RO-RADH
Bho chaidh Hiort fhàsachadh ann an 1930, tha ficheadan de leabhraichean air nochdadh a’ toirt cunntais air eachdraidh an eilein. Seach gu robh a h-uile leabhar a bha sin ann am Beurla, nach eil làn-thìd’ againn aona leabhar fhoillseachadh ann an dualchainnt nan Hiortach? ’S bochd nach do rinneadh sin fhad ’s a bha a’ mhòr-chuid dhen mhuinntir a chuir cùl ris an eilean fhathast maireann agus comasach air an teisteanas fhèin a thoirt air a’ chaitheamh-beatha neo-àbhaisteach a bha aca. Eadar 1979 agus 1984, rinn mi iomadach seanchas ri Lachaidh Dòmhnallach ann an Gleann Nibheis agus ri Niall MacGillIosa ann an Garthamlock — an dithis Hiortach a bha fhathast air a’ chothrom. Nam biodh iad maireann, nach iad a bhiodh uailleil, a’ faicinn an leabhair sa ann an clò. Mo bheannachd aca le chèile.
Bha mi sealbhach gun d’fhuair mi lethhreacan dhe na cunntasan a dh’fhàg Calum MacCuithinn agus Ailis, Bean MhicLachlainn, nan làmh-sgrìobhaidhean fhèin o chionn ceud bliadhna. Ceud mìle taing dha Susan NicLachlainn ann a Harare, Zimbabwe, agus dha Kelman MacCuithinn ann am Balwyn, Astràilia, airson an cuideachaidh a thug iad dhomh leis na cunntasan sin.
Goirid an dèidh dha na daoine cùl a chur ri Hiort, phòs mac agus nighean le Fionnlagh MacCuithinn dlùth-chàirdean dha mo mhàthair. Phòs Fionnlagh Beag Mòr Thormoid Thòmais agus phòs ‘Bessie’ NicCuithinn Tormod Anndra ’ac Uilleim. Bha clann nan càraidean sin agus mi fhìn anns na co-aoisean, agus ged a bha an dachaighean aca an Glaschu, chaith iad mòran dhen òige ann an Leòdhas, agus faodaidh mi a ràdh gun do dh’èirich sinn suas an cuideachd a chèile. An 1944, aig àm an Dàrna Cogaidh, thuit Sunderland Flying-boat air Hiort, agus b’ i a’ Walwyns Castle (an tràlair-sguabaidh air na thurchair m’ athair a bhith aig an àm) a chaidh a-mach a thogail cuirp nan gillean a bha air bith innte. Tha deagh chuimhne agam air Hiortaich a’ tighinn chon an taigh againn, nuair a thill m’ athair dhachaigh air fòrladh, a dh’fhaighneachd mu dheidhinn staid nan dachaighean a bha iad air fhàgail air Hiort. Eadhon ann an 1944 bha iad fhathast leis a’ chianalas.
Is iongantach mar a tha Hiort air inntinnean dhaoine a ghlacadh — eilean beag air iathadh le stacaichean cas, gruamach mu chuairt air trì fichead mìle an iar air Uibhist a Tuath. Gu h-iomlan, chan eil anns a’ chròileagan ach cnuaicean beag a tha suarach crìon ann an sgaoilteach fharsaing a’ Chuain Siar.
Dh’aindeoin sin, chan eil Hiort idir suarach ann an saoghal na Gàidhlig. Bha a’ Ghàidhlig snaimte ri dòigh-beatha nan Hiortach, agus ged a rinneadh oidhirp air a mùchadh anns an ochdamh agus anns an naodhamh Linn Deug, mhair i ann am beòil an t-sluaigh chon na crìch. Ach ged a bha mì-rùn an aghaidh na Gàidhlig le luchd-foghlaim is riaghaltais, feumar a ràdh gu robh iomadach caraid aig na Hiortaich, air a’ Ghalltachd agus ann an Sasainn a-mhàin, a chuidich leotha gu mòr. Tha iomradh air feadhainn dhiubh sin anns na sgeulachdan a leanas.
Bho thadhail Màrtainn Màrtainn an t-eilean ann an 1697, tha leabhar an dèidh leabhair air fhoillseachadh ag innse dhan t-saoghal mhòr mu shuidheachadh nan Hiortach. Tha cuid dhen leabhar againne stèidhte air brìgh nan eachdraichean sin. Fhuaireadh a’ mhòr-chuid dhen cheòl ann an uaigneas leabharlannan air a’ Ghalltachd. Anns an rathad sin, tha mi fada an comain muinntir na Leabharlainn Nàiseanta, na Leabharlainn Meadhanaich agus Leabharlann an Oilthigh ann an Dùn Eideann, agus muinntir Leabharlann Mhitchell agus Leabharlann Oilthigh Ghlaschu ann an Glaschu. Mo bheannachd aig a’ chuideachd choibhneil a fhreasgair orm aig Sgoil Eòlais na h-Alba, aig an Urras Nàiseanta, an Dùn Eideann agus aig Dualchas Nàdair na h-Alba ann an Innse Gall. ’S beag na fhuair mi dhen stòras ciùil a bha uaireigin air Hiort, ach ann am briathran a tha faisg air briathran ainmeil Rob Dhuinn, ‘Chaidh mi null is a-nall ann an uachdar na clais. Na bha ann , bha e ann, ’s na bha ann thug mi às’!
Ceud mìle taing do Chomhairle nan Leabhraichean airson na taic airgid agus a’ mhisneachaidh a thug iad dhomh fad nam bliadhnachan. Taing air leth do dh’Iain MacDhòmhnaill aig a’ Chomhairle, a bha daonnan na bhata-làidir. Buidheachas do dh’Acair a tha a’ foillseachadh an leabhair, agus mo dhùrachd aig Seonag NicIlleMhoire, Heather Delday, Mairead Anna NicLeòid agus Seonag Ghreumach a thug an obair gu buil.
Tha mi fada an comain iomadach neach a chuidich leam a tha cus ro lìonmhor ri an ainmeachadh. Dh’aindeoin sin, chan fhaod mi dearmad a dhèanamh air mo charaid Bill Lawson, a thug dhomh a h-uile cuideachadh leis na cunntasan air sluagh Hiort aig deireadh an leabhair; Gordon Ridley, a thug cead dhomh taisbeanadh anns an leabhar sa na rinn e de rannsachadh fo na h-uisgeachcan a tha cuartachadh nan stacaichean; agus Alasdair Barr, an fear-ciùil a chuir cromagam air na cliathan dhomh.
Gach dìleas gu deireadh! Taing do Sandra agus dhan teaghlach a dh’fhuiling dhomh a bhith balbh, bodhar rè iomadach mìos, fhad ’s a bha mi a’ turraban os cionn Hiort.
Calum MacFhearghuis
An Cèitean 1995
title | Ro-Ràdh |
internal date | 1994.5 |
display date | a1995 |
publication date | 1995 |
level | |
reference template | Hiort %p |
parent text | Hiort: Far na Laigh a’ Ghrian |