15 Cha B’ e Sgiobadh na Faiche
Cha b’ e sgiobadh na faiche
Ghabh Diciadain an t-aiseag;
Gur e sgeula nan creach mura beò sibh.
Gur e chùm sibh cho fad’ uam
Am muir àrd ’s a’ ghaoth chas oirbh,
Chòir nach d’fhaod sibh an ceartuair thoirt seòl dhith.
Gur e turas gun bhuannachd
Thug air falbh an duin’ -uasal
Gus an t-aon mhac thoirt uamsa seo Dhòmhnall.
Dh’fhalbh mo mhac ’s mo thriùir bhràithrean,
Aona mhac piuthar mo mhàthar;
Sgeul as cruaidh’ thig no thàinig, m’ fhear pòsda.
’S e chuir mi tharraing na luatha
’S a thoirt leis air an ruamhar,
Na fir a bhith uam ’s gun bhrath beò orr’;
Mi gun shùgradh gun mhire
Am shuidh’ air ùrlar a’ ghlinne –
Tha mo shùilean a’ sileadh, ’s tric deòir orr’.
title | 15. Cha B’ e Sgiobadh na Faiche |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |