[38]

18 Ceòl agus Dannsa

Tha na sgrìobhaidhean a chaidh fhàgail againn asealltainn mar a thàinig caochladh air inntinn nan daoine anns an cheud bliadhna mus deach an t-eilean fhàsachadh. Aig toiseach tòiseachaidh, bha na daoine gu math na bu shaoire nan dòigh. Bha pailteas àbhachd agus cuir-seachad aca. Bha iad ceòlmhor air leth. Seo mar a chunnacas iad anns an ochdamh linn deug leis an Urr. Coinneach MacAmhlaigh.

Tha cumhachd ciùil anns a h-uile àite, agus chan eil Hiort anns an dòigh sin eu-coltach ri àite sam bith eile. Tha na daoine cìocrach air ceòl, biodh e à beul no à inneal-ciùil. Cuiridh gleusadh nan teud ann an suain iad, agus chunnaic mi iad adannsa gu h-èasgaidh ri ceòl a bhathas acosnadh à droch fhidheall. Gabhaidh eadhon na cailleachan com-pàirt ann an còmhlan a thig ri chèile airson seinn no airson dannsa. Agus chan eil duine anns achomann a gheibh duais no urram a gheibh deagh dhannsair.

S toigh leotha a bhith seinn òran, agus tha na guthan aca binn dha-rìribh. Nuair a thèid na mnathan a bhuain eòrna no a bhleith sìl leis achlach-bhràthainn, bidh iad aseinn. Agus bidh na fir acumail misneachd riutha fhèin air na ràimh, fhads a bhios iad acumail rian air an iomradh, le bhith seinn dhuanag. Bhiodh fir-iomraidh


[39] eòrna no a bhleith sìl leis achlach-bhràthainn, bidh iad aseinn. Agus bidh na fir acumail misneachd riutha fhèin air na ràimh, fhads a bhios iad acumail rian air an iomradh, le bhith seinn dhuanag. Bhiodh fir-iomraidh anns an Ròimh is ann aGhrèig adèanamh an aon rud ann an linntean o chian. ’S mathaid gu bheil cuid ann a their nach eil bàrdachd air a bhuileachadh air daoine nach eil foghlamaichte ann an litreachas. Ach tha Hiort adearbhadh nach eil sin idir ceart, oir ged a tha an t-eilean fiadhaich ann an iomadach dòigh, tha e fìor gu bheil spiorad na bàrdachd abrosnachadh an t-sluaigh. Bòidhchead nan caileagan, subhachas chàirdean, ealantas asreap nan creag agus ag iasgach, an neart ri iomradh no an tapachd an aghaidh stoirmsin feadhainn dhe na cuspairean a bhios aca nam bàrdachd.

Am Ministear atoirt comhairle air an òigridh! (Iain Sands)

Ceithir fichead bliadhna an dèidh dha na facail sin a bhith air an sgrìobhadh, chunnacas gu robh latha eile air a thighinn air Hiort.

Tha an sluagh air fad nan luchd-aideachaidh san Eaglais Shaoir. Bidh iad adol dhan eaglais trì tursan air an t-Sàbaid agus adol dhan choinneamh a h-uile Diciadain. Latha muladach a thann an Latha na Sàbaid. Thèid clag a bhualadh, agus cho luaths a chluinneas an sluagh a gliong coisichidh iad gu cabhagach chun na h-eaglaiss an cinn crom, an sùilean ri làr agus an aodannan muladach. Tha iad ameas gu bheil e peacach dhaibh sealltainn chun na làimhe deise no chun na làimhe clì, agus tha e duilich do choigreach creidsinn gur ann adol a dhèisdeachd ri naidheachd an t-Soisgeil a tha iadan naidheachd as toilichte, subhach a thàinig a-riamh gu mac an duine. Saoilear gur ann a thèid iad le fiamh air eagal gu bheil an Sàtan adol gan sadadh dhan t-Sloc. Cha tèid guth os cionn sanais, agus bha mise fo leòn nach robh iad adol gu Taigh an Tighearnas an guthan gan gleusadh, agus an inntinn aighearach amoladh an a thug sinn à braighdeanas tro Shoisgeul a Mhic naoimh. Thionail na Hiortaich bhochd an-uiridh fichead nota airson susaintèisean na h-Eaglaiscnap mòr airgid a thàinig à sporanan a bha ro aotrom bho thùs.

title18. Ceòl agus Dannsa
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page