[192]

AN DROCH CONDRACHD

Gheibh saoidh a shàrachadh
SEAN-FHACAL

Chan e mhàin gun tainig car an aimhleis air Raitean, ach rùnaich e friodhan na ceilgechur air bharr-gléis do dhIain Ruairidh. Agus mar a ni earras an fhuadain mealladh moisein air cridhe lùbach, rinn Raitean dearmad obann air dàimh is dùthchasachd. Theagamh nach do mhothaich e miad na -bheairt anns na chuir e làmh cho easgaidh. Ach do-bhrìgh, nach tug Iain Pìobaire iomradh air aghnè gaorrabha lionadh abhalgain-snàmha aige, chan fheàrr e nan crom-ruaige bhi bagairt cinn-seanachais da thaobh.

Mur abheil tobhadh leisgeil air amhodh singa tiomairt, ni thu mire ri aoir mo sgeòil fhaotuinn air rian stiùire gun dàil.

Thug am fear a chuir iomall air sgrìobhadh, an cunntas gun a bhrath Raitean far an robh Iain Ruairidh ri còmhail a chumail risgioba. Ach nan gabhta siubhal sunndach mar urras air cogais aon-fhillt, bhiodh fàth dìtidh air an taobh-leis de Raitean. Oir bha esan, —mar a thugadh tarruing air an àiteil, —atilleadh bho Phort Mór Lusaidh far an dfhàg e saighdearan Ghlinn-eilge, is iad acur dolaidh ìnnleachd do dhIain Ruairidh air bonn.

Gun fhios nach bidh thu talach air deilbh mo


[193]

bhriathrachais, tairgeam ùrachadh soillse dha do mheomhair. Oir is math a dhfhaoidte gun a lasaich dlùth mo sgeòil cur an innich.

Tha cuimhnagad bu cheann-turuis do Mhairearad Nic Uaraig nuair a thaghail i air an Ridire Tholmach. Thug thu an aire cuideachd mar a thug i am balachan-rathaidRaiteanfo dhruidheachd a toile; mar a chuir esan as doteachdaire-coise fhéin anns aMhòintich Mhóir; ach gu sonruicht, mar a chuir i mar fhiachaibh air, lorg a dheanamh air bàta nan saighdear aig Lusaidh, far na lìbhrig e litrichean-rùin dan ceannard.

Cha robh am fear-airm sin gun bharantas air na dhearbadh ris. Bha e ri prìosanach a dheanamh de dhIain Ruairidh air an oidhchud. Co-dhiùbh, rinn Mairearad an gniomh sin a chur air a mhanadh. Agus cha robh beag meachainn ribhuaireadh ciamar a bheireadh e gnothuch gu ìre.

Bha fiamh is faiceall a-measg nam fineachan Gaidhealachsan àm. Agus a dhaindeoin comhairleachadh Fhir Chul-odair, bha teachdairean nan Stiùbhartach a sìor bhuinnig. Be sid an t-aobhar a chuir Mairearad Nic Uaraig air turus cho cudthromach. Theireadh Iain Pìobaire airson sinis cha bann air luimead a bheachd a bhitheadh egur h-ann a bha i fo rùn-falaich air los Iain Ruairidh. Agus ma dheònaich i rioba chur mu chasan, dom bfheàrr don tigeadh loinn a chur air teanachdas, na nighean Mhic Coinnich, Eilean Donnain? Oir thug dàn is tubaiste nithibh mun cuairt, air an dearbh oidhchud, a dhfhoillsich sealbh a h-àraichsa daoine dhith nan do ghabh i cothrom air.


[194]

II

Mar a bhrist anaigheachd bho lùib bial-aithris, dhfhàg Mairearad Tigh Mór Laobhrais fada mun a dhùisg duine bha stigh as an ciad-chadal; is chuir i, le cuideachadh rathaid bhon Ridire fhein, srian air each a dhionnsaidh Aird an t-Strath’. Oir chual i gun robh Alain Camarantosgaire teuma nan Stiùbhartachagabhail aoidheachd an tigh Mhic Ionghuinn.

Bfheàrr lium nach dfhàg thu Laobhras air acheann so den oidhche,” labhair an Ridire, nuair a bha iad ateannadh ris an t-Sìthean.

Thionndaidh Mairearad sùil ghradna rathad mun a dhfhoighnichd i bha cur draghair.

Dhìnnse na fìrinn,” fhreagair e, “cha robh agam riamh mu fhalbh na h-oidhche air an astar so.”

Ciamar sin?” dhfheòraich i, mar gun tigeadh athadh oirre.

Tomhais an t-ainm tha air an àite so!” thuirt e le guth fo anail.

Chan urrainn domh,” thìll Mairearad gu h-ealamhAch cha chuireadh e annas orm,” lean i oirre le gàire cho cridheils gun a dhùisg e Mac Talla bho leaba nan creag,— “ged a thigeamaid air bothag nam bana-bhuidseach, is caiginn chat acagan ròsladh air earbuill ri slabhraidh. Tha e uaigneach gu leòr airson ana-cneasdachdsam bith. Ach their thu ris?”

An Sealbhga dghleidheadh!” fhreagair an Ridire. “Bidh sinn an ceartair aig bealach an t-Sìthein. Agus gun fhios nach gabh thu eagal, tha e cho math dhomh do churna tfhaireachadh gubheil iad a


[195]

faicinn rud mun cheàrna so bho chionn ghoirid. Ach tha min dòchas guseachainn e sinne.”

Chan e sin domhse,” leasaich Mairearad ann am beadradh còmhraidh. “Feumaidh mi tòiseachadh ri iadach riut.”

nisis ciall dhut?” chaisg an Ridires e gléusadh a chridhe ri sodal nam facal.

,” arsa Mairearads a h-aigne ann an glac na h-aimlisg, “ach gubheil eagal ort gum faigh do shuiridhe chlaon a-mach thu.”

Chaneil mi—— —”

Nise,” chùm Mairearad roimhpe, “tha thu làn ceasaid. Cuiridh mi geall gubheil leannan-sìthe agad; is tha thu airson a cumail am falach orm.”

Chuir an Ridire seòl air a tagradh àicheadh cho sgiobaltas a leigeadh a beurradaireachd sin da. Fhuair iad seachad air an t-Sìthein gun fhorbhas sam bith. Ach air dhaibh tighinn mu leith-chiad slat do dheaglais Chille-chrò, thòisich an each rin cluasan a thogaíls a mhaoladh: ianraigean nach robh gun bheag cùraim don Ridire Tholmach. Oir bha gléus air a mheomhair gun robh an shealladh aig each. Co-dhiùbh thig an togradh sin ri mànran an dearbhaidh no nach tig, cha chuir gogadh nan ceann iomall air. Ach thig àm is àitair uairean anns an gabh an inntinn ceum-seòdail. Is buinidh e do dhàrach na cogais ciamar a thig an dùsgadh ri ar càil.

Bann air amhodh sin a dhéirich an smuaint air an Ridirethug e le sitheadh nan deich-bliadhna-fichead air ais. Bham fuar-fhallas a bha bhristeadh air a


[196]

bhathais adeanamh fianuis nach robh aigne sùgrach.

Leanamaid car tamuil, an rùn a thug Iain Pìobaire mar leisgial air na dhaithriseadh mu thimchioll, is gheibh sinn earras ar naigheachd. Ach chan ann buileachsan dòigh sin a thachair an tinnsgeadal, no a chaidh inntinn an Ridrie Tholmaich air turrag na h-òigedhionnsaidh aonaichean fàs Ghlinn Shuardail. Thainig iomadach a-stigh airthainig agus caochladh bheachd anns an tig béud ri iomradh.

Deich-bliadhna-fichead. Is mór an ùine sin ri amharc air ais. Ach is goirid e, ann an da-rìribh, ma tha cogais fo shréin aig achmhasan. An e sin a dhùraich am beachd ann am broilleach an Ridire? Oir an ann a-chionns gun robh cuimhneachain éigneach air gach laimhga dhìteadh, a bha shùil ag iarraidh bho reilig nam marbh ri thaobh, —far an dfhuair òg-bhean dom baithne dha fois, —a dhionnsaidh teallaich a h-àraich mun do dhrùigh sùgradh foill air a cridhe maoth?

Bhrist iomadh seòl-casaid air clàr-cùil na cuimhnaige; ach cha robh idir a thug fàsgadh air achridhe bhann, mar a rinn càradh Oidhrig Nin Dòmhnuill. Deich-bliadhna-fichead! Gidheadh, bha cruth na tràtha sin mar thionndadh duilleig da inntinn; is lorg e cùis-bhrath air nach drinn aog no astar sgaradh. Deich-bliadhna-fichead! Be sin an dearbh ùine bhon a choinnich e ri bean-chagair a mheallaidh. Ach ma dhiùlt e leasachadh a dheanamh air eas-urraim a h-earbsann, cha robh éirigh nolaidhe gun mollachd bean-dìolainna chluais. Agus theireadh cuid nach bann


[197]

aon uair, no uair a thug i sàrachadh slighe dha. Oir ged a dhfhàg i fearann nam beò mum faca gineal a h-aomaidh an saoghal, bha iad air bhrath dom baithne àbhaist a dol mun cuairtsan spiorad. Chitheadh iadsan air an tuiteadh an t-anamoch ina guraban air bearradh os-cionn Ghlinn Shuardail, bréid air fiaradh mu ceann, is i turraman le truimead a h-àmhghair. Ach tha esan air nach drinn ceann-seanachais iomrall, atoirt cunntais nach drug an oidhche riamh air an Ridire Tholmach mu Chille-chrò gun bhoirionnach a bhi toirt tàire dha ann an caochladh riochd.


III

Ged a ghabh mi barr-ùinecur nam beachdan so air suim, thainig iad a dhionnsaidh an Ridire cho grad ri lasair a adhar. Dlùth da làimh bha cheart ionad far na thàlaidh e Oidhrig le gealladh gaoil; agus am bothan beag anns an tug am bàs dhith faochadh bho eas-chliù a h-eiridinn. Ach am mollachd a ghuidh i air ùghdair a léiridh mun dfhàg i an saoghal, cha do leig a h-aon a chual e air di-chuimhn.

Ma chreidear iadsan dom baithne beachd is beurrachd a chur an lùib bial-aithris, thainig buil air a mollachd fad lathagus linn. Oir cha be an Ridire Tolmach a-mhàinged a besan an coireacha chreanaich air tathaich an t-Sìthein. Ach bhan sgìrecur air a mhanadh gun deanadh i an gnothuch air uair no uaireigin. Is mar a bhios an uair aruith gach duine, rug an dearbh smuaint air an Ridire, cia luathsa ghabh na h-eich achiad chlisgeadh.


[198]

Thainig an mharcaiche mu dheireadh suas ri clisneach achladhaMairearad Nic Uaraig cho sunndach, glic ri comhachagsi faicinn taibhse: an Ridire agus truimead a bhàis aciaradh mu aigne.

Thug e sùilsan dol seachad. Ach ma thug, chunnaic e slaod mór, dubh, le uchd air balla chladha mu choinneamh, mar gum biodh ega fheitheamhsga chaithris.

Dias an eadraigin!” ghuidh es e toirt sréine dan each. Ach mun do thuig Mairearad gun robh as an rathad, chunnaic i an Ridiretuiteam an comhair a chinn.

Nise, bhan òigh ud aineolach air gnè geilte, no eagail. Ach nuair a mhothaich i aonaranachd nan sliabh mun cuairt dhith, thainig taiseachadh neònach air a cridhe. Gun teagamh bha gealach air boisgeadhsan adhar. Ach cha robh sin ach aliadachadh uaigneas aghlinne far an sìneadh an dubhar a chiasan.

Dhamais i airson sin air a tapadh. Oir ged a ghabh i athadh nuair a thuit an Ridire dhethn each, leum i gu grad far an robh e nisena laidhe, is e gun eang ri ghluasad aige. Bha de mhisneachd aice na chuir a làmh air a chuisle.

Ge be chunnaic e, no dhaobhraich a chrioch, bha’ ’n Ridire Tolmach marbh.

Shaoileadh fear meachainn gun cuireadh suidheachadh den t-seòrsud cùram air gaisgeach, gun tighinn air òigh nach do dhealaich fhathasd ri aghartas a dreacha. Ach cha do chuir e an tilleadh bu lugha ann am Mairearaid. Oir bha cudthrom a ceann-uidhetagairt


[199]

dleasanais eile. Gidheadh, cha robh i cho comas gum fàgadh i corp gun fhrithealadh, nan gabhadh sin deanamh.

Thug i sùil ceithir thimchioll an geall air fios gum faiceadh i collas tighes an astar. Is chunnaic, i thar-leatha, solus beag, mùgach gun a bhith ro fhadair falbh. Ann an tiotadh, thug i an t-srian a ceann an eich is rinn i déubhann da.

Air dhith gabhail aig an each, chuir i aghaidh air rathad an t-soluis. Is ged a chaidh i, ach gann as a cnàmhanga iarraidh, thug i mach e air acheann thall. Fhuair i bothan beag cheap mucoinneamh, is cliabh le taosg mòines an dorus.

Cha do dhfhuirich Mairearad ri fàilt no fiathachadh, ach an cliabh a thogail gu taobh is gabhail a-stigh. Tha e collach ge be dom buineadh an fhàrdach, nach robh an chabhag cadail orra. Oir bha cailleach mhór liathna seasamh air teis-meadhoin an ùrlair, mar gum biodh i ach air tilleadh bhon bhlàr-a- muigh.

as a thug a bhana-choigreach acoiseachd?” dhfhoighnichd i de Mhairearaid ann an guth nach robh idir mi-chàirdeil.

Chan e breithneachadh cheist a chuir an so mi,” fhreagair Mairearad gu h-ealamh. “Than Ridire Tolmachna shìneadh ri taobh an rathaid gun deò ann. Seall as a dhéighinn. Oir tha agam-sa ri cumail romham don Aird.”

thusa?” thuirt achailleach gu grad. Oir cha do chòrd dol-a- mach na eile rithe.

Chan ann atairgse droch fhreagairt a tha mi,”


[200]

labhair Mairearad. “Ach shaoilinn—— —”

Coma lium shaoileadh tu!” chaisg achailleach le gruaimsi tilgeadh a bréid de ceann.

Sheas i eadar Mairearadsan dorus mar gum biodh brocair afeitheamh cùirn.

Coma lium-sa a shaoileas tu,” lean an t-seana bhean air aghart. “Ma thug do dhànadas thar an rathaid thu, cha chuir e cho soirbh air ais thu. a chanas iad riut?”

Chunnaic Mairearad nach robh math no cron ann a h-ainm a chleith, is fhreagair i: “Mairearad Nic Uaraig.”

Mairearad Nic Uaraig!” dhaithris achailleach. “Thusa, nighean an Dotair Mhic Uaraig a bhan Dun-éidionn?”

Acheart ,” fhreagair Mairearad air bheag fios gun robh isan àm a labhairt ris abhean-ghlùine a chuir-as do bhana-mhorairEilean Donnain; agus mar sin da màthair.

Achs aithne dhut an eachdraidh.

Mairearad Nic Uaraig!” thuirt achailleach a-rithisd agus a-rithisd. “Nighean— —ach stad ort!” labhair i mar gun tigeadh rud ùrna h-inntinn. “Abheil fios agad is daoine dhut?”

Chan ann a shireadh eòlais air sloinneadh a dhubh miur fàrdach mun taca sodhoidhche,” fhreagar Mairearad.

Nam biodh fios agad thu,” bhrunndail an t-seana-bhean, “cha be sin port a chluicheadh tu. Ach siubhad! Tog ort! Nan dfhuair mac Fhir


[201]

Eilean Donnain fad-saoghail, thug mi sgial eile dhut. Leigidh mi mar sin cead taithis leat.”

Ghabh Mairearad amharus gun robh diomhaireachd fon ian aig achaillich nach robh idir cneasda. Ach is beag a shaoil i gum buineadh a bhrìgh ri tùs a beatha fhein. Ma thainig treòirsam bith darùn, ’s e gun robh an seann bhoirionnach ud air seilbh aobhar a ceann-uidhe, no ma-dhfhaoidte den bharail gur h-i chuir crioch air an Ridire Tholmach.


IV

Dhainmich Iain Pìobaire nach robh Mairearad idir duilich gun tainig bàs cho obann air an Ridire. Agus thug e am beachd mar an ciadna gum burrainn achailleach innse càitan robh i nuair a bha na marcaichean adol seachad air eaglais Chille-chrò Oir cha do leig i riamh as a h-aire gum be foill an Ridire Tholmaich a chuir Oidhrig a h-ighean le cridhe briste don ùir.

Co-dhiùbh, dhfhàg Mairearad achailleach ann am bun achuirp. Ràinig i tigh Mhic Ionghuinn na h-Airde farna ghabhadh rithe le furan is briathrachas. Mun a thuit an oidhche rithisd air Glàmaig, bha iteannadh air Caisteal Dhun-bheagain.

Thng Iain Pìobaire an t-iomradh sin mar leisgial air na dhéirich do dhIain Ruairidh. Tha e ri aithris cuideachd gun drinn Mungan Tuathal a rathad do Dhun-bheagain air seòl eile. Oir besan amhàthair-aobhair a thog buillean na tuasaid eadar na Leòdaich agus Iain Ruairidhsa sgioba.


[202]

Ged a than earrann so rudaigin car mu sheachsan deilbh, roghnaich mi cumail ri moide. Theagamh gun ruitheadh an dlùth na bfhearr dhen iteachan nan do chum mi fàireadh air Iain Ruairidh, bhon a dhfhàg e Cnoc nan Curran gus na thuit e ann an làmhan saighdearan ruadha Ghlinn-eilge.

Air dha-san an t-amharus a ghabhail gun robh cuideigin air shiubhal dam freagradh currachd abhrathadair, rinn e, thar-leis, air acheàrna bhon cual e an fheadaireachd. Ach cha be Raitean an giadh air an tigeadh lugais a dhìdeireachd. Dhfhuirich e air a chois-cheum gus an tug Iain Ruairidh an aire dha. Agus, mar a bhios am fear sin air an dean braidean greim, thionndaidh e air a shàil a dhionnsaidh Port Mór Lusaidh. Cha luaithe chunnaic Iain Ruairidh e toirt nam bonn as, na rinn e as a dhéighinn cho teanns a bhaige.

Ged a bha Iain aineolach air bha e ruith, is math a baithne do Raitean roimhe bha e teicheadh. Ach fhuair an aimilisg, ach gu sonruicht, buadhan Mairearaid, a leithid de làmh-an-uachdar air, ionnas nach robh san amharc aige, ach Iain Ruairidh a chur far am moladh an òigh ud a thapachd fhein.

Cha deachaidh ìnnleachd an aghaidh a chuilg dha. Oir chum Iain an siar sin mar nach biodh earras air ceilgsan t-saoghal. Rinn Raitean dìreach air far an dfhàg e na saighdearan ri port. Thug iadsan an aire dha atighinn; is leum coig no sia dhiubh air tìr.

Tha fear a tha dhìth oirbh ga mo ruith,” thuirt e fo anail; is, gun fuireach ri freagairt, lùb e tarsuinn


[203]

ìochdar Rudha Lusaidh far an dfhuair e àite-falaich.

Ach cha bu bheag riasladh an aithreachais a ghabh e, nuair a chunnaic e Iain Ruairidhga thoirt air falbh na phrìosanach aig na saighdearan. Oir thainig rudaigin a-stigh airsan àm gun a chuir Mairearad druidheachd air. Is ged a rinn e na rinn e chum ise thoileachadh, cha robh de chion-mothachaidh air na chuireadh a ghniomh an àite molaidh da chogais.

dha sin do dhIain Ruairidh, is e nise le éill mu chaoil-dùirn an ceangal? Cha bann, airson na cuid sin deth, gun achaonnag chruaidh a leagadh a dhruim ri talamh. Mar a leanadh an sgial, rinn e an gnothuch air an fhoill a chuartaich e, mur a bitheadh gun a bhuail fear de na saighdearain buille de ràmhs acheann air. Nuair a thainig e ga ionnsaidh fhein a-rithisd, bha ena shìneadh air ùrlar bàta, is spionnadh nan ràmh atoirt càir roimhcuinnein.

Tha facal na cainnt againn ag ràdh nach robh saoidh gun a shàrachadh. Ach tha facal eile ann acanail gun téid seòltachd thar spionnaidh. Chuir Iain an dithisd an eagaibh achéile; is bha shaor-sa mar bhuil air a thapadh.

Nuair a bhios an com fallain agus an spiorad easgaidh gheibh ceatharnach oilean air furtachd. Ged a bha Iain fhathasd afaireachadh a chinn cho trom ri cruaidh air ceann déile, thuig e gu math nach robh leòn ciùirte air a shiubhal. Thug e an aire cuideachd nach robh ach a làmhan a-mhàin an ceangal; is bha sin fhein cho las air gabhail aige, ’s gum faodadh e an sriucadh a greim nuair a thogradh e.


[204]

Dhaindeoin a mhisneachd, bha làn fhios aige nach faigheadh e làmh an uachdar air sgiobabhàta le tuasaid. Ach bu bhrod an t-snàmhaich e. Is nan rachadh aige air abhàta chur thairis, cha robh an teagamh bu lugha ann nach ruigeadh e cala. Smaointich e air an àsaig a thoirt aisde; ach bheireadh i cho fad air lìonadhs gum biodh an leasachadh gun dragh. Ach nan amaiseadh e air déilespraigheadh, bhan gnothuch leis.

Thionndaidh esan gniomh sona rùngu socrach, fiataidh creid egus an dfhuair echulaobh ri taicse. Chuir e chas eadar rang far an robh ceann-déile air a teòmadh, is, le aon spionnadh, sgiab e mana-bhòrd as achéile. Bhrùchd an t-uisge stighna mhìll; ach mun a sheall iad bhuapa. bham bàta gu bhi fodha.

Dhéirich an tubaiste so nuair a bhiodh iad mu choinneamh Phlàmarscaig. Is ged a bha iad na bu lugha na trì chiad slat bho thìr, chailleadh iad uile ach Iain Ruairidh.

Bha Iain Og dhen bheachd nach bann le bàthadh a chaidh iad a-dhìth. Thug e mar urras air a chreideamh, gun a rannsaich Raitean a-mach an sgioba bhaig Sgeir-na-h- Oitreach, nuair a chunnaic e Iain Ruairidh an greim aig na saighdearan. Is air dha an dearbhadh a churnan cead, thug iad gu muir leis an sgoth chaoil. Bha Iain Og dhen bharail cuideachd gun a bhuail bàta nan saighdear air an sgeir sin, ris an canair Bogha nan Sasunnach an diugh.

Fhuair fir Bhreacais is Iain Ruairidh a-mach acheile co-dhiùbh. Agus air dhaibh leisgial a chur gu taobh, chluinnte iorram nan ràmh acatogail an astair a dhionnsaidh dùthaich nan Leòdach.

title13. An Droch Condrachd
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page