TURUS NA CRICHE
Tha e nis air slighe na fìrinn
—SEAN-FHACAL
Thug an sealgair a chulaobh ri cois na tràghad, ’s e buidheach de shaothair. Bha smachd an anamoich an déigh meanbh-spréidh a’ sguabadh do’n suain. Tharruing luchd an dorbhaich an cuid bàta air leac Sgeir-na-h- Oitreach, gus an tilleadh an làn a bheireadh iad suas an t-Ob. Chluinnte plub a’ bhradain ’san tanalaich; is biac an steàrdain, far am builgeadh an cudain ’san uisge. Agus, mar phìob-an-aona-dhuis air scroig, chìtear a’ chorra aig friodhan an t-sruith ’na gurach; is sos an éisg a’ dùmhlachadh a sgròbain.
“Ille!” chagair Gilleasbuig Mac an Tòisich ri Alasdair Aonghais, “Nach coimhead thu an té sgèanach ’s i ’na cadal?”
“Ta! ’s i h-ann cheana,” fhreagair Alasdair ’s e deanamh cuimse-corraig. “Na’n robh an gunna caol agam, bha ise ’na crogan mun cual i ’n urchair. Ach fuirich ort! Gu dé do bheachd air an fhios a chuir Iain Ruairidh d’ar n-ionnsaidh?”
Chrom Gilleasbuig, is thog e dòirneag.
“Tha, ma chreideas tu mi—am beachd a bh’aig Iain Sheumais air Uisdean,” leith-chronuich Gilleasbuig ’s e tarruing air a’ chorra bho achlais. “An cual thu riamh mu bharail na luchain air a’ chlamhan?”
“Cha chuala, no duin’ eile,” thuirt Alasdair le tarsunnanachd. “Ach airson ri ’g ràdh rius e, bu toigh lium na tha fo’n ian aig Iain Ruairidh a thuigsinn.”
“Ni thusa sin, nuair a dh’fhàgas Domhnull Camaran sùil an aoir aig sròn a’ mhagaidh.”
“Gonadh ort!” thionndaidh Alasdair le gàire. “Nach ann ort a tha’n sgath. Na’n d’thuirt thu trian deth ri Tearlach Buachaile, bha e agad an druim nam boghannan. Coma leat! Is searbh a’ ghlòir nach faodair éisdeachd. Tha——
Suiridhichean, suiridhichean
feadh a’ bhaile timchioll;
Suiridhichean, suiridhichean
feadh a’ bhaile thà;
Suiridhichean, suiridhichean
feadh a’ bhaille timchioll,
Bidh a-muigh ris a’ ghealaich,
gus am faigh iad fàth.
“Suiridhich— —”
Stad Gilleasbuig ann am bristeadh an fhacail; is do ghearradh nan sùrdag air an tug e beò-ionnsaidh le port-a- bial. Sheas a dhà shùil ’na cheann, is thainig buille-clisgidh air a chridhe.
“An tug thu ’n aire dha sid?” thuirt e fo anail, ’s e a’ breith air muilichinn Alasdair.
“An aire, có dha?” dh’aithris a charaid le cùram. Is cha b’ann faoin a bha fheòrach. Oir thuirt na h-eòlaich—le aithne cuideachd—gu’n robh comas an dà
sheallaidh aig Gilleasbuig. Biodh sin no a’ chaochladh. Ma’s briag bhuam e, ’s briag thugam e.
Bha’n t-àite ’san t-àm a’ co-fhreagairt. A’ beàrnadh lias an adhair gu mùgach ’san iar orra, chìtear cinn-leacan nam marbh an cladh Aisig—iad a’smèideadh air fir-thalmhaidh ann an tréun a’ neairt; is air clann nam fonn ann an gnàth an subhachais. Fad-as is cian, far an caill sùil a treòir ann an gorm nan astar, bha’n Grioglachan priobach an sid a’ caithris; is e trang ag àireamh triall nan anam a fhuair crioch an dàin roi’n mhithich.
“An aire, có dha?” dh’fharraid Alasdair an ceann tiotain. Oir, a-chionn gur buidheach an Sealbh dhe’n fhìrinn, is ann a thug ìanraigean (1) Ghillesbuig gnè de dh’athadh air.
Ma chuala Gilleasbuig briathran an fhir eile, cha tug e cluas dhaibh. Ach có cho saoghalta ’s a thigeadh eadar an taibhsear ’s e ’deanamh fiosachd?
Thuirt an seann duine gu’m faigh baobh a guidhe; ach thig am Fear-mór as na fhriamhaichean le oillt a tagraidh; mun toir cràinn a buidseachas gu ìre, iarraidh i talamh is adhar, uisg’ is teine, air dhòigh a dh’fhàgas a dol-a- mach ’na chùis-uamhais iomlain. Cha’n e sin do’n taibhsear e. Tha esan ainmeil ann an seadh eile. Gun ghuth-mór, no droch fhacal, bheir e theachdaireachd ann am bith. Cha téid e an eisimeil manadh uaignis, no cuilbheairt. Thig fios-nam-fàth ’san amharc aige—cothromach, soilleir; is chi e le sùil a’ chuirp—fada mun tachair e—gach gnè tubaiste, ’s iad a’ gabhail an
1 seòl-dòghach
àit’ ann an amar-deilbh na nithibh sin, tha’n dàn ri teachd.
Thuig Alasdair nach robh stàth dha bhi dol an ceann seanachais, fhad ’sa bha Gilleasbuig bho uideil na tàibhse. Rùnaich e mar sin gabhail ealla ris—an rud a rinn e, le bhi suidh’ air groban creige. Is cha b’ann idir dha aindeoin a ghluais rian-thogradh nam bàrd a spiorad.
Bha gealach làn an abuchaidh aig a h-àirde ’san iarmailt; is i boisgeadh mar lòchran sagairt air Oitir Aisig—an còmhnard réidh a bha sìneadh bho Sgeir-an-t- Sruith a’ tuath air, mar mhainnir-chluich do dh’ òighean-cuain.
Bidh taobh aig fear-camain ris an Oitir, smaointich e ann an teothad a bhàighe. Nach iomadh cath-mór a chunnaic i? Aig latha bliadhn’ -ùire, bhiodh am bodach le anail ’na uchd, gu dian a’ basaigeadh; fear a ’chinn-léith cho sunndach ri gille-mirein; is có na’s cruaidhe na esan ag éubhach: ‘Seas do sheas, a mhic an fhir ud!’ —làn-dhaoine, —bras, spàirneil agus sùbailt, —a’ toirt adhair bho adhar do’n bhall; is gillean, neo-uisgidh, gun ghiamh gun ghaiseadh, ’s iad a’ strìth ri smachd na h-oidhche mun tugadh iad suas bial-taghail.
II
Bu cheòlmhor luaidh nan seann àbhaistean. Ma’s- a- b’fhìor do Dhomhnull-nan-Cnag, ghluaiseadh e fuil theith ann an cuislean an lapanaich aosda. Oir nach tric air an raoin ud, a chunnacas Coire-Chuìbean, is Iain-Brocair—maille air an leirsinn; iad a’ crith air a’
bhata, gean-gàir’ air an gnùis, ’s gun fiacail ri fhaicinn ann an dorus am beòil.
Ach cha’n ann air a’ mhodh so buileach a chuir an t-Ogha Mór an cruth iad anns an eachdraidh a thug e. ’S ann dha fhein a thigeadh a dhol an dàil blas chainnt. Oir dh’aidich Mac Mhaighstir Alasdair nach do thachair riamh ris a bha na bu deise gu fuasgladh facail na esan.
Feasgar fann Foghair—eadar cur is buain—gheibhte e ’ga ghrianadh fo Chreagan-an-Leabhair, far a-minig a sheas Maol-righe bho chian, is e a’ cur tagairt a’ Chruinn-Céusaidh air sgial-aithne do chinnich nan Druidh ’s nan Crom-leac. Tha esan is iadsan air slighe na fìrinn—deanntag ri’n cluais anns a’ chìll ud thall; ach tha—mar a bha ’s a bhitheas—ionadan an cuairt gun dol gun tighinn.
Bu ghasda ’n duine, an t-Ogha Mór. Ged a theireadh cuid gu’n robh e car aon-fhillte, bha iadsan a fhuair eòlas ’na thigh air, a’ mionnachadh gu’n robh e cho fada ’s a’ cheann ’s a bha Fionn ’s na casan. Nach iomadh cas fhliuch is suipeir fhuar a bh’aig Alasdair air tàilleabh a chéilidh air.
Bha nàdar agus an t-Ogha Mór glé àraid. Agus nuair a thigeadh dha a dhol air gléus òrain, chitheadh meanma, sgàilean nam bàrd mu’n fhuaran cruinn; is cuach nan dàn bho làimh gu làimh ’ga sìneadh dha.
Dh’fhàs a dhuan mar leannan-sìthe, ’s i dùsgadh ann an cluan nan osag cheòlmhoir. Fad réis a sheallaidh bha e deanamh taoibh ri glòir-mhaise nam beann ciara; is té mu-seach dhiubh a’ togail fàiridh air tannais nam fireach fuara, nuair a dh’iathlas iadsan bho
ghrunnad na h-oidhche, chum— ’s math a dh’fhaoidte—fios an àidh, a thoirt do chridhe brùite ’na chadal.
Cha mhór a thuigeas dòigh a’ bhàird ri òran. Ach ma tha na comasan agad—leisgial freagarrach air do theangaidh, no am facal a fhuair do sheanair an iosad, còmhla ris an rud a bh’anns na daoine, fichead linn mun do chuir an Sàr-dhruidh deireannach, an corran-crom fo bharr-ìoc an daraich—faodaidh e bhith, le toil an Fhreasdail, gu’n lean thu am port ’tha air a mheòirean.
Biodh sid mar a tha e, bha alt thar tomhais aig Alasdair, cha’n ann a-mhàin air oilean na bàrdachd, ach chuireadh e, mar an ciadna, fonn air òran a bheireadh na h-eoin a crannaibh. Chanadh Gilleasbuig sin co-dhiùbh, na’m biodh iad—mar is minig a thachair—ri taobh cleath-luathaidh, an àm a bhi cur nam fleasgach ’san ùradh.
Ach ’s fhada thall an latha sin.
Thog Alasdair a cheann. Oir bha Gilleasbuig cheana spaidsearachd air ais ’s air aghart, mar neach fo iomagain.
“Dé nis a tha cur ort?” ars’ Alasdair. “Tha mi’n dòchas nach’eil sinn le chéile feitheamh air turus na dunaich.”
“Cha’n’ eil buileach. Ach tha’n còrr is dol a’ dhìth Iain Ruairidh ann an cuigeal nan dàn; agus bidh sinne ’na mheasg gu h-obann. Eisd! Dé fuaim a tha sid?”
“Tha bàta Iain Rairidh,” fhreagair Alasdair le
làn earbsa as a bharail. “Nach gabh sinn ceum a-null. Bidh e aig an Sgeir mun ruig sinn.”
Gun tuileadh dàlach, theàrnaich iad do’n chladach; is cha b’fhada gus an cualas an fheamainn bhuilgeach a’ bragadh fo’n casan.
Ràinig iad Leac Sgeir-na-h- Oitreach mu’n aon àm ’san robh bàt’ Iain Ruairidh a’ snàgail throimh Chaolas na Sgeire-glaise. An ceann mionaide no dhà, bhuail a sròn air tìr; agus leum Iain, a chasa-tiorma, far an robh Gilleasbuig is Alasdair cheana ’ga fheitheamh.
“Nach briagh’ an oidhch’ i, fhearaibh?” thuirt e le fàilte, ’s e slaodadh lùban de thèilean cainbe as a dhéigh, ’s a’ gabhail aige ri fiacail scrotaidh a bha beagan shlatan os-cionn na mara.
“Tha i sin fhéin!” fhreagair an dithisd eile.
“Cha robh ’ur feitheamh fada, tha mi’n dòchas?” lean Iain air aghart. “Bha mi ann a’ so na bu tràithe, mur a b’e gu’n a chùm mo mhàthair air dheireadh mi. Ge b’e dé bha ’na ceann, cha’n fhaighinn a sid gus ’na chur i an t-sian orm. Bheil sibh a’ creidsinn ann?”
“C’arson nach creideadh?” thuirt Gilleasbuig car ealamh. “ ’S aithne dhuinn iadsan, nach b’urrainn, ged bu mhath leotha àicheadh. An cual thu riamh mu’n a’ bhean-dìolain a bh’aig Alain-na-Buabain ann an Gleann-eilge, nuair a choinnich i, ann an riochd geàrr’ e aig mullach Bealach-ódail, ’s a lean i air ’ga shàrachadh, gus na chuir i as dha, far a’ bheil Càrn-a’ -Bhodaich ri taobh na Cloiche-glaise an diugh?”
“Có nach cuala mar a dh’éirich do dh’ Alain-na-Buabain?” dh’aidich Alasdair. “Ach cha’n’ eil sin ag
ìnnse dhuinn dé th’aig Iain ri earbs asainn.”
“Aig an t-Sealbh tha brath!” thuirt Iain. “Ach tha mi taingeil gu’n a ghléidh sibh biodag is claidheamh, dh’aindeoin faiceall a’ Choirneil Cléutain, agus earraidean mosach Reachd-an-di-armaigh. ’S mo mhollachd air a goistidh!”
Bheir iomradh air an fhear-Airm so, ar n-aire dh’ionnsaidh an Reachd Parlumaid a chuireadh ann an cleachdadh airson smachd nan Gaidheal, an dèigh aramach na bliadhna 1715. Mar is aithne dhuibh, bha luchd-riaghlaidh an lath’ ud de’n bheachd, nach robh dòigh air na Gaidheil a’ chumail fo chron, ach an inneil-chogaidh a thoirt uapa.
Ann an seadh, chaidh so a dheanamh cho fad ’s a chitheadh sùil e. Ach a-chionn nach robh trusadh nan arm, ach sgaoilte neo-mhean, bha’n tuilleadh mór am falach, na chruinnich òr an rìgh. Is e bhuil a bh’ann, gu’n d’fhuair bliadhna nan gràs 1745—anns na ghineadh brìgh ar sgeòil—airm-chatha measg nan Gaidheal na b’fheàrr, ’s na bu lionmhora na bha iad riamh. Is e so, agus cion-faicill saighdearan ruadha Bhearnaraidh, a b’aobhar gu’n robh Iain Ruairidh ’s a dhà charaid, ann an culaidh-airm cho achdainneach.
III
Air dhaibh beum a thoirt a sid agus a so, dh’innis Iain rùn a theachdaireachd. “Cha’n’ eil plaighriasg (1) anns na dùthchannan, a tha aineolach air teabadaich Fhir-a’ -Choire,” chum e air aghart. “Ged is dleasal ainm dhomh-sa, tha car ’s an Ridire
1 slpeadhaire
Tholmach a chuireas bacag air na shaothraich Gleann-Garadh, is Lochiall ann an téumadh aobhar oighre dligheach a’ chrùin. Cha’n fhios nan clachan dhuibh, nach d’fhuair Alain Camaran móran misneachd bho’n Ridire Tholmach, no bho Fhear-Shléibhte anns a’ chùis so— —”
“Stad, stad!” chaisg Alasdair. “Leig ris dhuinn suidheachadh na mi-shealbh a h-ann.”
“Ni mi sin leis an fhoighidinn,” fhreagair Iain. “Ach cha’n fhuraich mo ghnothuch an dràsda ris. Fóghnaidh dhomh ìnnse gu’n dearbh mi gur he-an dearg-chiulcaire (1) th’ann am Mungan Tuathal Phlamarscaig— —”
“Gu sgeitheadh na coin air t’fhiosachd,” thionndaidh Gilleasbuig le tilleadh facail. “Cha’n innis thu dad nach aithne dhuinn— —”
Chuir Iain sùilean air; oir cha bu chiall fuadain a bha aig Gilleasbuig ’na aideachadh.
“Ciamar—— ?”
“Cha’n ann idir a’ cur casg’ air do chainnt, a tha mi,” lean Gilleasbuig air aghart. “Ach tha seòl eile air an fheàrr a gheibhear bun do sgeòil. Nach ann mar is luaithe ruigeas sinn dùthaich Mhic Leòid, is dòcha rath a bhi’n lorg ar turuis? Dé do bharail-sa, Alasdair?”
“ ’S e ’n fhìrinn a th’agad,” dh’aontaich Alasdair; is e ’cumail sùl air ròn a bha bogadh ’s ag éirigh an taobh a-mach de Chaolas-an-Acaire. “Tha’n tràth dhuinn a bhi greasad, no bi dùnadh air an Oitir a’dh’aithghearr. Faodaidh mi ìnnse dhut, Iain, gu
1 duine carach
robh Gilleasbuig greis mun tainig thu— ’ga aonagraich ann an leaba na fiosachd. ’S e so is coireach gu bheil e, an dràsda ’s a-rithisd, a’ gabhail gnè de bhrath air a chàirdean. Ma thug e aithris, mar sin, air cnag do ghnothuich, cha bhial saoghalta chuir fios nam fàth ’na chluais. Nis, Iain, tha mi làn chinnteach nach ann air ghogaireachd a tha thu fhein, no sinne mu’n taca-so dh’oidhche. Ma tha t’agairt air slighe ceartais, tha so aon fhear a sheasas ri d’ghualainn.”
“Agus so fear eile,” dh’aontaich Gilleasbuig. “Leig rùn ’nar cead, Oir tha’n oidhche ruith; am muir a’tighinn; is fir eile cur an airm fo uidheam ’s a’ feitheamh fios-coinneachaidh.”
Nach mi tha buileach ann ’ur comaine,” labhair Iain an cois na brìgh-chainnt earbsach a chuir a dhà charaid, air caochladh dòigh, mu choinneamh. “Cha’n ’eil sibh idir dhiùbh-san a ni mire ri brosgul. Ach tha mi’n dòchas, ged bu mhór an t-aobhar uaill e—gu’n cuir mi an còrr mar fhiachaibh oirbh, na nì sam bith a thagrainn a-thaobh dàimhe, no eòlais. ’S e fonn freagarrach a ni an cridhe tais. Thug mi facal air biodaig gu seasainn Oighre dligheach a’ Chruinn—ge b’e dòigh, no slighe air an tigeadh sin orm. Is math a dh’fhaoidte nach bi m’oidhearp ach cearbach: có aige tha brath? Ach tha e agam ri dheanamh. Am bheil sibh lium? Oir is turus-cunnairt e a dhùisg gu tric ar miann. Am feadh ’s a tha sinne còmhradh ann an so, tha Rob Crotach—fear-turuis cho gléusda ’s a chaidh riamh an ceann seanachais—a’ buinneig Dhruìm-nan-Cleòc; is e a’ deanamh air Caisteal Dhun-bheagain cho luath ’s a
bheir each ’na chruinn-leum e. Tuigidh sibh a-nise rian mo chabhaig, agus mo chùraim.”
“Cha’n’ eil dà thionndadh air, mar a thuirt Donnachadh-na-Ciabhaig mu ghrùdhan na h-earba,” fhreagair Gilleasbuig le fuaim-togail nach robh e idir a’ faireachadh. “Có iad do na leig thu fios a-bharrachd orm fhin ’s air Alasdair?”
“Dh’earb mi ris an teachdaire ràinig sibh-se,” thuirt Iain, “taghail air Alasdair Seònaid, Ruaraidh Iain ’ic Iain Léith, Coinneach-nan-Godhar, Iain-Bàn-na-Fiaraig, is Domhnull-nan-Guidheachan, Tearlach-na-Fiasaig, Fearchar Somalta, Niall Sléibhteach, agus mo dhi-chuimhn’ —cha b’e bu chòir fhàgail air dheireadh—Calum-a’ -Chrannuchain. Mur a cur an sgioba sin an sgoth chaol fo shiubhal-cuain, cha’n fhiach ceatharnachd iomradh air.”
“Tha dòchas agam,” labhair Alasdair, ’s e coimhead car anacrach, “gu’n tug thu rabhadh dhaibh, gu’m bi biodag ’san eadraigin ann am bealach nach saoil iad.”
“Nach gogaideach an dà cheann a th’oirbh,” arsa Gilleasbuig; is fiamh gàire air ag amharc bho fhear mu seach dhiubh. “Na smaointich sibh idir gu bheil Rob Crotach an dràsda, ’s a’ chuid is fheàrr dhe slighe as a dhéighinn? Ma théid a ghnothuch leis, faodaidh e bhi socrach air ais mun gann a bheir sinne ar n-aghaidh air Rudha Hùinis. Cia as a-nise, bhobaig—a thig tairbh ar fearta?”
Cha do dh’amais Iain air a thapadh; oir chuir lùb na ceist’ a bhriathran car air seòdal.
Ach mu dheireadh thall, dh’éirich inntinn os-cionn
an eadar-da-liunn anns ’na chuir farraid Mhic an Tòisich e.
“Na’n robh mo thi’n a-mach air meigh na teabaideachd,” labhair Iain le ealamhachd nach bu dual da, “chuir do bharail thar mo threothair mi. Ach cha’n ann mar sin a bhitheas. Fhuair Rob Crotach bealach air mo cheann-uidhe gun teagamh; ach gabhaidh cù marbhadh gun a chrochadh. Is ma tha sibh lium ’san togradh, tha gnothuch a cheart cho àraid, a bheireadh mi-fhin, is sibh-se a chuir càin is cuairt air dùthaich Mhic Leòid. Oir ’s ann ’na àm a tha sinn!”
“Na’m b’e so buileach na bha fo’n earail agad,” thuirt Alasdair ’s e toirt sùl ceithir thimchioll an adhair, “cha bhiodh ni h-eadh ’sam bith air dé bu chòir dhuinn a dheanamh. Nach’eil e cheart cho riatannach (1) càin is cuairt a chur air dùthaich Mhic ’ic Ailein an Uidhist ri Leòdaich Dhun-bheagain?”
“Hala! Hala! bhobaig!” dh’eadar-labhair Gilleasbuig an gearradh facail. “Is math nach’eil eòlaich ’san éisdeachd neo ghabh iad blas a’ chrogain de ar ceann-comhairle. Nach treabh sinn an t-imire tha romhainn an toiseach mun teann sinn ri achadh coimheach a ruamhar. ’S e sin a theirinn-sa, co-dhiùbh.”
“Agus mise leat,” dh’ath-leasaich Iain. “Tha sinn uile air an aona ràmh, cho fad ’s a bheir mo thuigse mi. Bho’n a tha sinn ann, c’arson nach deanamaid dà thurus dhe’n aon shaothair. Freagraibh foghainteach, ’s bi fir Bhreacais againn mun seall sibh uaibh. Dé their sibh? An dean sinn Dun-bheagain is Uidhist dheth?”
1 iomchuidh.
“Thuirt thu na th’air, gun a bhi ’ga àibhseachadh,” fhreagair Alasdair air a shocair. “Am facal a thug mi seasaidh e.”
“Far am bìth sinn, bi sinn ann,” lean Gilleasbuig ’s e, aig an àm chiadna, ’g iarraidh làimh gach fir diubh air a ghealladh.
Bha bòid an dìlseachd ann an rùn an cridhe—bunait nach do bhrist druidheachd an t-sodail is duais ’na chois, no cunnart am bàis le dòigh air a sheachnadh. Sheas iad ’nan tosd car tiotadh mar gu’m biodh iad a’ cluinntinn monbhuir iongantaich a’ siubhal na h-ìarmailt’. Thionndaidh iad an aghaidh bho mhuir gu monadh—gach fear ’na rùn a’ faicinn spiorad nan ioma cian a’ fàgail a sheallaidh anns na h-àirdibh; is iad a’ deanamh air tional nam flath ann an gleannaibh ciar a’ cheò.
Tha beart-dheilbh nan dàn a-ghnàth a’ fighe agus a’ cur codach gach duine ré cian air leith dha; is criòch, obann no anamoch, air ruith bho iteachan tathaich. Le so ’san amharc, có esan cho coma ’na dhòigh, ’s a bheiridh an saoghal, easgaidh fo cheann, na’n robh cuigeal an dàin air a deanamh soilleir roimh làimh dha?
* * * * * *
Dh’earb Iain ga’n iad ceangal na sgoth’ a leigeil fo na mhuir, ’s nach biodh e fada gun tilleadh. “Thug mi fios do fhir Bhreacais,” lean e air aghart, “iad cruinneachadh a dh’ionnsaidh Creagan-an-Leabhair, cia luath ’s a chluinneadh iad fead bhuam. Innsidh mi
ann an sin daibh, le cuideachadh an Fhreasdail, dé an turus air a’ bheil mi, agus, mar an ciadna, ’n cunnart tha na lorg.”
Gun tuilleadh dàlach, ghabh e tarsuinn an Oitir, is gàmag aige.
IV
Ràinig Iain Ruairidh mullach Cnoc-nan Curran, far an tric a rinn guilbrnich cròileagan; is an d’fhuair buachaile fàsaich fasgadh, nuair a bhristeadh sian-dubh mu uchd Charn-Donnachaidh, ’s a dhùmhlaicheadh mìll uisge air taobh an t-silidh de’n Fhireach-Clach.
Thug inntinn iomadach sitheadh aisde mun do sguir a chas a shiubhal air an fhàireadh ud. Mhothaich e—ge b’e ciamar a bhiodh an deireadh—gu’n robh cruaidh-fhortain ann an tùs a shlighe. Is cha b’ann air seòl ’na h-aonar a nochd i gnùis dha. Oir bu shàrachadh saoidh, gnè ’sam bith dhiubh a ghiùlain. Bha e’ fàgail a mhàthar gun chul-taice; bha e toirt a chùil ri Ceann-cinnidh a dhlighe; is bha e dealachadh ri Eilidh, nach do mheal e—cha mhór ach eadar-da-thràth mar leannan. Air an taobh eile, bha’n rìgh dligheach ’san amharc aige—e tagairt a sheirbheis, fhacal ’na chluais; is e ghnàth a’ bigeireachd.
Tha cothrom rogha mar a dhearbhadh. Leum e an comhair a chinn—mar gu’m b’eadh—ann an coileach an t-sruith, far nach dean ceasad teanachdas.
Is ann, mar sin, le deòin ’s i togairt, a ghuidh e gu’m biodh rath nan dàn ann an lorg a thuruis.
Ionnan, mar a rùn, stad e air ball a choiseachd.
Bha aghaidh air Cùl-Bhreacais. Mu bhuillean an ama sin, thachair do’n Ogha Mhór a bhi dol seachad, ’s e gabhail an aithghearra, bho chéilidh air Maolchòmhail. Oir b’eòlach an dithisd air a’ chéile. Theireadh iadsan do’m b’aithne sloinneadh, nach robh leisgial ann an tagairt an càirdeis aig fear, seach fear dhiubh. Biodh sid mar a bha; ’s ann bho chunntas-beòil an Ogha Mhóir a fhuair sinn dé bu chruth ’s bu chollas do cheatharnach ar n-aire.
Ach ma tha thu neònach, ’s gun d’fhuair friamhag an fharmaid greim ort, cha tig ‘Moladh Birlinn Iain Ruairidh, ’s a Sgioba,’ ri d’chàil.
Tha rann dùbailt agus dà fhichead ’san òran. Their cuid gu’n robh urrad eil’ ann. Ach cha’n’ eil duine beò a dhearbhas sin, bho’n a chaochail Iain Mac Iain Oig á Suidhisnis—sìth gu’n d’fhuair e. Cha’n’ eil a meas fhein air a’ bhàrdachd so an diugh ged a b’ainmeil a luaidh, latha dha robh i.
Fàgaidh sinn fonn nam bàrd mu làimh an ceartair; agus gabhaidh sinn dealbh Iain Ruairidh, mar a chunnaic an t-Ogha Mór air mullach Cnoc-nan-Curran e. Bha e àrd bho’n talamh, garbh thar tomhais; is a ghairdean, féitheach aréir sin. Cha tugadh cailleach an aire dha, gun a sùil a fhliuchadh, ’s i guidhe béud ’ga sheachnadh. Bu mhiann gach òigh mar chéil’ e; oir bha mealladh neo-chuimseach ann an treisead a ghnùise. Mar a thuirt an Gille-Iaruinn ’s bu bheachdaidh e— ‘B’e sin a’ ghnùis shuilbhir gun ghruaim, anns am biodh gean-gàire daonnan air bhrath.’ Ged nach bu chleachdadh ri ’linn e, bha e lom de dh’fhiasaig, ach na bha os-cionn a
bheòil. A-rithisd; ma thig rogha datha riut ann am fear seach a’ chéile, bha chiabhag donn-bhuidhe, ’s i casadh ’na duail ri bhoineid.
Eadar breacan-guailne le phràiste trom; daga fo gach làimh; biodag an duille ’si deiseil; is claidheamh air a leis ’na thruaill, bha collas an eireachdais air Iain Ruairidh. An àite còta-gearr is peiteag, bha e caitheamh léine de bhreacan-seilg nan Tolmach—i balgadh, farsuinn mu chom ’s a’tuiteam ’na leith-phoca ri leathad a chruachain. A’ sgoltadh falaman na glùine, bha oir an fhéilidh-bhig phleataich. Bha crios buclach mu theis-meadhoin; agus fodha sin, sporan cinn-bruic le aigileananl eathrach is buinn airgid umpa. Mu cheannaibh nan cas, bha cuarain ròmach de sheice féidh, le iall mu seach, ’s iad tarsuinn ’gan ceangal an taobh àrd de’n aorpuinn. Aig tibhead a’ chalpa, bha osan preasach ’ga cur an deadh chumadh, le sgein-duibh ’na lùib; is an glùinean, a thug Eilidh mar chuimhneachan da, ’gan gleidheadh ’nan àite.
Chuir bean an duine eile—ach bha’n t-iadach innte—cogar an cluas nàbaidh bun a h-ursainn, gu’n robh dòigh nam flath aig Iain Ruairidh air e fhein a chur a-mach. Ach có chuireadh sin an iomchoir dha?
Far an saothraich nàdar, cha téid a blàth an cleith. Thuirt iadsan, air nach tigeadh muir gun stiùireadh gu’n robh an Ridire Tolmach a’ cur a làimhe gun chead ann an gad fir eile. Is na’n robh a h-uile rud ’na àite fhein, bha Iain Ruairidh, is greim aig air dulag a shìnnsre ann an Tigh Mór Laobhrais. Ach, mar a chluinnte bho bhodach air fhaiceall—tha còir mar a chumair i.
Rinn brosgul—mar a bheachdaich Iain Pìobaire an àite eile, —is Blàr Shleibh-an-t- Siorraim, cathair shocair do’n Ridire Tholmach—ach, fàrdach lom is nead fallamh do dh’athair Iain Ruairidh.
title | 10. Turus na Criche |
internal date | 1912.5 |
display date | a1913 |
publication date | 1913 |
level | |
reference template | Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p |
parent text | An t-Ogha Mor |