[114]

IAIN RUAIRIDH, MO CHEIST!

Chan e sgeul-rùn es fios aig triùir air
SEAN-FHACAL

Bhan comh-thràth air sìneadh ann an glac-shuain na h-oidhche bhon a chaidh Rob Crotach tarsuinn air còmhnard-freadhairc an Tighe-mhóir. Dhfhàg Mungan Tuathal beannachd aig an Ridire Tholmach, agus le teanga-magaidhna phluic, chuir e aghaidh air a cheann uidhe. Chaidh an crodh-laoigh a bhleodhan, agus an saodachadh ri gleidheadh an fhàsaich. Bha breac-an-t- sìl, ’s a cheann fo sgéith fad-on-uair-sinna chadal. Cha chluinnte ach sgriach dhuaichnidh achromriabhaich, agus clis-ghlaodhmollachd-an-t- sealgair,’ abristeadh air sàmhchair nan clos. Tosdach mar dhruma air a mùchadh, bha Tigh-mór Laobhraisna stéidheadh, agus muir-ghlas camus an Ath-leathainn, asìneadh a bliain ri gainmhean beadrach Abhainn aChoire.

Ach acumail mire ri foighidinn gu furtachd an anamoich, bha aon inntinn chùramach, agus sùil-faire gun phriobadh cadail. Be so nighean òg; is i afeitheamh, le buillair a cridhe, aig dorus-cùil an Tighe-mhóir.

Cha bann gun chlisgeadh a thog i dealan na cachlaidh agus a dhiathlaidh i troimhpe. Bha ceann-turuis ris achladach; agus leag i h-aghaidh air le cabhaig, ’s a sùil an dràsdas a-rithisd thar a gualainn, mar


[115]

nach biodh i cinnteach as a gniomh, no, ’s math a dhfhaoidte, fiachainn ri falach a chur eadar i fhein agus ruaig.

Cha do ruith móran ùine gus an dràinig i tigh le tubhadh fraoichfasgach aig bonn bruthaich, agus goireasach ri cùl gaoithes air aghaidh gréine.

Taing don Fhreasdal!” thuirt i le làn-dhùrachd rithe fein, “tha Iain Ruairidh aig an tigh. Tha na lìn aige an crochadh air na sparran. Tha iad fada gun chadal!”

Le so, chum i stigh; oir cha robh oilean choimheach air aithne, no glas mearlaich an cleachdadh. Cha robh càil air a truailleadh le ana-measarrachd nan Gall; ach bha taing is toileachadh ann an crannchur na mór-chuid. Agus cha robh tigh Iain Ruairidh aineolach air meas is gnàth na stuamachd. Bhan t-suipeir gun a gabhail. Nach robh aphoitcruinn-shliopach is dubh, aleith-dhannsa le plub-ghoil abhrochainan crochadh air griosaich theine; is toit chuaileanach, liath-dhonn na mòine, aslaodadh a lùban cadallach troimh dhorus is fhàrlus? Aig taobh shuas an teine, bha seana chailleach ag obair le fearrsaid, agus dalladh aicair an òran: ‘Muir ag éiridh o ho!’ Thall mu choinneamh na h-uinneig, bha Iain Ruairidh air furm góbhlach, ’s e trang acàradh lìn. Agus mar nach biodh nàdar airson gum faicte an dealbh iriosal, taitneach so, ach ann an solus freagarrach, bha crùisgean, le sibheig laiste de luachair, an crochadh air sìoman caol ris amhaide-tharsuinn, agus eòlan fallain mionach an sgadainga shìor losgadh.


[116]

tha stigh?” arsan nighean òg. “Fàiltsan tigh so!”

Fàilt ort fhein!” fhreagair achailleach le guth caoimhneil. “Dean suidhechaileag is gheibh sinn do naigheachd. EirichIain, ’s dean àite-suidhe do dhEilidh.”

Chan e suidhethair mo mhanadh,” thuirt Eilidh.

Chuir crith-fhuaim a guth ioghnadh air achaillich, agus dhamhairc i gu giar oirre.

An Sealbhgad chuideachadh!” ghlaodh ise, “gu an t-aon tha ceàrr ort?”

Mun dubhairt sibh fhein, a mhàthair!” labhair Iain, ’s e caitheamh a shnàthad-lìn gu taobh. “Tha rudaigin ceàrr, neo cha robh gruaim air Eilidh. Gu air talamh na Criosdachd a chuir mun cuairt thu? chuir dragh ort, Eilidh? Oir mas duine e, chan fhaigh e as làrach nam bonn gus an dìoghail misair.”

! ! ach Mungan dubh nam briag!” fhreagair Eilidh. “Oir tha iad uile aige, is feadhainn a rinn e fhein.”

A! thubhairt thu e. Cha chreidinn aon còir air an t-seana bhoiti. Mur abheil mo shùils mo thuigse air uideil, se am fear-bráth a tham Mungan. Cha bhuannachd do chùis aPhrionnsaleithid atheachdaire.”

O! Iain, càite an tòisich mi?” thuirt Eilidh, ’s i cromadh a cinn.

Aig Iain Ruairidh, mo cheist!” fhreagair an ceatharnach tapaidh so, ’s e toirt car uaibhreach da bhodhaig, buille boise da bhroilleach, agus sùl-tharsuinn air a mhàthair. “Chan fhaca mi am fear sin fhathasd a bheireadh dhiom e.”


[117]

Chad rinn thu sin fhein, Iain,” thuirt a mhàthair le gàire; oir bha sùil bhàigheil aicair Eilidh. “Cha drinn thu sin fhéin; agus is math mfhios air cuideachd. Oir chaneil ceannard tighe no teaghlaich nas feàrr na thu, eadar so is Rudha Shléibhte no eadhoin Lunnain ged is mór am facal e.”

Cuimhnichibh gur e cabhag a tha air Eilidh, ’s nach e chaochladh,” arsIain acur stada air clatar na caillich.

Ged a bhiodh cabhag nan seachd cabhag oirre, tha fios agad gur h-in fhirinn a thagam,” fhreagair ise le sùrd, ’s i cumail na fearrsaide adol mar gum biodh seòladair atomhas na doimhne. “Tha thu faicinn, Eilidh, gu bheil an snàth so air a dheanamh le dath-an-t- sùithagus crotal. ’S ann airson oir na plaide tha e, agus bheir mi mo ghealladh nach bi mur a bhitheadhsan fhighe aice.”

Togaibh der cainnt,” thuirt Iain gu h-aithghearr. “Tha barrachd air ar n-airen dràsda.”

Is duine gu dchùl thu,” labhair Eilidh, “agus roghainn nan gruagach.”

Cha bann gun abhuil a chual Iain an gean-miodail, Dhfhairich e fhuil ag atna chuislibh, agus aruith le glag-bhuille troimh chridhe; agus mhionnaich e eadar fhiaclan a bhi dìleas dith.

Oir bha sùilean blàth aig Eilidh; mala air cumadh iten duibh-eòin, cneas àillidh mar chanach an t-sléibhe agus dual-fhalt air dhath na h-àirneig. Mar ubhal an abuchaidh bha gruaidhean mìn-dhearg, agus mar bhruadar bàird a bilean tana.


[118]

Ghiar-bheachdaich e air na buadhan sona rùn, agus bhòidich e dha fhein gum biodh Eilidhna bean da thigh.

Tha mi airson bruidhinn riut aig ceann na bàthcha, Eilidh,” chagair Iain, agus e deanamh seasamh suiridhe ritaobh.

Ubh! Ubh, Iain!” dhéubh a mhàthair, “tha sùil aphòsaidhnad cheann a-nochd, neo is mise cat do nach aithne blas abhainne. Aguss e mi-fhin tha geal-thoileach leis. Droch fhàs air amheasan, Eilidh, mo cheist! mur a figh mise plaide cho maths a chuìbhrig leannan, no bean òg. Bi tapaidh, Iain, agus gheibh thu bean-phòsaidh cho maths a sheas ri taobh ceatharnaich. Siùdaibh, ’s mo bheannachd agaibh.”


II

Bha chailleach cho trang leis an fhearrsaids nach fac i gun dfhalbh Iain agus Eilidh a-mach.

Nach robh mo mhàthair ceartna barail mu ddhéigh?” labhair Iain nuair a sheas e fhein is Eilidh aig ceann na bàthcha.

Leig le do mhàthair an ceartair, agus éisd ri tha cur am barrachd cùraim orman t-aobhar, tha mig iomagain, a chuir mi ro fhaoin gu taobh.”

Gabh mo leisgial,” arsIain, ’s e toirt bruthaidh don ghairdean a bha deanamh cromaig air Eilidhan àiteigin.

An cum thu ri dghealladh, Iain, ma tha gnothuch mearbsa an lorg cunnairt? Abair gun toir e thu an ceannairc ri do Cheann-feadhnaabheil mi


[119]

gad chur thuige ro mhór? —an cum thu nise ri tfhacal?”

Chan aom Ceann-cinnidh no sgalag mi bho mfhacal, no dhleasanas; dearbh mi!”

Dhìnnse na fìrinn,” thuirt Eilidh, “cha robh mi gun teagamhnad fhreagairt.”

Agus cha robh sin gun fhios dhomh,” arsIain, “nuair nach tug thu guth air ri mo mhàthair.”

Tha thu ceart, Iain. Ach feumaidh tu a bhi faiceallach gun abradh air ceann-turuis achunnairt. A! do mhàthairtha mo chridhegam fhàgail, nuair a smaointicheas mi air an ìretha feitheamh ort.”

Na toir facal air,” fhreagair Iain, le tapadh. “Ach geall dhomh gum bi thunad nighinn dith, ma bhios mo thighinn anamoch, agus coin ablobhdail ri mo thannasg.”

Tha thu cur mulaid da-rìribh orm,” labhair Eilidh le crith-ghuth agus a sùil alìonadh le deòir. “Ach an t-aobhar? —gu bheil Iain Ruairidh aceangal a chriosann an seirbheis-chunnairt aPhrionnsaaruith an coinnimh na biodaig agus àrdan nan Tolmach, agus” —leag i a ceann maoth le earbsa air a bhroilleach.

Chual Iain osna throman ospag anaileach; agus thainig bras-bhuille air a chridhe.

Mo ghaol ort fhein,” thuirt e le lànachd aghràidh; theann-ghlac e i riuchd, agus thuirt eseadh, thuirt e nach aithris mi.

Nis, Iain,” labhair i air a socair, “tha mi acur earbsa mo chridhe annad. An aithne dhut Mairearad Nic Uaraig?”


[120]

Mairearad Nic Uaraig!” dhaithlis Iain, ’s a mheomhair atoirt sithidh aisde. Mairearad Nic Uaraig, an e thuirt thu?”

Cha tainig rùn na ceiste a-stigh air Eilidh; oir bha h-inntinn aineolach air an aobhar, agus, mar an ciadna, na h-ionadan, anns an robh smuaintean Iain aig an àm aseòdal. Ma rinn esan dàilna fhreagairt, chuir i an leisgial air cladach eile; is cha do lean i feòrach.

Chaneil e gu muthadh,” arsise. “Oir chan ann a neamh a tha i co-dhiùbh. Ach tha i bòidheachna cruthsna sealladh. Ach tha i mealltana cridhe. ach i fhein comhla ris an Tolmach Mhór? Nach ann a tha ina gocam- eadar Diùc Earraghaidheal agus MacLeòid Dhun-bheagain? Agus is ceann-turuis dith, ach milleadh Mhic Neacail. Ach an cual thu riamh mu Shìol-Dhiarmaid, ach spiol is ith, ith agus spiol? Ach chan e so uile e. chunnaic mi tighinn rathad an Tighe-mhóir ach Mungan Tuathal, mun dthuirt iad, mu àird-fheasgair. Bha amharus agam air a ghluasad. Rinn mi far-chluais air fhein agus an Tolmach Mhór, ’san t-seòmar dharaich. Mo chreach an cuspair! Gun tugadh am Freasdal mathanas dhomh airson mo bhrathaidh; oir cha seasadh feòil na chuala mi. Mar is fios dhut, ’s ann de dhiseanan greannach Rìgh Deòrsa, tha Mungan, ge be is daoine dha. Chòrd e fhéin agus an Ridire Tolmach gun drachadh cur as do Mhac Neacail gu h-aithghearr, mun tugadh e feachd gu bratach aPhrionnsa. Rinn mi mo rathad a-mach, ’s min impis tuiteam ann an laigse, ach a chunnaic mi ach Rob Crotach aleum air an each dhonn, agus


[121]

litirna ghleidheadh a dhionnsaidh Dun-bheagaina tha min dòchas nach ruig ea thionndas gach biodag ri uchd Mhic Neacail, agus gach cridhe bog bho chuideachda. Fuirich ort!” bhac Eilidh, air do dhIain leum gu bhi air falbh. “ ma ruigeas an litir-bhrathDun-bheagain, bidh Mac Neacail, no an t-Ogha Mór, mar a chanas a chàirdean ris, an eisimeil gniomh caraide?”

Cha dean i sin!” fhreagair Iain le feirg. Ach bha fios aige gu math nach robh ena chomas a bhi roimhn teachdaire mun ruigeadh e Dun-bheagain. Cha be sin a bha cur air gu buileach. Bha rud no dha eilena bheachd. Agus be sina dhol am buaireas fola ris na Leòdaich. Tuigidh sinn an dearbh aobhar leis an fhoighidinn.

“ ’S ann a-nise tha thu còrdadh rium. Mo luaidh, ’s mo bheannachd ort, agus rùn do chléibh air do chuisle. Sin dhut-sa dùrachd cridhe do leannain.”

Air dhith so a labhairt, thoinn Eilidh i fhein gu grad á làmhan Iain, agus theich i as a shealladh. Lean a shùil an rathad a ghabh i; agus thainig cnuasachadh mulaidna inntinn.

Ni mi òran dith,” thuirt e ris fhein. “Oir tha rudaigin ag ìnnse dhomh nach fhaic mi tuilleadh i. A! ’S i achruinneag i da-rìribh agus bean-chomain na misneachd!”

Air don smuaint àite-tàimhe fhaotuinnna inntinn, ghabh e stigh air ais le ceum socrach.


[122]

III

Chuir a mhàthair uaipe an fhearrsaid, agus bha h-aire air cothlamadh; ach bha fonn an òrain a-ghnàthna bial, mar a bha fuaim nan astar air ghleusna guth. Agus a-nisena sean-aois, cha robh a fonn gun an ceòl-tiamhaidhdeilbh-ghluasad na h-òige, agus tràthan chéin. Be amarbh-rann e ag ùrachadh beatha ann an caochladh nan aimsir. Chluinnte cleasachd neairt rithriall, gearain fann cion-dòchais, agus aiseirigh dùil nan sàr. Thàlaidh e rithisd an solus-rabhaidh air Beinn Aslaig, agus an t-sealg, dhiarasach, shiùbhlach, a bha sìneadh gu bacail na h-oidhche. Chìten earba riabhachna bàs-ruaig, agus mial-choin adeanamh dian air a ràn. Bha breith, fàs, searg, agus bàs acuidhleadh mun cuairt, agus ameanglanachd, mar a bha òran na seana-mhnatha atogail atharrachadh nan tràthan.

Biad so smaointean Iain, co-dhiùbh fhads a bha eg éisdeachd ri crònan a mhàthar. Bhan suidheachadh inntinn ùr dha; ach cha robh e subhach. Nach robh miadhan òige a-nise sìoladh troimh làmhan? Agus Eilidh, cuideachd! A! théid ise don bhuailidh, le buarachna dòrn, agus ni laoigh òga mir-chluich mun cuairt dhith, lath’, agus a-rithisd. Ach bidh a chadal-san fad air falbh; agus nuair a theàrnas an liath-cheò air balbhachd nan gleann, bidh géum na chaisinn is ruaidh asiubhal an àiridh, ach cha lean a cheum an lorg.

S annsan dòigh so a chuir Iain òran Eilidh ri chéile, agus sheinn a mhàthair e ri fonn Cuachag nan Craobh.


[123]

Thug an t-seana-bheansan àm an aire nach robh Iain glé shocrach dheth fhein.

Gu is dragh dhut, Iain?” dhfhoighnichd i le coltas cùraim. “Càitebheil Eilidh? —chaidh i mach còmhla riut.”

Ma chaidh,” fhreagair esan, “chaneil i còmhla rium a-nise.”

Ubh! Ubh! Iain. An ann mar so a tha? Abair gu bheil rùn-falaich aig Eilidh nabhi togail an teallaich agus saoilidh mi gu bheil Iain Ruairidh, mo mhac, adeanamh cluasaig de shocharachd. Taois adhuine, ’s nach aithne dhut fhathasd suiridh air caileig? Nam bu mhac mar an t-athair thu, chan abradh tu, ‘Teiris! Teiris!’ ach spadadh tu do dhà chròg mun cuairt dhith; ’s cha chuireadh i feum air buarach. Bhobh!”

Na cuiribh dragh orm nas momha na thorm,” fhreagair esan. “Thug Eilidh dhomh-sa nochd a làmhs a cridhe. Mar sin, tha mi dol air turus fada. Ach ma bhristeas an treas lathas an ears nach cluinn sibh uam, thoiribh Eilidh dur glùn; thoiribh dhithur beannachd; bithibhnur màthair dhith; ìnnsibh dhith an còrrs a chanainn-sa, agus bidh mo spiorad aig fois.”

Iain, a mhic,” leith-chaoin a mhàthair, ’s i ag éirighna seasamh— “Iain, a cheist! Chan fhalbh thu; oir than fhuil dhearg air do làimh. Tha fios agam gun téid an latha leat. Ach bidh misenam aonar afeitheamh amhic nach tills abheatha so. Stad dhe ddheòir, Iain, agus cha chuir mi gluasad ort le aisling dhorcha. Tha Dia afaicinn gu bheil mi call nan uile. Ach cha sheachainn thu do dhleasanasge be sin


[124]

air mo shon-sa. Falbhaidh tu, Iain, mar a dhfhalbh tathair romhadag éisdeachd ri bàs-bhraoilich an nàmhaid. Na biodh uaill no cùram ort. Cluich port do chridhe. Bidh Eilidh cho dìleas dhutnad bhàss a bhiodh i idir, ri dbheò. Seinnidh mi tòran dith, agus ni sinn faire airson nan làithean goirid, agus nan làithean fada, agus tilleadh birlinn nam fear sgairteil. Théid sinn le chéile sìos don chladach, agus ni sinn éisdeachd còmhla ri sgiala trom-làn na mara, agus ri gàire faochanach nan tonn bristeach. Agus a-rithisd, nuair a shéideas agharbh-ghaoth bho thuath, ruigidh sinn Rudha Laobhrais, agus éubhaidh sinn ris na stuaidh thulgachsan dol seachadam bfhios dhaibh ciamar a ghleachd Iain Ruairidh, agus a thuit e mar ghaisgeach? Agus freagraidh iad le àrd-ghuth farumach— ‘Thuit e an toiseach achatha, ’s cha robh fear eilair blàr cho tréubhach ris! ’”

title8. Iain Ruairidh Mo Cheist!
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page