[43]

MURCHADH RUADH (Am Posta)

le Folalaidh NicNèill agus cuid eile

S mise Murchadh Ruadh am posta,
Fear-liobhairt mail na dùthcha.
Sen cudthrom thasa mhàileid seo
A dhfhàg mo chnàmhan brùite.

Bidh iasg adol do Ghlaschu,
Is partanan is crùbain;
Bidh siùcars s tombaca,
Is rudan beag don bhùth ann.

Bidh mi sin adol don Ghlasaird
Le oranges is ùbhlan,
S bidh coupon ann do Dhòmhnall MacLeòid
Tha sùil aigris na thoosands!

Bidh pige ann is dileagan
Gheibhm ministear a-nall ann.
Bithidh snaoisean ann don mhaighstir-sgoil,
Is leggings do John Dhùghaill ann.

Bidh skirt do Sheònaid Gheaspair ann,
Is maitseachan do Ruairidh.
Bithidh cupan, teapot, ’s panachan,
Is kettle do bhean Dhùghaill ann.

Cha téid mi do na Machairean
(Tha eagal orm ron chù ann!)
Ach bheir mi na mails do Dhoshie
Ma chì mi a-machsa chùirt e.


[45]

Thig Màiri an Tàilleir a-machs i glaodhadh,
An toir thu dhomh an stewpan?
Bidh Calum dhachaidh airson a thea
Mum faigh mi air na crùbain.”

Thig Màiri Ghoirtein le uighean geòidh:
Seo, eudail, ’s feuch nach plùch iad!”
Their Anna Gheaspair, le glag gàir’,
Ma phlùchas, thoir don chù iad.”

Nuair a ruigeas min exchange,
S an sin a bhitheas an ùbaraid:
Bidh Davie phónadh on taigh-òsd
Feuch càit a bheil na screw-tops.

Ach feumaidh mi falbh, tha cabhag orm,
Le C.O. D. do dhUisdean,
S mun till mi nall ás Uragaig
Bidh Jeannie a-machgam rùdhrach.

Nuair a ruigeas mi MacArtair
Cha bhi am pac cho bùcail.
Bidh iadsans cupan deas dhomh,
Ach mo thruaigh! cha bhi ùinair.

Air mo rathad dhachaidh,
Bidh gach geata drùinte,
Agus sin agaibh cuid de na trioblaidean
Thaig posta truagh na dùthchseo!

titleMurchadh Ruadh
writersFlora Margaret (Folalie) McNeil
internal date1950.0
display date19..
publication date1998
level
reference template

NicNeill in MacNeill Moch is Anmoch %p

parent textMoch is Anmoch
<< please select a word
<< please select a page