[27]

10 Cion Bramach Innilt

Ann am meadhan na naodhamh linn deug, fhads a bha Alasdair MacIlleMhìcheil air a chuairt an Uibhist, ational beul-aithris agus bàrdachd, chualas eachdraidh air mar a bhiodh na Hiortaich atadhal an eilein nuair a thigeadh cruaidh orra. Bha cuimhne mhath air aon earrach air an tàinig achurrach Hiortach gu Baile Raghnaill airson sìol-cura fhaighinn. Tha e coltach gu robh an t-arbhar aca fhèin gu ìre bhig air a chall le droch aimsir na bliadhna roimhe. Nuair a leum iad gu tìr, thàinig muinntir an àite timcheall airson an cuideachadh. Nuair a chaidh an còbhnadh aig Baile Raghnaill le aodach tioram agus biadh, shuidh iad ris an teine aseanchas fhads a bhathas ag ullachadh nam pocannan sìl dhaibh. Bha an seanchas a bheadar iad fhèin agus bean MhicDhòmhnaill Bhaile Raghnaill ann am beul-aithris na sgìre airson ùine mhòir an dèidh sin.

Seo mar a tha pàirt dheth aig MacIlleMhìcheil. Nuair a rachadh ceist fhaighneachd, fhreagradh na h-ochd Hiortaich dheug a bha an làthair mar gum bann leis an aona ghuth agus leis an aona ghruaim.

Am bi pòsadh agus baisteadh agaibh ann an Tiort?”

O ghàag (ghràdhag) ghaolach, cha bhi pòsadh no baisteadh againnis ann tha sinn chun a dhol a dhìth. Ciamar a phòsadh no a bhaisteadh sinnnach deug abhramach-innilt? Agus chan urrainn dhuinne clann a bhith againn, agus is ann a tha sinn, a ghàg, an annar a dhol a dhìth.”

Ciod e an rud a tha anns abhramach-innilt?”

Tha, a ghàag, am boireannach a tha am bun na bratha (mnatha) a tha cur na cloinne chun an t-saoghail.”

A rèir MhicIlleMhìcheil, ged a bha na h-Uibhistich adèanamh ath-aithris air a chainnts a chonaltradh a bhaig na Hiortaich, cha bann amagadh orra a bha iad idir. ’S ann a bha truas agus carthannas aca riutha. Agus, gu dearbha, tha sin ri chreidsinnoir an dèidh do mhuinntir Bhaile Raghnaill achurrach Hiortach a chur air bhog, ’s i trom anns an uisge agiùlain nan ochd duine deug agus an luchd sìl, sheas iad gu h-iomagaineach acoimhead nam maraichean acogadh an aghaidh na fairge, afeuchainn ri tilleadh dhachaigh.

Ach, gu -shealbhach, cha do theàrn achurrach. Chaidh a slugadh, i fhèin agus gach duine a bha air bòrd, ann an tonnan aChuain Siar. Chan eil cunntas air an linn anns na thachair an aimlisg seo, mas fìor an sgeula, ach faodar a bhith cinnteach nach robh neach innte nach robh treun, tapaidh. Feumaidh e bhith gur e buille dhòrainneach a bhann ann an coimhearsnachd a bha, a rèir cunntais, mu thràth air a lùths a chall agusan annar a dhol a dhìth”.

Ged as inntinneach an sgeula, tha ceist no dhà mu timcheall a tha acur teagamh gu bheil i gu h-iomlan fìor. Tha MacIlleMhìcheil (anns an leabhar Carmina Gadelica) asgrìobhadh gu robh ochd duine deug aseòladh ann amfrail coracle’. Mar as trice, cha sheòl ann an coracle ach aona neachdithis aig achar as mothaagus sin ann an uisge rèidh air loch no abhainn. Tha e cuideachd duilich amais air an t-seòrsa soithich anns an robh ochd duine deug deònach air a dhol gu muir eadar Hiort agus Uibhist. Carson a bhiodh àireamh cho mòr innte? An ann airson iomradh? Airson taomadh? Ciamar a bha iad comasach air iad fhèin a bheathachadh air an aiseag? Ciamar a bhiodh soitheach cho tomadach comasach air na bhinnte de dhaoine agus de luchd a chur air tìr ann a Hiort, far nach robh laimrig no caladh?

A dhaindeoin an teagaimh a tha na ceistean sin atogail, tha amharas gu robh bunaitean fìrinneach fon sgeula. Bha Baile Raghnaill air tuath cho torrach, beartachs a bha an Innse Gall. Nach biodh e nàdarrach a-rèisde do mhuinntir Hiort, a bha gann de chrannchur, a thighinn a Bhaile Raghnaill le uirsgeulan air cho cruaidhs a bha am beatha? Nach biodh e cuideachd dualtach dhaibh na h-uirsgeulan a dhèanamh rudeigin ràbhartach, gu ìre gearain a dhèanamh air mar a tha Hiort atuiteam bhuaithe leis a h-uile seòrsa eireapaiscion sìol-cura, cion pòsaidh, cion chloinne, cion bramach-innilt, agus cion a h-uile rud a shaoileadh iad a ghluaiseadh coigrich gu carthannas?

title10. Cion Bramach Innilt
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page