[205]

CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA

Ge be bhios na fhear-muinntir aig an t-sionnach, feumaidh eearball a ghiùlain
SEAN-FHACAL

Fhuair marbhanaich na hoidhche Flath-mòr nan Leòdach air binnean àrd a chaisteil; is tagradh trom-chnuasachd acur aigne air allaban. Bha fia nan nial mun cuairt; gealach ùr air a coinnil; is sìneadh nan tonn arigheadh achladaich.

Caisteal Dhuin-bheagain! dan aithne eachdraidh do bharrabhalla liath-ghlas; no dubh-sgial nan aimsir anns an dfhuair beus nan sleagh an sàth? Nach e so acheart ionadan àm gleidheadh nan dorsanfarna shloinn seanachaidh aosda, gineil nan teaghlach? —farna chuir clàrsairean trom-ghuthach, cliù nam fear fial ri fonn? —farna chruthaich cliar nam pìobairean, cian cheòl a tha fhathasd mar ghléus an co-sheirm nan linntean? —agus, cuideachd, far an dfhuair aoidheachd, aig tràth, a duais ann am biodag nimheil an fhir-cheilge?

Fhreagair Mac Leòid nan Leòdach na ceisteanna rùn. Is dhéirich saobh-shruthna inntinn a thàlaidh gniomh-cuimhne nan sonn mu choinneamh.

Biad sidann an seadh, ’san ioma seadhlàithean nan éuchds na h-anacair. Ach nach faod iad amas a-rithisd? Is ann an tigheachd a smuainte, chunnaic


[206]

e sac-neòil nam blàr am bagairt-bristidh air beinn is coire. Aon uair eile, ’s bheir luath-chasach ionraic, teine-rabhaidh troimh fhireach nam foills thar uilltnan tuil. ’S an uair sin, bidh caitean nan tonn aflodradh baic-bhord nam birlinn; is fir ghuineach nan Eilean atogail iorram nan ràmh. Ach ma bheir fir-gharga Bhàideanaich dhaibh crathadh-dhòrn na h-eascaraid? Nacheil fir-fhéitheach Loch-ialla, le faire-feachdnan gruaimiad agleidheadh nam bealach, ’san gàirdean afàsgadh dìon-bheairt nan claidheamh? A-mach bho thuath nan gleann pasgach, éirigh aislingich cholgarra; is fir-dhearbhta nam fuar-fhuil, a bhios cuimseachnan righe. Suas! Suas! thar cinn-sgòrra agus mhullaich, cluinnear caismeachd am bial-siubhail na h-oiteig; is ùraichidh càil nam fear-brasa air son éirig fola!

Mar bho ìochdar nan cian, séididh bron-sgal nam pìob;
Is cumaidh siantan air mhire gairm-tionail nam feachd.

Pìob nan dos fuaimneach? A-ha! Tha caithream clia-lùth Mhic Cruimein da-rìribhna chluais. Dhrùigh a cheòl eagnaidh air a chridhe gu buileach. Is ann an tiotadh, dhaisigeadh a spiorad a dhionnsaidh sìoladh nan cluanfar nach tuig ach Gaidheal a-mhàin, an sgial-diomhair tha aig aphìob ri aithris.

Nacheil cian amosgladh fogeasaibh, ’s atoirt foghluim as ùr, air eòin-bhiadhta nan closnach; is ròic nam madadh air cairbh nam fear-catha? Eisd a-nise ri cruaidh-shlaiceadh nan sleagh; is còmhrag nan cunnartan fuilteach. Sin i rithisdBuille neairt!


[207]

Buille-dheas! Buille-bhàis! Seadh! Uillt atòiceadh le fuil; raointean cnapach le cuirp; farum nan lann asàthadh nan ceann, gliong nan clogadgan sgoltadh; an nàmhaid atarruings aruaig; ròmhan nam fear-leòinte, agus an t-ian-dubhsam fitheach afeitheamh ri fuigheal nam blàr. —Cliù! Cliù! —cliù nan sonn mòrs abhuan-strìth; fanaid na targaid air claidheamh; buille-biodaig air uchd curaidh; agus duinealas nam fear-ògabe so gnàths an t-saoghail a dhùisg Mac Cruimein le phìobaireachd.

Bu gnè le Mac Leòid, ’san àm, an dealbh ioma-chruthach a leantuinn. Ach thug en aire do dheachna chruinnleum, is duinega mharcachd, adeanamh dìreach air càdhachaisteil. Ghairm e gille-feitheamh gun dàil; is chuir ena chead, am fear-turuis achoinneachadh le aoidheachd na h-àbhaist.

Goirid an déigh so, thearnaich e fhéin a dhionnsaidh na talla-móire, far an robh fleagh fialaidh an còmhnuidh sgaoilte; sgeòilgan ìnnseadh; òraingan seinn; pìobga gléusadh; gìll churaidh air bòidhchead; is beadradh diomhair ghruagach. Bha comhart amhial-choin air fhaiceall; dùrdan na h-abhaigs achùil, is gnòsad an t-srònaich-luirg ri chluinntinn thalls a-bhos. Sùil mu chuairt nam ballachan, chìtear an dòrnlach air spiris an crochadh; an t-sleagh throm, ’s i fiarach air cromaig; an lann ghiar ri taobh na sgéithe, is an claidheamh mórna laidhe air sorachan.

Ach i achearna nach cuala cliù-aithris naTalla bu ghnath le Mac Leòid?’ Nacheil e fhathasdna shean-fhacal an àm bristeadh nan sgial aig céilidh, mar is minig a thug cruitear nan dàn fainear?


[208]

II

Bu ghille-turuis, Rob Crotach, air ùr-thighinn; ’s chaidh a thoirt a-stigh le fàilte a dhionnsaidh aitreabh an t-seadhachais.

Cia as a thug thu do mharcachd?” dhfhoighnichd Mac Leòid, ’s ega smèideadh gu taobh.

Gheibh sibh leisgial mo ghnothuich ann aso,” fhreagair Rob Crotach alìbhrigeadh litreach. “Agus thabrighnur cead.”

Léugh Mac Leòid an litir.

Thoir beannachd bhuam-sa don Ridire Tholmach,” labhair e sin le mùchadh feirge. “Ach innis dha: ge be abhòid a bheir Mac Leòid, no am facal a thug en Dun-éidionn, nacheil en rùn an seachnadh aig lathan dearbhaidh. Air son sin deth, na leig dhomh a dhi-chuimhneachadh gus abheil gille-gnothuich mo nàbaidh air adharc a cheann-uidhe,” agus dhfhàg e Rob Crotach ann an comunn cuaich is cuideachda.

Cha do dhfhuirich Mac Leòid ro fhada ann an talla-na-cuilme. Chaidh e mach; ach cha bann gu gabhail mu thàmh. Oir bha luasgan air airechuir iomchoir an àite cadail.

Carson athan Ridire Tolmach acur Mhungain Thuathailnam chomhairle-se?” chuir e ris fhein air seòl agus a-rithisd. Ach mun tainig co-dhùnadh gu bith, bha richrudha gu bog, balbh ach Munganbodach-earraid Foirbeiseach Chul-odair airson na bha dhfhios aig Mac Leòid air achaochladh.

“ ’S ann ort dìreach abha mi tighinn an ceartair!” thòisich Mac Leòid mur nach cuireadh Mungan a bhi


[209]

san làthair, an t-annas bu lughair. “Ach ciamar fo adhar nan rionnag a thainig thun taobh-sa? Agus cuin?”

Mu !” fhir-Dhuin-bheagain, labhair Mungan gun a cheann a shnaoitheadh— “oirs ann ri ràdh ribhs echan ann atoirt droch fhreagairt a tha mi; ach na robh fios-nam-fàth agam, cha be gille beurrach an Ridire Tholmaich, a thug fios-fuadain an toiseach do cheann-cinnidh nan Leòdach. Biodh sin mar a tha e. Chaneil achlach nas dlùithe don làr na tha cobhair Choibhi. Tha dìreachseadh! —tha latha na mi-thlachd teann air làimh. Achs e guidhe nan càirdean nach faighear Mac Leòid ann an coileach an t-struith. Creidibh—— — .”

Bial-sìos air do theangaidh!” chaisg Mac Leòid gu grad-ghuthach. “Bheir fionnaireachd binnean-freadhairc achaisteil solus dhomh, ’nuair a bhios iomairt toile an teagamh. Thig lium!” agus rinn iad le chéile ceum-cabhaig an dìridh.

Air dhaibh an taicseleagail air an uchd-bhalla, chaidh iad an ceann còmhraidh a bha, araon, eagnaidh agus faileasach.

Tìr-nan-Og! —An e thuirt thu?” labhair Mungan anns an dòighsan deanadh bàrd strìth ri druid-smuaint— “Is seilbh an fhìor Ghaidhil i. Oir ann asin, tha inneil-sheilg is thuasaid air sparran na sìthan crochadh; suinn aig cuilm nam buadh; am fìon donn-dhearg, bideanach, clis, gu pailt astruthadh; i! sligean-cinn anaimhdean, mar rogha nan cuachan-òil s Saoilidh mi gu bheil spiorad na taibhs ga mo chur


[210]

thuige. tha soillse adeanamh air gualainn abhruthaich ud shuas? —Rabhadh, gu bheil eòlaich, is càirdean afalbh fo iùil achrois-tarra, ’s aluath-ruith gu rathad an dealachaidh. Fiathach, ’s mar than oidhche, cluinnidh mi siabadh na h-osaig on mhór-thir, is bròn na h-ionndrainga h-iomairt. Ach carson? —A! Leònar an triath ògs achath. Gheibh am bàs a chuid fhéinan tosgaire minig nach seachainn rìgh no tràill. Eisd! Tha caithream aig siantaibh siùbhlach agiùlan a spioraid thar aiseag nam marbh—— .”

Agus,” thuirt Mac Leòid le an-fhoighidinn, “aig ceòlraidh nan seanar atoirt fàilte da dhreag a dhionnsaidh Innis-nam-flath!”

Ach dhealaich iad mu dheireadh ri nàisinn cian-as nan linntean. Agus tha nis an seanachas air an teachd aireachd dhìomhairtha ruith eadar fir fhearuinnsan luchd-dàimhe, ach gu sònruicht air an Ridire Tholmach agus an turrag a dhéirich don Ogha Mhórs do dhIain Ruairidh an Lunnain.

Tha e fìor nach fuiling onair clùd, mar a thubhairt sibh,” labhair Mungan gu cealgach, tiamhaidh. “Ach seallaibh air aimhleas nan tubaistean-foill, a dhfheumas a bhi lorg buaireadair fola, is ceannairc na h-aramach. Oir cha leig aidmheilich aPhrionnsaleas dùil a bhi aca ris achaochladh.”

An e sin rùn Mhic-Shimidh?” cheasnaich Mac Leòid le amharus. “Tha fios cheanagam m port a thair meòirean Foirbeiseach Chul-odair.”

Chan ann le àbhachd achaislichear do Mhac Leòid a leabaidh. Ni momha na sin, a shìneas Mac-


[211]

Shimidh làmh na h-airce do chridhe na circe.”

Fàg deothal nan dubh-fhacal aig do sheanmhair, sìth gun dfhuair i!” thuirt Mac Leòid le gruaim. “Innis dhomh tham beachd nam Frisealach a dheanamh.”

Dìreach so!” fhreagair Mungans e giùgailglic, mar gum biodh sagart is eallach leabhraichean air— “Dìreach so! —Faodail nan cron fhàgail fo thiùrra bharr-a- làin. Is chan oghan t-seanair thu, nach dean buil do dhfhios-fa-leith. ’Nuair a chi thu Mairearad Nic Uaraig, tuigidh tu earail dùrachd an duine-ghlic da charaid.”

Thug Mac Leòid sùil air fhiaradhseòlta mar fhiosaiche ri fanaid.

A-chionns gu bheil teòlas acur bacail air tabartachd,” labhair e gu slìm-ghuthach, “cuiream thu fhein a-nisena tfhaireachadh! Is math a rinn thu tarruing asam. Ach cha bhi faiteas air Mac Leòidnuair a thig fàs air a chìrean, agus rudna char nach còrd ris. Mar sin! ’s dòcha nach bin oidhche idir cho righinn, ’s nach glac bial-gormadh alatha thu, is sùgan mu tamhaich ri taobh-àrd na clisnich!”

Faire! Faire! fhir-Dhunbheagain!” dhéubh Mungan, ’s cha bann gun athadh. “Tha e coltach gur h-em beag an leisgial a bheir achailleach don chladh—”

Gonadh ort fhéin, ’s air do shean-fhacail!” mhionnaich Mac Leòidga stad. “Ciamar a tha Cloinnic Fhionghuinn an t-Strath?”

Tha dìreachtha iad dubh is dona, mar a bha


[212]

casan Uisdein. Ach cluinnidh tun còrr bho Nic Uaraig.”

An tug thu tarruing a-rithisd oirre? ise?”

Sin thu nise! Thalla! gu dearbh! , ach bana-charaid Mhic-Shimidhteachdaire diomhair Dhiùc Earraghaidhealdriod-shuileach chlaon Righ Deòrsa; agus orra-ghràidh nam flath, maille li iomadh ainm is far-ainm eile.”

Abheil i thar aois pòsaidh, a Mhungain?”

Chan òigh gun mhealladh a thann aNic Uaraig.”

Co dhiùbh: ’s i bhios annnuair a thig i!” dhatha-leasaich Mac Leòid le snomha gàire, chuireadh farmad air Conan.

Mun dubhairt sibh, Fhir-Dhunbheagain!” dhaontaich Mungan, is giorag an t-sodail adeanamh fadhail da sheòltachd. Tharruing e ceum air falbh; ach dhfhuirich Mac Leòidna thosd, ’s a chorrag airfhaiceall.

Bha nis an oidhche air ruith gu deireadh; is féisdirean achaisteil air poca-cadail, bho nach cluinneadh Fionn pìobaireachd, ach mar ghaoir sheillean. Bha Rob Crotach, le each is taod mu chluasan, adeanamh tillidh gun chabhaig don t-Strath. Greisna dhéigh, thràigh Mungan Tuathal deoch-an-doruis a làimh Mhic Leòid fhéin, gun fiùs am fios a mhalairt, gun robh sgiobas birlinnga fheitheamh aig bun Loch Ghrìsirnis.

Cha do dhfhalaich càrn madadh-ruadh a bheireadh an car a Mungan, ge be n riaghach is daoine dha!” mhonbhuraich Mac Leòid fon aisnesan gineadh am fear-crosda mionnan.


[213]

Thionndaidh e a-stigh air ais da chaisteal; ach bann le bruaillean a chuireadh am mac-mollachd a dhfheadaireachd. Smàd e Domhnull Mac Leòid a Uilinisfear de chinn-uasail air a chois. An déigh cleas an t-sealgair earbs as, chuir e mar fhiachaibh air fheins na leanadh e, lorg is fàireadh a chumail air Mungan.

Ach mun a thachair dhaibh bacadh a chur air a ghluasad, no tilleadh air a theangaidh, bha Mungan an déigh cogar na h-aimilisg aleigeil mu-sgòid air feadh feachdairean achaisteil. Thug e, mas fhior, rabhadh àraid gun robh buidheann de Dhomhnullaich Shléibhte air los tuasaids an astar. Cha luaithe dhùisg e an t-amharus na rinn àireamh de Shìol Leòid air ceann-aghairt am brosnuchaidh. Is mun dfhuair iad a-mach gogaireachd an turuis, bha iada cur chlaidheamh air faobhar ri Iain Ruairidhs a sgioba.


III

Bhan iarmailt fhathasd cho bàlbh ri corps an ceann deth. Tha cuimhn-aithris atoirt cunntais, gur h-ann air a leithid eile dhoidhche, a thainig Rath-mór-a’ -spuinnidh bho Lochlunn, mu thuath! Cha robh de dheò a adhar, na ghluaiseadh topan achanaich. Is gann nach cluinneadh fear-aire cogar na caillich-oidhche ris an dialtaig, ’nuair a phriobadh a sùil leis an taibhs: Fuil! Fuil! Tha latha na -bheairt tharainn!

Fad finn fuaineach na h-oidhche, chìtear gillean-greasaidh, is coise, air rathad Dhun-bheagaina- measg chàich, Mairearad Nic Uaraig. Coimhead a-nis i ann


[214]

an diomhair-comhairle ri ceann-feadhna Shìl Leòid. Mo thruaighe! Ma thréig Mac Leòid a ghealladh, cha do dhaom e a dheasbhuidh rùn-casaide. Bainnir nan dreach, teachdaire Foirbeiseach Chul-odair. Is e am fear sin air nach tigeadh tiomachd fo theas-lasair a sùla? Nach robh i àrdna cruthachd; cumadail mar iùil-choimeas nam bàrd; a pearsa so-lùbaidh mar an seileachna ògan; agus a snuadh aice bàn-dhearg mar shlige-chreachain air ùr-fhosgladh?

Cha be turus an dìomhanais mo thinnad rathad,” labhair i le ceòl-ghuth drùighteach leis an deanadh cràinn buidseachd. “Ma sheachnar foghar nam bann trach, is ann aig Mac Leòid nan Leòdach a bhios achomaine.”

Tha dòchas agam nach tig eas-chliù an lorg maomaidh,” fhreagair Mac Leòid, is cha robh e sunndach. “Ach ged is ciall dhomh gun éirigh leis aPhrionnsa, cha do gheall mi feachdna aghaidh.”

Gabhar tfhacal far nach iarrar turras,” thuirt Mairearad. “Ach nach mór an t-earras aig latha nan càstog adh Mhic Leòidna dhlighe? Faic Mac Neacail as an rathad. Mo dhi-chuimhn! Ciamar a dhfhàg Mungan thu?”

Eadar mo làmhs mo thaobh, mar gho-uisge, tha aithreachas orm.”

chuir air shiubhal cho grad e?”

An éiginn, saoilidh mi,” arsa Mac Leòid— “an rud a chuir an earbasan loch! Is ioma teachdaire neònach a tha dol. An cual thu riamh mu Mhac Fhraing aChaisteil Mhaoil?” dhfhoignichd Mac Leòid.


[215]

Thalla! Cha tuit caoran a cliabh falamh. Tuigidh mi nise am porttha air a mheòirean. Chan e seanadh no Prionnsa a chuireas Mac Fhraing fon choill, a mhallairt nan arm. Tha mi trom air mo mhealladh, neo tha e nise air cnoc-freadhairc, is fuil tuasaidga dòrtadh. Ach bidh fios air so a dhaithghearr. Chuir thu ceist dhiomhair rium bho chionn tacain. Faodaidh mi ìnnse dhut a-nise gu bheil am Prionnsasan dùthaich. An còrr na iarrs na aithris bhuam.”

Mun a chuir Mairearad dreach air a h-ioghnadh, thainig an rathad ach gille-ruith le rotaich, agus fhuilga dhalladh.

! is leisgial do dchàradh?” dhfhoighnichd Mac Leoid le uamhas.

ach amhi-shealbh,” fhreagair an duine, “ma sheasasur foighidinn naigheachd an tuaireip. Fhir mo chinnidh, than cupa làn duilich righiùlain. Ma rinn Mungan Tuathal car-mu-chnoc air tòir-fheachd nan Leòdach, tha bhlàth ri fhaicinn anns abhealach ud thall. Is daor a cheannaich sibh air éirigur namharuis—”

Cha cheòl eòin do cheilearadh, a Mhic Leòid Uilinis,” ghrad-chaisg fear Dhun-bheagain. “ a bhrosnuich còmhail nam biodag, agus ciamar a dhéirich dhuibh?”

bhrosnuich, ach Mungan Tuathalsionnach nan car, ma tha fear eilann. Thug mi còmhlan lium bhon Chaisteal, ach cha dfhuair sinn sùil na fàireadh air duine gus an dràinig sinn os-cionn bun Loch Ghrìsirnis. Ach mun abradh neach: Dhia beannaich mi!


[216]

leumadhnar bad bho chùils fo ghiall. Mur am facas Mungan, chualas a ghuth— —”

Chaneil thug ìnnse iad luchd nam foill-chleasan,” thuirt Mac Leòidga stad a-rithisd.

Tolmaich is fear ris an canar Iain Ruairidh, air an ceann,” lean Dòmhnull Uilinis air aghart, “ ’s bem baoghal tinna charaibh. A! mo leisgeul! Be sid an tràth annsna thachair Clann Leòid ri Tolmaich; is mollachd na fola ag atnan uganan. Bha taic nam fear-cath ann am biodag air luigh; ach cha robh fear-geilt air an t-sliabh, no fuil-gheal air an fhraoch. Fear mar ri fear, sheas gun athadh; fhiaclangan dingeadh, isfhéithean aragachadh le teann-ghreim na làmhaid. ‘Ma tha Dia os ar cionn,’ chluinnt le bristeadh-facail is mionnan,’ — ‘an rud a tha; ach fàg an gnothuch eadar sinnesa bhiodag.’ Ged a fhuair misas, tha iomadach fear gun righeadhs amhòintich, agus leòn air a shiubhal a dhfhàg an cridhe gun phlosg.”

Bhrist an laths an ear; ach cha robh en dàn do dhfhear nam béud fhaicinn: chrìochnaich a shaoghal roimh dheireadh a sgeòil.

Thog Mairearad oirre ri slighe nan cron le misneachd. Ach bha Mac Leòid Dhun-bheagain, fhathasds an teagamh-rùin a chuireas cadal air iomrall.

Aig laimrig nan cladach tha e faicinn, mar ann an suain, fir-chlise ri faire nan sgrota; is an sùil a-ghnàth air linne agus fosgladh cuain. Sid ilong-shreathach air fuaradh, ’san dùil innte. Ach abheil am fiùran air a clàiribh a chuireas fuadach air fadal? Mun tig ceann-dubh air aghealaich, théid fir-chalma fon


[217]

uidheam; is thig sanas-catha le gloc a theumas dlighe ri dual. A! Gheibh am fògrach rìoghail aon chothrom eileaon oidhearp bàisaon thogradh nam fineachan brasa; ’s an sinceòl nan claidheamh dearga!

. . . . . . . .

Dhatharraich an taibhs a tuar. Tha e nisefaicinn clann bheagsan fhraoch air seachran: iad ag amharc bhuapa, ’s a foighneachd de chéile le neònachas— ‘Carson a tha na caora-fiadhag dearg air an dath?’

title14. Ceol nan Claidheamh Dearga
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page