GLEUSDACHD
Théid seòltachd thar spionnaidh
—SEAN-FHACAL
Rinn Iain fead ceann-a- mheòir a bha cruaidh agus fada. Bha fuaim aice cho aognaidh ri sgread tamhaisg is manadh innte. Oir tha iad beò fhathasd a theireadh nach ann buileach saoghalt’ a bha i; is a leagadh sùil na mì-chin ort, na’n tug thu teagamh d’am barail. Bhòidich iadsan a chlisg roimhpe, gu’n robh i sitheadh ann am marbh na h-oidhche, mar fhras de shaighdean, is ribheid bana-bhuidsich ann an sròin gach fir diubh. Leum i Abhainn Aisig cho grad ri gobhlan an gaillinn; ach rug Creag-na-h- àiridh, air a sgal ’san dol-seachad; is thilg i, le magaid i bho Chnoc a’ Mhada-ruaidh a dh’ ionnsaidh a’ Chnoic Odhair—i sior-ghlaodhaich a beò nan creag gus na bhrist deothal an astair a spìd, ’s i ag iarraidh thar uchd Ruigh Bhial an Atha.
Bha siubhal na sgairt ud ainmeal fad là agus linn. Abraidh fear na moch-eirigh le conas, nach cluinneadh leisgean a’ chadail, fead Iain Ruairidh ’na chluais. Ma thig dhut tachairt air seann-duine, ’s e toirt sgeòil air uilinn, cha bhi dol-as agad, gus an dearbh e dha d’ thoil, gur h-e sanas diomhair a chualas an oidhch’ ud. Leig ris dha gur h-aithne dhut a bheag no mhór de dh’eachdraidh nan seana Ghaidheal, is cuiridh e an eagaibh a’ chéile, cho amasach ri seanachaidh Mhic Dhomhnuill
Ghuirm, gur h-ann air a’ mhodh chiadna, bha Druidhean bho chian, a’ toirt rabhaidh air call dhaoine. Tuigeadh e gu’n a bhuilich am Freasdal tùr na foighidinn ort, is cha’n fhaigh thu a làrach nam bonn, gus an drùigh e gu snasar air t’inntinn, gu’ bheil taibhsean a-ghnàth mu’n cuairt dhut, ’s iad a’ feitheamh air t’fhàilte ri’m fiosachd. Ach tha caochladh dòigh air am faod thu naigheachd a chluinntinn. Is tha so fior mu thaobh na h-éubhaich a chuireadh as leith Iain Ruairidh. Air mo shon fhin, saoilidh mi gur h-ann aig Iain Og Mac Rath, a bha’n cothrom facail bu shoirbhe leanalt. Oir bheireadh e gaoir ’san fheòil nach biodh cneasda, nuair a thigeadh e dh’ionnsaidh na cuid sin de’n sgiala far ’na chuir glaodh na fead, an tunnag-fhiadhaich le forbhas bho’n as-bhuain; is teicheadh air giadh glas, is ian-cladaich. “Leum,” ars’ esan, “coin as an cadal le comhart. Thionndaidh clann bheag—a bha màgaran le cion-cadail an cùil—bathais an eagail rathad an doruis; is ruith iad le ràn do thaobh a bhalla dhe’n leabaidh. Stad a’ chailleach de shniomh ’s i leigeadh rolaig mu shèicil na cuidhle. Sguir bean-òg a chàrdadh is buille-chlis air a duilleig.”
“An cual thu’n glaodh ud?” dh’fheòraich té fo h-anail ’s i fàgail an lodair anns a’ phoit-eanaraich fo laimh.
“ ’S e éubhach a h-ann,” fhreagar té eile le athadh.
“Sid agaibh fead Iain Ruairidh, ’s e ’g iarraidh dhaoine,” bhreithnich, bean-tighe ’s i cothlamadh.
“Ma’s a h-e, ” dh’osnaich céile-phòsda nan seachd tràthan, “bi daor an ceannach air na tha fainear aige;
bi sireadh gun seachnadh ann an iomadach tigh is teaghlach. Na thig ’s na thainig, ach na tha fainear dha! Ge b’e có bhios beò air a-chionn, bi aithris air an oidhche-nochd. Mo thruaighe!”
Tha deichnear ghaisgeach a’ greasad fo’n uidheam ann an Cùl-Bhreacais; oir bha iad a’ feitheamh na gairme cho an-fhoighidneach ri fleasgach ’s e an dìth leannain. A-mach a leum iad le sùrd na caonnaig, —gach fear a’ togail fàireadh an fhir eile—gus an d’ràinig iad mullach Gharbh-buaile, far ’na leig iad cead an gnothuich mu sgaoil da chéile.
Bu cholgarra ’n còmhlan iad, gun neach idir meata ’nam measg. Bha éideadh na dùthcha ann am feobhas a mais’ orra; is am Badan-roide mar shuaicheantas ’nan comhdach-cinn. Rugadh ann an saoghal sona iad, ’san àrach le dòigh fhallain. Bu choingeis leotha cas air muir, no tir. Airson strìth na cluiche, no obair chlaidheamh, bha iad ealanta. Bhiodh buaidh na clach-neairt aig fear; is tilgeadh cabair aig fear eile. Bheireadh Alasdair Seònaid a-mach geall-ruith air an fheasgar so; ach chailleadh e àite do Chalum-a’ -chrannuchain, ann an gearradh nan cruinn-leum, air an ath-turus.
Cha do chaomhnadh math a’ chruith air aon seach h-aon diubh, bho na chuireadh dheth na chìch an toiseach iad. Bha bhuil ann. Dh’fhàs iad suas mar isein a’ gheòidh gus a-mór nach aithnichte cuid gach lath’ orra.
Bha’n deichnear de dh’àl na h-aona bhliadhna; is am far-ainm a thug Domhnull Camaran, le fealla-dhà ’s a’ chéilidh orra, lean e riamh riutha. Muire! ’S ann orra
bha collas nam fiannaichean! Bhiodh iad mu choig-bliadhna fichead a dh’aois—agus, mar sin, ann an treun a’ neairt.
“Nach bu gharbh an fhead a rinn Iain Ruairidh a-nochd?” labhair Fearchar Somalta; oir, a-chionn ’s gun d’ rugadh esan mu Bhealltuin, is càch eadar sin is deireadh an Fhoghair, bha dànadas ceann-seanachais an còmhnuidh ’ga earbsa risean.
“ ’S e ’n fhìrinn is leannan dhut,” fhreagair Iain-Bàn-na-fiaraig le altrapadh, ’s e teannachadh a chrios-claidheimh mu mheadhoin. “Air m’ anam, tha mise clì, neo bi fear is fheàrr againn an geall na’s fhiach e, mu’m faic sinn ceann ar teine fhin a-rithisd.”
“Gonadh ort fhein ’s air t’ aibhseachadh!” thionndaidh Domhnull-nan-guidheachan is greann air. “Cha’n fhacas riamh aig mòd, no céilidh thu, ach air taobh a’ chladha. Na meal do naigheachd, a charaid. Far am bìth sinn, bi sinn ann, mar a thuirt an gobha ris an t-sradaig.”
II
Dh’aindeoin cath-bruidhne bha eatorra, cha chualas guth mór no droch fhacail bho’n fhear bu treuna barail diubh. Ràinig iad Creagan an Leabhair, an t-àite còmhail, gun ceum a shìneadh. Ach cha robh sgial air Iain Ruairidh, no duine ri fhaicinn.
Ghabh iad annas nach bu bheag; oir cha robh mearachd sam bith anns an fhios a ghairm a-làthair iad. Dé nise bu choireach nach robh am fear-iùil air an coinneamh? Ma ghlac cion-furuis thu bidh tu sin, ’s gun fios agad. Ach ma tha gnè an t-saighdeir annad,
gheibh thu, cha’n e mhàin, deireadh, ach toiseach gach sgeòil a-nasgaidh; agus cuideachd, mar a dh’éirich do dh’ Iain Ruairidh, mun d’fhuair e cas am bàta le thoil fhein a-rithisd.
“Fhearaibh,” labhair Tearlach-na-fiasaig, nuair a dh’fhàs a’ monbhur farm. “An cuala sibh gu robh iad a’ cur uibhireachd air Iain Ruairidh bho’n a gheàrr an cù cuthaich aig trusadh Cheann-Loch e? Tha mi’n dòchas nach éirich gu h-olc dha!”
“Chaidh cur-as do na chù,” fhreagar triùir no ceathrair còmhla.
“Ged a chaidh fhein,” lean Tearlach roimhe, “tha’n droch phuinsean am fiacail a’ choin. Coimheadaibh bràthair Fhir-Lusaidh, a b’fhéudar a cheangal ri ’leaba le iallan, ’s a bha blobhdail mar mhadadh, mun a thràghadh gu bàs e. Ach tha mi ’n dòchas nach éirich gu h-olc do dh’Iain. Ge b’e àite dh’am bheil e, bheir mi m’fhacal nach’eil Gilleasbuig Mac an Tòisich, is Alasdair Aonghais fad o chrudha. Ma thogras sibh, ni sinn Sgeir-na-h- Oitreach dheth, gheallaras (1) an tainig e fhein, no bhàta. Cha’n ann gun tuiteamas ti’n ’na rathad, tha e gun a bhi’n so an ceartair. Oir tha mi ’san làraich—tha mi cinnteach—anns na chum e, airson a’ chiad turus, duine riamh ’ga fheitheamh.”
Thug gach fear de chàch a bharail mar a chothrom. Ràinig iad Sgeir-na-h- Oitreach le smuaint air uideil is ceum mall. Bha Gilleasbuig, is Alasdair ann an sin. Ach bha iadsan ionnan riutha fhein le dragh, nuair nach robh Iain Ruairidh air faire-fios.
Dé nise dh’éirich dha? Oir bha cùram air inntinn,
1 an geall air fios
cabhag fodha-san, agus na h-uile rud leagta airson cuideachadh ri ’cheann-uidhe. Ach cha robh dhubh, no dhath ri fhaicinn.
Tha ìnnleachd na sgeòil ag earbsa nach bidh dol-as air fuasgladh na ceiste mu dheireadh. Ach cha ghabh sin a dheanamh an ealamhachd, gun iomall bhi air. Oir is e sin dòigh nan Deasach nach d’fhuair àit’ ann am briathrachas réidh nan Eileanan siar. Bidh e iomchuidh, mar sin, ceum-air-ais a thoirt a dh’ionnsaidh Tigh Mór Laobhrais, greiseag mun a chiar am feasgar.
An taobh a-stigh de sheomar dìomhair na h-aitrimh ghreadhnaich, bha còmhlan àraid cruinn, ’s iad a’ leigeil an comhairle ri chéile. Bha iad ann triùir—dithisd fhear, is ainnir òg air ’na bhuilich nàdar cruth-deilbh thar tomhais. A-chionn ’s gu’n robh i ainmeil—ann an seadh air leith bho mhealladh-gnùise—cha do leig bial-aithris eachdraidh a suim i.
Thainig i air na Caoil bho’n ear, ’s a teachd ann an cridhe mheadhoin latha, mar a ni cuthag le fàilte. Thuirt Uilleam Mac Iain Duinn, ’s e gabhail an rathaid, rithe, gu’m b’e am beatha ’n dùthaich. Ach cha do shnaoidh i ceann, ni mo a thìll i facal an éis ris. Ghabh i seachad mar Ghall air aineol—each dìollda ’na ’dheann-ruith ’ga giùlain, is gille-pliobair ’na cois. ‘Cha’n’ eil fios co-dhiùbh ’s e ’n inntinn no ’n t-àrdan is muime dhith,’ smaointich Uileam, is casad beag a’ mhagaidh a’ deanamh a bheachd na bu bharanta. Mun gann a thug a’ bhean-ìnnseagraich an lùireach a
lòsan briste na h-uinneig, bha na marcaichean a freadharc.
Cha b’e sin do Oidhrig Sheumais ’ic Alasdair e. Stad ise ’bhualadh a’ chipein gus na dh’fhàg na coigrich a sealladh.
Nise, bha Oidhrig dhe’n fheadhainn a fhuair comasan buidseachd. Ach bho’n a chuir am pears-eaglais ann an cuing i, an déigh an corp-creadha a fhuaras an Alltan-amhaig, ghléidh i gach buaidh a bh’aice ann an clach a sùla. Is cha b’ann tric a dheanadh i ’fliuchadh, na’n tigeadh iad ’san amharc nach còrdadh rithe. Oir mur a tigeadh co-as a’ choigrich gu h-obann dith, cha lasaicheadh i cas, no cuimse gus am biodh an t-aobhar-siubhail air bhrath aice.
III
Chaidh giullan dìolain a bh’aig Mairi, a nighean, a thogail còmhla rithe; ’s cha b’e ’n t-àdh e. Cha robh car a bha ’na sheanmhair nach b’aithne dha; agus cuir eile nach robh innte idir. Co-dhiùbh, cha deachaidh móran dhe’n olc as air. Ach bha na h-eòlaich, anns an robh meachainn, a’ gabhail a leisgeil, ’s a’ canail, gu’m bu dual dha bhi dona ’san Sàileach ’na athair dha. Is iomadh turus neònach a rinn e dha sheanmhair. Leis cho tric ’s a chìtear roip mu aodann le cion-nighe, thug balaich bheag a’ bhaile, Raitean air. Ach ged nach bu mhór e, bha e tapaidh.
Nise, bha dòigh an t-seòdail ann an Raitean, nuair nach biodh e bìleastaireachd dha na chaillich. An dèigh cuairt a chur air dà cheann a’ bhaile, ruigeadh e
Tigh Mór, Laobhrais; is a sin gu tigh Iain Ruairidh, far an tric gu leòr, a bhiodh gnothuichean àraid eadar e fhein is Iain. Ach cha bu dhroch chosnach airson sin e.
Thachair dha bhi air an rathad bho’n Mhaodlaich ’se buain caoil cléibh, nuair a thainig na marcaichean tarsuinn air aig taobh Aisig dhe’n Allt-mhór. Thug iadsan an aire do Raitean cuideachd; ach, aig an àm, cha do chuir iad an còrr na sin de dh’ùidh ann.
Shaoileadh fear-coimhid gu’n robh iad a’ togail an inntinn ris an àite. Oir ’se sin gnàth gach coigreach a thainig riamh a’rathad—gu h-àraid, ma tha bheag no mhór de dh’fhios a’ bhàird air a shiubhal.
Bha’n slios air na thachair iad freadharcach ri muir, is monadh. A-mach bho Bhial a’ Chaoil, ’sa sìneadh gu tuath, bha Linn’ Ailseach ag iarraidh mu lùban na Comraich; ach ghabh Crólain fàth air an dealachadh; is ghiùlain e ainm nan stuadh, gus na chuir eich-ghlasa Cuan Leódhais stad air. Taobh eile na Linne; ’sa sìoladh an ear, bha uchdanan dùmhail Chrombaidh a’ fàgail an t-seallaidh. An Ear. Tha’n t-sùil ag iarraidh a-ghnàth do’n Ear, far an tuit ceum-coise ’san oidhche le sgìos. Thainig tàibhsean bho’n Ear; is sgeoil nan éuchd bho’n Ear. Thall ’san Ear, ann an cian an astair, bha dachaidh-gin aig saoidh nan lann; is bu lionmhor àiridh anns an cluinnte fonn nam bàrd air mhire.
Ach bhrist an smuaint a sgiatha, is ghlac an cruth-leathaid fo’n sùil an aire.
Bha ìochdar Aisig mar bhrat fuamhair, a’ sgaoileadh ri oir an fhirich; coill’ ioma-chraobhach dhlùth ri
bhearradh; lìonagan Bhreacais ann an cuimir dreacha ’s a’ nàbachd; is mìle, no còrr de dh’òban cuisleach le toiseach tràghaidh, a’ laidhe, ’nan achlais. Thairis air sin— ’na shlisnich uaine—bha cluaineagan réidh Aird-nis, sonruichte mar innis nam banachag cheòl-mhor; agus far ’na chuir fir-Lochluinn, bho shean, cleachdannan an dùthcha ann am buil, fad an déigh imrich-cuain a dhol as cuimhne. Tarsuinn a’ chaolais, ’san tuath, chìtear Eilean Phabaidh, mar earrasaid ni’n Uainein air todhar, ’s e ’ga bhlianadh ann an sàmhchair na tuinne. Tuath air a’ Chaol-mhór a-rithisd, bha Longaidh, neadach a’ gheoidh ghlais, ’sa’ Sgeir Dhearg, mar chlacha-leum do chailleachan-beurra Leódhais. A’ cumail fàiridh orra-san, nochd Rònaidh a ghob air bharr mara, ’se tolladh fo’n iar- ’eas, nuair a sgoltas gaoth is uisg’ i air mullach Dun-cana. Mar bhuna-bhuachaile ’gabhail an fhasgaidh, bha Scalpaidh nam meann brucach, a’ tarruing ris a’ Chaol Chumhag. Agus os an cionn gu léir, bha Beinn-na-Caillich ’ga h-éideadh ann an tuar na h-ealtainn; Cille-chrò air taobh dhith mun cas a bruthach, is Coire Chatachain ’ga shuaineadh ri bonn.
A-nise do chòmhail an luchd rathaid.
Cha luaithe chunnaic Raitean na coigrich air fàireadh ’na thilg e ’n t-eallach caoil thar a ghualainn. Dh’ionnsaich a sheanmhair a chuid de dhòigh an t-sionnaich dha. Ach bha aon seadh anns an robh a sheòltachd comharraicht: b’e sin, mar a shealladh e fo mhùgan gun amharus a chur ann am bith. Thug e an aire gu’n a thionndaidh a’ bhana-mharcach a ceann gu taobh;
is mheòraich e bho sin, nach robh i idir cinnteach as a slighe.
“Mur a h- ’eil mo thogair,” rùnaich e le guidh’ air a theangaidh. “ ’S e so am fear a tha cearta-coma. Nirre! Mun blais bigean air boiteag na maidne, gheibh mise geinn a sgoltas déile.”
Dh’éirich gealach air Port-Nogaidh,
’S chaidh i fodh air Port-nan-Long.
Théid an ceòl air feadh na fìdhle
Nuair bhios mi-rùn air a bonn.
Sid a——
IV
Thainig an dithisd mharcaichean air ann am bristeadh an fhacail. Cha robh doicheal, no gealtachd fuaighte ri Raitean. Thug e sùil, gun a bhi ladarna air a h-aon mu seach dhiubh.
Shaoil e gu’n robh ’nam beachd cumail seachad; oir sheas e gu taobh. Ach an àite sin, stadadh an dà each, ach gann air a bhialaobh. ’S e bhana-mharcach a b’fhaide bhuaidhe—rud a chuir e ’na fhaiceall.
“Ken ye they pairts, laddie?” dh’fhoighnichd gille ’n eich ’s a làmh air a chruachan.
“An diabhull e!” mhionnaich Raitean mar ris fhein. “Nach ann air a tha gnos a’ mhadaidh. Cha tainig fuaim de’n t seòrsa sin a bial duine ceart riamh. Nirre! “ ’Se deanamh glag ghàire nochd gith fhiacal a dh’ionnsaidh nan cùlag. “Cha’n’ eil fios de ghaoth tuath thug an rathads’ e?”
Chuir an dol-a- mach so dragh nach bu bheag air a’ cheisteir. Ach chum e air ’s e feòrach an dòigh eile:
“I bid ye tell me, gin the Muckle Hoose at Livera be faur frae here? ”
“Có an deamhainn a thug biadh gun ionnsachadh dhut?” thuirt Raitean an rathad freagairt. “Nach ann a tha do shruth-beòil collach ris a’ chainnt mhosaich a bh’aig saighdearan ruadha Ghlinn-eilge. Marbhaisg air an ablach cànain a th’agaibh! Théid thu fada, laochain, mun tachair ort na mholas do sheòl-bruidhne dhut.”
Theagamh gu’n a lean Raitean air an tuilleadh càinidh, mur a b’e gu’n a chaill am marcaich fhoighidinn. Thug a’ bhan-uasal goth da ceann. Ma thug, tharruing a gille ’n t-slat-eich; is fhuair Raitean ’na chuireadh bàs a sheanmhair as a chuimhne. Ach bha lùgh cho grad ri shùil. Thug e ’n dudar-leum; is mun a sheall am fear-eile bhuaidhe, spìon e slat as a chipe-chaoil—a thilg e mu chasan an eich. Ghabh an t-each gnè de sgèan. Is mun d’fhuair am marcaiche fo cheannsal e, bha ceann-caol na slaite aig Raitean a’ feadaireachd mu chluasan.
“Cha do thuig thu có bh’agad a sheòid!” arsa Raitean, ’se leum an sid ’s a’ so cho aotrom ri Murchadh-nan-cleas air tràigh mhuirsgein. “Nirre! Bheir mis’ ort gu’n leig thu modh an rathaid leis an ath fhear a thachras riut.”
B’ann ’san uair sin a chaidh a’ bhan-uasal ’san eadraigin. Oir chunnaic i nach robh seòl air an tuigeadh an dithisd a’ chéile, ach le buillean.
“Am beil Beurl’ idir agad?” thuirt i le fonn cho binn, ’s gur gann nach do ghabh Raitean eagal troimhpe. Aig a’ cheart àm, chuir i an t-each aice fhein fagus do dh’àite còmhraidh da.
“Nach’eil’ Beurl idir agad, a bhalaich?” dh’aithris i rithisd ’s i deanamh snomha gàire thug an sgial aig Mac ’ille Chalum ’na chuimhne.
“Am beil Beurl idir agad?” bha i sìor-fhoighneachd, mar gu’m biodh i toirt a-mach a bheadachd.
“Na’n dubhairt sibh sin ri mo sheanmhair,” fhreagair e gu sgiobalta, “chanadh i gur h-e foighneachd le fios, is miosa na mearla. Ged a bhiodh—an rud nach’eil, no iarraidh air—Beurla mhosach agam, cha chuirinn de dh’eas-urraim air cànain mo dhùthcha ’s gu’m biodh i air mo shiubhal. Bho’n a thogadh Freiceadan Dubh, Ghlinn-eilge, cha’n aithne dhomhs ach an t-olc a thainig riamh leis a’ Bheurla.”
“Nach seanagarra ’m balach thu,” lean i am bruidhinn e. “De’n aois a tha thu?”
“Bliadhna na’s sine na bha mi mu’n taca-so ’n uiridh,” thill e gu h-ealamh.
“A! na’n tainig thu chullaig ormsa,” ars’ ise, “tha mi deanamh dheth gu’m b’fhiach e do shaothair.”
“Le’r cead,” thuirt Raitean ’s a’ mhoit ’ga bhrosnachadh, “ ’s minig a chuala mi aig mo sheanmhair, gu robh an latha math ri ghabhail, nuair a thigeadh e.”
Bha toiseach aig a’ bhan-uasal air a tharruing gu taobh. Co-dhiùbh, ma tha’n cunntas so car mean, tha’n leisgal ri thagairt. Ged nach’eil anns na dh’aithris mi ach tuiteamas-rathaid, gidheadh, bha e
’na mheadhoin air dragh is mealladh-dùile a thoirt do dh’iomadh fear, is cearna.
“C’arson a tha thu cho crosda?” thuirt ise ’s i fiachainn ris a’ chuid a b’fheàrr fhaotuinn deth. “Na’n do ghabh mi le ar ciad chòmhail, chuir mi droch ainm de’n Eilean Sgiathanach. Tha facal ’na mo dhùthaich-sa— ‘dean coingheall ri coigreach’ —nach bu mhisd thu thogail leat.”
“Nirre!” dh’abair Raitean ’ga casg. “Na’n tainig thu bho thaobh Loch Fìne, bhiodh e duilich dhut t’fhacail a dhearbhadh. Mur a’ h’ -eil taobh Loch Ailse de Thir-mór, cha do dh’innis mo sheanmhair dhomh aon àit’ eile, ’s luaithe bhriagnaicheas do shean-fhacal.”
“Tha thu beurra dhe t’aois,” fhreagair i gun ghruaman ’sam bith. “Ach cha bhuin mi do thaobh, seach taobh dhiubh. Ach fuirich ort! Dé ’s ainm, no sloinneadh, dhut?”
“Bi-gu-math-ris!” thuirt Raitean. “Is tha e soirbh a thuigsinn. Gabh mo leisgial; ach ’s e fìor-niag a tha ’san fhear sin ri d’ chrudha. Cha bu toigh lium ti’n eadar e ’s a chàl-duilisg.”
“Cha bhiodh e mar do chuid fhein dhut, tha mi creidsinn. Ach s’ dòcha nach’eil e idir cho gaorrach ’s a tha e coimhead.”
“A bhana-charaid, faodaidh e bhith gu bheil e na’s fheàrr na chollas; ach cha’n’ eil aodann deadh dhuin’ air, mu’n d’thuirt Niall-nam-beann ris a’ chat.”
“Nach tu ghabh a’ ghràin air.”
“Is có chuireadh coir’ orm? Mac-na-croiche—is e
sin esan! ’Ne fear a leum orm le slat-eich gun abadh gun aobhar.”
“Leig leasan,” labhair i sin le guth air-leith dùrachdach. “Is Gall e gun teagamh, ach deadh sheirbheiseach airson sin— —”
“Dha fhein an toiseach,” leasaich Raitean ’ga stad. “Creidibh mise; bheir a’ cheart diùlnach an car asaibh nuair a’ bhios a’ muir a-mach.”
“Dé dhutsa,” ’s i cromadh a cinn, “co-dhiùbh bheir, no nach toir esan no neach eile ’n car asam? Dhiùlt thusa seirbheis a nochdadh air chor sam bith dhomh.”
V
Airson a’ chiad turuis, cha tug Raitean droch fhreagairt oirre. Ghlac saobh na tosdachd a theanga; is thar-leis gu’n a dh’fhairich e aois duine sgiolcadh troimh phòirean, ’s a’ lìonadh a choluinn ’sa chuislean air fad. Cha robh e tuigsinn dé dh’éirich dha, no idir na geasaibh fo’n d’rugadh air. Bha e fhathasd gun an t-seachdamh bliadhna ’dhiagnuchadh. Tha e cuideachd fior, gu’m fac e sheanmhair a’ deanamh nì no dhà chuir iongantas air. Ach ged a bha e ’na fhianuis air gach orra thug i ’n ìre, bha druidheachd gu léir, mar neo-ni, an coimeas ris a’ bhuaireadh a ghreimich a thoil cho teann ri bithis an ceartair.
“An cuir thu idir de chomain orm ’na dh’ìnnseas t-ainm dhomh?” dh’fharraid an òigh air mhodh a thilg a dhannarachd mu laimh.
“Tormod,” fhreagair e; “ach their iad Raitean rium cho tric ’s gur ach gann a dh’éisdeas mi ri ainm eile.”
“Dé is sloinneadh dhut?”
“Mac Coinnich.”
“ ’S fheudar nach buin t’athair do’n cheàrna so? Cha chuala mi Clann ’ic Coinnich a bhi air taobh an t-Strath’ de dh’Eilean Donnain.”
“Tha sibh ceart an sin,” dh’aidich e. Ach thainig rud nach do mhothaich e riamh roimhe—rughadh le tàmailte ’na aodann. Leag e ri làr an t-sùil sin air nach do chuir nì ’na bheatha fiamh no eagal. Bha guth-mollachd ’ga shniomh air a bhilean; is goin a chàraidh a’ toirt claoidh air a chridhe.
Thug an gill’ -eich an aire dha aodann a’ tòiceadh; is rinn e gàire fanaid—togradh nach deach’ as air Tormod, ged a bha cheann crom. Bu shuarach a’ chiad ionnsaidh a thug e ’san dol-a- mach air, an àite ’na bha ti’n ris an ceartair.
“Ken he nae his ain faither? ”labhair an Gall, is plìn air a bha ruigheachd na smior-chailleach aig Tormod. “Gin he redden the langer, he’ll singe his tow aff. ”
Ach ’s math dha-san nach do thuig Raitean brìgh a smeachranachd, neo bha sheic’ air an fharadh mun do sheall e bhuaidhe. Eadhon mar a thachair, rinn Raitean bòid leis an dùrachd sin a chuireas crioch obann air nàmhaid. Thuig e gu math gu’n robh an gill’ -eich a’ magadh air—gnùiseachd a bha ri giorra-shaoghail a thoirt dha, cho cinnteach ’s ged a bhiodh biodag a’ sgoltadh a’ chridh’ aige. Oir cha’n’ eil modh eile anns an toir coimheach oilbheum-bàis do Ghaidheal, na chur gu dhùbhlan le fanaid. Thigeadh cùis do’n ìre so, agus bidh dortadh fola gu deimhinn air a-chionn. Cuid a ni air
l dànadas còmhraidh
an ugan an gradaig; feadhainn eile ni gàire mar gu’m biodh iad a’ canail: ‘S math nach tuig thu na h-uile tha feitheamh ort!’ Fhuair an gnè mu dheireadh greim air Raitean; is dhìoghail an còrr na gille- ’n-eich air a thàilleabh. Ach cha’n ann mar is miann leis a’ bhrocair a théid an sionnach da shaobhaidh.
“Nise, Thormaid,” labhair a bhan-uasal, “tha dol air a’ latha; ’sam bi thu cho math ’san t-aithghearr do Laobhras a shealltuinn dhomh?”
“Nach éibhinn duibh ti’n air an astar so,” fhreagair e car socrach, “ ’s gun fios fhaotuinn ciod i ’ur slighe. Ach stadaibh. Ma thogras sibh ni mi-fhin an rathad. Tha mòinteach throm mu mhìle-gu-leith air thoiseach. Ach mur a h- ’eil an dà chabhag oirbh, bheir an ceum-còmhnaird mu mhìle-gu-leith eile thar an rathaid is giorra sibh.”
“A’ bheil aithghearr tre na mhòintich idir a dh’ fhaodas each a choiseachd?” dh’fhoighnichd i ann an dòigh a chuir ioghnadh air Raitean. Is thainig an smuaint ’na rùn gur a’ dòcha gu robh i airson cur as dha fhein, neo do’n fhear a bha còmhla rithe.
Mun tug e freagairt gu toil dhith, fhuair an droch-rud greim air; agus thuirt e ’na inntinn gu’n robh sluic ’sa Mhòintich-mhóir nach diùltadh closnach Goill a ghleidheadh. Dh’innis e mar sin gn’n robh frith-rathad tre na mhòintich a bha eòlaich a’ gabhail, ach a bha ’na shìor-chunnart dhaibh-san, nach amaiseadh air a’ chruaidh-cheum.
“Tha Mhòinteach-mhór meallta,” lean e ’san di-moladh. “Ach dha’n fheadhainn do’n aithne ’n ceum,
tha i sàbhailte gu leòr. Cuiridh i ’n còrr is mìle stigh riutha.”
“An toireadh duais thu troimhp’ air feadh na h-oidhche?”
“Bi sin aréir na duais,” fhreagair e. “Agus a-rithisd co-dhiùbh ’s e deòin, no aindeoin a’ bhios a’ stuigeadh an teachdaire.”
“Cha’n’ eil e collach,” thuirt ise, “gu’n tig muir gun stiùireadh ort. Is mur do mheall mo bharail mi, tha fiosam air neach, a dheanadh moit ri cluinntinn mu d’ bheo. Cha’n’ eil thu a-measg do dhaoine fhein a bhalaich?”
“O!” leith-osnaich e. “Gu dé ’ur gnothuich-se, có mise, no mo dhaoine?”
“A-chionn gur h-aithne dhomh có thu, agus t’athair, ni mi gniomh caraide riut ma dh’fhaodas mi. Nise. Tha thu ri ar toirt tre na mhòintich. Na gabh ort air chor ’sam bith a thogas amharus a’ ghille so—gu’ bheil cunnart ’san t-slighe. Ma’s àill leat, is gu’n tig thu dh’ionnsaidh Tigh Laobhrais bho àm cadail, cuiridh mi nì ’na t’earbsa ni duine dhiot. Gabh romhad, ’s na brist facal tuilleadh gus an iarr mis’ ort.”
‘Tuigidh mi-fhin rud ma-leith,’ thuirt Raitean ’na rùn ’s e togail an rathaid air thoiseach. Dh’fhàg e an cipe-caoil far an robh e; is an dòchas ’ga ruigheachd nach tigeadh air tilleadh ris tuilleadh, no slat dheth a chur a dheanamh cléibh-mòine. ‘Co aige tha brath,’ smaointich e, nach dean a’ bhana-choigreach so feum dhomh? Is e’ n Sealbh a chur an rathad i; ma tha e ’n dàn domh ti’n air a h-éir, dh’fhaoidte gu’m bi mi ’na
mo dhuine mór fhathasd. Bu mhath cogadh a-nise! ’s cha bu ruith lium ach leum ’na choinneimh. Nirre! Thuirt i gu’m b’aithne dhith m’ athair. Co aige tha fios nach e mac duin’ -uasail a th’unnam? Nirre! ’s ioma rud a thig le seol-mara nach gabh feamanadh le cliabh is plàta!’
* * * * * * * * *
Rinn Raitean na dh’earbadh ris; is thug e na coigrich le’n cuid eachaibh gu socair, sàbhailt, tre na Mhòintich-mhóir. Ach air dha an toirt tarsuinn air an Ath-leathann, dhiùlt e bhi ’nan cuideachda na b’fhaide.
“ ’S ann aig an t-Sealbh tha brath, co-dhiùbh bhios an Ridire Tolmach buidheach dhe mo shaothair, no nach bìth,” fhreagair e an coinneamh cheistein nach robh e gabhail mar fhiachaibh air fhein a bhreithneachadh. “An e sin na h-agad ri chur ’nam thairgse?” thuirt e le dànadas. Oir bha rudaigin ag ìnnse dha, nach b’ann gun fhios c’arson a dheanadh coigreach—agus ban-uasal aig a’ sin—còmhradh diomhair ri gille-fuadain ’s e gabhail an rathaid. Ach nach tric, thar-leis a thug nighean rìgh, bann-pòsaidh do dh’òganach ìosal ’na inbhe? Có as i; no có i? Gheibh e sin a-mach ’na dhòigh fhein.
“C’àite ’bheil do chòmhnuidh?” dh’ fheòraich i. “Am beil e fad a so?”
“Bi sin aréir aois, is luaths,” fhreagair Raitean gu gobach. “Bheir uair bodaich ’na mhaille, no uair gille-connaidh ’na chabhaig, a dh’ionnsaidh ceann mo theine mi; agus ’na bu ghraide na sin, na’n robh mi air
rogha mo theachdaireachd.”
Chuir gearradh-cainnt cho teuma annas nach bu bheag air a’ bhana-choigreach. Is dheònaich i ’na rùn, gu’n tigeadh an cothrom anns am faigheadh i a chuideachadh feumail.
Leis a’ bheachd so ’na h-aire, dh’iarr i air Tormod a’ coinneachadh aig bial an anamoich, ’s gu’n toireadh i rud dha ri dheanamh, a leasaicheadh a chàradh.
Bha araon tàladh agus muigheadh ’na guth do Raitean. Cha do dh’fhan i ri fhreagairt. Ach thug i srian da stéud mar nach biodh an teagamh bu lugha ’na h-inntinn a-thaobh buaidh a toil’ air. Is cha robh a barail an iomrall. Oir bha Raitean, is a chridhe mireag ris, a’ deanamh an aithghearr’ gu tigh Iain Ruairidh, far na chuir e roimhe ’n ùine chaitheamh gus an tigeadh tuiteam na h-oidhche.
Bha àite-fuirich Iain Ruairidh mu chairteal a’ mhìle ris a’ chladach fo Thigh Mór Laobhrais. Thainig mi cheana tarsuinn air far am bu chòir dha—aréir bial-aithris—a bhi riaghladh. Ach so ’san dol seachad a-mhàin.
Car mu’n aon àm ’san robh Raitean a’ feadaireachd Danns-a’ -chlaidheimh aig cagailt Iain Ruairidh, bha’n Ridire Tolmach, a’ cur fialaidheachd a thigheadais ann an cead nan coigreach. Cha robh iad aineolach air a’ chéile, ged nach do thachair dhise bhi riamh an rathad.
Choinnich iad uair, no uair-eigin ann an tigh Lochéill an Dun-éidionn.
title | 11. Gleusdachd |
internal date | 1912.5 |
display date | a1913 |
publication date | 1913 |
level | |
reference template | Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p |
parent text | An t-Ogha Mor |