[24]

7 Beathaichean Hiortach

Eich

Mus do dhfhàg na daoine, ann an 1930, cha robh each air an eileanagus bha sin air a bhith mar sin airson dhà no trì linntean. Chaidh aon nighean bheag a tha fhathast maireann air turas a Steòrnabhagh agus, nuair a thill i gu Hiort le a h-eachdraidh air abhaile mhòr, dhinnis i gur e each is cairt aon dhe na mìorbhailean a bha i air fhaicinn.

O chionn cheud bliadhna, bha deich eich air an eileaneich bheaga chruaidhe, gu math èasgaidh agus gu math dealbhach. Aig an àm sin bha eich lìonmhor air feadh nan eileanan, agus bhiodh e acur iongnadh air luchd-tadhail na h-eallaich na bha iad comasach air a ghiùlain. Bha Goill acumail a-mach gu robh buntanas eadar an seòrsa feòir air an robh na beathaichean sin ag inghilt agus an neart a bhannta. Bha aon fhear ag ràdh: “Tha am feur afàs ann an talamh gainmhich ri taobh na mara, agus air an adhbhar sin tha e air a neartachadh le smùirneanan a tha dualtach air fuil nam beathaichean a bhrosnachadh agus spionnadh a chur nan cnàmhan.”

Anns an t-seachdamh linn deug, bhiodh farpaisean aig na Hiortaich leis na h-eich.

Bha na gillean adol air dromannan nan each gun dhìollaids gun shrian. ’S cha robh umpa fhèin ach pilleag aodaich mun cruachanancoltach ri Innseanaich Aimeireagaidh. Bhiodh na Hiortaich astiùireadh an eich le grèim aca le aona làimh air amhaing.

Latha mòr toileach a bhann an latha nan Each! Bha na teaghlaichean adol chun na cluain a dhèigheachd ris na ridirean agus a chumail misneachd riuthadìreach mar a bhios uaislean Shasainn adol, anns an linn againn fhìn, gu Latha nan Each aig Ascot! ’S gu dearbha, nach bu mhath a bhith nan cuideachd!

Caoraich

S e na caoraich Hiortach na caoraich as sine gnè anns an Roinn-Eòrpa. Tha iad coltach ris na caoraich fhiadhaich a chaidh a chàllachadh agus a thugadh a Bhreatainn às an Roinn-Eòrpa bho chionn 5000 bliadhna, agus a bha cumanta anns gach rìoghachd mun cuairt bho chionn mìle bliadhna. A-mach às na caoraich dhonn dhfhàs treubhan ùra nas motha anns achorp agus le clòimh gheal orratreubhan a chaidh òrdanachadh le tùr nan tuathanachs nan cìobairean. Ach air Hiort agus air Sòdhaigh, far nach robh sgil luchd-grèidhidh atighinn nan lùib, mhair na caoraich dhonn leis an aona choltas is gnès a bha air caoraich mhìltean bliadhna air ais. Chan eil fhios cuin a chaidh na ciad chaoraich a chur air Sòdhaigh. ’S e sgrùdadh luchd-àrsaidheachd a dhinnseas anns na bliadhnachan ri teachd às a dhèirich an treubh a tha air an eilean. Anns an naodhamh linn deug bha caoraich le ceithir adhaircean air Hiort, ach chan fhacas gin dhiubh air an eilean bho chionn bhliadhnachan.

Chaidh na caoraich gheala uile a ghluasad à Hiort ann an 1930 agus 1931. Ann an 1932 chaidh còrr air ceud caora dhonn a thoirt air aiseag à Sòdhaigh agus a leigeil saor air Hiort, far na dhfhàs iad gu math lìonmhor. Aig amannan tha an àireamh cho àrd ri 1800, agus aig amannan eile cho ìosal ri 700. Thathas acumail a-mach gu bheil ceangal eadar soirbheachadh nan caorach agus feabhas aimsir an t-samhraidh, agus gu h-àraid cho maths a tha am pòr feòir air an eilean airson na caoraich-uan a bheathachadh.

title7. Beathaichean Hiortach
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page