[37]

17 DDhà Shùil Bheag Bhiolach

Ddhà shùil bheag bhiolach
Gham choimhead tron toll,
S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
Tha càch aig am beinn, ’s tha misaig achloinn,
S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
Ddhà shùil bheag bhiolach
Gham choimhead tron toll,
S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
Ma thig Ailean gu bailes gu ruig e dhalam
Bidh sinn aoibhneach, O; bidh sinn aoibhneach, O.
Ddhà shùil bheag bhiolach
Gham choimhead tron toll,
S cha leig mi ort; cha leig mi ort.

Chaidh an luinneag seo a thogail anns na Hearadh an 1952 le Seumas Ros à Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha Seònaid NicLeòid às na Hearadh air an t-òran ionnsachadh bho Hiortaich a bhiodh atadhal air stèisean nam muc ro àm aChiad Chogaidh. Bha na facail aice gam fuaimneachadh dìreach mar a bha iad aig na Hiortaichbhiolach (bhiorach) agus dhalam (orm).

S iongantach mura robhas aseinn na luinneig mar thàladh. Ach nach bu neònach do mhàthair a bhith os cionn naoidhein ann an creathail a crònan, “Ddhà shùil bheag bhiolach”?

Tha iomradh air càch a bhith a-muighaig am beinnfhads a tha am bàrd aig an dachaighaig achloinn’. an obair a bha càch adèanamh? Bha iad asealg abhuthaigir agus an sgrabaire, a bhios ag àrach an àil anns na tuill ann an àitichean falaichte iomallach, dìomhair. Gun teagamh, tha shùil bheag bhiorach ann an ceann eòin.

Sgràbairean

title17. D’ Dhà Shùil Bheag Bhiolach
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page