31 Mòr Bhàn
Nuair a thill an t-Urramach Coinneach MacAmhlaigh à Hiort o chionn còrr air dà cheud bliadhna air ais, thug e iomradh air bòidhchead nan caileagan.
“Tha iad,” ars esan, “eireachdail nan aodannan ’s nam bodhaigean agus, nam biodh iad air an còmhdach ann an nòs a’ bhaile mhòir agus ag imeachd air sràidean Shasainn, bhiodh iad ainmeil anns na comainn as uaisle.”
Anns an àm a bha siud bha an cinneadh Moireasdan cumanta air an eilean, agus lean sin airson iomadach linn, ged nach robh duine air an ainm sin air fhàgail nuair a chaidh an t-eilean fhàsachadh anns a’ bhliadhna 1930. Tha e coltach gu robh aona nighean air Hiort — Mòr Mhoireasdan — a bha air leth brèagha. Bha ise na prime timcheall air 1830. A rèir aithris, thadhail duin’ -uasal à Ile air an eilean agus thuit e ann an gaol le Mòr. Cha robh e air Hiort ach airson ùine ghoirid, ach fhad ’s a bha e ann gheall e do Mhòr ’s dha cuideachd gun tilleadh e ann am beagan ùine agus gun toireadh e a leannan leis a dh’Ile ghorm an fheòir. Rinn e mar a gheall e. Ach nuair a thill e, thàinig e le bàta mòr tapaidh agus sgiobadh de ghillean tapaidh ri a ghualainn. Cha do dh’aithnich na Hiortaich e. Agus a bharrachd air sin, cha do chòrd e riutha gu robh gunnaichean air an càradh ann an clàr aodainn an t-soithich. Bha mòran sgeulachdan ann an eachdraidh nan Hiortach air soithichean an Riaghaltais — bàtaichean-cogaidh a bhiodh a’ tadhal air an eilean, rè Cogaidhean Napoleon, a dh’aona ghnothaich airson na fir a ghoid. Chruinnich na Hiortaich agus cho-dhùin iad gum biodh iad ann an dearg chunnart am beatha nan deigheadh iad faisg air na coigrich. Cho cabhagach ’s a b’ urrainn dhaibh, theich iad gu fasgadh nan creag agus chaidh iad air falach anns na h-uamhan agus na bearraidh. Dhìrich an t-Ileach chun nan taighean, ach bha gach fàrdach fuar, falamh. Cha robh cnoc ’s cha robh bealach air nach do ruith e fhèin agus a chompanaich is iad a’ lorg na h-inghinn. Ach mu dheireadh thall thill iad chun an t-soithich agus chuir iad cùl ri Hiort. Nuair a mheantraig na Hiortaich a-mach às na tuill, chunnaic iad bàta an Ilich is i fo làn-sheòl, ’s i a’ gabhail a-mach às a’ Bhàgh. Dh’aithnich Mòr an suaicheantas a bha air a’ bhrataich a bha ris a’ chrann. B’ fheudar dhi gabhail ris gu robh i air a leannan a chall.
Somewhere about fifty years ago (1827), the ‘Laird of Islay’ landed ar St. Kilda from his yacht and, falling in love with a girl called Marion Morrison, promised to return for the purpose of marrying her in the course of a year. This he duly did in a vessel carrying a few small guns. The sight of him so alarmed the inhabitants that they took refuge among the rocks and the faithful suitor was obliged to depart a disappointed bachelor. The girl composed a ‘Lament’ in commemoration of the event, the tune of which the precentor hummed. He heard her sing the air, and distinctly remembers her appearance and her ‘long flowing hair’.
Seòras Seton, 1877
Tha grunnan leabhraichean a’ toirt iomraidh air a’ chaileag Hiortach seo a chaidh a mhealladh, agus tha an t-òran againn mar chuimhneachan air a deuchainn. Ach cò i? Chan eil Mòr Mhoireasdan air a h-ainmeachadh anns an linn ud anns na censi no ann an leabhraichean na h-Eaglais. ’S a dh’aindeoin sin, a rèir Seton, bha cuimhne aig a’ phreasaintear oirre. Am b’ e caileag Sgiathanach, Uibhisteach, Hearach no eile a bh’ innte a bha air mhuinntireas air an eilean airson beagan bhliadhnachan? Ann an leabhar Iain Sands, ’s e ‘Mòr Bhàn’ a bh’ aigesan oirre, agus bha uiread de bhuaidh aig an sgeulachd air Iain is gun do rinn e dealbh-pinn dhith.
LINEBREAK Mòr Bhàn mar a chunnaic Iain Sands i
title | 31. Mòr Bhàn |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |