21 Gur Ann Thall ann an Sòdhaigh
Anns a’ chruinneachadh a rinn an t-Urr. N. MacCoinnich tha an dà chur seo air an aon òran. Chaidh an dara cur fhoillseachadh san iris An Gàidheal, àireamh V, agus uair is uair bhon sin.
’S gur ann san t-samhradh a shiubhail
Rinn na h-uighean mo lèir-chreach,
Nuair a thugadh uam Iomhar –
Fàth mo mhisneachd gu lèir e.
’S gur ann thall ann an Sòdhaigh
Dh’fhàg mi ’n t-òg nach robh leumach –
Is tu nach falbhadh le m’ fhacal
’S nach innseadh na breugan.
Thu bhith muigh sa Gheodh’ Chumhainn
Gur cianail dubhach ad dhèidh mi;
’S thu bhith muigh feadh nan stuaghan
’S am muir gad fhuasgladh o chèile.
Ach seachd beannachd do mhàthar
Gad chumail sàmhach ri chèile –
Gu robh d’fhuil air a’ chloich ud
Is do lotan air leum oirr’.
’S gur diombach den eug mi,
Cha chaomhail leam fhèin e,
Nach leig thu gu d’ mhàthair
Gu i càradh do lèine.
Bidh mo chuid de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èigheach,
Is mo chuid de na h-uighean
Aig a’ bhuidhinn as trèine.
Bliadhn’ an t-samhraidh sa ’n-uiridh
Rinn na h-uighean mo lèireadh;
Gur ann thall ann an Sòdhaigh
Dh’fhàg mi ’n t-òg nach robh leumach.
Is tu nach falbhadh le m’ fhacal,
Is tu nach innseadh na breugan;
Gur diombach don eug mi –
Chan fhear gaoil domh fèin e
Nuair thug e uam Iomhar –
Fàth mo mhisneachd gu lèir e;
Bidh mo chuid de na h-uighean
Aig a’ mhuinntir as trèine.
Bidh mo chuid de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èigheach,
Thu bhith muigh sa Gheodh’ Chuinge,
’S gur cianail duilich ad dhèidh mi.
Bha do bhuill air a’ chloich ud
’S bha do lot an dèidh leum air;
Thu bhith muigh air na stuaghan
’S muir gad fhuasgladh o chèile.
Nuair thàinig do phiuthar
Cha robh sinn sùbhach le chèile
Cha tig thu gu d’ mhàthair
Gus càradh do lèine.
Seo facail an aon chumha mar a bha iad aig Mairead Dhòmhnallach a bha air mhuinntireas aig tuath Bhaile Ràghnaill an Uibhist a Tuath san t-Sultain, 1815.
Gura thall ann an Sòdhaigh
Dh’fhàg mi ’n t-òganach gleusda,
Urradh dhèanadh mo thacar,
’S tabhairt dhachaigh na sprèidhe.
’S ged a chaidh thu sa chreig ud,
Cha b’ e ’n t-eagal a lèir thu —
’S ann a rinn do chas sraonadh,
’S cha do dh’fhaod thu riamh èirigh.
Bha t’ fhuil air a’ chloich ud,
Bha do lòt an dèidh leumaidh.
Bha thu muigh air bhàrr stuaighe,
’S muir gad fhuasgladh o chèile.
Nuair a thàinig do mhàthair,
Cha do chàirich i ’m brèid oirr’;
Nuair a thàinig do phiuthar,
Bha sinn dubhach le chèile.
Nuair a thàinig do bhràthair,
Cha do chaomhainn e ’n èigheadh;
Bha sinn dubhach, is cràidhteach
Gad amharc an cèin uainn.
A sheachd beannachd nan càirdean
’S a lon làidir na feuma.
Tha mo chuid-s’ de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èigheach.
Tha mo chuid-s’ de na h-uighibh
Aig a’ bhuidhinn as treubhaich’;
’S ann thall ann an Sòdhaigh
D’fhàg mi ’n t-òganach gleusda.
title | 21. Gur ann Thall ann an Sòdhaigh |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |