[35]

AN CEARDAMAN

Chaidh Eòghan do dh’Uibhist latha féill;
B’e a dhùil gum faigheadh e aighean ann.
Cho math ri aighean fhuair e gréim
Air daolag-dhubhan cèardaman.

’San eilean bheag sin bha e tàmh,
’S le fuaim gun d’rinn e itealaich
Feadh thoman riabhach nam beann àrd,
Gus an dfhuair Eòghan aGhlinne e.

Mun chèardaman tha mi fo phràmh.
O Eòghain! Carson a thog thu e?
Be a mhiann bhith cleasachd air an làr
An Uibhist far an drugadh e.

Seo cagar, Eòghain, a-nisnad chluais:
An creutair bochd, nan dfhàg thu e!
Di-Sathurna cha bhi e slàn,
Ma gheibh mi air bàrr aghunna e!

Freagairt aChèardamain (le Eòghan aGhlinne)

Seo, a Dhòmhnaill a cheist, do charaid,
Cèardaman féill Uibhist.
Taing mhór airson do rabhaidh.
S math dhfhaodadh gu bheil thu den bharail
Gur tusa an greatest fhathast.
Ach éisd rium, a charaid:
Tha mise too beautiful to beat!


[37]

Rabhadh

Eisd rium, Eòghain, is thoir an aire:
Tha mi deas a dhol gu bàillidh,
Gunna dùbailtann am masgaill,
Deas a losgadh fùdar.

Nuair a théid mi mach air stann,
Bidh tu, Eòghain, afàs car fann,
Calmainnam frois ma dcheann,
S gach aon dhiubhna smùrach.

Latha fèath no latha fiadhaich,
Calmain on ear non iar,
Le sùil mar iolair air a sgiath,
Gun cuir mi iadnan spruileach.

Gun cum mi riut a h-aons a dhà.
An trìs an ceithir thig iad gu làr,
Ach ann an cóig cha bhi iad slàn,
Chionns mise, Eòghain, an greatest!

Freagairt do Rabhadh (le Eòghan aGhlinne)

A Dhomhnaill MhicNèill, a chrìosdaidh,
Feumaidh mise innse
Gu bheil thu math air sgrìobhadh is bàrdachd,
Ach ma gheibhCèardaman Chill Odhrain
A ghunna ri a ghualainn,
Chan eil eagal aigro bhàrd no ro bhàillidh.

Na biodh tusa, a chreutair, abruadar
Muchupan mór’ ’s mu dhuaisean,
Chionn tha mise h-uile cinnteach, mu fàg mi,
Gun tig an cupan do Chill Odhrain am bliadhna mar is àbhaist.
Sann air dràran Shandaidh Ghreusaiche tha àite-còmhnaidh.

titleAn Ceardaman
internal date1950.0
display date19..
publication date1998
level
reference template

MacNeill Moch is Anmoch %p

parent textMoch is Anmoch
<< please select a word
<< please select a page