“ ’S LEAM FÉIN AN GLEANN. ”
BHA dà rud shònruichte bu reuson do na h-uaislean bu mhotha ’san dùthaich a bhi taghal Ghleann-a’ -chaorainn; agus b’ iad sin gur ann ann a bha ’n fhrìth fhiadh a b’ fhèarr ’sa Ghaidhealtachd uile, agus an aon mhaighdean bu mhaisiche air an do dhearc sùil duine bho chionn iomadh linn roimhe sud. Cha robh snaidheadair riamh ’sa Ghréig a ghèarr am mach á cloich le òrd ’s le gilb ìomhaigh bu shnas-mhoire; ’s cha robh maise dh’ iarradh bàrd air nighinn, nach robh oirre bho mhullach a cinn gu bonn a coise: agus ’s iomadh bàrd math a sheinn cliù maighdean Ghleann-a’ -chaorainn r’ a latha. ’S iomadh fleasgach òg ionnsuichte, làn òir is ionmhais, thigeadh do ’n ghleann mar leisgeul a shealg nam fiadh ainmeil aig an robh an dachaidh am measg nan stùc ’s nam beann air oighreachd a’ ghlinne; ach cha b’ e idir fear na cròic bu mhotha bhiodh air an aire am feadh ’s a bhiodh iad a’ seilbheachadh a h-uile toil-inntinn ’s làn-aigheir a tha ’n cois faghaid nam fiadh. Bu lìonmhor iad mu ’m fàgadh iad an
Le cead A’ Chomuinn Ghaidhealaich.
gleann a dh’ iarradh làmh Màiri òig; ach bha iad a cheart cho lìonmhor d’ an d’ thug Màiri òg an diùlt, eadhon ged rachadh cuid dhiubh mu ’n cuairt air suiridh na maighdinn a cheart cho seòlta ’s a rachadh iad a shireadh fear dìreadh nan stùc. Bu tric a bhiodh a sean athair am feirg rithe air son cùl a chur ri iomadh pòsadh, mór, beartach; ach thug Màiri a cridhe do òganach-smiorail, gasda eile; agus bheireadh i a làmh dha, cuideachd, na ’m faodadh i—an rud nach fhaodadh. B’ e sin Iain bàn pìobaire, aon mhac banntraich bhochd a bha fuireach am bothan beag mu thuaiream dà cheud slat do ’n tigh mhór.
Bha Iain ’na ghille cho deas, dìreach, smiorail ri aon mhac màthar a sheas riamh air bonn bròige; ’s an uair a dh’ éideadh se e-féin ’san deise Ghaidhealaich, bu shealladh shùl e do dh’ ìslean ’s do dh’ uaislean anns gach cuideachd ’sam bitheadh e—agus b’ iomadh sin—àrd, inich, slinneineach, leathan, le dhà chalpa chuimir, an osain bhallach, mar bhradan tarra-gheal na garbhlaich. Bho ’n a bha e ’na bhalach glé òg, bha e ’na phìobaire aig Fear a’ Ghlinne; agus meur eile bu ghlaine air feadan cha robh furasd fhaotainn. Bho ’n dh’ fhalbh Cloinn Mhic Criomain cha robh fear eile ’san dùthaich a bheireadh am mach gach glug ’s gach snaim ’s gach car tha ’n siubhal, no ’n taor-lùth no ’n
crunn-lùth pìobaireachd, cho math ri Iain bàn, pìobaire Fear Ghleann-a’ -chaorainn.
’S iomadh latha thug e féin agus Màiri òg a’ leannanachd; agus cha ’n ’eil iomradh am bàrdachd no ’n sgeulachd air fear no mnaoi aig an robh leannan-sìth a rinn leannanachd cho uaigneach ré ùine cho fada, ri Iain bàn ’s ri Màiri òig a’ Ghlinne. Nuair a thigeadh neòil dhubha na h-oidhche mar sgàil-bhrat dorcha thar mullach nam beann, shéideadh Iain suas a’ phìob mhór aig ceann a’ bhothain bhig; ’s nuair chluinneadh Màiri òg cuir bhòidheach“ ’S leam féin an gleann,” ’na suidhe ’na seòmar àrd, thuigeadh i gu ’n robh i ri Iain a choinneachadh ’san àite ghnàthaichte fo sgàil nam preas a bha tilgeadh am faileas dorcha air aodann Locha-bà; agus ’s gann a dh’aithriseadh mac-talla nan creag na meòir mu dheireadh de ’n phort, nuair bhiodh Màiri air a pasgadh ’na breacan, a’ feitheamh r’ a leannan.
Lean iad mar so iomadh latha ’s bliadhna; ach, mar a dh’ éirich do iomadh càraid òg eile bhiodh a’ leannanachd gun fhios, chaidh am brath; agus ’s gann a chaidh am beag sgeul do ’n mhór-sgeul, nuair ràinig an gnothach cluasan Fear a’ Ghlinne. ’S e thàinig as a’ chùis gu ’m b’ fheudar do Iain an dùthaich fhàgail gun dàil, gun fhuireach; agus cha robh sin gun trioblaid, gun sileadh dheur do Mhàiri
bhochd. Fhuair iad an cainnt a chéile aon oidhche mu ’n d’ thug Iain a chùl ris an dachaidh ’san d’ fhuair e àrach òg. Mu ’n do dhealaich iad ri chéile thubhairt Iain: “Nis, a Mhàiri, bithidh iomadh latha ’s bliadhna mu ’n tachair sinn a rithis, ’s math dh’fhaoidteadh nach tachair gu bràth; ach ma chluinneas tu oidhch’ éiginn fhathast fuaim, ‘ ’S leam féin an gleann,’ thig thu an so mar a b’ àbhaist: ’s e sin mur a bi thu air làimh aig fear eile.” Gheall Màiri sud agus, le ’n cridheachan a’ plosgail ri uchdaibh a chéile, dh’ fhàg iad a’ bheannachd mu dheireadh gu ceann iomadh latha ’s bliadhna—no air na bha dh’ fhios aca—gu bràth.
Mu ’n do dh’ éirich grian air maduinn an là- ’rn-a’ -mhàireach, bha Iain iomadh ceum air a shlighe, agus bu cheumannan troma iad sin; agus cha b’ e chridhe bu dad a b’ aotruime. An ceann beagan ùine ràinig e Glascho, agus aig crois a’ bhaile mhóir sin, ghabh e tasdan an rìgh, ’s chaidh e ’na phìobaire do ’n Réisimid Dhuibh, far an robh iomadh gille sgairteil, smiorail, de mhuinntir Ghleann-a’ -chaorainn, mar bha Iain fhéin.
Bha Màiri òg gu deurach, muladach ’ga thuireadh anns a’ ghleann. Cha robh sìon air an leagadh i sùil nach robh leatha mar gu ’m biodh e gul ’s a’ caoidh Iain mar a bha i féin. Bha gnùis throm, mhuladach air gach cnoc
’s gach glac ’s gach preas. Nuair thàinig deireadh a’ cheud latha, bha ’n gleann gun Iain; ’s nuair a thàinig an t-àm a b’ àbhaist dith“ ’S leam féin an gleann” a chluinntinn a’ tighinn oirre bho ’n bhothan bheag ud thall, bha a cridhe ’n impis sgàineadh le bròn. Shuidh i mar a b’ àbhaist dith an uinneig an t-seòmair. Bha gaoth thlàth ag iomain neul dhubha na h-oidhche gu mall thar a’ ghlinne. Dh’ fhalaich na beanntan an cinn ghorma fo chleòca trom de cheò. Bha torman mulaid nach b’ àbhaist aig gach eas a bha sruthadh o chìochan nan stùc; ’s bha gaoth an anamoich ag osnaich bho phreas gu preas, ’s bho chraoibh gu craoibh, mar nach cuala Màiri riamh roimhe i. Bha gach ni fo smal ’s fo bhròn comh-réir ri Màiri fhéin, a’ tuireadh ’s a’ caoidh na dh’ fhalbh an là ud. Thug i iomadh latha mar so a dh’ aindeoin na dhèanadh a h-athair g’ a toileachadh le bhi cruinneachadh chuideachdan cridheil, feuch an tréigeadh i ’m bròn a bha i giùlan. Ach bha Màiri bhochd a’ sìor shnaigheadh as. Bha ’m maise nach robh ach tearc r’ a fhaicinn an gnùis mnatha, an impis a tréigsinn. Bha i mar bhlàth a’ cinntinn fo sgàil nan craobh far nach ruigeadh aon chuid dealt torach na h-oidhche no aiteal cùbhraidh grian an t-samhraidh.
Bha Màiri bho àm gu àm gu coibhneil, furanach, dleasanach ri màthair Iain. Bha i mar
so a’ faotainn a naigheachd gu tric: ni bha toirt aotromachaidh mhóir dith. Ach an ceann beagan ùine thàinig air an réisimeid falbh gus na h-Innsean-an-ear; agus ged a bha litir a’ tighinn bho Iain an tràth-s’ ’s a rithis anns a’ cheud tòiseachadh, bha iad ri ùine fàs na b’ ainneimhe ’s na b’ fhaide bho chéile, gus mu dheireadh an do sguir iad air fad.
Ré iomadh bliadhna fhada cha robh sgeul bheò no mharbh a’ tighinn air; agus anns an ùine sin thàinig atharrachadh mór air a’ ghleann. Chaidh an oighreachd cho mór am fiachan ’s gu ’m b’ fheudar a reic; agus bha i air a ceannach le uasal òg an Lunnainn; ach cha chualas ainm. Bha leis a sin sean uachdaran a’ ghlinne ris an t-seann dachaidh fhàgail; ’s cha robh sin gun bhi goirt, cràiteach do ’n tuath lìonmhor a bha ’n Gleann-a’ -chaorainn; oir bha iad féin ’s an seanairean a’ pàigheadh màil do theaghlach a’ ghlinne bho chionn iomadh glùn air ais.
Air sgàth a h-athar bha nis a’ fàs suas an aois, ’s a’ fàs sìos an cuid, dh’ aontaich Màiri Sasunnach òg, beartach, a bhiodh a’ tighinn tric do ’n gleann a shealg nam fiadh, a phòsadh. Thug i dùil gu ’n tilleadh Iain gu bràth. ’S iomadh uair a smaointich i gu ’n do thuit e am blàr ris na daoine dubha; no gu ’n do bhàsaich e leis na plàighean mosach tha cho buailteach do
thìrean teth; no gu ’n robh e air a reubadh leis na beathaichean fiadhaich tha cho lìonmhor am fàsaichean nan Innsean. Ach a dh’ aindeoin nan smaointean sin cha robh oidhche gus an oidhche mu dheireadh nach robh i cumail a cluais fosgailte feuch an cluinneadh i fuaim na pìoba.
Ré na h-ùine sin bha Iain beò, slàn. Ged rinn e dearmad air bhi sgrìobhadh, mar rinn iomadh fear d’ a sheòrsa a bhiodh treis an tìrean céin, bhiodh e gu tric a’ smaointinn air na dh’ fhàg e as a dhéigh. Bu tric a rachadh e sràid do àit’ iomallach, uaigneach, agus a chluicheadh e leis féin na puirt air an robh déigh aig Màiri; agus thar leis gu ’m faiceadh e i tighinn ’na chòmhdhail am beul an anamoich. Gu tric nuair bhiodh Iain mar so, bhiodh e faicinn dèarrsadh bòidheach, boillsgeil, mar gu ’m biodh reul air oidhche reothaidh, an taobh chnuic faisg air. ’S tric a smaointich e dol feuch ciod è bu chiall da; ach aon latha ’s e dol seachad air an àite cheudna, chuir e roimhe gu ’n toireadh e deuchainn dà, ged bha e ’m beachd iomadh uair gur e beothach fiadhaich a bh’ ann, ’na laighe am fàil. Co-dhiùbh, ràinig e ’n t-àite agus, am bruaich mhóir an sin, fhuair e clach sgorrach geur-chumadh; ach leis an dèarrsach ghorm a bha i a’ tilgeil ’na làimh, eadhon air a’ mheadhon-latha, smaointich e gu ’n toireadh e leis i; ’s na ’n
robh e an dàn da dol dachaidh gu bràth, gu ’m biodh i aige ’na h-ionghnadh as na h-Innseanan-ear.
Beagan ùine ’na dhéigh so thàinig an réisimeid dachaidh do Lunnainn; agus aon latha sònruichte bha ’n sin, bha Iain a’ gabhail sràid leis féin agus a’ gabhail tlachd anns gach sealladh bha e faicinn feadh a’ bhaile mhóir sin, nuair thàinig e gu uinneig bùth mhóir anns an robh iad a’ reic chlachan luachmhor. Chunnaic Iain an sin clach de ’n cheart seòrsa thug e féin as na h-Innsean, agus smaointich e, leis mar a bha i air a gleidheadh cho cùramach, gu ’n robh i gu math fiachail. Chaidh e stigh do ’n bhùth agus dh’ fhoighnich e prìs na cloiche. B’ e sud mòran mhìltean.
“An dà,” ars Iain, “tha té agamsa de ’n cheart seòrsa, ach a cheithir meud rithe so; agus ma chòrdas sinn m’ a prìs, reicidh mi ribh i.”
“Faiceam i,” ars am marsanta, “ ’s cha ’n ’eil fhios nach fhaod mi a ceannach.”
Dh’ fhalbh Iain a dh’ iarraidh na cloiche; agus nuair a thill e, sheall am marsanta oirre gu mionaideach.
“Tha so,” ars esan, “clach de ’n daoimean is fèarr. Ciod è ghabhas tu oirre?”
Dh’ innis Iain sud; agus, mu ’n deach e mach thar stairsneach a’ bhùth, bha e ’na dhuine cho beartach ’s a bha coiseachd air sràidean Lunn-
ainn. ’S beag a smaointich Iain gu ’n robh urad de luach anns a’ phìos cloiche bha e giùlan ’na chuideachd cho suarach a leithid de ùine.
Beagan ùine an déigh sud, ciod è chunnaic Iain anns na paipearan naigheachd ach gu ’n robh Gleann-a’ -chaorainn anns a’ mhargadh. Gun dàil ’sam bith ’s ann a chuir e tairgse air an oighreachd troimh luchd-lagha an Dùn-éideann; agus, an ceann glé bheag de làithean, thàinig fios chuige gu ’n d’ fhuair e ’n gleann air a thairgse. ’S beag a smaointich Iain an latha chaidh fhògradh as a’ ghleann gu ’m faodadh e tilleadh ann fathast, ’s e ’na uachdaran air, agus a’ cheud tilleadh sin, cuideachd. B’ e mhiann gun fhios a bhi aig neach ’sa ghleann air a’ chùis; oir chuir e roimhe gu ’n rachadh e dhachaidh, ’s nach dèanadh e e-féin aithnichte do dhuine car tiota.
Thug e an sin aghaidh air na garbh-chriochan aon uair eile. Bha ’n latha goirid earraich air ciaradh dh’ ionnsuidh na h-oidhche nuair a ràinig e crìochan Ghleann-a’ -chaorainn. Shuidh e car tacain air bruaich bhig taobh an rathaid a’ leigeil a sgìos, agus a’ gabhail aon làn a shùl de ghleann a ghràidh aon uair eile, air a cheud tilleadh dha ann, bho chionn iomadh bliadhna mhór fhada. B’ e sin an sealladh a thug air an fhuil an cuislean Iain a bhi ruith gu blàth agus gu farumach. Bha na beanntan ceutach a’ dìreadh
’nam binneanan móra, gorma a suas an aghaidh nan speur, agus badain de neòil chruaidh, dhubha, ghiobagach na h-oidhche earraich a’ snàmh gu h-aotrom thairis orra. Bha tùchan na liath-chirc am measg an fhraoich mar a b’ àbhaist, agus dùrdail throm a’ choilich ’g a freagairt ’sa choille. Bha ’m bradan tarra-gheal a’ mireag ’s a’ leum ’san loch, ’s a’ fàgail cearcaill anns gach àite an tuiteadh e. Bha na rionnagan a’ caogadh ’s a’ priobadh troimh gach uinneig bh’ air an speur, ’s a’ tilgeadh an gathan geala soluis a nuas air monadh ’s air srath. Bha ’n tigh mór, a nis a bu leis féin, le sholus a’ boillsgeadh anns gach uinneig a bh’ air; agus bothan beag a mhàthar ’ga altrum an uchd na beinne móire, ’s na craobhan mar a b’ àbhaist a’ sgaoileadh am mach am meanglan a chumail fasgaidh air. ’S iomadh sealladh a chunnaic Iain an tìrean céin; ach b’ e sud sealladh bu bhòidhche chunnaic e riamh. Cha robh àit’ air an sealladh e nach robh cuimhneachan air choireiginn comh-cheangailte ris agus ionnan ’s ag ràdh ris: “Bheil cuimhn’ agad air a so, Iain?”
Ràinig Iain stairsneach a mhàthar agus, gun dad a ghabhail air, dh’ iarr e cuid oidhche oirre: gu ’m bu shaighdear e bha tighinn dachaidh air fòrlach.
“Gheibh thu sin, a ghràidh,” ars an t-sean bhean bhochd, “agus bho ’n is saighdear thu,
’s leat dà cheann an tighe. Bha mac éibhinn agamsa, mi-fhéin, an arm an rìgh; ach bho chionn mhóran bhliadhnachan cha ’n ’eil sgeul bheò no mharbh air.”
Thàinig reachd am muineal na sean mhnatha bhochd a thug tiomadh mór air Iain; agus eadar a h-uile latha goirt a chuir e seachad, cha do chuir e cath riamh seachad cho mór ’s a chuir e a’ cumail tobraichean nan deur gun taomadh thar am beul.
Nuair a fhuair Iain greim bìdh, ghabh e naigheachd na dùthcha.
“Am bheil dad ùr a’ dol air aghaidh ’san dùthaich?” ars esan.
“An dà, tha gu leòir,” ars a mhàthair; “thàinig atharraichean móra mu ’n cuairt an ùine glé ghoirid. Tha ’n oighreachd so air a reic ’s an sean uachdaran r’ a chùlaibh a thoirt oirre gu bràth, air a’ bhealltuinn so tighinn; ’s tha ’nighean an nochd a’ pòsadh ri Sasunnach òg, beairteach; ’s cha ’n ’eil sin gun chuimhneachan bochd dhòmhsa.”
Cha d’ fheòraich Iain c’ar son. Dh’ éirich e ’na sheasamh air an ùrlar, agus ars esan, ’s e cur dheth a chleòca mhóir:—
“Cha tig fuachd gu ’n tig earrach;
No cruaidh-chàs na gaillinn;
’S cha dèan bean ach air éiginn
Gu ’n aithnich i ceud-ghin.”
“An aithnich sibh Iain, ur mac, a mhàthair?”
Cha ruig mise leas oidhirp a thoirt air ìnnseadh na coinnimh a bha eadar Iain ’s a mhàthair, an oidhche sin.
Ach bha gealladh sònruichte aig Iain ri ghleidheadh. Ghleus e phìob. Chaidh e mach; ’s nuair ràinig e ’n t-seann làrach, shéid e suas i, is chualas ceòl ’sa ghleann an oidhche sin nach cualas ann o chionn iomadh latha. Bha tosd anns a’ ghleann uile gu léir, mar gu ’m biodh gach creutair ag éisdeachd. Sguir a’ chearc d’ a tùchan air an raon is shìn i mach a h-amhaich a dh’ éisdeachd ri seis“ ’S leam féin an gleann.” Sguir a’ bhó air an fhaiche de chnàmh a cìr. Thog am fiadh a chabar ’sa bheinn, is thug an smeòrach a ceann trom, cadalach am mach bho sgéith, ’s i cumail cluais ri claistneachd.
Bha fear-na-bainnse ’s bean-na-bainnse air an cuartachadh le cuideachd mhóir, ghreadhnaich, ’nan seasamh air beulaibh a’ mhinistir, nuair chualas ceòl na pìoba.
“Tha sud a’ toirt a’m chuimhne meur Iain bhàin,” thuirt fear de ’n chuideachd.
Thàinig an siubhal. “Na ’m biodh Iain beò, ’s e ’san dùthaich dh’ abarainn gur e tha ’n sud,” arsa fear eile.
Ach thòisich an crunn-lùth anns an robh obair mheur nach cualas riamh roimhe a leithid.
“Biodh Iain bàn beò no marbh, ’s e ’san dùthaich no aisde, ’s e tha ’n sud,” ars an treas fear.
Ach bha ùbraid am measg na cuideachd. Thuit bean-na-bainnse ’na glag air an ùrlar, an neul. Stad an ceòl. Bha tosd am measg na cuideachd. Bha gach aon a’ sealltainn air a chéile. Bha ’n sùilean a’ bruidhinn ged nach robh am beòil, ’s ag ràdh gur e tannasg Iain bhàin a bha ’n sud gu ’n teagamh.
Chaidh Màiri òg a thogail am mach do sheòmar eile, is nuair a chaidh i na b’ fhèarr, chuimhnich i air na facail mu dheireadh thuirt Iain bàn rithe mu ’n do dhealaich iad: “Ma chluinneas tu, oidhch’ éiginn fhathast, ‘ ’S leam féin an gleann,’ ’s tu gun bhi pòsda, ruigidh tu mise mar a b’ àbhaist.”
Dh’ iarr i dol tacan beag am muigh; agus, aon uair ’s gu ’n d’ fhuair i a cas thar clach-an-doruis, cha chumadh Caoilte na Féinne ruith rithe gus an d’ ràinig i Iain. An déigh dhaibh fàilte ’s furan a chur air a chéile, chaidh iad, gualainn ri gualainn, gus an tigh mhór, ’s mar sin do bhroilleach na cuideachd. Cha robh neach a bha stigh nach robh mar gu ’n tigeadh boinne fala ’na bheul le mór ionghnadh. Rinn a’ mhór chuideachd gàirdeachas is fleadhachas ri Iain bàn. Ach chnuas Fear a’ Ghlinne rud éiginn. Bha e ’na shuidhe an cathair ’s e ’g altrum fheirg, ’s aghaidh mar an iarmailt mu ’m
briseadh i mach gu stoirm. Ach thàinig Iain bàn lom is dìreach far an robh e, agus, ars esan: “ ’S tric a chluich mise‘ ’S leam féin an gleann’ nuair bu leat-s’ e; ach an nochd chluich mi e mar nach do chluich mi riamh roimhe e; oir, ’s leam féin an Gleann.” Leis a sin a ràdh, thug e mach còirichean a’ ghlinne á sporan an fhéilidh.
Chuir so an ceòl feadh na fìdhle is chaidh a’ bhanais a chur ma sgaoil; ach an ceann beagan ùine bha banais eile ’sa ghleann. Phòs Iain bàn is Màiri òg; agus ’s iomadh latha fada toilichte thug iad an Gleann-a’ -chaorainn. Thog iad teaghlach mór, eireachdail ann, agus tha pàirt de ’n sliochd beò, slàn feadh an t-saoghail an diugh fathast, na ’m biodh fios c’ àite ’m bheil iad.
title | “’S leam Féin an Gleann” |
internal date | 1908.0 |
display date | 1908 |
publication date | 1908 |
level | |
reference template | Mac Cormaig Oiteagan o’n Iar %p |
parent text | Oiteagan o’n Iar |