22 A’ Bhan-tighearna Grange(1734–42)
Ann am beul-aithris an eilein tha sgeulachdan mu dheidhinn ban-àrmann a bha a’ còmhnaidh ann a Hiort. Tha seann thogalach cloich anns a’ Ghleann, air iadhadh le feur, air a bheil an t-ainm Taigh na Ban-Armainn. Cò a’ bhan-àrmann, no cò an linn anns an robh i beò, chan urrainn do dhuine a ràdh le cinnt. Ma chreideas sinn aon sgeulachd, bha i maireann nuair a bha blàr mòr fearainn a’ ceangal Hiort ri Innse Gall, agus chleachd i a bhith a’ sealg fhiadh air each air na slèibhtean eadar Hiort agus na Hearadh. Co-dhiù, ma bha i a’ dèanamh sin, cha b’ ann an-dè a bh’ ann!
Air taobh eile an eilein bho Thaigh na Ban-àrmainn, tha àite ris an abrar Poll na Ban-tighearna — àite eireachdail a chaidh ainmeachadh air boireannach ionmhainn a bha air Hiort o chionn dà cheud bliadhna gu leth. ’S fhiach sgeulachd na ban-tighearna sin a h-innse, chionn ’s gu bheil i air eachdraidh cho cianail ’s a tha air a sgrìobhadh mun an eilean.
Anns a’ bhliadhna 1709, phòs Raonailt Cheisley à Dail Rìgh, faisg air Dùn Eideann, fear Seumas Erskine, an dàrna mac a bh’ aig Iarla Mhàirr. Fear-lagha a bh’ ann an Seumas Erskine, agus goirid an dèidh dha pòsadh chaidh àrdachadh gu Lord Justice Clerk ann an Dùn Eideann. Ann an ceann ùine chaidh uaisleachadh gu Tighearna, agus ghabh e an t-ainm an Tighearna Seumas Grange. Bha an Tighearna Seumas agus a Bhan-tighearna Raonailt air an àireamh am measg uaislean na h-Albann. Bha iad pòsda airson fichead bliadhna, is ochdhnar a theaghlach aca, ’s gun amharas aig duine air taobh a-muigh na dachaigh nach robh iad sona gu leòr le chèile. Tha e coltach nach robh iad idir sona, ach gu robh iad geur, gràineil air càch-a- chèile. Mu dheireadh, dh’fhàs an Tighearna Grange cho searbh ri mhnaoi ’s gun do dhealaich e bhuaipe.
Anns an linn ud cha robh am pòsadh a bha eadar Sasainn agus Alba càil na bu toilichte na bha am pòsadh eadar Seumas agus Raonailt. Bha Sasainn air Gearmailteach a ghabhail mar rìgh — fear nach bruidhneadh Beurla no Gàidhlig, agus a bha air na Stiùbhartaich, an t-seann shliochd rìoghail a bha air a bhith an Alba airson iomadh linn, a ruagadh a-mach à Breatainn. Ach ged a bha na Stiùbhartaich air teiche dhan Fhraing, cha robh iad gun chàirdean ann an Alba. Bha mòran dhe na cinn-chinnidh a’ guidhe riutha tilleadh airson crùn na h-Albann a chosnadh — agus ’s mathaid crùn Shasainn cuideachd a chosnadh bho Rìgh Deòrsa. Bha an Tighearna Seumas Grange air aon dhiubh sin a bha air cùl na ceannairc an aghaidh Rìgh Deòrsa. Ach bha aon rud a’ cur dragh air: bha amharas aige gu robh deagh fhios aig Raonailt air a’ cheangal a bha eadar e fhèin agus muinntir na ceannairc, agus gu robh aithne aice air an ullachadh a bha iad a’ dèanamh.
Bha e air aithris aig an àm gum b’ e Mac Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach, a fhuair leigheas air a’ chuis. Aon oidhche thàinig greigh bhrogach Gàidhealach gu dachaigh na Ban-tighearna agus ghoid iad i. Ghabh iad a-mach leatha gu tuath, a’ siubhal air an oidhche ’s a’ gabhail fois air an latha. Mu dheireadh ràinig iad Heillsgeir, faisg air Uibhist a Tuath. Bha càirdean na Ban-tighearna ga lorg thall ’s a-bhos, agus mu dheireadh thòisich iad a’ cur theachdaireachdan gu ruige nan gleanntan a b’ iomallaiche a bh’ air a’ Ghàidhealtachd.
Ann an 1734, an dèidh dà bhliadhna na prìosanach air Heillsgeir, chaidh a’ Bhan-tighearna a chur air bàta a sheòl leatha gu Hiort.
An sin, chaidh taigh ullachadh dhi — taigh a bha beagan na bu mhotha ’s na bu spaideile na na bothanan àbhaisteach. Bha dà sheòmar ann — aon anns an robh a’ Bhan-tighearna a’ gabhail còmhnaidh agus fear eile do dh’Fhionnlagh Dòmhnallach, am fear a bha air a phàigheadh airson a cumail anns a’ chuimh.
Bha sluagh an eilein truasail, coibhneil ri Raonailt, agus thigeadh iad gu tric thuice le tiodhlacan de dh’eòin, de dh’uighean, no de fhlùran a bha iad air a bhuain air na cnuic. Dh’aindeoin nan coibhneasan sin, cha robh inntinn Raonailt ach air aona rud — teachdaireachd fhaighinn gu a càirdean dligheach ann an Dùn Eideann. Chaidh na bliadhnachan seachad agus rinn Fionnlagh Dòmhnallach sèithear-cuilc dhi — tiodhlac a bha aice gu latha a bàis.
Mu dheireadh, fhuair i air litir fhaighinn chun na mòr-thìr. Ged a bha i air iomadach litir a chur air seòladh anns a’ chuan, ’s iad ceangailte ri maidean, cha robh aon dhiubh sin air a ceann-uidhe a ruighinn. B’ e searbhant a dh’fhàg Hiort ’s a chaidh gu Gleann Eilg a thug leatha litir na Ban-tighearna, ’s i aice air a fuaigheal na còta-bàn. Nuair a fhuaireadh a-mach ann an Dùn Eideann far an robh a’ Bhan-tighearna air a cuingealachadh, chuireadh gnothaichean air chois airson a cuideachadh. Mu dheireadh, ràinig bàta Hiort air a tòir, agus cha robh Fionnlagh Dòmhnallach comasach air a’ Bhan-
Litir na Ban-tighearna Grange, à Hiort 1738
Thugadh a’ Bhan-tighearna bho Hiort gu Dùthaich MhicAoidh agus à sin, an ceann thrì bliadhna, dhan Eilean Sgiathanach. Cha robh e fhathast sàbhailte dhi tilleadh a Dhùn Eideann.
Fad ’s a bha i air Hiort a’ caoidh an tionndaidh a bha air a thighinn air a beatha, rinn i bàrdachd anns a’ Bheurla a bha a’ sealltainn an fharmaid a bh’ aice ri mnathan Hiort. Bha i fhèin gun Ghàidhlig, gun eòlas air eunachd, air iasgach no air rud sam bith co-cheangailte ri obair an fhearainn. Seo mar a dh’innis i mar a bhiodh àbhachd agus ceòl am measg nan Hiortach nuair a ruigeadh an sgoth a-steach gu cladach an dèidh dhi a bhith aig iolla no ri eunachd.
title | 22. A’ Bhan-tighearna Grange (1734-42) |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |