dhoighricheas orm, fhads a bheir dhubh bainne.”

Dhaithris Mac Fhraing na briathran mar a fhreagair iad air fhein; is chuireadh crannchur Una gu taobh, mar nach biodh an teagamh bu lughana h-aontachd ris.

Cha robh cuilbheart an fhortain air cuigeil cho cruaidh, nan deachaidh an cùmhnant a dheanamh aig làraich eile. Oir bha cuspair an seanachais, ’s a cridhe fo iomagain aruith a dhionnsaidh a bràthar, a-chums gun gabhadh e cùram Mhic Coinnich os làimh. Ach is beag a shaoil i gun robh e an dàn dith a bhi casaid riutha-san a bha cheana air lorg cur as don òganach, a chuir thuigi cho fada.

chuir an taobh so e,” thionndaidh a bràthair an aghaidh a casaid, “mur a toir e an aire dha fhein? Am fear a théid a chur conas air mathan, ’s math dha ma sheachnas e cuimirean bho na crodhanan aige. Ma thig dad ris, cuiridh sinn clach air a chàrn far anfarna thuit e.”


[17]

Chunnaic Una lùbadh na mearachd; ach dhfhan i air ballna tosd. Oir thainig sanasna h-inntinn gun robh foill ri bruthachs a taod mu cluasan. Thug i sùil air fear mu seach dhiubh, dhfhèach an togadh i comharradh an dàin bhon gnùis. Ach mur a dfhuair i dearbh fhianuis air a h-amharus, mhothaich i gun robh miann a cridhesan t-saoghal, is eseasamh aig peilear a bheatha. Bha i, ach gann abasraich a h-amhghair, nuair a thug taibhs na misnich beò air a h-aigne; is chuir i cainnt fo h-anail air.

An t-Ogha Mórarsises i tarruing gu h-obann air falbh. “Ma tha esan iomall, is gun teid agam air fhaotuinn,” rùnaich is i ag amharc mun cuairt, “tha Iarlom sàbhailte.”

Bha esan far na dhfhàgadh e, achna chaidh e gu taobh airson nam fear-carachd, a bha sìor-theannadh ris. Chunnaic e gun robhnam beachd, aimhreit a thogail fa chomhair ge boil leis. Ach fhathasd, —ged nach dfhuair en t-saothair soirbh, no taitneachchum e air, is bhuapa, dhaindeoin an ìnnleachd. Cha robh sùil caraide ri fhaicinn, no duine dhe chinneadh air fàireadh. Bha coslas calla, thar-leis, ann an aodann fir no dithisd, nach do dhealaich ri chrudha fad an latha; is iad a-nise biorachadh da ionnsaidh. Thug e aig acheart àm, an aire gun robh aGharbhag-shléibhenam bonaidean-san cuideachdsuaicheantas-catha Mhic Fhraing.

Ged a bha Iarlomna aonar air raoin, is luchd-éirig ag iarraidhna chìrean, cha tainig amùghadh bu lugha air a smearalas. Ghabh e annas, airson sin, nach robh


[18]

an sgiobaige fhein ri fhaicinn. Ach cha do chaill e an earbsa nach biodh iad mu-ruighe buille-taic, nan cluinneadh iadTulach Ard!’ air ghloc. Mhionnaich e, co-dhiùbh ris fhein, gum fosgladh blonaig fir no dhà, mun cuireadh iad a dhruim ri talamh. Agus cha robh obaig an dearbhaidh fada bho thaobh.

Ma fhuair, no nach dfhuair iad stuigeadh gun fhios da, thainig na fir-chomhstrith car air char, gus na thuit iad, tromach-air-shearach (1), mu chasan. Thug fear, ’san dol-sìos, tàbhadh air asgein-duibh aige; ach léum esan air ais, is mun drinn am fear eile bhuinn, bhan claidheamh aig Iarlom ri glaic a sgòrnain.

A dhiùidh nam fiùidh!” labhair e le sèiteanna ghuth. “Ged is olc a thoill thu e, bheir mi bàs duine dhut,” is a chlaidheamh ag éirighsan adhar mar lasair phrunnastain.

Ach mun do thàrr e gniomh a chur an ìre, chual e, guth os-cionn gach caramasg a dhaithnich e.

Na tarruing claidheamh air diùidh,” labhair am fear sins e deanamh rathaid da ionnsaidh. “Than t-Ogha Mór ann an so air do chùl, a Mhic Coinnich!”

Leamhs gan robh sin leis, chum Iarlom a chorruich fo cheannsal; agus am feadhs a bha bharail air bhogadan, fhuair an garrach as. Ach ma chuirear sgial air fìrinn, cha robh e diombach mar a thachair.


VII

Bu churaidh air blàr an t-Ogha Mórcnàmharnach trom de dhuine garbh, ’s a cheann os-cionn an fhir a


1 muin air mhuin


[19]

bàirde. Be fhein is geamhradh an -fhichead, na comhaoisean. Ach mar is gnàth do chogais gun mheirg, bha spìd air a barradh ri iollag an t-seana-ghille. Bha mheomhair ann an coimeas ri bhodhaig, is iteachan abhàird maille ris, le cead an Fhreasdail. Oirmur a canair an t-Ileach fheincha robh aig rogha nan Druidh na bheireadh dheth e ann an di-moladh an Fhir-is-miosa. Nuair a thigeadh dha beachd a liubhairt, bhiodh pongna sheadhachd. Cha tric nach gabhta ris mar bhinn nan seanar bho rùn gliocais. Bha aoidheachd is ceartas an còmhnuidh air làimh aige; agus cha bhiodh e mar a chuid fhein don fhear sin, a thigeadh air le car-tuathal bho bhealach.

Ged a bha thogail a-measg ìochdran, theireadh bean-ghlùine air mhaille, gun robh fuil an uasailna chuislean.

Be sid teist acheatharnaich anns na chuir Una a h-earbsa. Thainig i tarsuinn airna h-airc, —ena shuidh air cnoc, cròileagan mu thimchioll, agus dalladh aig air òran na Féinne.

Cha luaithe chuir i a h-éisna chomaine, na rinn esan air an ionad anns an robh Mac Coinnich aig diachainn. Mar a chaidh leis, tha sinn cheana air fhaicinn.

Fhearaibh!” labhair e le guth anns an amaiseadh cluas-ghiar air magadh, is muigheadh, “an tilgear air Strathach, no Sléibhteach gun a sheall e eas-urram do choigreach? Thug ar daoine aoidheachd mar earras dan cloinn; ach tha mi faicinnnar measg na bhuaireadh fear-tathaichna aonar. Is cìnnteach nach ann as leith Sgiathanaich a dhéireadh achearb sin.”


[20]

Dhéisdeadh ri chasaid; ach cha robhsan tional na ghluais facalna aghaidh.

Freagraidh misair bhur son,” thuirt e an ceann tacain. “ ’S e cùiltearachd Chloinnic Fhraing is coireach; ach chan annbuidheachas don Fhreasdal! —de shìol an Eilein iad; ged a thachair dhaibh a bhi le ceadnar measg, mar a bhan Tiristeachs achuideachda. Cuireamaid eireachdas air cleachdadh ar dùthcha, le bhi sealltainn do Mhac Coinnich Chinn-t- Sàile, nach fhiù leinn dol-a- mach an spleadhaire. Cha do chuir Mac Coinnich an còrr na sin a theagamhnar gluasad, neo cha tainig e don bhaile fo éideadh, is shuaicheantas a chinnidh. Deoch-slainnteChabar-féidh!’ —gach fear mar a chothromAoidheachd do choigreach is cnàmhan prann do naimhdean ar dùthcha!”

Lean iollach an òraid; sgap colgairean na mi-thlachd. Ach goirid na dhéigh, bha bùthnan na dibhe dripeil; cuach an òil deiseal air chuairt; is fàsgadh dhòrn an greim càirdeis.

Mun dfhàg Una an fhéill ann an comunn a bràthar is Mhic Fhraingnach do ghabh orra na chunnaic, no chual iadghabh i leisgial air Mac Coinnich fhaicinn. Ach bha esan air togail air falbh, ’san t-Ogha Mór le làimhna achlais còmhla ris.

Rinn iad còmhail airson sin, an déigh tràth-cadail mar a chuir i air suim an toimhseagain. Thuirt ise gun tachradh i ris, nuair a dhùinte an duilleag, ’sa sgaoiltem breacan, ’s a rachadh am marbh a thiodhlacadh abheò; agus mhìnich an t-Ogha Mór do Mhac


[21]

Coinnich anns an dòigh a leanas e: ‘Nuair a dhùinear an doruss a théid an teine smàladh.’

dha sin! Cha robh stàth anns achoinneimh: oir fada mun a chiar an oidhche, bha Una air rèiteach ri Mac Fhraing aChaisteil Mhaoil. Be sid an dealachadh beò a rinn leòn cràiteach ann an da-rìribh. Bha toil an Tolmaich na lagh dith; oir dhiùlt i brìodal an fhuadaich bho thagradh Mhic Coinnich, ged a bha iallan a cridhegan riasladh.

Cha do cheadaich an dàn domh sonas,” fhreagair i ri shùgradh blàth. “Ach olc is mar a tha mo chrannchur— ’s ann aig Dia tha fios air truimead mo léiridh, —bhiodh e cian na bu mhiosa nan leanainn mo chridhes do thàladh. Thug mi gealladh do mathair air leabaidh a bhàis, gum bithinn aontach ri toil an Ridire, mo bhràthair. Than t-aideachadh cruaidh; ach cha bhrist Tolmach fhacal. Is ge be idir cho mór a rùn, chan e dhi-chuimhnicheadh a dleasanas, a sheasadh a h-àite ri Maor-mór Chinn-t- Sàile.”

An e so do naigheachd, agus toradh mo ghràidh dhut?” thuirt e ann am briathran a bha ach gann afaotuinn cead ruith bharr a theangaidh.

Ged is duilichs fheudar,” fhreagair i le ceann crom. “Thig e dhomh tfhàgail mun tarruing mi an tuilleadh draghanad lorg. Is suarach airson sin na tha thu fàgail an Laobhras; oir tha mo chridhes mo dheòin afalbh leat.”

* * * * * *

Chluinnte morbhan an uillt mar chonaltradh nan daoine-sìthe fo iomagain. Bhan osag le osnana h-uchd


[22]

alùbadh nan diasan seanga; thigeadh bradan gu boisgeadh na gealaichs aghlumaig; agus ian-beag le bìog na bu dlùithe da neadan. Dhéirich ameannan-adhair le clisgeadhsan lón; leig an gille-brìde biac as air sgeir-chladaich . . . . bha Una air cluasaig is a cadal an iomrall; Iarlom Mac Coinnich, ’s a mhulad an tosd, astiùireadh a bhirlinn air linne Chinn-t- Sàile.

Rinn iad an gnothuch air Mac Coinnich,” thuirt e diongalta ris fhein; “ach tha latha choin duibh gun tighinn fhathasd.”

Agus bfhior dha sin.

title1. An t-Ogha Mor
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page