[33]

AN T-IASGAIR

(Togail nan Cliabh)

Gur aotrom mo cheum-sas mi dèanadh gu bàt’,
An uiseag gu sunndach cur fàiltair an .
Ma gheibh mi fo astar ri àirde muir-làin,
Thig buillesan t-sruth chuireas siubhalna sàil.

Gur iomadach sealladh a chì mi air cuan:
Ròin bheaga mar chaoraich air creigs iadnan suain;
Sgarbh dubh, an sàr-iasgair, asgrùdadhsna tuinn,
Is sgàireag na creigatoirt mòigenam chuimhn’.

Gur trics minam bhalach a streap mi na drèis,
Arùrach a h-uighean, ’s mo chridhe air leum,
Mo ladhran am fruchag, is mìnean an gréim,
Sgread fhaoileann alìonadh mo chlaisteachd gu léir.

Tha callag bheag dhìleas bhios daonnannam chomhair,
Gu faicilleach, dìcheallach trusadh a lòn.
Mar rionnag atuiteam, ’s i dèarrsadh mar òr,
Le spairt air an uisgthig an t-eun-sgadain mór.

Ann an Caolas na Caillich bidh sruth mar as miann,
An Dubh Hirteachna sheasadh air fairesan iar.
Ma gheibh mi an Dubh-sgeir air càrn na Beinn Riabhaich,
Cha bhi mise falamh mar thogas mi cliabh.

Ged thig dubhadh air speuran le iomairt nan neòil,
Is sioban thar thonnan a fhliuchas an seòl,
Cha bhi mi fo chùram ma sheasas na ròp’;
Se coisirnam chluais a bhithg éisdeachd an ceòil.

titleAn t-Iasgair
internal date1950.0
display date19..
publication date1998
level
reference template

MacNeill Moch is Anmoch %p

parent textMoch is Anmoch
<< please select a word
<< please select a page