9 Tha Giullan Agam Fhìn
(Na facail caillte; facail ùra le C. MacFh.)
Dannsaidh mi le Fionnlagh –
M’ ulaidh air, cho sunndach;
Is seach gu bheil mo ghiullan mear,
Miridh e ri cunntais.
Dìridh e na creagan cas
Chunntadh nan uighean dhomh;
Streapaidh e an Stiodhaigh Ghlas
Cùl Bhoraraigh –
Streapaidh e an Stiodhaigh Ghlas
Chunntadh uighean dhomh.
Pòsaidh giullan Màiri
Caileag laghach àlainn,
Is seach gu bheil an dithis cleas,
Nach danns iad dhuinn an dràsda.
Dìridh e na creagan cas – ’S e gheibh uighean di;
Streapaidh e a’ Bhearraidh Gheal
’N taobh Oiseabhal;
Streapaidh e a’ Bhearraidh Gheall – ’S e gheibh uighean di.
Gleusaidh sinn na fìdhlean
’S cluinnear sinn an Ile,
Is seach gu bheil an comann deas
Air stapadaich na ruidhle,
Dìreamaid na creagan cas
Chunntadh ghugachan;
Dìreamaid an Staca Bhreac
Stùc Bhradastac:
Dìreamaidh an Staca Bhreac
Chunntadh ghugachan.
Dèanamaid an ruidhle
Do dh’Fhionnlagh beag na fìdhle –
Fionnlagh lurach beag cho mear,
’S e ’n giullan agam fhìn e.
Cluichidh e mun Staca Lì,
’S eòinridh a’ magadh air;
Cluichidh e air Mullach Bì,
’S raon Chonachair;
Cluichidh e air mullach Bì
’S eòinridh a’ magadh air.
Fulmair is làmhaidh
’S buthaigir an àigh dhomh
Gheibh mo ghiullan measg nan creag
Na annlann do na càirdean.
Cuiridh e gu danns’ sinn,
Fionnlagh a’ feadalaich;
Giaban ris a’ ghanntar,
’S ceòl aighearach;
Giaban ris a’ ghanntar
’S Fionnlagh a’ feadalaich.
title | 9. Tha Giullan Agam Fhìn |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |