3 Taigh an Stallair
Tha Boraraigh mu chuairt air còig mìle bho Hiort. Tha e trì chairteil a’ mhìle a dh’fhad agus cairteal a’ mhìle a leud. Mu cheithir-thimcheall tha bearraidhean àrd cas a tha cunnartach an dìreadh. Chan eil ach dà àite ann far a bheil a’ chas-chreag air briseadh sìos chun na mara far am faigh duine, nuair a bhios fèath air an fhairge, air leum air tìr. Tha an t-eilean air iadhadh le creagan àrda casa, a’ dìreadh gu aona bhinnean 1260 troigh os cionn na mara. Deas air a’ bhinnean sin tha leathad fharsaing chas air a bheil talamh rèisg agus far am bi sgaoilteach feòir san t-samhradh.
Ged a tha e duilich a chreidsinn gu robh sluagh uaireigin air Boraraigh, tha rudan rim faicinn a tha a’ dearbhadh gu robh sin ann. Tha iomadach linn bho chaidh an leigeil bàn, ach tha feannagan-taomaidh fhathast rim faicinn ann. Bha daoine ann cuideachd a bha comasach air clachaireachd, agus tha clachan ann chun an là an-diugh a tha mar chuimhneachan air mar a bha. Tha cleitean air an eilean dìreach mar a tha timcheall air Bàgh a’ Bhaile air Hiort. Ach tha cunntasan a chaidh a sgrìobhadh anns an 18mh ’s anns an 19mh linn ag innse mu thogalaichean air Boraraigh a tha an-diugh gun sgeul orra — togalaichean a bhiodh nan cùis-iongnaidh nam biodh iad fhathast slàn. A rèir an Urr. MhicAmhlaigh, a thadhail Hiort ann am meadhan na h-18mh linn, bha cearcall de chlachan-adhraidh air Boraraigh agus ‘teampall no caibeal’.
Thàinig eachdraidh annasach thugainn tro Anna Cheanadach, nighean bràthair Dhonnchaidh Cheanadaich à Aird Chatain, an ceistear a bh’ ann a Hiort ann an 1862. Sgrìobh Anna litir gu fear Captain Thomas air tìr-mòr anns an tug i iomradh air seanchasan a bha air a bhith aice ri Oighrig NicCruimein, am boireannach bu shine a bha air Hiort. Thuirt i gu robh deagh chuimhne aig Oighrig teampall a bha air Boraraigh fhaicinn na h-òige, ged nach robh dad dheth air fhàgail nuair a thadhail i an t-eilean mu dheireadh ach aona chlach, le sgrìobhadh oirre, a bha na seasamh anns an talamh. Bha gillean Hiortach air an togalach a thoirt às a chèile airson na clachan a bh’ ann fhaighinn, airson cleitean a dhèanamh. A thuilleadh air an teampall, bha Oighrig air innse do dh’Anna mu chloich-altair a bha air Boraraigh agus tèile a bha air Sòdhaigh.
l. Bàir an Ruighe
2. An Teallach
3. Ràth an Stallair
4. Ràth an Lighiche
5. Ràth nam Bearan
6. Na Simidearan
7. Leabaidh nan Con
8. Leabaidh an Teallaich
Seann Fhacail
bair – staran
righe/ruighe – àirigh
Bair an Ruighe – Staran na h-Airigh
bearan – fireannach òg
Ràth – daingneach; dùn fo thalamh
simidearan – simid/e - slacan; òrd fiodhda; cf. scimitar
Ach an togalach bu mhotha agus a b’ iongantaiche a bha air Boraraigh anns an t-seann aimsir, ’s e Taigh an Stallair — àite-
Tha àitichean-còmhnaidh coltach ri Taigh an Stallair ann am badan eile an Alba. Ann an Innse Gall tha an taigh fo thalamh ann an Tàbost, an Leòdhas, agus an taigh-làir air anLoch Portain an Uibhist a Tuath, anns an aon nòs. Ach ’s e an taigh-làir aig Hùisinis an Uibhist a Deas bu choltaiche ri Taigh an Stallair na chruth agus na chlachaireachd.
Seo mar a dh’innis Anna Cheanadach:
* Bha e air a thogail air stuadhan àrda de chloich a bha air am buain, bhathas ag ràdh, aig Dùn a’ Chaisteil ann am Bàgh a’ Bhaile. Bha e rudeigin cruinn na bhroinn le sgiobhanan tana a’ sprodadh a-mach às a’ bhalla, air am faodadh tu aodach a chrochadh. Bha sia crùban ann, gach tè le a h-ainm fhèin. Bha an Rastalla cho mòr ’s gu faodadh fichead duine cadal innte. Bha an Ralighe a-rithist, ach cha robh i sin buileach cho mòr. B’e am Beran an ath thè, agus ri taobh sin Shimidaran.
*Chuir Anna Cheanadach dreach Beurla air feadhainn dhe na h-ainmeannan a chuir i gu Captain Thomas. Chan urrainn dhuinn an-diugh ach amais air a’ bhreithneachadh aca — ’s dòcha mar seo: Rastalla – Rath an Stallair; rath, daingneach no dìon; stalla, bearradh àrd cas. ’S e stallair streapadair chreag. Ralaighe – Rath an Leigh no Rath Li. Beran – Am Beàrn no Rath nam Bearan; beara, facal a tha air a dhol a-mach à cleachdadh ach a tha a’ ciallachadh ‘fireannach òg’. Shimidaran – Rath nan Simidearan; simid – òrd no fairche. Dh’fhaodte gu robh luchd-cèaird aca a bha comasach air obair sgilear a dhèanamh, m.e. , an fheadhainn a bha a’ gearradh sgrìobhaidhean anns na clachan. Bair Rìgh: bàir, facal a chaidh à cleachdadh cuideachd agus a tha a’ ciallachadh ‘slighe’ no ‘frith-rathad’.
Tha na dhà sin comasach air mu chuairt air dusan duine a ghabhail. An uair sin thigeadh tu gu Leabaidh nan Con agus an dèidh sin gu Leabaidh an Teallaich. Bha clobhsa air cùl a’ bhalla a-staigh a leigeadh dhut a dhol bho aona chrùb gu crùb eile gun thu thighinn a-steach chun an teine. Nan rachadh tu a-mach tron doras ’s gun dìreadh tu suas mar gum biodh tu a’ dol a dh’ionnsaigh mullach an eilein, cha robh dad ann a tharraingeadh d’aire chun an taighe, gu h-àraidh ma bha an leac-mhullaich air a cur air — an toll a bh’ aca airson deathach na mònach a leigeil a-mach agus solas an latha a leigeil a-steach. B’ e am Bair-righ a theirte ris an doras air taobh na mara dhen fhàrdaich airson daoine a bhith mach ’s a-steach. Mu choinneimh a’ Bhair-righ bha òcrach fhada de luaithre airson an taigh a dhìon bho sèip na gaoithe.
A rèir a’ bheòil-aithris a bha aig Anna Cheanadach, chleachd Hiortaich a bhiodh a’ dol a Bhoraraigh, airson eunachd no sealg chaorach, a bhith a’ gabhail còmhnaidh ann an Taigh an Stallair. Lean an cleachdadh sin gu toiseach na 19mh linn. A rèir litir Anna, thuit am mullach na bhroinn ‘bho chionn fichead bliadhna’ (bha sin timcheall air 1842). Cha robh càil ri fhaicinn anns a’ gharbhlaich ach pàirt dhe na crùban. Ach bha cuimhne aig Oighrig NicCruimein a bhith am broinn Taigh an Stallair agus ‘sgrìobhaidhean’ fhaicinn air clachan ann.
Tha an cunntas a thug Anna eadar-dhealaichte ris a’ chunntas a thug an t-Urr. MacAmhlaigh air meud nan crùban. Cha tug MacAmhlaigh iomradh gu robh aona chrùb na bu mhotha na crùb eile. Bha e a’ meas gu robh an taigh comasach air còmhnaidh a thoirt do shia duine deug air a’ char bu lugha. Chan eil teagamh nach robh na Hiortaich a bha Anna air a cheasnachadh a’ gabhail cunntais ann an seann dhòigh nan Gàidheal, far an robhas a’ cur an teaghlaich anns an aon chrùb — cas fir ri ceann, cas fir ri ceann, ’s mar sin air adhart.
Tha e na chùis-iongnaidh gu robhas comasach air a leithid de thaigh a thogail air eilean cho crìon, cho neo-thorrach agus cho iomallach ri Boraraigh. Cò às a thàinig an àireamh fhireannach aig an robh an innleachdas, an neart agus an fheum air an taigh a thogail? Cò bhuaithe bha eagal aca, a choisinn dhaibh siubhal gu ceann a-muigh na Roinn-Eòrpa airson a dhol air falach fo thalamh? Ma tha e fìor gun tugadh na clachan a chaidh an sàs ann an Taigh an Stallair bho Rubha an Dùin air Hiort, ciamar a chaidh an giùlain tarsainn air còig mìle de dh’fhairge? Dè na h-innealan a bha aig na daoine airson na clachan a bhuain, agus dè an seòrsa bàtaichean a bh’ aca airson a leithid siud de luchd a ghiùlain? Dè an seòrsa uidheam a bh’ aca airson na clachan a thogail bho uachdar na mara suas gu làrach Taigh an Stallair?
Tha amharas gu robh beul-aithris Hiort ceàrr ann a bhith luaidh gun tàinig clachan an Taighe às an Dùn. Tha pailteas de chreig air Boraraigh fhèin a b’ urrainn na clachairean a chumail dripeil! Ge b’ e air bith cò às a thugadh na clachan, bha
Nuair a thug na Lochlannaich an t-ainm air Boraraigh o chionn mìle bliadhna, dh’fhaodte gu robh iad mothachail air an daingneach air an tug na Hiortaich Taigh an Stallair mar ainm; oir tha Boraraigh air a thighinn thugainn bho dhà fhacal Lochlannach — brogar (daingneach no dùn) agus ey (eilean).
Ach an cainnt muinntir Hiort fhèin tha an t-ainm air fhuaimneachadh mar Boighearaigh no Boighrea.
Anns an t-seann aimsir chaidh sgiobadh Hiortach gu Boraraigh agus ghabh iad còmhnaidh ann an Taigh an Stallair. Bha an sgiobadh trang air an eilean airson trì latha, ach mar bu tric a thachair, thàinig stoirm choimheach agus theirig an t-annlan a bha iad air a thoirt leotha nan cois. Bha na seòid nan suidhe ann an Taigh an Stallair a’ feitheamh ri turadh agus a miannachadh gum biodh grèim bìdh aca.
“O, nach ann agam an-dràsda,” arsa fear, “a bhiodh grèim feòla — grèim às an damh riabhach bu mhotha a bha riamh aig Mac ’Ic Ailein ann an crodh Chlann Raghnaill!”
Cho luath ’s a labhair e na facail sin, chualas gnùsdaich daimh aig an doras. Agus thuirt fear eile dha na Hiortaich, “Seo dhut, a laochain! Tha do roghainn a-nis agad. Theirig a-mach agus thoir thugainn uile grèim de dh’fheòil mairt!”
Ach bha eagal air a’ chiad fhear a dhol a-mach agus, seach nach èireadh esan, chan èireadh càch; ’s cha do charaich duine aca a-mach à Taigh an Stallair gu madainn. Nuair a thaom iad a-mach, bha an aimsir air traoghadh ’s bha a’ ghrian a’ spealgadh nan creag. Cha robh sgeul air damh Chlann Raghnaill, ach nuair a sheall iad ris an talamh chunnaic iad làraich ladhraich mairt far an robh am beathach air a bhith ag ionaltradh. Ged nach robh de dh’fheur air Boraraigh na chumadh mart beò fada, bha iomadach duine air Hiort a bha a’ gabhail ris an sgeula ud a bha air a bhith nam beul-aithris o chian. Bha sgeula eile aca a bha a’ dèanamh dheth gum b’ ann le Clann Raghnaill a bha Hiort nuair a bha an saoghal òg. Chan eil teagamh sam bith nach robh an ceangal sin eadar Clann Raghnaill ’s an t-eilean. Agus do dhuine sam bith a bha riamh na shuidhe ann an Taigh an Stallair air Boraraigh a’ fasgadh bho stoirm, chan eil e idir duilich a chreidsinn gu bheil gnùsdaich daimh agus rànail iomadach tathaich eile rin cluinntinn ann an onfhadh na gaoithe.
title | 3. Taigh an Stallair |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |