1 Na Hiortaich: Cò Iad is Cò As?
Tha dearbhadh air gu robh daoine a’ còmhnaidh air tìr-mòr Bhreatainn o chionn còrr air 9000 bliadhna. Bha iad beò le bhith sealg ainmhidhean agus a’ tional iasg-sligeach agus lusraich a dh’itheadh iad. Aig an àm sin bha mòran de dh’fhearann thìr-mòir còmhdaichte le coille dhùmhail agus bha an sluagh gu ìre bhig a’ còmhnaidh ris na cladaichean.
Mu chuairt air 3500 bliadhna R.C. , rinn treubhan às an Roinn- Eòrpa aiseag tarsainn air a’ Chaolas Bhreatannach. Bha ealantas aca air eathraichean a sheòladh — ged nach eil fhios cinnteach an-diugh air cruth nan eathraichean sin. Tha fhios gu robh na seòladairean cho gaisgeil agus cho earbsach asda fhèin agus gun lean iad orra a’ leudachadh ’s a’ rannsachadh an fhearainn suas taobh siar Bhreatainn, a’ dol bho eilean gu eilean gus na ràinig iad cho fada tuath ri Sealtainn. Bha eòlas aig na treubhan ùra sin air tuathanas agus air iasgach. Anns na linntean a lean fhuair iad eòlas air gnàth-shluagh na dùthcha. Thàinig rèite eatarra agus, tro thìde, cheangail iad ri chèile nan aon sluagh.
Phlanndraich treubhan gu mòr anns na h-eileanan, far an robh feur gorm dhan sprèidh aca agus talamh torrach, ach gu h-àraid far an robh e na b’ fhasa dhaibh iad fhèin a dhìon. Lorg mòran a dh’fhuirich air tìr-mòr lochan anns na rinn iad crannagan*, far am biodh e na bu dorra do nàmhaid faighinn thuca. Ann an ceann a tuath Bhreatainn, b’ ann an Arcaibh agus an Sealtainn a rinn iad an còmhnaidh an toiseach.
* eileanan air an dèanamh a dh’aona ghnothaich, am meadhan locha, de chloich no de stocan chraobhan. An-diugh, their sinn ‘Loch an Dùin’ ri iomadach loch far an robh crannag no daingneach dhen t-seòrsa sin.
’S e fìor àite tlachdmhor a bha air a bhith ann a Hiort ma chaidh daoine ann an uair sin. Bha e gorm, torrach, le pailteas eun, agus bhiodh e air leth duilich do nàmhaid ionnsaigh a thoirt air gnàth-shluagh a bhiodh ullaichte air an son. Ach gu mì-shealbhach chan eil lorg fhathast air comharradh gu robh sluagh air an eilean cho tràth ri 6000 bliadhna air ais.
Bha e na chleachdadh aig luchd an eilein a bhith milleadh seann thogalaichean airson taighean ùra, cleitean agus gàrraidhean-cloiche a thogail le clachan nam ballachan. Chan eil mòran air fhàgail a tha sealltainn gnìomh-obair nan ciad dhaoine a bha air Hiort.
Chan e nach eil pailteas de dh’àitichean iongantach ann a tha dearbhadh obair-làimh an duine — tobhtaichean agus làraich agus taighean fo làr; ach cò a rinn iad, no cuin, tha e fhathast ri dhearbhadh le cinnt. Nuair a dh’fhosgail Iain Sands Taigh an t-Sìthiche ann an 1877, bha aige ri dùsgadh sìos na bhroinn ann an teis-meadhan imire bhuntàta. Fhuair e sligean bhàirneach agus cnàimhnich eòin-mhara air an ùrlar ann. Bha innealan cloiche ann cuideachd — innealan air an robh na Hiortaich a chunnaic iad eòlach, oir bha iad ag ràdh gu robh an leithid gan cleachdadh aig an sinnsearan.
“Seann sgian-cloiche,” theireadh iad, agus “Seann làmhag!”
Gus an ochdamh linn deug cha robh mòran de dh’atharrachadh air a thighinn air dòigh-beatha nan Hiortach o shean. ’S le sin dheth, tha e gu math duilich aois a chur air Taigh an t-Sìthiche agus taighean fo làr eile dhen t-seòrsa.
Tha tobhtaichean fhathast rim faicinn anns a’ Ghleann Mhòr mu dhà mhìle bhon Bhaile. Bha na h-àitichean-còmhnaidh anns a’ chròileagan sin rudeigin coltach ris na h-àitichean-còmhnaidh ann an Skara Brae, an Arcaibh. Chìte feannagan cuideachd anns a’ Ghleann Mhòr. Eadhon anns an t-seachdamh linn deug nuair a thadhail Màrtainn Màrtainn (1697), cha robh cuimhne aig duine a bha beò cluinntinn mu dhaoine a bhith fuireach anns a’ Ghleann Mhòr — ach corra theaghlach a bhiodh a’ dol ann ‘chun na h-àirigh’.
Air an eilean gun earra-dheas air Bàgh á Bhaile, ris an can na Hiortaich An Dùn, bha dùn no daingneach a chaidh a thogail o shean, agus fada mus deach a’ chiad eachdraidh air Hiort a sgrìobhadh. B’ e Dùn Fir Bholg a theirte ris an togalach sin. Cò a bh’ anns na Fir Bholg? Tha e air a ràdh gum b’ e treubh Cheilteach a bh’ annta a bha a’ còmhnaidh ann an Eirinn ro àm Chrìosda. A rèir beul-aithris nam manach Eireannach, ’s ann às a’ Ghrèig a bha an treubh seo. Bha iad ealanta air siubhal na mara, ach cuideachd math air tuathanas. A-rithist a rèir beul-aithris, thug an ath ghreigh de dh’eilthirich a thàinig a-steach a dh’Eirinn ionnsaigh air na Fir Bholg. B’ iadsan an Tuatha Dè Danann. B’ fheudar dha na Fir Bholg teiche agus a dhol a dh’fhuireachd do chrannagan agus dha na h-eileanan iomallach a tha air cladaichean an iar-thuath na h-Eireann. Ma tha fìrinn anns an eachdraidh sin, dh’fhaodte gun deach buidheann aca cho fada ri Hiort. Tha fhios gu faod am facal bolg no balg a bhith ciallachadh poc no màileid leathrach. Tha cuid a’ smaoin eachadh gur e sin a bhith aca mar ghoireas a thug dha na Fir Bholg an t-ainm. Air an làimh eile, dh’fhaodte gum b’ iad an aona threubh ris na Belgae, an treubh coganta às a’ Bheilg a bha cho siùbhlach mu chladaichean Bhreatainn is eile mu àm Chrìosda a’ goid nan daoine airson an reic mar thràillean ri
Anns an leabhar leis an Urr. Coinneach MacAmhlaigh, a chaidh fhoillseachadh an 1764, gheibhear an cunntas seo air Dùn Fir Bholg:
Tha na clachan a th’ anns an togalach neònach ud mòr agus, ann an cruth, faisg air a bhith ceàrnach. Feumaidh e bhith gun deach na carraighean sin a ghearradh a dh’aona ghnothaich ann an cuaraidh, agus gu robh acfhainn iomchaidh aig na clachairean airson sin a dheànamh. Chan eil clach den t-seòrsa a tha ann am ballachan Dùn Fir Bholg ri faotainn anns an eilean os cionn na talmhainn. Tha e soilleir, às bith cò iad a chuir na ballaichean an sàs, gu robh tuigse aca air riaghailtean na clachaireachd mòran nas coileanta na tha aig Hiortaich an là-an-diugh, agus gu robh iad gun teagamh nam fireannaich a bha mòran na bu treasa.
Tha dà thogalach eile air Hiort a tha sealltainn a’ mheanmna, an ealantais agus a’ chumhachd a bha anns na daoine a rinn iad. ’S iad sin Taigh na Ban-tighearna (t.d. 81) air Eilean Hiort agus Taigh an Stallair (t.d. 17) air Boraraigh. Gu mì-shealbhach, tha an dà thogalach sin air tuiteam nam broinn, ach a rèir a’ chunntais a thug an t-Urr. MacAmhlaigh dhuinn — gu h-àraid air Taigh an Stallair — faodar a thuigsinn nach robh e comasach do dh’fhir an t-saothair ud a thoirt gu buil gun uidheam theòma a bhith aig na clachairean agus gun cheannardan toinisgeil a bhith a’ stiùireadh na h-obrach.
Thug an dearbh sgrìobhaiche sin cunntas cuideachd air trì eaglaisean a bha air an eilean:
Mu chuairt air mìle bhon Bhaile gun iar-dheas, tha caibeal ris an can iad Teampall Bhrianain. Na bhroinn tha altair, agus air a taobh a-muigh tha cilltean mhanach. Tha na cilltean sin gu ìre bhig slàn, agus seach gu bheil iad mar sin, tha e coltach nach eil iad cho sean ris na badan a tha coisrigte air ainm Chrìosda agus air ainm Chaluim Chille.
Tha an eaglais as motha a tha air Hiort coisrigte air ainm Chrìosda agus tha i air a h-ainmeachadh air Teampall Chrìosda. Tha i air a togail de chloich gun leann-tàth. Tha i ceithir troighean fichead a dh’fhad agus ceithir troighean deug a leud. Anns na linntean a dh’fhalbh, b’ e seo prìomh àite-adhraidh an eilein, agus ’s ann an seo a tha iad fhathast a’ leantainn le adhlacadh nam marbh.
Chan eil fhios an robh a’ chiad manach a chaidh gu Hiort ro linn Chaluim Chille, Bhrìghde agus Phàdraig. Tha mi fhìn a’ smaoineachadh gum b’ e deisciobail Chaluim Chille a chaidh ann. Aon rud a tha cinnteach: tha teampall ann coisrigte air ainm an aba sin. Tha e air taobh an iar a’ Bhaile, agus tha e gun altair, gun chrois, agus gun chill air taobh a-staigh an làraich.
Cha b’ ionann na togalaichean a bha nan cuimhneachan air na linntean bho chian agus na togalaichean a bh’ aig na Hiortaich mar dhachaighean aig an àm a bha MacAmhlaigh air an eilean — dachaighean a bha air an dìon le ballachan de chlachan garbha nach robh air an dealbh le ùird no le sgeilbean, ach a bha air an cur ri chèile ann an cabhaig, gun aol ’s gun leann-tàth.
Chan eil teagamh nach robh na Lochlannaich eòlach gu leòr mu Hiort fhad ’s a bha ùghdarras aca air eileanan Bhreatainn bho Eilean Mhanainn gu Sealtainn. Bha sin eadar an t-ochdamh no an naoidheamh linn chun an treas linn deug. Aig an àm sin bhathas a’ bruidhinn na Gàidhlig air tìr-mòr na h-Albann sìos gu faisg air crìochan Shasainn (ged a bha Lodainn Sasannach bhon aonamh linn deug ris a’ Bheurla). Bha a’ chainnt a bh’ aig muinntir nan eilean agus an sliochd fo bhuaidh nan Lochlannach, ’s mar sin bha na Gàidheil air tìr-mòr gam faicinn mar gum biodh iad eilthireach, coigreachail. Mar thoradh air sin, thugadh Innse Gall air an Eilean Fhada mar ainm. Ged tha sinn air cuimhne a chall air a’ chainnt Lochlannaich a bha uair anns na h-Eileanan, tha a’ mhòr-chuid de dh’ainmean nan cnoc, nam beanntan, nan lochan ’s nan eileanan air an gintinn anns a’ Bheurla Lochlannaich. Air Hiort fhèin, tha grunnan de dh’ainmean a bhuineas dhan chainnt sin — Oiseabhal, Saoidh, Boraraigh, Breangadal agus Libhinis. Faodar a chreidsinn, mar sin, gu robh iomadach seòladair Lochlannach eòlach air Hiort. Agus cò aige tha fhios nach tug feadhainn aca an teaghlaichean leotha à Nirribhidh, uair seach uair, airson planndrachadh an eilein sin mar a rinn iad ann an iomadach àite eile. Co-dhiù, chan eil ach beagan iomraidh sgrìobhte an eachdraidh nan Lochlannach air Hiort, agus cha mhotha a tha fhios air Gàidheil na h-Eireann ma sheòl iad a riamh ann, no ma chuir iad sluagh ann.
B’ e Dòmhnall Rothach, Ard-Dheadhan nan Eilean, a
Gun iar ’s an iar-thuath bhon eilean seo (Uibhist) anns a’ chuan mhòr, mu 60 mìle mara bhuaithe, tha eilean ris an goirear Hiort; air iomadh laighe, cho fad ’s a tha inneireadh orra, tha pailteas arbhair agus feòir air a chur do chaoraich; oir tha caoraich nas motha ’s nas brèagha agus le earbaill nas fhaide an siud na ann an eilean sam bith eile mun cuairt. Tha sluagh a’ bhad ud nan creutairean aineolach, gun mòran foghlaim aca air Creideamh: ach bidh MacLeòid na Hearadh, an Stiùbhart aige, no cudeigin eile a chuireas e na àite, a’ seòladh gach bliadhna aig meadhan-samhraidh le ministear air choreigin airson a’ chlann a bhaisteadh; agus mur h-eil ministear aca, bidh iad fhèin a’ baisteadh na cloinne. Dh’innis an Stiùbhart fhèin dhomh gun do chleachd e bhith toirt aon mheasgan de bhraich an siud is measgan le saill; bhiodh a’ bhraich aige ga tìdeachadh, ach mus robh an t-saill ullamh thàinig muinntir a’ bhaile — na fir, na mnathan ’s a chlann — agus chuir iad an làmhan (mar a shaoil iad) dhan t-saill, ach nuair a thug iad mun airidh gum b’ e gràn milis a bh’ ann, cha do dh’fhàg iad braich no dràbh gun ithe, rud a choisinn gu robh na fir, na mnathan ’s a’ chlann fuar leis an daoraich gus nach robh iad comasach air seasamh air an casan.
Bidh an Stiùbhart seo a’ togail a’ mhàil na airgead, na mhairt-fheòil rèisd, na eòin fhiadhaich rèisd agus na ròin. Tha an t-eilean seo còrr air mìle a dh’fhad agus faisg air sin de leud, nì nach eil ri fhaicinn bho thìr sam bith no bho chladach. Ach ri taobh a’ chladaich tha trì cnuic mhòra, pàirt de Hiort a tha ri faicinn bho rubhaichean fad’ às. Anns na ‘sgeir-eileanan’ tha iomadh caora eireachdail le aon nead seabhaig agus mòran de dh’eòin fhiadhaich. Ach tha an fhairge borb agus gu math dona airson duine a leigeil gu tìr air na h-eileanan ud. B’ ann le MacLeòid na Hearadh a bha an t-Eilean o shean.
Thug Blàr nan Leargan Gallta crìoch air cumhachd nan Lochlannach an Alba ann an 1265. Air chùl sin, an dèidh do Rìgh Alasdair III rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean a cheannachd bho rìgh Nirribhidh, chaidh na h-eileanan a tha tuath air Maol Chinn Tìre a chur air seilbhe sìol Shomhairle. Bha Hiort anns an àireamh eileanan sin.
Anns a’ cheathramh linn deug bha na h-eileanan Gàidhealach air an riaghladh le morair aig an robh cathair an Ile, ann an caisteal a bha air a thogail air eilean ann an Loch Fionn-lagan. B’ e am morair sin Iain Dòmhnallach, Buachaille nan Eilean. Thug esan eilean Hiort agus fearann eile dha mhac Raghnall, is chaidh a’ chòir-fearainn sin a cheadachadh le Rìgh Raibeart II. An dèidh ginealach no dhà, bhris cumhachd Iain Dhòmhnallaich sin (Clann Raghnaill) agus chaidh còir Hiort a thoirt do Dhòmhnallaich Shlèite.
Ann an linn MhicAmhlaigh chunnacas gu robh caochladh eile air a thighinn air an uachdaranas.
An-diugh tha an t-eilean le Tormod MacLeòid, oighre a’ chinnidh sin. Tha e air a bhith air seilbh a’ chinnidh sin airson dà cheud bliadhna. O chionn trì ginealaichean thug an t-oighre gabhail-fearainn de Hiort, ’s gach nì co-cheangailte ris an eilean, do mheur den chinneadh anns na Hearadh. Agus tha am fear-gabhail anns an teaghlach cheudna sin chun an là an-diugh.
Tha màl aon nota deug sa bhliadhna air an eilean, agus thathas a’ togail sin ann an airgead no ann an luach. ’S e an Stiùbhart a their iad ris an fhear-gabhail, agus bidh esan a’ dol gu Hiort airson am màl a thogail gach samhradh. Airson sin a dhèanamh feumaidh e bàta tapaidh Gàidhealach a bhios comasach air gràn, itean is gach ionmhas eile a ghiùlain. Bidh am bàta a’ toirt an luchd chun na Hearadh, far a bheil an Stiùbhart a’ còmhnaidh. ’S e turas cunnartach a tha eadar na Hearadh agus Hiort.
Bha aimsir ann anns am biodh ceannardan a’ chomainn ud iad fhèin a’ siubhal gach bliadhna gu Dùn Bheagain airson am màl a phàigheadh. A rèir beul-aithris, bhiodh mnathan-glùine no bodaich a’ baisteadh na cloinne air Hiort seach nach robh ministear aca. Nuair a dheigheadh an sgoth a Dhùn Bheagain, bheireadh i leatha feadhainn den t-sluagh airson gun deigheadh am baisteadh fo urras na h-Eaglaise, le ministear. Chaidh innse dhomh gun deach sinn-seanair MhicLeòid (oighre an là an-diugh) an urras air bodach agus a mhac, a bha na inbheach aig an àm; agus cuideachd gun deach càraidean a phòsadh aig an àm sin a bha air a bhith air an taigheadas mar chuideachd-phòsda airson iomadach bliadhna, gun a bhith fo cheangal na h-Eaglaise.
Bhiodh an Stiùbhart a’ togail a’ mhàil ann an riochd clò, clòimh, itean, feòil, eòin, ola, crodh, eich, caoraich no eòrna. Nam biodh barrachd dhe na rudan sin air an eilean na bha dhìth air an t-sluagh, bheireadh an Stiùbhart sin air falbh anns an luchd agus phàigheadh e na Hiortaich luach na malairt air an ath shamhradh. Ach cha robh a h-uile Stiùbhart cho ceart, ionraic ’s bu chòir dha. Aig deireadh na seachdamh linn deug, dh’fheuch an Stiùbhart ri caora a thogail bho gach teaghlach a bha air an eilean, ach dhiùlt na Hiortaich sin a thoirt dha. Sheòl còmhlan às na Hearadh, ’s iad fo armachd is ullaichte airson fòirneart a chur air na Hiortaich. Ach nuair a ràinig iad ’s a thòisich iad a’ cròdhadh nan caorach, sheas sluagh an eilein aca agus thug iad ionnsaigh orra le biodagan agus le slatan iasgaich. Gu dearbh, a rèir beul-aithris an eilein, thug na Hiortaich uiread de dhùbhlan dhaibh ’s gum b’ fheudar dha na coigrich tilleadh chun na Hearadh gun fiù ’s adhairc caorach aca anns an tuim.
Ann an 1730 thàinig a’ bhreac dhan eilean, agus chreach sin an sluagh. A-mach à aon teaghlach fichead, cha do theàrn ach ceathrar inbheach agus sia dìlleachdain thar fhichead. Chun na h-ìre sin, tha e glè choltach gu robh an sìol dhaoine a bha air Hiort air a bhith anns an eilean, gun mòran atharrachaidh a thighinn air, airson iomadh linn. Bha na fireannaich, a rèir Mhàrtainn Mhàrtainn, gun fheusagan a’ fàs orra; tha e ag ràdh gu robh an aodannan lomnochd gus an tigeadh feusag thana orra fo an sròin nuair a bhiodh iad mu dhà fhichead bliadhna. An dèidh Bliadhna na Brice, thàinig cuideachd ùr gun teagamh dhan eilean, à Innse Gall. ’S bho thòisich luchd-turais a’ dol a Hiort an toiseach le camarathan, tha na deilbh air a bhith sealltainn mòran dhe na fir is feusag dhùinte orra.
Ochd bliadhna fichead an dèidh Bliadhna na Brice, bha an t-Urr. MacAmhlaigh a’ dèanamh sgrùdadh air cinnidh agus air sloinnidh:
Tha an sliochd a bh’ ann bho thùs air an sloinneadh MacIlleMhoire agus MacIlleRiabhaich. Tha e coltach leam gun tàinig a’ chiad sloinneadh (MacIlleMhoire) à Leòdhas, far a bheil an t-ainm fhathast maireann, agus an dàrna
fear à Uibhist. Tha Clann IlleRiabhaich rudeigin mòr asta fhèin a chionn ’s gu bheil iad a’ dleasadh càirdeis ri Caiptean Chlann Raghnaill, leis a bheil Uibhist a Deas. Ach a’ gabhail alla ris an t-seòrsa Gàidhlig a tha air Hiort, an dòigh a tha aca air an talamh a ghrèidheadh agus air an aodach a dheasachadh, theirinn gun tàinig a’ mhòr-chuid den sinnsireachd à ceann a tuath an Eilein Fhada. Tha amharas agam nach robh an dà chinneadh a dh’ainmich mi idir air Hiort anns an Aois Og, ach gun deach an t-eilean fhàsachadh barrachd air aon uair bho chaidh daoine ann aig toiseach tòisich, ’s mar sin cuideachd gun deach ath-phlanndrachadh a dhèanamh air le sluagh uair is uair. Goirid an dèidh dha na daoine dhol ann, fhuair morair air choreigin ann an Uibhist, anns na Hearadh no an Leòdhas uachdaranas air. Tha e follaiseach, nan tachradh gun dìochuimhnicheadh an t-uachdaran an t-eilean airson beagan bhliadhnachan, agus nan deigheadh an aona sgoth a bh’ anns an eilean a dhìth, tro chaitheamh nàdarrach na tro aimlisg, gun deigheadh an sluagh a dhìth cuideachd, agus gun crìonadh iad nan àireamh. Teirigeadh an acfhainn fearainn aca; cailleadh iad na dubhanan a bh’ aca airson an iasgaich; bhiodh iad eu-comasach air ruigheachd air na h-eileanan beaga ’s na stacaichean far a bheil a’ mhòr-chuid de na h-eòin mhara ’s na h-uighean rim faotainn, agus chailleadh na Hiortaich gach beòshlaint a bh’ aca, ach am beagan cùl-taic a gheibheadh iad bhon chrodh. Seach gum biodh na cinn-chinnidh ’s na morairean a’ cogadh an aghaidh càch-a- chèile, uaireannan airson iomadh bliadhna, agus seach gu bheil eachdraidh a’ sealltainn gu robh na Hiortaich dualtach air a bhith call nan sgothan a bh’ aca, tha mise a’ làn-chreidsinn nach tàinig MacIlleMhoire agus MacIlleRiabhaich gu Hiort gus an tàinig daoine gu bhith gan sloinneadh fhèin (anns an dòigh Ghallta) air far-ainm, an àite bhith ga dhèanamh air an athraichean. Cha tàinig an nòs sin dha na h-eileanan iomallach gu bho chionn ceithir chiad bliadhna (anns a’ cheathramh linn deug).
Ann an 1799 chaidh na Hearadh agus Hiort a reic ris a’ Chaiptean Alasdair MacLeòid air £15,000. Anns an leth-cheud bliadhna an dèidh sin, chaidh am fearann a reic a-rithist dà uair, ach ri buill de Chlann MhicLeòid. Ann an 1871 thug Tormod MacLeòid, an dàrna ceann-cinnidh thar fhichead dhen t-sliochd sin, £3,000 air Hiort. Lean an t-eilean air seilbhe prìomh theaghlach a’ chinnidh sin gu 1934, nuair a reic an Ridire Raghnall MacLeòid e ri Marcas Bhòid.
Mar a tha fhios againn uile, chaidh an t-eilean fhàsachadh ann an 1930. Bho àm an Dàrna Cogaidh chuireadh saighdearan Breatannach air Hiort airson sùil-bheachd a bhith aca air soithichean-cogaidh na Ruis agus air rocaidean a chuireadh a’ sraonadh a-mach dhan Chuan Siar à Uibhist a Deas. Tha an uireas sluaigh a thàinig à Hiort ann an 1930 air feadh an domhain, a’ mhòr-chuid aca gun aithne no eòlas air Conachar, lomhainn no budhaigir! ’S gann gu bheil guth an-diugh ri chluinntinn air Hiort ach guthan eòin-mhara agus guthan Shasannach a tha nan coigrich ann, glèidhte ann am barags airm, os cionn Bàgh a’ Bhaile.
Air an 10mh latha dhen Lùnasdal 1987 thadhail an Dr. Bernd von Droste, Neach-stiùridh Saidheansan Eigeòlas à Paris, eaglais a’ Bhaile. An sin rinn e seirbheis anns na shònraich e, ann an ainm UNESCO, an cròileagan eileanan fon ainm St Kilda mar World Heritage Site. ’S ann gu math tearc a tha na badan air feadh an t-saoghail a tha air an comharrachadh anns an dòigh sin. Chaidh an luach sin a chur air Hiort mar àite anns a bheil ‘eachdraidh chultarach agus ionmhas nàdair gu bhith air an dìon mar phàirt de dhìleab phrìseil sluagh an t-saoghail’.
title | 1. Na Hiortaich: Cò Iad is Cò As? |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |