14 Fearchar Mòr agus an Dùgan
Gu tric, thug an saoghal a-muigh chun an eilein cobhair a chuidich e à iomadach seòrsa deuchainn agus tabhoinn. An aghaidh sin, tha eachdraidh agus beul aithris ag innse gun tug eilthirich iomadach seòrsa èiginn a-mheasg sluagh Hiort. Thugadh eucailean gabhaltach thuca; bhiodh soithichean an Riaghaltais a’ goid nam fireannach; a rèir coltais, bhiodh reubaltaich cuideachd gan spùilleadh; ’s gu coitcheann bhiodh luchd-tadhail a’ dèanamh tàire orra ’s gam magadh, agus bhiodh sin gan gonadh. Ach tro gach èiginn agus dìmeas a bha nan eachdraidh, cha tàinig creach a-riamh orra, a rèir beul-aithris, a bha na bu sgriosaile na a’ chreach a thug Leòdhasaich orra anns an Aois Oig. Chan eil fhios an-diugh cuin a bh’ ann, no dè a b’ adhbhar dhaibh a dhol gu Hiort; ach bha an eachdraidh aig Fearchar Mòr agus aig an Dùgan (an dithis Leòdhasach) ann am beul an t-sluaigh o chionn còrr is ceud bliadhna.
Thàinig Fearchar Mòr agus an Dùgan gu Hiort agus thug an sluagh aoigheachd dhaibh. Air latha sònraichte, dhìrich an dithis gu mullach Oiseabhal, agus cha bu luaithe a ràinig iad suas na thill iad ’s an anail nan uchd. Dh’èigh iad gu robh iad air cabhlach Sasannach fhaicinn, a’ dèanamh air a bhaile, ’s nach b’ fhada gus am biodh na nàimhdean air muin an t-sluaigh. Anns an aon anail, ghuidh iad ris an t-sluagh iad fasgadh a ghabhail. Chrò iad na truaghain bhochda ro chreidmheach chun na seipeil, a’ stèineadh dhaibh nach cuireadh nàmhaid beud orra nan gabhadh iad grèim air adhaircean na h-altrach. Cho luath ’s a bha an sluagh air an tasgadh am broinn na seipeil, ghlas an dà chealgaire an doras a gus chuir iad teine ris an tughadh. Shuidh Fearchar Mòr agus an Dùgan air carragh ag èisdeachd glaodh nan Hiortach, gus an deach an togalach agus gach neach a bha na broinn a losgadh. Ach thurchair gun do theàrn aona Hiortach. B’ ise seann chailleach a bha air a bhith a-muigh anns a’ Ghleann Mhòr aig an àm a’ buachailleachd chruidh. Nuair a dh’fhairich a’ chailleach fàileadh na deathaich, chaidh i air falach ann an uaimh shuas aig Ceann a Deas a’ Bhàigh. Dh’fhan i an sin airson grunnan mhìosan, ga cumail fhèin beò air uighean agus eunlaith, agus air biadh a bha i a’ goid air na murtairean ann an àmhar na h-oidhche.
Botha an Dùgain air Sòdhaigh
Aig deireadh an t-samhraidh, thàinig am maor leis a’ bhìrlinn chun an eilein is chaidh na Leòdhasaich sìos chun a’ chladaich na choinneimh. Bha an dà chealgaire am meadhan uirsgeul bhrònach bhreugach nuair a chualas guth na caillich a’ caoineadh am measg nan creag. Mu dheireadh nochd i i fhèin, agus choisich i sìos chun na mara. Faodar a thuigsinn an t-eagal a ghabh Fearchar Mòr agus an Dùgan, agus a’ chrith eagail a thàinig nam feòil nuair a thòisich i a’ foillseachadh na fìrinn. Ghabh am maor agus na fir a bha còmhla ris grèim air na Leòdhasaich agus rinneadh cùirt far an robh iad air a’ chladach. Cha b’ fhada gus an tug am maor a-mach a bhinn. ’S b’ e sin gu robh Fearchar Mòr agus an Dùgan ciontach air sluagh an eilein a mhurt. Mar pheanas dh’òrdaich am maor an dithis a chur ann am braighdeanas air Stac an Armainn, far nach biodh grèim aca ri ithe ach feòil amh nan eun. Nuair a bha a’ bhìrlinn a’ tarraing dlùth air an Stac ’s na prìosanaich innte air an ceangal, nach ann
Mu dheireadh, chuir am maor an Dùgan air tìr air Sòdhaigh. Ann an sin rinn an duine suarach sin dachaigh dha fhèin. Thog e balla-cloiche airson an dachaigh a dhìon bhon ghaoith a tuath. Chun an là an-diugh tha an uamh agus am balla-cloiche air an ainmeachadh air an Dùgan, ‘Botha an Dùgain’.
Nuair a chaidh Iain Sands a Hiort ann an 1876 thug e an cunntas sa air an àite-còmhnaidh.
Fhuair e fasgadh fo sgeir mhòr a tha a’ sprodadh a-mach às a’ ghrunnd mar a tha an t-iarann a’ sprodadh às an locair. Dhoimhnich e an t-ùrlar le a sgithinn-dhuibh. Thog e an uair sin gàrradh-cloiche aig beulaibh agus mu chliathaichean an fhasgaidh gus nach robh air fhàgail ach doras mu dhà throigh a mheud. Chaidh a chnàmhan ’s a sgian fhaighinn anns a’ bhotha bliadhnachan an dèidh sin. Mar dhachaigh chan eil ann am ‘Botha an Dùgain’ ach cùil bhochd. Tha i air a h-iadhadh le ulbagan mòra, agus chan eil i idir furasta a coimhead. A h-uile samhradh bidh sianar chaileagan a’ fuireachd innte fhad ’s a bhios iad a’ sealg bhùthaigearan air los nan itean.
title | 14. Fearchar Mòr agus an Dùgan |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |