8 Cas na Caora Hiortaich, ò!
Fonn: Cas na caora Hiortaich, ò!
Hiortaich, Hiortaich, Hiortaich, ò!
Cas na caora Hiortaich, ò!
B’ e siud a’ chas bha sgiobalta.
Siud a’ chaora bha grinn,
Dh’fhàsadh an dath air a druim.
Chan iarradh i crotal no sùith
Ach snìomh na clòimh gu briogaisean.
Siud a’ chaora bha luath
Nuair a thigeadh i mun cuairt;
Cha robh h-aon anns an taobh tuath
An uair sin chuireadh it’ aiste.
Chaidh an t-uan leis fhèin
Null ann an siud leis an sprèidh;
Sin nuair a chaidh ise na bèist,
Nuair theann a seinn ri gliogadaich.
Siud a’ chaor’ anns an robh sgeun
Cha do chleachd i bhith air sliabh;
’S ann aig baile bha i riamh;
Is grinn am feur a dh’itheadh i.
title | 8. Cas na Caora Hiortaich, ò! |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |