20 A’ Bhreac
’S iongantach gu robh bliadhna riamh ann an eachdraidh Hiort nach robh air a comharrachadh le a h-uirsgeul dhubhach fhèin. Ach anns gach greadanadh agus tabhoin a thàinig air an t-sluagh, tha e iongantach gun tàinig sgrìob a-riamh cho dòrainneach orra ’s a thàinig anns a’ bhliadhna 1730. Tha toiseach na sgeòil anns an Fhoghar, 1729, nuair a bha sluagh tapaidh fallain anns an eilean, agus aimsir bhòidheach chiùin aca airson obair fuinn agus eunachd. Anns an Dàmhair, a chionn ’s gu robh dìth ghnothaichean-taighe air na mnathan, agus seach gu robh an aimsir cho math, dh’fhalbh seachdnar fhireannach leis an sgoth – an aon eathar a bh’ anns an eilean – agus ghabh iad iùil air làimhrig an t-Oib anns na Hearadh.
Thàinig iad dlùth air fearann na Hearadh aig Horgabost. Lean iad gu deas le pilleag siùil ris a’ chrann agus muir-tràghaidh an reothairt gan giùlain air an slighe. Bha na Hiortaich a’ fiughar ri an ceann-uidhe a ruighinn mus tigeadh an oidhche, agus shaoil iad gu robh a h-uile rud air an seilbhe. Ach seo, ’s ann a mhothaich iad fad astar mhìltean ri cladaichean na Hearadh gu robh faloisgean aig a h-uile baile. An siud ’s an seo, bha an deathach cho dùmhail a’ taomadh chun na mara ’s nach mòr gum faiceadh na maraichean na comharraidh air tìr. Thog sin deasbad nam measg, is iad a’ ceasnachadh leotha fhèin carson a bha na Hearaich a’ losgadh an cuid arbhair.
Thuirt fear aca gur ann a bha na Hearaich a’ losgadh fodar-tughaidh, an àite dhaibh a bhith ga chur gu math na talmhainn. Ach ’s ann a thuirt fear eile nach robh iad a’ losgadh ach connlach leapannan. Co-dhiù, chaidh an deasbad a bha sin air adhart, ach nuair a ràinig iad an t-Ob chual’ iad an sin an fhìrinn. Bha na teinichean gan lasadh air feadh na Hearadh aig na dachaighean a bha gam fàsachadh leis a’ bhreac. Sin an euslaint ris an abrar anns a’ Bheurla smallpox.
Nis, cha robh a’ bhreac a-riamh air eilean Hiort a ruighinn agus cha robh càil a dh’fhios aig na Hiortaich a bha air a thighinn gu làimhrig an t-Oib mun chunnart anns an robh iad. Bhruidhinn iad ri cailleach a bha air an tràigh a’ tional maoraich. Thug ise a’ chomhairle orra gun iad cas a chur air tìr, ach tilleadh dhachaigh.
Bha aona Hiortach air bòrd ris an abradh iad Dòmhnall Dòmhnallach, agus b’ esan fear aig an robh làn-dhùil tè de chlann-nighean na Hearadh a phòsadh. Nuair a chual’ esan an cunnart anns an robh a leannan, nach ann a leum e gu tìr. Dh’èigh e thar a ghuailne ri càch iad tilleadh air ais dhachaigh. Thill an sgoth gu Hiort agus dhùin dùbhlachd a’ gheamhraidh mu na h-eileanan.
Air an ath shamhradh thill na h-eòin agus thòisich na Hiortaich, mar bu nòs, a’ cruinneachadh uighean agus eunlaith; agus chaidh an sgoth le ceathrar fhireannach agus ochdnar chloinne gu eilean Bhoraraigh a ghlacadh nam buthaidean. Bha dùil gum biodh iad an sin airson trì seachdainean mus tigeadh an eathar air ais gan iarraidh. Co-dhiù, air an ath latha an dèidh dha na seòid a dhol air tìr air Boraraigh, nach ann a thàinig bàta às na Hearadh gu Bàgh a’ Bhaile leis an naidheachd gu robh Dòmhnall Dòmhnallach, a bha air a dhol air tìr anns an t-Ob a’ bhliadhna roimhe, air a bheatha a chall leis a’ bhreac. Chuir na Hearaich ciste bheag air tìr air a’ chladach. Innte bha a h-uile stiall aodaich is eile a bhuineadh do Dhòmhnall. Ach gu mì-shealbhach, cha b’ e tiomnadh a’ mhairbh an aon rud a bh’ anns a’ chiste. Nuair a chaidh an t-aodach a sgaoileadh aig an taigh-aire, bha mnathan an eilein gu lèir cruinn; ’s beag a bha dh’fhios aca, fhad ’s a bha iad a’ làimhseachadh an aodaich agus a’ caoidh Dhòmhnaill, gu robh iad a’ sgaoileadh an-lochdan na brice nam measg fhèin.
Mar a dh’ainmicheadh a cheana, cha robh galair na brice riamh roimhe air Hiort a ruigheachd. Co-dhiù, thàinig rotach an ceann dhà no trì làithean, ’s le sin cha robh càil a dhùil aig an sgiobadh a chaidh air tìr ann am Boraraigh gun tigeadh an sgoth thuca à Hiort. Ann an lùib na stoirm shocraich an aimsir, agus nuair nach do nochd an eathar dh’aithnich na fir gu robh rudeigin fada ceàrr air eilean Hiort. Bha na fir agus a’ chlann a bha air Boraraigh cleachdte gu leòr ri allabanachd nan eilean. Bha pailteas bìdh aca am measg nan eun. Bha fasgadh aca, agus cha robh an aimsir an dàrna cuid fuar no fliuch. Ach a dh’aindeoin sin bha uallach orra gu robh creach uabhasach air choreigin air grèim a ghabhail air an càirdean.
Aona mhadainn, ma-tha, fhuair iad lideadh air a’ chreach cheudna a bha sin. Bha a’ ghaoth air a thighinn mun cuairt chun an ear-dheas agus dh’èigh a’ chlann gu robh iad a’ faireachdainn fàileadh losgaidh — fàileadh coltach ri connlach ga losgadh. Chaidh seachdain an deidh seachdain
A’ dlùthadh air taobh siar na Hearadh
title | 20. A’ Bhreac |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |