CALUM AN ÒIR.
O CHIONN móran bhliadhnachan bha duine an I-Chalum-chille ris an abradh Calum an òir. Fhuair Calum an t-ainm urramach so troimh dhriodart glé neònach troimh an d’ thàinig e aig aon àm de bheatha.
Ri linn Calum an òir bha cor muinntir Ithe tur eadar-dhealaichte ris mar tha e an diugh. Bha iad, mar bha chuid bu mhotha de ’n Ghaidhealtachd anns an àm, a’ tighinn beò air toradh a’ ghruinnd—is cha bu dona ’n tighinn beò sin a réir coltais. Cha robh iad riamh gun gu leòir de bhiadh ’s de dh’ aodach de ’n t-seòrsa bh’ ann; is ged nach robh sin, maith dh’ fhaoidteadh, cho rìomhach ris mar tha sinn cleachdte ’n diugh, bha na fir ’s na mnathan na bu bhrèagha, ’s na b’ fhallaine, ’s na b’ fhoghaintiche na tha iad an diugh.
An déigh crìoch a chur air an àiteach, deireadh an earraich, bha aig muinntir Ithe ri mòine na bliadhna bhuain am blàir an Rois; agus bha sin ’na aon ùbraid agus saothair a th’ air a’ caomhnadh do ’n linn a th’ ann an diugh.
Le cead A’ Chomuinn Ghaidhealaich.
Mu ’m faigheadh iad a’ mhòine air a h-aiseag ’s air a cur an cruaich aig ceann an tighe, bha àm an iasgaich a’ tighinn orra, ’s cha bhiodh bàta ’san eilean nach biodh a’ dol do ’n chuan bho mhoch gu dubh.
Aig an àm so, ma tà, chaidh Calum an òir, mar bu ghnàth, agus dà choimhearsnach da, dh’ iasgach air latha sònruichte. Cha robh a’ ghrian ach air éirigh thar cnuic Mhuile nuair a thog iad am mach á Pollarainn. Bha a’ mhaduinn ciùin, bòidheach, gun deò á adhar, is badan mìn, geal ceò air mullach gach cnuic. Bha ’n cuan mór mar ghloine, ’s gach seòrsa eun ’nan ceudan a’ tional an lòin air an uisge, ’s a’ ràcail ’s a’ ceileireadh air uchd gach luinn mhaoil, fhada, ghuirm.
An déigh iomadh buille ràimh, ràinig na fir an t-àit’ iasgaich air a’ Ghual-mhóir. Chaidh fear a dh’ fhannadh is dithis a dh’ iasgach; is cha b’ fhada gus an cluinnteadh srann no sgrìoban ri beul-mór a’ bhàta, is truisg reachdmhór a’ toirt breab le ’n earbuill an àm fàgail na fairge, ’s an sin ag iomairt ’san taoim.
Mu mheadhon-là, thuirling ceò trom, tiugh a nuas air a’ chuan; is nuair a sgaoil e air falbh mu fheasgar, ciod è chunnaic na h-iasgairean, astar math air falbh uapa, ach long mhór fo a làn-cuid-sheòl. Cha robh a’ ghaoth ach fann; ach, leis a’ bheagan a bh’ ann, rinn i nuas
orrasan. Shaoil na fir gu ’m b’ ann a’ tighinn a cheannach éisg a bha i; oir thàinig i cho dlùth ’s gur gann nach robh a h-ùrluinn bhrèagha os cionn a’ bhàta bhig mu ’n do chuir i ’n ceann. Chrathadh siùil mhóra, bhaidealach, gheala, ’s mu ’n gann a thòisich iad air crathadh anns a’ ghaoith, ghlaodh an sgiobair gu ’n do chaill iad an cùrsa, is na ’n tigeadh a h-aon aca air bòrd mar fhear-iùil gus am faigheadh an long air ceann dìreach na slighe, gu ’m biodh e air a dheagh phàigheadh.
B’ e Calum an aon fhear de ’n triùir a labhradh Beurla, agus air bòrd bha e an tiotan; is cha ’n ’eil teagamh nach robh e ’na ionghnadh mór do ’n sgioba Ghallda, le fheileadh beag sgiobalt agus boineid leathann, ghorm.
Chaidh an sgoth a thoirt an tobha, is thug an long a h-aghaidh air a’ chuan t-siar, is Calum ’na sheasamh gu spaideil ri guala fear-na-stiùrach. Nuair a thog iad am mach gu math ri guala na Sgeire-móire, eadar sin ’s an Dubh-Hirteach, dh’ iarr Calum a chur air bòrd na sgoithe, bho nach robh an còrr feum air. Ach, air bòrd na sgoithe cha ’n fhaigheadh e. An àite sin ’s ann a chaidh an tobha ghearradh ’s an sgoth a leigeil ma sgaoil.
Bheòthaich a’ ghaoth, is thug an long sìnteagan sunndach air falbh, Ma thug, thug an sgoth dhubh as a déigh cho math ’s a dhèanadh
dà ràmh dharaich e, agus dithis sgairteil air an cùl. Fhuair an long làn a cròic giobuill de ghaoith fhallain o ’n tuath, ’s am mach thug i mar earba ’s na mial-choin sheang ’na déigh. Mu dheireadh, nuair nach fhaiceadh na fir a bha ’san sgothaich a siùil àrda ach mar lon-dubh an aodann nan speur, thill iad.
Bha a’ ghrian an àird an adhar an là màireach mu ’n do ràinig iad I, is bha ’n càirdean uile rompa aig cladach. Dh’ innis iad mar a dh’éirich dhaibh, agus bu mhór bròn bean Chaluim, a bh’ air a fàgail air ceann teaghlaich òig, bhig, laig. Cha robh cor Chaluim fhéin dad na b’ fhèarr, ach mòran na bu mhiosa, a’ cuimhneachadh air a mhnaoi ’s air a theaghlach bheag, bho ’n deach a sgobadh air falbh cho eucoireach. Fhuair e fìor dhroch uisneachadh bho sgioba na luinge; a chionn, ged bha e ’na dhuine làidir, foghainteach, deas, fuasgailteach, bu bheag a chuid am measg na bhiodh ’na aghaidh na ’m biodh e cho gòrach ’s gu ’n tionndaidh e orra ’na aonar. Cha robh aige, leis a sin, ach cur suas leis a h-uile mì-mhodh a bha e a’ faotainn, agus a bhi tighinn beò an dòchas gu ’m faigheadh e latha féin air pàirt aca, uaireiginn.
Latha gheibheadh e biadh is lath’ eile nach fhaigheadh; is aig àm cadail, cha robh aige ach bhi sealltainn am mach air son cùil air choireiginn air clàr-uachdair na luinge. Bha aon
rud ’na fhàbhor: gu ’n robh an t-sìd blàth; is cha b’ i cuid na h-oidhche bu mhiosa idir de ’n chùis.
An déigh bhi faisg air mìos aig fairge, thog iad fearann; agus, an ùine gun bhi fada, thilgeadh an acair am mach anns an abhainn air am bheil am baile mór Eabharc-nuadh a’ togail a stiobull àrda. An tiota chaidh a’ gheóla chur am mach, agus chaidh Calum a thilgeadh air a’ cheatha mar gu ’m biodh ann cù gun mhaighstir, gun chuid, gun chuideachd, gun bhiadh, gun airgead, gun dòigh no ìnnleachd air tighinn beò; agus, rud bu ghoirte air fad, gun dùil a dhùthaich fhéin no a chuideachd fhaicinn gu bràth. Ach bha e toilichte gu ’n d’ fhuair e bheò air tìr: rud ris nach robh mòran dùil aige aon uair.
Coma leibh no co-dhiùbh, thug e greis a’ sràidimeachd air ais ’s air aghaidh air a’ cheatha, a’ gabhail ionghnaidh de gach nì no neach a bha e a’ faicinn; agus gach neach a bha ’ga fhaicinn-san a’ gabhail ionghnaidh mòran bu mhotha deth.
Bha gille òg an sin a’ gabhail sràid rathad a’ cheatha, is ghabh e ionghnadh mór de ’n duine neònach so—no, maith dh’ fhaoidteadh, mu ’n aodach neònach a bh’ air an duine. Bha ’n gille so ’na chléireach an tigh-gnothuich mór anns a’ bhaile, is thachair gu ’n d’ innis e
d’a mhaighstir mu’ n duine iongantach a chunnaic e air a’ cheatha.
Tha e coltach gu ’m bu Ghaidheal a mhaighstir, agus thuig e air naigheachd a’ ghille gu ’m bu Ghaidheal an coigreach cuideachd.
“ ’S fhèarr dhuit,” ars esan, “dol sìos gu ’n cheatha rithis agus a ràdh ris an duine sin gu ’m bheil mise ’ga iarraidh.”
Dh’ fhalbh an cléireach, agus cha b’ fhada gus an do thill e féin agus Calum. Chuir an duin’ -uasal fàilte chridheil air Calum, an Gàidhlig, agus dh’ fhàs e bodhar, dall ri cluinntinn cànain a dhùthcha an tìr chéin. Thug an duin’ -uasal a stigh e d’a sheòmar dìomhair fhéin. Dh’innis Calum a naigheachd dha; agus, an uair a chual an duin’ -uasal mu ’n liodairt bhrùideil a fhuair e bho sgioba an t-soithich, chuir e ’n cléireach le litir dh’ ionnsuidh an sgiobair.
A nis, b’ e ’n duin’ -uasal so fear-gnothuich cho àrd inbhe ’s a bha ’sa bhaile air fad; agus an uair a leugh an sgiobair a litir, cha bu ruith ach leum leis a dhol an cuideachd leithid de dhuin’ urramach. Sgeadaich se e-féin anns an aodach a b’ fhèarr a bh’ aige; agus air tìr bha e ’sa mhionaid anns a’ gheòlaich. Ràinig e an t-aitreabh bhrèagha anns an robh tigh-sgrìobhaidh an duin’ -uasail. Chaidh e stigh gu simplidh, stòlda, ’s a cheann-aodach ’na làimh; ach cha deach ach fàilte fhuar, choimheach a chur air
leis an duin’ -uasal cheannardach, àrdanach, uaibhreach so a bha cho ainmeil ’sa bhaile, ’s air an cual e iomradh cho tric. Bhuail rudeiginn ’na inntinn ’sa mhionaid, agus rinn e seòrsa tuigsinn gu ’n d’ thug e, air a cheann mu dheireadh, duibh-leum am beul an leóghainn.
Ach, co-dhiùbh, nuair a thug e fhéin ’s an duin’ -uasail greis a’ bruidhinn, chaidh Calum a thoirt an làthair. Bha sud dìreach cho math r’ a bharail; agus thuig e gu ’n robh e ’n gréim. Thàinig fallus fuar air, agus crith a thug air a’ chathair a bha fodha bhi dìosganaich.
“Am fac thu ’n duine so roimhe?” ars an duin’ -uasal, ’s e tomhadh ri Calum.
“Ho, hó, ’s mi chunnaic!” ars an sgiobair, ’s e gabhail air fiughair mhór a dhèanamh ri Calum. Ach bha Calum an tràth-s’ air a neo-ar-thaing. Sheas e m’a choinneamh cho dìreach ri luachair, a dhà làimh paisgte air uchd, agus cocadh ’na cheann, cho àrdanach, uaibhreach ri fiadh cabrach nam beann.
“So an duine còir a thug mi mar fhear-iùil á Albainn,” ars esan; “agus cha robh droch fheum agam air, cuideachd.”
“Cha robh, tha mi a’ tuigsinn,” ars an duin’ -uasal; “agus phàigh thu gu math e, cuideachd.”
“An dà, cha do phàigh mi fhathast e; ach pàighidh mi e air a shon sin,” ars an sgiobair.
“Tha e coltach gu ’n robh thu ’m beachd
a phàigheadh gu math nuair a thilg thu air tìr air a’ cheath e, mar gu ’m biodh cù, gun bhiadh, gun airgead,” ars an duin’ -uasal; “ach ’s e mar a bhitheas: pàighidh tu e ’nam làthair-sa, an ceartair, mu ’m fàg thu làrach nam bonn.”
“An dà,” ars an sgiobair, ’s e feuchainn a h-uile pòca bh’ air, an seòrsa breislich, “tha mi duilich nach ’eil sgillinn air mo shiubhal an ceartair; ach théid mi air bòrd na luinge agus gheibh mi ’n t-airgead.”
“Cha ’n ann mar sin a bhitheas, le d’ cead,” ars an duin’ -uasal; ach suidhidh tu aig a’ chrìnlein so agus sgrìobhaidh tu litir gu d’àrd òifigeach air an luing, agus their thu ris trì pocannan òir a chur air tìr; agus fanaidh tu fhéin an so gus an tig fios-freagairt na litreach.”
’S ann mar sud a bha. Dh’ éirich an sgiobair gu crùbach, gagach, air oiribh a chas, mu ’n d’ thubhairt iad, agus chuir e sìos air paipear an aon seanchas a b’ aimhliche sgrìobh e riamh ’na bheatha. Fhad ’s a bha e sgrìobhadh, na ’n toireadh e dhà dheud bho chéile bhiodh fhiaclan a’ snaganaich; is na ’n leigeadh e chudtrom air an dàrna cois, bhiodh sàil na té eile a’ cnagail air an ùrlar. Cha ’n ’eil teagamh nach robh dùil aige gur ann air tàilleamh an truaghain a thog e cùl Ithe, agus air an robh e cho tàireil, a fhuair e féin an aon tàir bu mhotha sheas e riamh, gun dòigh no ìnnleachd air tighinn
bhuaithe, ach a bhi cho sìobhalta ri luch fo ladhar a’ chait. Ach, coma leat no co-dhiùbh, chuir e crìoch èiginneach air an litir.
Chaidh an cléireach agus bàta cheithir ràmh a chur leatha dh’ ionnsuidh an t-soithich, is cha b’ fhada gus an do thill leis an òr. Chaidh na bh’ anns na trì pocannan a dhòrtadh air a’ bhòrd, agus an tòrr a thaomadh anns an aon fhear bu mhotha. Chaidh an t-ultach a shìneadh do Chalum an làthair an sgiobair. Bha ’n sgiobair a’ gabhail air a bhi fuathasach toilichte, ged nach robh e duilich fhaicinn gu ’n cagnadh e iarunn fuar fo fhiaclan.
“Cha d’ fhuair Calum bochd ach an rud a choisinn e; agus math leam-sa aig e,” ars esan; “tha mi dol a sheòladh gu Cluaidh an ceann latha no dhà agus, ma thoilicheas Calum, bheir mi dha ’n t-aiseag a nasgaidh.”
“An dà,” ars an duin’ -uasal, ’s e ’ga fhreagradh facal air an fhacal; “cha d’ fhuair thus’ ach an rud a choisinn thu, cuideachd; agus tha mi cinnteach gur math le Calum agad e; agus a thaobh an aiseag do dh’ Albainn, tha mi ’n dùil gu ’m bheil e cho math do Chalum a bhàt’ aiseig a thaghadh; agus ma nì e sin, seachnaidh e do thé-sa.”
Dh’ fhàg an sgiobair latha math aca air fad. Cha do gheill a ghnothuch leis cho math ’s a bu mhath leis; is cha ’n ’eil teagamh, na ’n
d’ fhuair e ’n lùib Chalum aon uair eile, nach toireadh e mach aichmeil air son an liodairt a fhuair e ’n lath’ ud. Cha do thachair iad tuilleadh; is bha e cho math.
An ceann ùine bhig, fhuair Calum long a thug gu Grianaig e. Fhuair e bàta an Grianaig a thug dhà ’n t-aiseag gu Rudh-an-fhuarain am Muile. Choisich e troimh Mhuile gu Bail-Ithe, ’s am poc air a mhuin, is ràinig e theintean féin gu sàbhailte, an déigh a bhi còrr agus bliadhna air falbh, ’s gun dùil no sùil ris tuilleadh.
Tha e air a ràdh gu ’n robh làrach a’ phoca air, ’na dhruim, riamh gus an latha ’n deach a cheann liath a leigeil ann an ùir a chuideachd an Rolaig Orain; agus gur ann mar sin a thàinig Calum an òir mar fhar-ainm air. Tha iomradh air an I an diugh fhathast, ged is iomadh gineal a thàinig ’s a dh’ fhalbh bho ’n là ud.
title | Calum an Oir |
internal date | 1908.0 |
display date | 1908 |
publication date | 1908 |
level | |
reference template | Mac Cormaig Oiteagan o’n Iar %p |
parent text | Oiteagan o’n Iar |