19 A’ Bhanais Hiortach
Chaidh an t-Urr. Alasdair Bochan a Hiort ann an 1705, agus fhad ’s a bha e na mhinistear ann sgrìobh e ann am Beurla cunntas air cleachdaidhean an eilein. A rèir an leabhrachain a dh’fhoillsich Sìne, nighean a’ mhinisteir, ann an 1752, chaochail Alasdair ann an 1730, ‘le droch fhiabhras’. ’S neònach mura b’ e a’ bhreac, a dh’fhàsaich an t-eilean gu ire bhìg aig an àm sin, a thug dha bàs. Chan eil mòran anns an leabhrachan ach obair Alasdair fhèin, ach anns an ro-ràdh tha Sìne ag innse gum b’ ise aon de theaghlach anns an robh trì neach deug, gun deach a cur gu tìr-mòr airson gum faigheadh i sgoil; gun deach am bàta air na sheòl i às an rathad air Ceann Tìre, gun d’fhuair i oideachadh an Glaschu, ’s a-rithist an Dùn Eideann. Ann an Dùn Eideann fhuair i droch mhilleadh aona latha nuair a chaidh each air a’ chuthach. Bhriseadh a carbad ’s a gàirdean cho dona ’s nach robh e comasach dhi a beòshlaint fhaighinn (mar a bha i an dòchas) ‘ris an t-snàthaid’. Nochd an leabhrachan ceithir bliadhna an dèidh Bliadhna Theàrlaich. Bha an saoghal air taobh a-muigh na Gàidhealtachd an aghaidh na Gàidhlig a bhith ga bruidhinn, agus chan eil dùrd anns an leabhrachan air cànan nan Hiortach!
B’ ann air seilbhe Diùc Chumberland a chuir Sìne a h-oidhirp. B’ e sin an Diùc air an robh ‘Am Bùidsear’ aig na Gàidheil mar ainm eadhon anns an linn ud, oir bha e ainmeil leis an truacantas agus an fheirg leis na smachdaich e a’ Ghàidhealtachd air chùl ar-a- mach 1745. Chan eil fhios an do ruig lethbhreac dhen leabhrachan an teaghlach rìoghail riamh. Ma ràinig, ’s mathaid nach robh an Diùc ro thoilichte a’ leughadh naidheachd air àbhachdas nan Hiortach a’ danns ri ceòl na pìoba-mòire. Bha Achd Pàrlamaid ann an 1747 air gach claidheamh is gunna is fèileadh is pìob-mhòr a bha aig na Gàidheil a thoirmeasg. Tha an leabhrachan feumail ann a bhith sealltainn gu robh daoine a’ falbh agus a’ tighinn eadar Hiort is tìr-mòr, is nach robh an t-eilean idir cho iomallach ’s gu robh e sgarte bho sgìreachan eile an Innse Gall agus air tìr-mòr. Tha e cuideachd a’ neartachadh, ann an iomadh seagh, an deilbh a thug Màrtainn Màrtainn dhuinn air àite far an robh cuideachd lùthmhor aighearach. Tha e gu math inntinneach leinn an-diugh foghlam mu fheadhainn dhe na nòsan a bh’ aca mus do bhuail a’ bhreac iad, m.e. an t-seirbheis-pòsaidh a bh’ aca.
Seo mar a bhiodh iad a’ toirt bòid a’ phòsaidh. Nuair a bha fear is tè airson pòsadh, bha e na chleachdadh dhan oifigeach a bha os cionn na seirbheis an coitheanal a ghairm gu Eaglais Chrìosda, a tha dlùth air a’ Bhaile. Bha dà eaglais eile ann – Eaglais Chaluim Chille agus Eaglais Bhrianain – ach b’ ann an Eaglais Chrìosda a bhathas a’ dèanamh nam pòsaidhean. Bha aig an oifigeach (no neach sam bith aig an robh ùghdarras a bhith os cionn na cùise) ri faighneachd dhan choitheanal an robh fhios aca an robh adhbhar riatanach aca am pòsadh a thoirmeasg. Mura labhradh duine le gearan, chuireadh e an dithis nan suidhe air stòl a’ phòsaidh agus chuireadh e orra na bòidean. An robh iad leagte ri seasamh a chèile tro gach toileachas agus gach trioblaid a bhiodh an dàn dhaibh? Nuair a dh’aontaicheadh iad gu robh, bheireadh e a-mach a’ bhiodag lomnochd, agus bheireadh e orra am mionnan a thoirt gun coileanadh iad a’ bhòid sin. Sin seachad, ghairmeadh an t-oifigeach gu robh a’ chàraid a-nis pòsda. Airson na bòidean a choisrigeadh, bheireadh e a’ chàraid nuadh-phòsda chun na h-altarach far an robh a’ chrois.
Bha a’ chrois faisg air troigh a dh’fhad agus air a dèanamh de phrais. Bha an corp air a dhealbh gu h-iomlan, bho a cheann
Chan robh a’ chrois idir air a gabhail mar phàirt de sheirbheis an adhraidh. A dh’aindeoin sin, bha an coitheanal a’ toirt urram dhi, agus nuair a bhiodh muinntir an eilein a’ toirt bòid sam bith, ’b ann ‘air a’ chrois’ a chuireadh iad an gealltanas.
An dèidh seirbheis a’ phòsaidh rachadh a’ chuideachd a dhanns, is a’ phìob-mhòr a’ cumail a’ chiùil riutha. Bu mhòr an t-àbhachdas a bhiodh nam measg. Anns an dòigh ud, phòs an t-Urr. Iain Caimbeul, Ministear na Hearadh, còig càraidean deug air Hiort ann an 1697. Ach chaidh an cruth sin, a bha uair air an t-seirbheis-phòsaidh, a chur à bith.
A’ Bhanais Hiortach (Na facail caillte)
title | 19. A’ Bhanais Hiortach |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |