AN T-ACHMHASAN
Séist
O! nì sinn foighidinn.
Carson a bhiodh sinn brònach?
Siud agaibh an t-achmhasan
Thug mac bràthair m’athar dhomhsa.
Rann 1
Sin mar labhair Alasdair,
’S e ’g ràdh gu robh mi gòrach,
Gu robh mi fuasach amaideach
Bhith fantail ann am ònar.
Rann 2
Nam biodh seòrsa bean agad
A bhiodh a’ fuireach còmh’ riut,
Cha chuireadh fuachd no acras ort
A Shathurna no Dhòmhnach.
Rann 3
Dhèanadh i dhuit deasachadh,
Is loisg’ i beagan mòine,
Is bhiodh an dinnear deas aice
’S i feitheamh ort an còmhnuidh.
Rann 4
Chan éisd mi ri do leisgeulan.
Tha taigh agad an òrdugh,
’S ged bhristeadh i na soithichean,
Tha a’ choire sin aig móran.
Rann 5
Bruidhinn socair réidh rithe,
’S mas fheudar e, bheir pòg dhi,
Is coma leat bhith beulach
Ri gach uile té as bòidhche.
title | An t-Achmasan |
writers | Anonymous |
internal date | 1900.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | Anon in MacNeill Moch is Anmoch %p |
parent text | Moch is Anmoch |