[27]

SRUTHAN TEAMPULL AGHLINNE

A shruthain bhig, á gleanntan do bhalbhag bheir smuain
Air gach cùis a dhatharraich bhon chiad ruith thu nuas;
Bhon fhliuch thu teanga thioram Draoidh a streap do bhruthach suas,
Gun latha an-diughs tu fuarachadh mo charbad-rothach luath.

Mu fhichead slat bho dbhruachan, an àitle fois is sìth,
Thog Calum Cille teampull air a thurus tuath gu I.
Tha sin a-nisna làrach, le crotal air gach clach,
S gun mar bha ach dbhorbhans mac-tallnan creagan glas.

Mun dchuir thu chiad car lùbach tha cnocan air mhór-sgeul,
Far robh cinn-cinnidh ainmeil len gadhair riobach nan sròn geur.
A-nis tha froineach àrd ann a shaltaireadh mo cheum,
S na blàran a bha uaine fo ghiobarsaich gun fheum.

Atèarnadh suas do ghleanntan moch maduinn chiùin le spréidh,
Fo mchasan rathad cruaidh le teàrr far an dòcha ruith thu fhéin,
Mo smuain gur ioma h-aon chaidh seach le sùilean fliuch le deur,
A dhfhàgail caraid anns achill an Orasa gu sèimh.

An fheannag ghlas, an croman ruadh, is fitheach dubh nan speur,
Gum fliuch iad gobnad uisge mun éirich achiad reul.
An dreathan beag le ribheid bhinn, ’s i gleusda suasga mhiann,
Gum faigh e fasgadh mu do bhruach farm paisg e cheann fo sgiath.

Dol seachad sìos an teampullnam charbad thoiteach ùr:
Glé mhath i mar tha cabhag orm, ach bho mchasan bheir i lùth;
Glé mhath i mar tha ùilleadh innt’, ’s gun sàbhail i mo cheum,
Ach gun duisg’ ’ga fuarachadh, stadaidh i gun fheum.

Tràth latha anns an t-samhradh tha fàileadh cùbhraidh leum
Bho gach lus ma dbhruachan, is drùchd afàgail fraoich.
Than uiseags i aseinn dhomh, ag aotromachmo cheum,
S measg roiteagach tha snàthainn an damhain-eallaich ghleusd’.


[29]

A shruthain bhig, mo thaing dhuitson tuisge blasda fuar,
A chaisg mo phathadh, ’s minam bhalach, cleasachd mu do bhruaich.
Mo ladhran fhuair iad faochadhnad lùbagan beag ruadh;
Casruisgte be mo mhiann-sa seach brògan sleamhainn cruaidh.

Tha a h-uile air atharrachadh, an seo is anns gach tìr,
Cuid bheir math, cuid bheir donaa bheil fios tha fìor?
Chan eil mi nis cho aosda no cho ògs nach fhacmi fhéin
Daoine bha cridheil toilichtle glé bheagan ach an gnìomh.

An-diugh gum feum sinn rothair, mars luaith esann as fhèarr,
Taigh grinn le h-uile àsaig, mars daoir iadsann as fhèarr.
N àitpìob is sgeul is òrain, fidheall agus rann,
Tha daoin’ ’nan suidhe sàmhach mu choinneamh bogsa-dhealbh.

titleSruthan Teampull A’ Ghlinne
internal date1950.0
display date19..
publication date1998
level
reference template

MacNeill Moch is Anmoch %p

parent textMoch is Anmoch
<< please select a word
<< please select a page