[21]

5 Trusgan

An t-Seachdamhs an Ochdamh Linn Deug

Anns an t-seachdamh linn deug bha feadhainn air an eilean (chan eil fhios an robh an sluagh air fad) a bha gan còmhdaich fhèin le craicinn chaorach. Tha sgrìobhaidhean anns an ochdamh linn deug ag innse gu robh achuideachd ealanta gu leòr air trusgan a dhèanamh de chraicinn nuair a thigeadh cruaidh orra. An àite phutanan, bhiodh cnàmhan eunm.e. , gob an trìlleachainaca acumail nan craiceann plòdhte ri chèile.

Aig toiseach na h-ochdamh linn deug, bha na fir air an còmhdach ann am peitean goirid a bha aruighinn gu am meadhan. Mun sin bha filleadh (plaide) air a phasgadh dùbailte. Bha am filleadh sin orra sìos gu an glùinean agus air a cheangal (cneasda) le crios. Bha bonaidean goirid aca dhen aona aodach ris an fhilleadh, ach air Latha na Sàbaid chuireadh iad orra bonaidean Gàidhealach a bha iad ameas na bu spaideile.

Nuair a bha Màrtainn anns an eilean, chunnaic e feadhainn a bha air trusgan de dhfhasan ùr fhaighinn. Be sin briogaisean a bha farsaing agus fosgailte aig na glùinean. Bhiodh stocainnean aodaich air na Hiortaich agheamhraidh agus cuaranan air an dèanamh de pheileid chaorach. Bhiodh iad air an casan luirmeachd as t-samhradh. Aig toiseach na h-ochdamh linn deug, bha aodach anairt aig na mnathan air an cinn, còmhnard air am beulaibh agus air an dromannan atighinn gu roinn fon guailnean.

Bha dual fuilt cho tiugh ri a lùdag crochaichte aig abhean Hiortach air gach lethcheann gu lag a bràghad, agus snaim aice air cinn nan dual.

Anns an ochdamh linn deug bhiodh na fir adèanamh gùintean nam mnathan. Bha an gùn air a cheangal aig am broilleach le bràiste cruinn de dhumha. Cha bhiodh brògan no stocainnean orra san t-samhradh. Nan robh brògan orra idir anns an linn ud, ’s e feadhainn air an dèanamh le craiceann an t-sùlaire. Bhathas agearradh ceann an t-sùlaire os cionn nan sùilean, agus be na bha air fhàgail dhen chnàimh cnap na bròig. Bha broilleach an eòin ga fhuaigheal ach gu robh toll ga fhosgladh dhan chois. Bha achas adol dhan chraiceann mar gum biodh ann an stocainn chumhang. Cha sheasadh bròg mar seo ach airson còig latha. Nam biodh an iteach ris an ùrlar, cha sheasadh i ach aona latha.

Adol dhan leabaidh, bhiodh lèine de chlò molach adol air gach fireann is boireann. Ged a bha e garbh, molach, bha an clò a bha iad afighe blàth, seasmhach. Cha robh aig na Hiortaich ach ceithir dathan nan aodachgeal, dubh, glas agus ruadh. Biad sin na ceithir dathan nàdarrach a bha aca airson rùsgan nan caorach a sgeadachadh. ’S e buidhe an aon dhath fuadainn a bhaca, ’s cha robh sin fhèin aca ach ainneamh. Ann am barail MhicAmhlaigh, cha robh an t-eòlas a bhaca air breabadaireachd ach suarach.

Bha a h-uile ceannard teaghlaich math air tàillearachd agus air greusachd. Bha muinntir an eilein ealanta air an leathar a chartadh le freumhan Achlaisean Chaluim Chille. Tha an lus sin pailt air Hiort. An dèidh dhaibh na freumhaichean a phronnadh agus a mheasgachadh ann an uisge blàth, chuireadh na Hiortaich an leathar am bogadh airson latha. An uair sin chuirte an leathar ann an lòn cladaich le smùr nam freumhaichean air a phasgadh anns na lùibean aige. Laigheadh e an sin fo chlachans e ga nighe leis amhuir-làn gus am biodh e deiseil airson sgian aghreusaiche.

Ann an 1727, seo mar a bha iad aluadh:

Tha an clò ga luadh air slatan air neo air brataichean a tha iad air a thoinneamh de chonnlach; uaireannan tha na brataichean sin air an dèanamh de chonnlach agus de thaodan sìomain, air an snìomh ri chèile. Obair chruaidh a thanns an t-saothair sa. Tha iad ga dèanamh, chan ann len làmhan a-mhàin, ach len casan cuideachd. Fhads a bhios iad aluadh, bidh iad mar as trice aseinn fad an t-siubhail, agus aona thè air thoiseach acur a-mach nan rann agus càch ga leantainn.

An Naodhamh Linn Deug

Lean am fasan na fir a bhith adèanamh an aodaichean fhèin. Bhiodh iad adèanamh dheisichean, sheacaidean, pheiteanan agus bhriogaiseande chlò ris an canadh iad cealtar. Bhiodh iad cuideachd agreusachd bhrògan, uaireannan le leathar mairt. Bha barr-iallan air na brògan sin a bha aceangal abhalt ri cùl na coise. Bu chaomh leis na fir am bonaid Gàidhealach. Bha na mnathan dèidheil air guailleachan


[22] dhen bhreacan a bhith orra air Latha na Sàbaid. Air làithean eile bhiodh beannagan crà-dhearg orra. Lean na cailleachan orra le curracan geala mun cinn, gu h-àraid air an t-Sàbaid. Bha iomadh fireannach agus leanabh air an eilean a bha casruisgte eadhon ann an Dùbhlachd agheamhraidh. Bho thàinig luchd-turais gu bhith gan tadhal na bu trice, dhfhàs fasan na caisbheairt na bu chumanta. Cha robh grìogagan no buill-maise dhen t-seòrsa sin idir cumanta. ’S math dhfhaodte gu robh oideachadh na h-Eaglais an aghaidh dhaibh sin a bhith aca. ’S e fir an eilein fhèin a bha adèanamh nan àilleagan a bha acabràistichean agus dealgain air an dèanamh de bhuinn airgid agus umha.

Nuair a thadhail Iain Sands iad ann an 1875 chunnaic e iad mar seo:

Tha aodaichean seasgair gu leòr orra, agus tha e soilleir leam gur h-e sin adhbhar dhaibh a bhith saor bho thinneasan sgamhanach agus eucailean eile. Bidh na fir adèanamh chòmhdaichean dhaibh fhèin agus dreasaichean dha na mnathan. Tha na gùintean a bhios iad adèanamh ann an nòs a tha gu math sean. ’S e dealg a tha air a dèanamh de dhubhan lìn-mhòir a bhios aca aceangal aghùin aig amhuineal. Bidh plèid gu tric orra, agus sin air a ceangal le bràiste a chaidh a dhèanamh de sheana sgillinn. Anns an t-seann aimsirs e gob Gille-Brìghde (an trìlleachan mòr) a bha aig na mnathan an àite abhràiste. Nuair a bhios aimsir bhruthainneach ann, bidh na mnathan rim faicinn air na creagan agus anns aghleann, gun bhad aodaich orra ach lèine chlòthadh. Nuair a bhios na fir dian anns na bearraidhean, cha bhi dad orra ach an t-aodach aotrom a bhios aca leth ri an craicinn. ’S e abhròg tionndaidh a bha aca mar chaisbheart gu bho chionn ghoirid. Cha robh balt idir air abhròig tionndaidh, agus chìte feadhainn aca fhathast aspaidsearachd air an t-sràid. Bha uair a bha bonaidean de chraicinn uain cumanta, ach chan fhaca mise riamh ach a h-aon.

Air an oidhche, ’s e fàd mònach air ceann maide a bhios aca airson an t-slighe a lasadh. Tha e air a bhith agam fhìn gam threòrachadh uair is uair.

Seo mar a chunnacas le Osgood H. MacCoinnich sa Chèitean an 1853:

Cha robh taigh agus cha robh pearsa nach robh neo-chùbhraidh le fàileadh ola an fhulmair. Bha greusachd agus breabadaireachd cha mhòr anns a h-uile dachaigh. Bha amhòr-chuid aca casruisgte, ach bha feadhainn le cuaranan orra nach robh dealbhach no idir cuimseach air an casan! Bha cuid eile aca le brèidean de dhaodach gorm mun sàilean. Cha robh snìomh, fighe, fuaigheal no sam bith eile co-cheangailte rin cuid aodaich nach robh iad adèanamh anns na dachaighean. ’S ann de chlòimh nan caorach fhèin a bha amhòr-chuid dhen còmhdachsgiortaichean agus briogaisean air an dath le guirmean a bha air a thighinn thuca ann an luchd bàta. Chìte na mnathan, a bha le gùintean cotaina-rithist air am fuaigheal anns na dachaigheanle bhann no thaod ceangailte mun clèibh. Bha aona bhann ceangailte fo na h-achlaisean agus am bann eile aig bun nan asnaichean.

title5. Trusgan
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page