LAITHEAN M’OIGE LE M’ATHAIR
An-diugh ’s mi ’nam dhuine gur tric bhios mi smuain
Air m’òige le m’athair ’san eilean bheag uain’,
Làithean làn sòlais, làn mire, gun ghruaim –
Gun tog e mo chridhe bhith rithist ’gan cuimhn’.
Gur tric leis, ’s mi ’m bhalach, a chaidh sinn gu tràigh,
A thrusadh nam maorach aig ìsle muir-làin.
Bhiodh giomach am faiche neo leòbag ’san t-sàil,
Is mise bhiodh bròdail am faotainn ’nam làimh.
Ghiùlaininn iad dhachaidh le farum ’nam cheum,
Gun smuain air luchd saoghalta le mì-rùn no eud;
An lòn air a thrusadh le tapachd nam meur
Gur mìls’ e na cuirm a tha ceannaicht’ gu léir.
B’e a mhiann anns an t-samhradh am bàt’ chur air sàil,
Is shuidhinn gu sona leis cùlaibh nan ràmh;
Gu Caolas na Caillich gu siùbhlach i snàmh,
Far an slatadh sinn piocach is rionnach no dhà.
Gur ioma nì prìseil a sheall sinn air cuan:
Ròin bheaga mar chaoraich air creig, ’s iad ’nan suain;
Sgarbh dubh, an sàr-iasgair, a’ sgrùdadh ’sna tuinn,
Is sgàireag nan creag le sgread os ar cionn.
Ged thigeadh dubhadh air speuran le iomairt nan neòil,
Is sioban thar thonnan a fhliuchadh an seòl,
Cha bhiodh e fo chùram nan seasadh na ròp’.
B’e coisir ’na chluais a bhith ’g éisdeachd an ceòl.
Duine bha coibhneil, suairc agus còir,
Dìcheallach, iriosal, uasal ’na dhòigh,
Gun fhòirneart ’na shùilean no breug air a bheòil,
Càirdeil is sunndach ri sean agus òg.
title | Làithean m’ Òige le m’ Athair |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | MacNeill Moch is Anmoch %p |
parent text | Moch is Anmoch |