[21]

MO CHARAID BALBH

( an t-Sealgair)

Gu sunndach dhfhalbhamaid ri moch is anmoch,
Ri gaoiths ri uisges ri fèath nan eun,
An gunna dùbailtgu h-aotrom giùlan,
S tu fhéin arùrach a h-uile ceum.

Thar chnoc is bhacan, troimh ghleann is ghlacan,
Gu cladach stacach aChuain an Iar,
Gun drinn sinn faothach air latha gaothach,
Bhithn Rubhnam Faoileann gum be ar miann.

Air Carraig Ghrùdair gu robh thu lùthmhor,
Is iomadh fùdar a loisg sinn ann,
Is bha thu siùbhlach air muir agiùlan,
Ged bhiodh an srùthladhgad fheuchainn teann.

Air Rubhnan Crann-lach air feasgar geamhraidh,
Na stuadhantan gorm-gheal alùbadh crom,
Gun dshuidh sinn sàmhach afeitheamh eunlaith,
Ar mianns ar dòchas an t-eallach trom.

An ùig dhìonach ri frasan dìleach,
S aghaoth abìgeil am measg nam fròg,
Gun dleig sinn sgìos dhinn gun dmhùth an t-sìde,
Is rinn thu sìneadh ri mthaobh gu còir.

An déidh achruadail gun tig am fuasgladh,
Geds mór an cruaidh-chàs, thig sìthna dhéidh.
An tonnsa gheamhradh a thig le gleadhraich,
Gun tigsan t-samhradhna chuairteig réidh.

Taobh lochan feurach air feasgar samhraidh,
Aghealach oirdhearc astreap an àird,
Gum be ar sùgradh bhithg éisdeachd ùinich
Nan lachainn siùbhlach atighinn thar sàil.


[23]

San àird a deas oirnn an rionnag-fheasgair
Le meuran dealrach adanns’ ’san speur.
Se sealladh àluinn, i fhéins a càirdean,
Cur solus bàidheil mun t-saoghal gu léir.

Nam feumadh pàigheadhson h-uile àilleachd
A tha mar ìocshlàintsa chruinne-,
Gum biodh sinn bròdail le tollnar pòcaid.
An còta spòrsail, nach e tha faoin!

Gum facsinn còmhla gach a chòrd rinn,
Nuair rinn sinn cuairteachd measg chnoc is ghleann,
An lach le teaghlach asnàmh gu h-aotrom,
S gach lus is flùr a tha còmhdach blàr.

Aseallmun cuairt oirnnse camar-inntinn
A thann bhith smuaintinn bheil ar tùr;
Aphìob a ghleus E, an Cruithear fhéin, dhuinn,
Thig ceòl glé bhinn aistgun ribheid ùr.

A charaid dhìlis, tha a-nis gach mìos
Atoirt luaidh le innseadh air crìoch do .
Na cluasbha dìreach an-diugh cha dìrich,
S tha mala liath mu do shùilean blàth.

Nuair thig an t-ám is gur fheudar dealachadh,
Ar cuideachd shunndachsan t-saoghal seo réidh,
An lagan uaine gun tagh mi uaigh dhuit,
Farm bi thu suaimhneach fo sgàile sgéith.

titleMo Charaid Balbh
internal date1950.0
display date19..
publication date1998
level
reference template

MacNeill Moch is Anmoch %p

parent textMoch is Anmoch
<< please select a word
<< please select a page