[51]

AN REITEACHADH RATHAIL: DEALBH-CHLUICH.

FUIREANN NA CLUICHE.
IAIN BAN APHUIRT, fear a thréig a leannan.
MAIRI, leannan Iain Bhàin.
AN SIORRAM.
FEAR-LAGHA MAIRI.
FEAR-LAGHA IAIN.
CLEIREACH NA CUIRTE.
EOGHAN MOR, fear den luchd-bhreith.
AN LUCHD-BREITH.
FIANUISEAN.

AN T-AITE, - Cùirt na Siorramachd.

AN CLEIREACHTha achùirt so air a gairm air Iain Bàn aPhuirt air son briseadh geallaidh-phòsaidh do Mhàiri nighean Alasdair mhóir an Tigh-a’ -bheallaich. Tha achùis ri bhi air a tagradh air beulaibh an t-siorraim le fear-tagraidh sgiobalt air gach taobh.

EOGHAN MORLer cead, a shiorraim, tha mi smaointinn gun deach an cléireach beagan am mearachd. Tha e coltach gum bi achùis ri breith a thoirt oirre le tuilleadh na sibhse,


[52]

neo mur a bi, ciod è is ciall don ghnothuch gun deach mise, agus ceithir fir deug eile cho math rium, a thoirt an so bho cheithir iomallan na sgìre.

AN SIORRAMTha thu glé cheart, Eóghain; bu chòir don chléireach a ràdh: “an siorram is an luchd-breith.” Ach ged nach dthubhairt e na facail, cha bann acur di-meas air bith air an luchd-bhreith a bha e. Agus tha mi fìor thoilichte fhaicinn, agus tha ena mhisneach mhór dhomh gum bheil, co-dhiùbh, aon fhear am measg nan cóig fear deug ris am bi fiughair agam ri cuideachadh air acheist chudtromaich so.

EOGHANGheibh sibh mo chuideachadh-sa, co-dhiùbh, gun tilleadh, gun mhoille: ’s e sin ma tha sinn den aona bheachd air achùis.

AN SIORRAMChan urrainn sinn beachdsam bith a bhi againn air achùis fhathast, Eóghain, gus an cluinn sinn an toiseach an luchd-tagraidh agus na fianuisean air gach taobh.

EOGHANCiod è, shiorraim? Tha fios agamsa air a h-uile car is lùbsa ghnothuch mar tha, agus creideadh sibhse gun drinn mi suas mo bheachd mun dfhàg min tigh; agus, mar a thuirt mi ris amhnaoi, ’s im beachd sin cosgais throm a thoirt bhàrr Iain Bhàinaguss math a thoill e sin ormsa o chionn iomadh latha; ach fhuair mi mo latha fhéin an diugh air, agus


[53]

mi buil dheth. Chan i Màiri bheag, laghach acheud don dthug Iain Bàn còir gealladh nach do choimhlion e; ach, ma dhfhaodas misen diugh, ’s i an mu dheireadh.

AN SIORRAMThan ùine dol seachad, ma , Eóghain, agus feumaidh sinn dol air ar n-aghaidh. Bithidh mi glaodhaich air fear-tagraidh Màiri.

FEAR-TAGRAIDH MAIRILer cead, a shiorraim, tha agam ri ràdh am beagan fhocal, gum bheil Iain Bàn acur an aghaidh agheallaidh-phòsaidh a thug e do Mhàiri air bonn gun robh i fhéin agus gille sònruichte eile asuiridh ri linn dhàsan a bhi air falbh an Glascho. Chaneil focal fìrinn anns an so a tha e cur as leth na h-igheanaig; agus tha toil aice sin a dhearbhadh an so an diugh ann ur coinnimh-sa——

EOGHANAgus mu choinnimh tuillidh: ’s e shaoilinn.

AM FEAR-LAGHAUbh! Tha mi ciallachadh sin, cuideachd, Eóghain.

EOGHANTha còir agad, ma , corra shùil a thoirt an taobh so cuideachd an àm a bhi bruithinn.

AN CLEIREACHThigeadh Màiri an làthair.

AM FEAR-LAGHA—( ’ga ceasnachadh) —Thug thu fhéin is Iain Bàn coig bliadhna asuiridh, Mhàiri, nach dthug?

MAIRIThug.


[54]

EOGHAN (mar gum bitheadh ris fhéin) —Agus air iomadh Màiri eile bàrr oirre.

AM FEAR-LAGHATha gealladh-pòsaidh agad air o chionn trì bliadhna.

MAIRITha, dìreach. Chuir e fàinne air mo chorraig o chionn trì bliadhna, is gheall e nach bitheadh e trì mìosan agam nuair a gheibhinn fear eile.

EOGHAN (ris fhéin) —Ma chuir esan fàinne air do chorraig-sa an sin, tha min dòchas gun cuir thusa fàinnena shròin-san an diugh.

AM FEAR-LAGHADhfhàg en dùthaich greisna dhéigh sin; nach dfhàg?

MAIRIDhfhàg.

AN SIORRAMAm bheil litricheansam bith agad bhuaithe anns am bheil gealladh-pòsaidh an dubhsan geal.

EOGHAN( ’s eg éirighna sheasamh) —Tha e an dubh, co-dhiùbh, creideadh sibhse, shiorraim. Cha dthug duine da sheòrsa seachad gealladh geal riamh.

MAIRITha, ler cead.

AM FEAR-LAGHATha pasg litrichean an so, agus leughaidh mi pàirt diubh a chur tuilleadh soilleireachd air achùis; agus bitheadh an luchd-breith atoirt fainear do na briathran a tha annta. Tha an so acheud litir a chuir Iain Bàn chuice an déigh falbh as an dùthaich do Ghlascho. So agaibh i:—


[55]

An 30mh de cheud mhìos an Earraich, 1896.

A MHAIRI, A LUAIDH,

Bfhada leam gach lathas uair o na thàinig mi mach do bhaile mór na straighlich so, gus an dfhuair mi suidhe sìos a sgrìobhadh focail no dhà chugad. Ged nacheil ach an t-seachdain o na thàinig mi mach, saoilidh mi gur mìos an ùine, leis mar tha mig ad ionndrainn. ’S gann gun creid thu e, ach an uair a théid mi laighesan oidhche, thar leam gum faic mi h-uile h-àite anns am bitheamaid agabhail sràide còmhla. A null an t-allt ruadh; a suas glac na rainich; ’s a sìos tràigh nan sìolag. Nach iomadh oidhche bhòidheach ghealaich a chaidh sinn gualainn air ghualainn gus an oitir! Nuair a chuimhnicheas min diugh air, ’s ann a thig na deòir á mshùilean. Be sud amhir-chaths an fhearas-chuideachd aig an òigridh. Saoilidh mi fhathast gum bheil mi faicinn Chailein Ruaidh am mach gu mheadhonsan fhairge le pìos de shean chorran asgrìobadh na gainmhich, agus le dusan sìolag an greimna fhiaclans iad acliobartaich ma shùilean. Agus an uair a sheallas mi air aghealaichsan oidhche, ’s ann a bhitheas mulad orm acuimhneachadh gum bheil acheart ghealach, air acheart àm so atilgeadh a gaithean bòidheach air na ceart bhadainsam bitheamaid gu sunndach, subhach còmhla; ach na badain sin an nochd gu sàmhach, uaigneach, ’s aghaoth ag osnaich gu trom mun cuairt orra; agus mises mo Mhàiri iomadh mìle bho chéile. Cha


[56]

do thuig mi riamh gus an àm so ciod è bu chiall do bhriathran abhàird

Chlaon gach gu dubhas agheamhraidh
On a rinn sinn dealachadh.’

Ach mun ruith móran ùine, Mhàiri, math dhfhaoidteadh gum bi sinn còmhla fhathastle snaim nach tréig.’

Is mi do leannan dìleas, “IAIN BAN.”

P.S. —Beir mo bheannachd do Dhùghall Bàn a bha riamh cho dìleas air ar cùl le chéile nuair bhitheadh teangan chàich an sàs annainn.”

AM FEAR-LAGHATha móran litrichean aig Màiri acheart cho blàth is cho milis so, ach tha iad a lìon beag is beag afàs nas fhuaire. Tha an so, ach cha leugh mi ach pàirt dith. Saoilidh mi nacheil urad de nàdur na bàrdachd inntes a than càch, is gum bheil tòiseach aig Iain air fuarachadh a sìos mar a rinn iomadh fear da sheòrsa. Tha eg ràdh mar so:—

Tham baile mór acòrdadh rium gu h-anabarrach math. Tha mi air an drochaid a ghnàths an còmhnuidh, ach gu seachd sònruichte Di-daoirn agus oidhche na Sàbaid.”

EOGHANHaoi orra! Nach daithnich mi! Dìreach cleas doctairean tinneas-an-rìgh.

AN SIORRAMEisd thusa, Eóghain, is cuiridh sinn le chéile h-uile ni air amhéidh, nuair a


[57]

chluinneas sinn acheist air a deasbud air an thaobh.

AM FEAR-LAGHA (aleantainn air leughadh na litreach)— “ thachair orm ach Peigi nighean Iain, agus, air mfhacal, mur a bheil am baile tighinn rithe gu math! Na bitheadh eud ort a nis, a Mhàiri, ged is i mo sheann leannan i, chan fhaca mi a h-aon fhathast air am bheil aodann mo Mhàiri bhòidhich fhéin, aguss e thagam fhàgail iomadh uair cho tùrsach throm an t-aodann sin a bhi cho fada bhuam. Nuair a chì mi Eachann Ruadh agus Iain Mac Alasdair gualainn air ghualainn ran leannain, a nulls a nall thar na drochaid, ’s gann a chumas mi air mo dheòir. Ach, co-dhiùbh, chaidh mi dhachaidh le Peigi.”

EOGHANNach daithnich mi!

AM FEAR-LAGHA (aleantainn air leughadh na litreach)— “Cha toirinn iomradh idir air so ach air eagal gun cluinn thu e air dòigh nach fhèarr, mar a tha mise acluinntinn iomadh sgeòil, math dhfhaoidteadh, gun dreach.”

AM FEAR-LAGHATha nis litir eile an so, aguss i an mu dheireadh a sgrìobh e, agus labhraidh i air a son fhéin. Tha eg ràdh innte so mar so, agus atoirt gu aona-cheann nam bagraidhean bha an no dhà roimpe:—

Bfhìor an sean fhear nuair a thubhairt ean rud a bitheas fad on t-sùil, bithidh fad on


[58]

chridhe;’ agus mas fìor na tha mi acluinntinn o h-aon no dhà anns am faod mi earbsa chur, tha e glé choltach gum bheil mise cheart cho fad o dchridhe-sas a tha mi o dshùil— ’s tha sin fada gu leòir. Ach chaneil mig ràdh, air a shon sin, gum bheil agad ann ach comaine. ’S en aon eadar-dhealachadh a thann nacheil misega àicheadh. Ach a leigeil a thuigsinn duit gum bheil mi cluinntinn corra rud beag, ‘geds fhada an glaodh gu Glascho,’ nach fhaod mi fharraid diot: ciod è mar tha thu fhéins an saor Gallda a thag obair aig an tigh-sgoil ùr afaotainn air aghaidh còmhla? Cuin a bha sibh còmhla aig tobar na coille mu dheireadh? Agus ciod è mar a chòrd riut achéilidh bheag, laghach a bhagaibh taobh na h-adaig air an iomaire mhóir? Saoilidh mi gum feum gum bheil beagan air choireiginn den fhìrinnsna bheil mi cluinntinn. Ach mur a bheil, mas breug bhuam e, ’s breug chugam e.”

EOGHAN— ’S breug uait i, co-dhiùbh; ’s cha bi acheud .

FEAR-LAGHA IAINA shiorraim, tha mi, ler cead, acur an aghaidh a h-aon air bith den luchd-bhreith a bhi bruithinn air an dòigh so.

EOGHAN (is càchga chumailna shuidhe)— ’S ann a chur an aghaidh a h-uile rud a than aghaidh Iain Bhàin a thàinig thusa an so, acheart cho maths a thàinig mise a thoirt breith air achùis; agus na bitheadh eagal ort nach cum mi mo dhà shùil, agus mo dhà chluais,


[59]

cuideachd, fosgailte, agus mo dheadh theanga air shiubhal.

AN SIORRAMBi thusa sàmhach tiotan beag, Eóghain. Tha mi glé thoilichte gum bheil thu leantainn na cùise cho dlùth.

EOGHANTha minar comaine, a shiorraim; agus tha min dòchas gun toir sibh am mach abhinn air taobh Màiri bhig laghaich, is bheir sin leasan do dhfhear no dhà de sheòrsa Iain Bhàin a tha dèanamh uaill á bhi toirt achar á nigheanan bochda neochiontach. Tha sinn atogail nigheanan air fad( ’s e gearradh ghoilleig).

AN SIORRAMCluinneamaid an còrr den litir, ma .

FEAR-LAGHA MAIRIChaneil beachd agam a nis càiten do sguir mi.

EOGHANSguir thu aig abhréig.

AM FEAR-LAGHA (aleantainn ri leughadh na litreach)— “Agus mun dthubhairt an sean fhacal e—”

EOGHANLeugh thu sin cheana.

AM FEAR-LAGHAO, leugh, gu dearbh. Stad. So e:—

Agus tha mi smaointinn leis a sin, a Mhàiri, gum bheil e cho math gun an còrr a bhi eadar thu fhéins mi fhìn, agus, math dhfhaoidteadh, gum bi thu cheart cho toilichte leis an t-saor Ghallda fhéin, do leannan ùr, agus mise le Peigi nighean Iain, mo sheann leannan.”


[60]

AM FEAR-LAGHAA nis, chaneil reusan air achòrr den litir a leughadh; tha e soilleir gu leòir, leis na chualas, gun robh gealladh-pòsaidh eadar Màiri agus Iain Bàn, agus gun do bhris Iain an gealladh sin——

EOGHANSeadh. Bhrischa bannamh leis!

AM FEAR-LAGHAAir son reusain nacheil is nach robh fìor, agus a tha Màiri gu buileach ag àicheadh.

FEAR-LAGHA IAINLer cead, a shiorraim, chaneil Iain acur an aghaidh agheallaidh noga àicheadh am beag no am mór; ach tha e diùltadh an gealladh a choimhlionadh; agus sin air son reusain mhaith: nach robh Màirina leannan dìleas da; agus a phòsadh leannan neo-dhìleas? Tha mi acur na ceiste ribh fhéins ris an luchd-bhreith: ciod è a dhèanadh fearsam bith agaibh fhéin?

AN SIORRAMCiod è; cha mhò a bha Iain dìleas do Mhàiri. Tha dearbhadh air a sin lelitir fhéin; ach cha deach a dhearbhadh fhathast co-dhiùbh bha no nach robh Màiri dìleas do dhIain.

AM FEAR-LAGHAChaneil Iain ag àicheadh sin, rud a tha gu math onorach dha; ach ged tha Màiri air a tearradh leis acheart pheallan, tha i ag àicheadh rud a bha gu math cothromach am beul na dùthcha gu léir; agus tha fianuisean an so a tha min dùil a chuireas an tarrunn gu ceann.


[61]

AN SIORRAMAm bheil ceistsam bith agad ra cur air Iain fhéin?

AM FEAR-LAGHADìreach no dhà.

AN CLEIREACHIain Bàn aphuirt. Thigeadh en làthair. (Eiridh Iainna sheasamh.)

AM FEAR-LAGHA— ’S en t-iomradh so chaidh am mach air Màiri bu reusan air thu bhriseadh agheallaidh a bha eadaraibh.

IAIN— ’S e.

AM FEAR-LAGHAFhuair thu sgeul gu math dealbhach air achùis?

IAINFhuair; an chuid an sgrìobhadh agus le beul-aithris.

AM FEAR-LAGHAAguss ann an sin a sgrìobh thu dhionnsuidh Màiri acur aphòsaidh mu sgaoil?

IAIN— ’S ann.

AM FEAR-LAGHA sin an gnothuch( ’s e suidhe).

AN SIORRAM (ri fear-lagha Màiri) —Am bheil ceistsam bith agadsa ri chur air Iain?

FEAR-LAGHA MAIRI( ’s eg éirigh) —Dìrich no dhà. (Ri Iain) —Nach do sgrìobh Màiri chugad air son urrainn a thoirt dith air an ùirsgeul a chuala tu uimpe?

IAINSgrìobh. Ach cha do fhreagair mi a litir, a chionn chreid min neach a dhinnis an rud domh a bhàrr air gun robh an naigheachd iomraiteach feadh na dùthcha.


[62]

AM FEAR-LAGHA (asuidhe) —Chaneil dad tuilleadh agam ri ràdh. (Suidhidh Iain.)

AN SIORRAMCluinneamaid a nis na fianuisean.

AN CLEIREACHEachann Bodhar. Thigeadh en làthair.

FEAR-LAGHA IAIN (aceasnachadh Eachainn) —Am fac thusa, Eachainn, Màiri an so agus an saor Galldanan suidhe còmhla aig tobar na coille uairsam bith?

EACHANN (acur làimhe ra chluais) — bàill leibh?

AM FEAR-LAGHA (le guth nas àirde) —Am fac thusa an saor Gallda agus——

EACHANNO, seadh, seadh! Chunnaic iomadh uair, agus gu dearbh be sin an gille còir. Bha eg obair aig an tigh-sgoil ùr, tha fhios agaibh.

AM FEAR-LAGHAAm fac thu e-fhéin agus Màiri an sosa choillidh aig an tobar.

EACHANNTha, a rùin; tha mi bodhar o chionn fichead bliadhna.

AM FEAR-LAGHAChaneil mi tuigsinn ciod è chuir cho bodhar an diugh thu, Eachainn.

EACHANNTha e glé choltach ris an uisge an diugh; ach U! dhfhaoidteadh nach dean i ach fras.

AM FEAR-LAGHA (ris an t-siorram) —Chaneil mi smaointinn gun dèan sinn dad de dhEachann: tha e cho bodhar.


[63]

AN SIORRAM AGUS EACHANN COMHLA. (An siorram) —Thoir am bréid—— (Eachann) —U! cha chreid mi gun dean i dad an diugh: tha coltas togail oirre( ’s e sealltainn gu mullach an tighe).

AN SIORRAM (aleantainn) —Thoir am bréid sin bhàrr do chluais feuch an cluinn thu nas fèarr.

EACHANNChaneil, a ghràidh. ’S ann tha mo chluasan nas miosa o na fhuair mim fuachd mu dheireadh so. ’S ann! ’S ann!

AN SIORRAMAm bheil thu cho bodhar sin an còmhnuidh, Eachainn?

EACHANN bàill leibh?

AN SIORRAM (atogail a ghuth) —Am bheil thu cho bodhar sin an còmhnuidh?

EACHANN (aglaodhaich am mach) —An lòinidh. An , bithidh mi glé dhona leatha air uairean; ach tha mi nas fèarr o chionn lathaichean.

AN SIORRAMSeas a nuas làmh rium, Eachainn.

EACHANN bàill leibh?

AN SIORRAM (atogail a ghuth) —Seas a nuas làmh rium.

EACHANNAm ghàirdean? Tha im ghàirdean, cuideachd.

AN SIORRAMChaneil mi tuigsinn s ciall da so, Eachainn.

EACHANNMo shliasaid? U! chaneil mo


[64]

shliasaid idir dona. Ach bithidh caol mo chasan gu math goirt corra uair.

FEAR-LAGHA IAINChaneil mi smaointinn, a shiorraim, gum bheil Eachann ach aleigeadh air. Tha e glé iongantach e bhi cho bodhar so an diugh, agus esan t-searmoin gu math tric.

AN SIORRAMCuin a bha thusan t-searmoin mu dheireadh, Eachainn?

EOGHAN( ’s e freagairt) —An , ler cead, a shiorraim, tha sinn an dòchas nach robh Eachann bochdsan t-searmoin mu dheireadh fhathast, ged a tha e cho fada leiss a tha e.

AN SIORRAMCiod è, ma , cho fads o na bha thusan t-searmoin, ’s e tha mi ciallachadh.

EACHANNSearbhanta! An , bha mi cleachdadh a bhi gleidheadh searbhanta daonnan; ach chaneil a h-aon agam an dràsd. Chaneil a thogas a ceann an diugh nach toir aGhalldachd oirre, gus am bheil na caileagan aig an tigh air fàs cho gann ris abhuntàta liath; ’s chaneil agam ach a bhi dèanamh as an eugmhais.

AN SIORRAM— ‘Searmointha mi ag ràdh. Searmoin! Chan e searbhant idir. ’S e tha mi aciallachadh searmoin, Eachainn. (Leanaidh an siorram air na facail so fhads a tha Eachann abruithinn.)

EACHANN— ’S e gnothuch searbh a thann gun teagamh, ach chaneil atharrach air.


[65]

AN SIORRAMChaneil feum a bhi dol air aghaidh nas fhaide le ceasnachadh Eachainn. Tha e cheart cho bodhar ris na gobhairsan fhoghair. Faodaidh tu suidhe, Eachainn. (Suidhidh Eachann; agus air ball deir Fear-lagha Iain—)

FEAR-LAGHA IAIN— ’S maith a chual Eachann nuair a chaidh iarraidh air suidhe; ’s tha mi smaointinn gun cual e h-uile facal eile cho maith sin. Tha mig iarraidh a thoirt an làthair a rithis, agus toirt air a dhaindeoin a thratan, na ceistean a fhreagairt. Bha e ro-thoileach suidhe, ’s chaneil fhios am ciod è mar a chluinneas en dara rud seach an rud eile.

AN SIORRAMThig an so fhathast, Eachainn, (Eiridh Eachannsa mhionaid agus seasaidh e air beulaibh an t-siorraim mar bha e roimhe.)

EOGHANDhéirich Eachann a rithis cho deas is a shuidh e roimhe; ’s ged a rinn e sin fhéin, chaneil ena dhearbhadh nacheil e bodhar. Thuig e mar a smèid an siorram le a làimh; agus nach tuigeadhFireach,” an odhar agam, sin, ged a tha e cho bodhar ri creig on Eisdeal, agus cam barrachd air a sin. (Suidhidh Eóghan.)

AN SIORRAMTha sin glé choltach, Eóghain. (Eiridh Fear-lagha Iain agus their e an guth àrd—)

FEAR-LAGHA IAINAm fac thu Màiris an saor Gallda aig Tobar na coille?


[66]

EACHANN bàill leibh?

FEAR-LAGHA IAIN (le guth àrd) —Am fac thu Màiris an saor Gallda aig——

EACHANNA bho Ghallda. Chunnaic iomadh uair.

AN SIORRAMCha dean so feum air bith. Faodaidh tu falbh, Eachainn. n ath-fhianuis?

AN CLEIREACHDùghall Bàn nam blàr. Thigeadh en làthair.

FEAR-LAGHA IAINChuala tusa, nach cuala, gun robh Màiri an so agus an saor Gallda asuiridh?

DUGHALLChuala.

FEAR-LAGHA IAINDìreach sin, agus chunnaic thu fhéin iad an cuideachd a chéile, mar gum biodh aleannanachd?

FEAR-LAGHA MAIRITha mi cur an aghaidh na ceiste, ler cead, a shiorraim.

FEAR-LAGHA IAINChan e ceist a thann.

FEAR-LAGHA MAIRITha fuaim ceiste aig na facail.

FEAR-LAGHA IAINCuir an aghaidh na fuaime, ma .

AN SIORRAMTha mi smaointinn gum bheil e ceart gu leòir Dùghall a cheasnachadh mar tha e dèanamh.

FEAR-LAGHA IAINCuiridh mi mar so e, ma


[67]

. Am fac thu Màiri agus an saor Gallda uair air bith cuideachd?

DUGHALLChunnaic iomadh uair.

FEAR-LAGHA IAINAm fac thu uair shònruichtesam bith iad aig Tobar na coille.

DUGHALLChunnaic mi aon uair iad, co-dhiùbh, bho Thobar na coille.

FEAR-LAGHA IAINThan sin a nis, a shiorraim, an bha mhiann orm fhaotainn am mach. (Suidhidh e.)

AN SIORRAM (ri Fear-lagha Màiri) —Am bheil ceistsam bith agadsa ra cur air?

FEAR-LAGHA MAIRITha dìreach no dhà agam ri chur air mun suidh e. Tha thu ag ràdh, Dhùghaill; gum fac thu Màiri agus an saor Gallda aig Tobar na coille còmhla, latha sònruichte?

DUGHALLChaneil. Cha dthubhairt mi dad da leithid.

AN SIORRAMTha mi smaointinn gum bheil thu dol beagan am mearachd, a Dhùghaill!

DUGHALLAn , ’s mi nacheil. Tha mi seasamh air na thubhairt mi.

AN SIORRAMNach dthubhairt thu, ma , gum fac thu iad aig Tobar na coille?

DUGHALLCha dthubhairt, ach thubhairt mi gum fac mi iad bho Thobar na coille.

EOGHANMeudail thu, Dhùghaill! Shaoil


[68]

Iain gun robhlach air choisaige; ’s gu dearbh, shaoil mi fhéin e cuideachd; ach tha sinn le chéile mealltanar barail, agus is taitneach sin leamsa, ged nach ro thaitneach le mcharaid e.

AN SIORRAMChaneil e ciallachadh dad, co-dhiùbhs ann aig an tobar neo bhon tobar a chunnaic thu iad ma chunnaic thu iads e sin uile. An innis thu, a nis, dhuinn co-dhiùbh bannnan suidhe nonan seasamh a bha iad?

DUGHALLBha iadnan suidhe.

AN SIORRAMSin e nis. Tha sinn atighinn air a chéile a nis. An innis thu nis: am faca tu an saor Galldas a làmh mu mheadhon Màiri? Smaointich tacans gabh an gnothach air a shocair.

DUGHALL (air a shocair) —Thamia’ —smaointinnnachfhaca.

FEAR-LAGHA IAINAch chunnaic thunan suidhe làimh ri chéile iad?

DUGHALLChan fhaca, ’s cha dthubhairt mi gum faca; ach thubhairt mi gum faca minan suidhe iad.

AM FEAR-LAGHASeadh, ma . Chunnaic thunan suidhe iad. An robh iad abruithinn?

DUGHALLBhà.

AM FEAR-LAGHASeadh, ma . Glé mhath. An innis thu nis dhuinn: ciod è cho faisgs a bha iad da chéile?


[69]

DUGHALL— ’S e: “ciod è cho fads a bha iad bho chéile,” bfhèarr a fhreagradh.

AM FEAR-LAGHAGabhaidh sinn mar sin fhéin e, ma . Chaneil ann ach mhaol odhar agus odhar mhaol.”

EOGHAN (os ìosal) —Chì thu an è.

DUGHALLMa , ler cead, bha Màirina suidhe taobh an tighe afigheadh stocaidh, agus bhan saor Galldana shuidhe tarsuinn air maide-droma an tigh-sgoil; ’s than thigh mar a tha fhios agaibh mu thuaiream cheud slat o chéile.

AM FEAR-LAGHA (ris an t-siorram) —Cha chuala mi riamh a leithid so de dhamaladh seanchais. (Ationndadh ri Dùghall) —Nach dthubhairt thu cheana gum fac thunan suidhe aig an tobar iad? Ciod è chuir thu bhi sluigeadh do sheanchais air an dòigh sin?

DUGHALLCha do shluigs cha do chagainn mi aon fhacal de na thubhairt mi. Thubhairt mi gun teagamh gum fac mi bhon tobar iad agus chunnaic bhon tobarcuimhnich, chan ann fon tobar. (Suidhidh am fear-lagha fo fheirg.)

AN SIORRAMTha mi atuigsinn na cùise beagan nas fhèarr a nis; ach tha aon rud ann air am bu mhath leam solus fhaotainn; agus is e sin so: Ciod è mar a chual thu abruithinn iad agus iad cho fad bho chéile?

DUGHALLChuala mi bruithinn iad gun


[70]

teagamh, agus gu maith àrd, cuideachd. Ach , cha bann ra chéile. Agus bhon tha mhiann oirbh achùis a leudachadh dhuibh, so agaibh mar a bhà. Thachair dhòmhsa bhi aon sònruichtesa mhuileann dubh ag iarraidh fraoch sìomain, agus air an rathad dhachaidh, leig mi manail air achloich mhóir fo Thobar na coille. Thug mi sùil chugam is bhuam, ’s mi gabhail toit den phìob, agus chunnaic mi an saor Galldana shuidhe air maide-droma an tigh-sgoil agus Màiri air cloich taobh an tighe afigheadh stocaidh.

FEAR-LAGHA IAINn tigh?

DUGHALLTigh a h-athar, gun teagamh.

EOGHANSaoil an e an tigh-sgoil!

DUGHALL (aleantainn) —Agus a thaobh an cluinntinn abruithinn, chuala mi sin cuideachd, a chionn, chuala min saor Gallda aglaodhaich ris an fhear bheag, chrotach, a bhiodh agiùlan na làr-aoil, an t-òrd ladhrach a thoirt chuige; agus chuala mi mar an ceudna Màiri astuigeadh achoin ghlais, Brocair, ’sa mhart ga cumail bhon arbhar.

EOGHAN (le gàirdeachas) —Nach daithnich mi gun tigeadh Dùghall gu glan as. (Ri Dùghall) —Chuir thu, laochain, am fear-lagha mu dchorragan mar a rinn thu air an dròbhair mhór a cheannaich an t-agh odhar uait. Agus tha mo chead agad!


[71]

FEAR-LAGHA IAINAch, a nis, an cuala tu iomradh am measg nan coimhearsnach, Màiri an so agus an saor Gallda bhi suiridh?

DUGHALLChuala mi ghaoth, ach chan fhaca mi i; aguss ann mar sin tha mi acreidsinn a tha suiridh Màiri bhochd.

AM FEAR-LAGHATha sin, ma , aciallachadh gum bheil thu creidsinn gun robh ged nach fhac thusa iad nas na chunnaic thu aghaoth?

FEAR-LAGHA MAIRIChaneil acheist cothromach, a shiorraim, agus tha mi acurna h-aghaidh.

AN SIORRAMTha mi am beachd nacheil acheist cothromach, gun teagamh, a chionn nacheil comh-cheangal aig an ri chéile idir. Chan urrainn neach aghaoth achluinntinn nuair nacheil i ann; ’s nuair tha i ann cluinnidh e i, ach chan fhaic e i. A nis, dhfhaodadh neach a chluinntinn gun robh càraid òg asuiridhs gun fhacal fìrinn a bhi ann; agus air an làimh eile, dhfhaodadh iad bhi suiridhs gun fhios a bhi aig neach fon ghréin air. Chaneil an coimeas coltach, ’s cha leig mi acheist a chur air.

EOGHANChaneil gnothach aig aghaoith idir ris.

AN SIORRAM (aleantainn) —Am bheil ceist tuilleadh ra cur air Dùghall?


[72]

AN LUCHD-LAGHA (le chéile) —Chaneil.

AN SIORRAMAn ath fhianuis, ma .

AN CLEIREACHIain Tàillear an t-Srath. Thigeadh e an làthair. (Thig Iain an làthair.)

FEAR-LAGHA IAINTha thu eòlach air Màiri an so?

IAIN TAILLEAR— ’S iomadh latha bhuaidhe sin. Bhon rugadh i.

FEAR-LAGHA IAINAm fac thu i fhéin agus an saor Gallda an cuideachd a chéile uair air bith?

IAIN TAILLEARTha mim beachd gum faca.

AM FEAR-LAGHACàite? Smaointich a nis.

IAIN TAILLEAR (asealltainn am mullach an tighe) —An , mur a bheil mi meallta am bharail, saoilidh mi gur h-iad a chunnaic minan suidhe gu maith companta ri taobh adaigsan iomaire mhóir an croit a h-athar.

AM FEAR-LAGHATha thu cinnteach gu leòir gur iad a bhann?

IAIN TAILLEARTha mi cinnteach gur e Màiri a bhann, co-dhiùbh; a chionn bha i buain air an iomaire mhóir acheart ud.

AM FEAR-LAGHAAn robh a h-aonsam bith leat aig an àm?

IAIN TAILLEARBha: Seumas Bàn agus Niall aChoire.

AM FEAR-LAGHAChinnaic iadsan, cuideachd, iad?


[73]

IAIN TAILLEARChunnaic; ’s cha do ghabh sinn ionghnadh air bith.

AM FEAR-LAGHACha do ghabh sibh ionghnadh air bith. Ciod è tha thu ciallachadh leis a sin?

IAIN TAILLEARTha; nach robh ionghnadhsam bith oirnn gille òg agus nighean òg ghasda fhaicinnnan suidhe còmhla.

AM FEAR-LAGHAAm bheil thu aciallachadh gun cuala tu gun robh Màiri agus an saor asuiridh; agus leis a sin nach do chuir e ionghnadhsam bith ort am faicinn còmhla?

IAIN TAILLEARChaneil teagamh nach fhaodadh rudeiginn mar sin a bhi ann.

(Bheir Seumas Bàn agus Niall aChoire acheart fhianuis. Suidhidh am fear-lagha.)

AN SIORRAMGun teagamhsam biths i acheist a thann an so: An dthug Iain Bàn gealladh-pòsaidh do Mhàiri. Tha e glé choltach a réir a litrichean fhéin a chuala sinn air an leughadh, gun dthug. Ach air an làimh eile: an do bhris e an gealladh sin? Tha e glé choltach gun do bhris, neo cha tigeadh achùis cho fada so——

FEAR-LAGHA IAINChan ann a chur grabadh oirbh, a shiorraim, ach tha dhìth orm, air sgàth Iain, beagan soillearachd a chur air achùis. Chaneil Iain ag àicheadh nach do gheall e Màiri a phòsadh; agus cha mhò tha e ag àich-


[74]

eadh nach do bhris en gealladh sin. Ach ma bha reusan math aige air a bhriseadh, chaneil e ceart gum fuilingeadh e ana-cothromsam bith air son a bheachd atharrachadh; agus is e is reusan na fianuisean so a bhi air an tarruing a dhearbhadh gun robh reusan math aig Iain am pòsadh a chur ma sgaoil: rud a bha e glé dhuilich leis a dheanamh——

EOGHANChaneil fhios am.

AN SIORRAMTha sin uile ceart, aguss e sin an dòigh a dhfheumar sealltainn air achùis. Mur an robh Màiri cho dìleas dha is a bu chòir dhi bhi, rud a tha e glé choltach nach robh, a réir fianuis Iain Thàilleir is an dithis eile, tha e nàdurra gu leòir nach smaointicheadh e air aghnothach a leigeil air aghaidh na bfhaide; agus e gheibheadh coire anns acheart suidheachadh? Ach air an làimh eile, feumar an aire shònruichte a thoirt dha so. Ma bha gealladh aig Iain air Màiri, bha gealladh aig Màiri air Iain. Agus bha en geall airsan a bhi cho dìleas dhith-ses a bha e dhith-se bhi dìleas dhàsan. A niss e cheist: an robh e sin. A réir a litrichean fhéin a chuala sinn air fad air an leughadh, cha robh; oir tha eg ràdh gun drinn e suas ri sheann leannan, Peigi nighean Iain. A nis, dhinnis Iain so gu saor do Mhàiri an litir mar a chuala sinn; agus tha mi am


[75]

beachd gum bheil a thaobh-san den chùis nas gloine na taobh Màiri.

EOGHANDèanaibh air ur socair, a shiorraim; chaneil am bonnach beag bruich fhathast.

FEAR-LAGHA MAIRIFeumar a thoirt an aire, ler cead, a shiorraim, gur e sin acheart reusan a thug do Mhàiri, Iain a thoirt gus achùirt so: e bhi falbh le caileagan eile agus a ghealladh do Mhàiri a bhriseadh.

AN SIORRAM— ’S ann air a sin dìreach a tha mi tighinn. Ged is i Màiri a thog achùis an aghaidh Iain nuair a thuig i gun robh e air dèanamh a suas ri Peigi nighean Iain, dhfhaodadh Iain e-fhéin ceum an toiseach a ghabhail agus Màiri a thoirt gu cùirt air son acheart dìolaidh, nuair a thuig e gun robh i air dèanamh a suas ris an t-saor Ghallda; ’s tha mi leis a sin adèanamh am mach gun robh Iain na bu dìrichena ghiùlan na Màiri.

FEAR-LAGHA IAINLer cead, a shiorraim, tha Iain ag ràdh nach drinn e ach an t-iomradh so thoirt air Peigi nighean Iain air son fearg a chur air Màiri agus mar gum biodh pàigheadh mu chlàr a dhèanamh oirre. Aig an àm cheudna, cha robh an rud fìor idir, agus bàill leis nach robh e fìor mu Mhàiri na bu mhò; oir mur a biodh, math dhfhaoidteadh gun còrdadh iad an déigh na h-uile rud; ach tha fianuis Iain


[76]

Thàlleir agus an dithis eile gu làidir an aghaidh sin. Bha tlachd mór aige do Mhàiri agus tha acheud litir a chuir e chuice an déigh dol do Ghlascho an dearbhadh sin gu mór. Bha e làn mulaid nuair a sgrìobh e i, agus thaom e a chridhe am mach innte.

EOGHANU! Bithidh duine mar sin, co-dhiùbh, acheud seachdain an déigh dha don tigh fhàgail. Chaneil an ath non treasa cho blàth sin.

FEAR-LAGHA MAIRIChaneil mi asmaointinn gun robh cridhe Iain idir a réir na litreach sin, ged a chaidh e gu bàrdachd innte. Ma bha a chridhe a réir a phinn, ’s neònach nach dthug en aire ciod e lathn mhìos air an do sgrìobh e; oir mar a chunnaic sinn air fad, ’s en deicheamh fichead de cheud mhìos an Earraich a chuir e sìos, latha nach robh idir anns acheart mhìos, ged is i bliadhna-leum fhéin a bhann.

EOGHANSeadh, aguss ann a bha e bruithinn air aghealaich mar gum bin aon ghealach a bhiodh an Glascho agus an so.

AN SIORRAMAch, co-dhiùbh, feumar dol air aghaidh. Than ùine air dol seachad. (Ationndadh ri fear-lagha Màiri,) Am bheil ceistsam bith agadsa ra cur air Iain?

AM FEAR-LAGHA (ag éirigh) —Tha dìreach ceist no dhà agam ra cur air. (Ationndadh ris an fhianuis.) Tha thu ag ràdh gum faca tu


[77]

Màiri agus an saor Galldanan suidhe taobh adaige air an iomaire mhóir?

IAIN TAILLEAR— ’S e sin beachd a thagam.

AM FEAR-LAGHACiod è, ma , acheart àm den bhliadhna bhiodh sin?

IAIN TAILLEARAn àm an Fhoghair, gun teagamh; neo cha bhiodh adagan ann.

AM FEAR-LAGHAAchs e tha mi ciallachadh: ciod è an t-àm den Fhoghar; oir dhfhaodadh adagan a bhi am muigh an déigh don t-saor Ghallda an dùthaich fhàgail?

IAIN TAILLEARAn , bhon tha mi tighinn gu mchuimhne, bann tràth an ceud mhìos an Fhoghair.

AM FEAR-LAGHASeadh, tha sin glé mhath; ach ciod è mar tha beachd cho math agad air an àm: ciod èn comharra thagad air?

IAIN TAILLEARTha comharra math gu leòir agam air; aguss e sin gum be àm Faidhir an Dùin a bhann; agus cha chreid mise duinesam bith aig am bi mart no each ra reic no ra cheannach nacheil sinna dheadh chomharra. Agus thachair so an -arn-a’ -mhàireach air dhomh tighinn thar na faidhreach.

AM FEAR-LAGHASeadh. An innis thu so dhomh, ma ? Ciod è an t-àm den Fhoghar am bi sibh atòiseachadh air buain?

IAIN TAILLEARBithidh, am bitheantas, mu thoiseach dàrna mìos an Fhoghair.


[78]

AM FEAR-LAGHAMu thoiseach dàrna mìos an Fhoghair! Agus ciod è mar a nis a burrainn duit Màiri agus an saor Gallda fhaicinn taobh adaig an toiseach ceud mhìos an Fhoghair? (Cromaidh Iain a cheann agus tachasaichidh e a chiabhagan.)

EOGHANTha thun sàs, ’s cha tig thu as!

AN SIORRAMTha sin gun teagamh acur seallaidh eile, uile gu léir, air achùis. (Ri fear-lagha Iain.) Am bheil ceistsam bith tuilleadh agad ra cur?

FEAR-LAGHA IAINDìreach no dhà. Am bheil Alasdair Mór acleachdadh a bhi cur eòrnasan iomaire mhóir?

IAIN TAILLEAR (le sodan) —Thà.

AM FEAR-LAGHA— ’S ciod èn t-àm am bi an t-eòrnaga bhuain?

IAIN TAILLEAR (gu fearail) —Dìreach mu thoiseach ceud mhìos an Fhoghair.

AM FEAR-LAGHA— ’S nach fhaodadh leis a sin adagan gu leòir a bhi air an iomaire mhóir mun àm shònruichte so?

EOGHAN— (Ged dhannsteadh an ruidhle gu chùl, bidh car ùr an ruidhle mhogain agadsa!)

IAIN TAILLEARDhfhaodadh.

AN SIORRAM— ’S e sin mas e eòrna a bhann.

EOGHAN—( ’s càchga chumail sàmhach)— ’S e sin e dìreach, a shiorraim. (Ri càch.)


[79]

Chan fhàn mi sàmhach. Chan ann air son a bhi sàmhach a thàinig min so.

AN SIORRAMAm bheil duinen làthair is urrainn ìnnseadh ciod èm bàrr a bhasan iomaire mhóir, abhliadhnud?

FEAR-LAGHA IAINTha: Niall aChoire.

AN CLEIREACHThigeadh Niall aChoire an làthair.

AN SIORRAMAn urrainn duitse ìnnseadh ciod èm bàrr a bhanns an iomaire mhóir a thrì bliadhna on àm so?

NIALL (a bhas air a smig, ’s e sealltainn am mullach an tighe, ’s e bruithinn ris fhéin gu socrach) —Stad thusa, ma . A cheithir bliadhna on àm so bha buntàta agamsasan iomaire mhóir. A nis, ’s e eòrna a bhios an déigh abhuntàta; ’s a thrì bliadhna on àm sos e eòrna bhasan iomaire mhóir. Bha eòrna

FEAR-LAGHA MAIRICiod èm beachd a thagad gur ann a ceithir bliadhna on àm so a bha buntàta agadsan iomaire mhóir?

NIALLTha: gum bi an obair mu dheireadh a rinn làir bhàn Iain Thàilleir, mo chuid buntàta-sa a chairtearachd dhachaidh. Bhàsaich i air an ath gheamhradh; agus bannsan fhogharna dhéigh sin a cheannach en t-each odhar.

AN SIORRAMTha sin soilleir gu leòir.

FEAR-LAGHA MAIRIAn latha sin a bha thu fhéin agus Seumas Bàn agus Iain Tàillear


[80]

còmhla, an robh sibh cho dlùth don dithis a chunnaic sibh taobh na h-adaiges gun aithnicheadh sibh duine seach duine?

NIALLCha robh.

AM FEAR-LAGHA— ’S ciod è mar, a nis, a rinn sibh am mach gum ben saor Gallda bhann?

NIALLChunnaic sinn e tighinn a nall bhon tigh-sgoil an coltas an t-saoir agus roinneadh dhuinn rud a bha nàdurra gu leòirgum be bhann.

AN SIORRAMCiod è mar bha e nàdurra gu leòir? An ann a chionn gun cuala sibh gun robh e fhéin agus Màiri suiridh?

NIALLChan ann; ach a chionn gum faca sinn atighinn bhon tigh-sgoil e, agus gun robh sgeadach an t-saoir air.

AM FEAR-LAGHAChaneil cinnt agaibh air ach sin.

NIALLChaneil ach gun cuala sinn a rithis gum be a bhann?

AM FEAR-LAGHAAgus aige chuala sibh gum be bhann?

NIALLAig Eachann aMhuilinn. Thubhairt e gun dinnis Dùghall Ruadh h-Atha dha e; agus gun robh Dùghall fhéin leis an t-saor aig an tigh-sgoil nuair a chaidh e null far an robh Màiri, ’s i buain air an iomaire mhóir. Chaneil cinnt no dearbhadh agamsa air a


[81]

chùis ach sin; agus bàill leam nach robh sin fhéin agam,

AM FEAR-LAGHA (ris an t-siorram) —Sin na bheil agam ri ràdh.

AN SIORRAMChaneil mi faicinn gum bheil reusansam bith dol nas fhaide air aghaidh leis achùis. Chaneil e coltach gum bheilsan uile ach sgeul mu thuaiream, gun bhun, gun bhàrr, gun dreach, agus air fàs bho bheul gu beul mar mhuc shneachd, mar a dhéirich do iomadh sgeul eile coltach rithe a fhuair ùine gu leòir a dhimeachd bho bheul gu beul. Chaneil teagamh air a shon sin, nam biodh Dùghall Bàn na h-Atha againn an so nach cuireadh e soilleireachd mhór air achùis. Am bheil Dùghall an so, a Nèill?

NIALLChaneil. Tha e an America bho chionn bliadhna.

DUGHALL (ag éirighna sheasamh am meadhon na cùirte) —Tha Dùghall Bàn an so, agus seasaidh e air a shon fhéin.

AN CLEIREACHSeas a nìos, a Dhùghaill. (Thig Dùghall an làthair.)

EOGHAN( ’s e aglaodhaich) —Eudail thu, Dhùghaill! Bu tu daonnan am pineadh a chumadh an roth air an aiseal!

AN SIORRAMAn dthubhairt thusa ri Eachann aMhuilinn gum fac thu Màiri agus an saor Galldanan suidhe taobh adaig?


[82]

DUGHALLCha dthubhairt riamh. Bu duilich dhomh; a chionn chan fhaca. Tha mi atuigsinn gum bheil foill air a cluich an so; agus ma cheadaicheas sibh dhomh labhairt, chaneil fhios am nach cuir mi beagan soillearachd air acheist nacheil oirre. Rinn aon rud beag sgàil a chur air gach sùil pàirt de na chuala mi labhairt; ach, math dhfhaoidteadh gun rachadh agamsa le beagan fhacal an sgàil sin a thogail.

AN SIORRAMBithidh sinn ro thoileach éisdeachd riut, a Dhùghaill.

DUGHALLSo agaibh, ma , mar a bhà. Bha toil aig Eachann, bho chionn iomadh latha, cur eadar Màiri agus Iain Bàn, agus sùil gheur aige fhéin innte. ’S minig a thubhairt e rium fhéin nach stadadh e gus an toireadh en t-iasg á spuir na h-iolaireach, ged a bha e gabhail air a bhina charaid dìleas daibh le chéile. Air an latha shònruichte so air am bheil sibh abruidhinn, bha mise agus Eachann còmhla aig an tigh-sgoil. Chunnaic sinn Iain Tàillear an t-Srath agus Seumas Bàn agus Niall aChoire an croit Iain Thàilleir, agus thuirt Eachann gum bu ghasd an spòrs e dol a null far an robh Màiri an riochd an t-saoir dhfheuch ciod è theireadh Iain Tàillears an dithis eile, agus sùil na dùthcha air Màiri co-dhiùbh, a chionn


[83]

gealladh pòsaidh a bhi eadar i-fhéin agus Iain Bàn. Sin agaibh mo chuid-sa dheth. Dhfhàg min dùthaich greisna dhéigh sin; ’s tha fios agaibh fhéin air achòrr nas fhèarr na thagamsa.

AN SIORRAMTha na briathran sin acur crìch urramaich air achùis uile gu léir. Be Eachann aMhuilinn a bùghdar do gach ùirsgeul gun dreach, gun bhun, gun bhàrr, a baobhar achùis a thoirt an so. Bha e gabhail phàirt anns an .

EOGHANBha toil aige fhéin aphàirt a bfhèarr a bhi aige; ach cha deach leis.

AN SIORRAMAgus, ged nach deach leis mar thuirt mo charaid, cha robh ann, mun dthubhairt an sean-fhacal e, achseach mo chluas agus buail madharc.” Mur an do thachair do Dhùghall Bàn tighinn le tuiteamasnar measg, chaneil fhios am idir ciod èn taobh a rachadh amhéidh.

FEAR-LAGHA IAINTha Iain Bàn ro thoilichte gun robh Màiri dìleas an déigh na h-uile rud. Thàinig achùis am mach calg dhìreach an aghaidh mar a bha e smaointinn a thigeadh i. Ach ged bu duilich leis sin a smaointinn, tha e ag iarraidh a ràdh gum bu Eachann aMhuilinn anns an robh e cur a leithid de dhearbsa, a bha cur nam fiosan chuige mu Mhàiris mun t-saor.


[84]

EOGHANNach be cluich a mhealladh companaich i!

FEAR-LAGHA MAIRI— —Agus tha Màiri cheart cho toilichte chluinntinn gun robh Iain dìleas dhith daonnan, agus gur thann a nis a tha e tuigsinn tratan Eachainn anns an robh e cur a leithid de dhearbsa. Tha cuimhne aice, a nis, glé mhath an latha ràinig e i taobh na h-adaige agus aparan an t-saoir air, ach cha do thuig i gus a so ciod è bu chiall don turus a thug e far an robh i.

AN SIORRAMTha e coltach, co-dhiùbh, gun robh achàraid neo-chiontach le chéile anns an a chaidh a chur am mach orra. Chuir fianuis Dhùghaill Bhàin ar n-obair air fad an giorrad. Tha mi atoirt taing do gach aon a ghabh pàirt anns achùis, agus gu seachd, sònruichte don luchd-bhreith a shuidh cho socrach sàmhach, ciallach, agus sin aig iomadh àm a bha e coltach gun tigeadh snaimean cruaidhe mun coinnimh a chum am fuasgladh. Chaneil teagamh agam nach dèanadh iad sin.

EOGHANSinn a dhèanadh gu toileach! ’S iomadh snaim chruaidh a dhfhuasgail Fionnladh an so nuair a rachadh na lìn troimh chéile air an oitir mhóir.

AN SIORRAMChaneil teagamh agam nach dèanadh iad sin gu sgiobalta agus gu toileach, mar a thuirt mo charaid


[85]

EOGHANTaing dhuibh, a shiorraim.

AN SIORRAMAch tha chùis nas fhèarr mar a i, agus théid sinn air fad dhachaidh nas toilichte na bha dùil againn, air fad aon uair, a dhfhaodadh pàirt againn dol.

titleAn Réiteachadh Rathail
internal date1908.0
display date1908
publication date1908
level
reference template

Mac Cormaig Oiteagan o’n Iar %p

parent textOiteagan o’n Iar
<< please select a word
<< please select a page