33 Aitichean-còmhnaidh
Bha na ciad dhachaighean a bh’ aig na daoine fon talamh. Bha na dachaighean sin blàth anns a’ gheamhradh ach dorch, mì-fhallain ann an dòighean eile. Tha làrach a leithid sin de thogalach ri fhaicinn fhathast anns a’ Ghleann Mhòr.
Tro na linntean chaidh na dachaighean a thogail beagan air bheagan os cionn na talmhainn. Anns an t-seachdamh linn deug bha an sluagh a’ fuireach ann am bothanan dubha. Bha mullaich thughaidh air na bothanan, air cabhraichean fiodha, ’s an tughadh air a chumail na àite le sìoman fraoich le acraichean cloiche.
Aig aon àm bha na taighean air an dèanamh de chloich leis an aon dhòigh agus an aon chumadh ris na cleitean. Cha robh na clachairean cho deas air an gnothaich ’s gum b’ urrainn dhaibh stuadhan a dhèanamh le clachan a bha air an gearradh airson gun amaladh iad ri chèile. Mar sin, bha na taighean gu math cumhang, agus chan eil rian nach robh cunnart gun tuiteadh iad nam broinn le tìde.
Aig toiseach na naodhamh linn deug bha na taighean dubha air Hiort glè choltach ri mar a bha iad ann an Innse Gall air fad
LINEBREAK Tobhta taigh anns an robh teaghlach a’ còmhnaidh ro 1834
aig an àm sin. Seo mar a thug an t-Urr. Niall MacCoinnich cunntas orra, greis mus deach am baile ùr a chur a-mach air làrach ùr bho 1836 gu 1838.
Tha na seann thaighean, gu ìre bhig, cruinn. Tha na ballachan 6-7 troighean a thighead, le slocan air an clachaireachd annta airson crùban far am bi an teaghlach a’ cadal. Tha leacan tiugha fada os cionn nan chrùban. Chan eil stuadhan anns na ballachan, ach tha iad air an togail air dhòigh ’s gu bheil iad a’ faomadh a-steach is a h-uile sreath chlachan a’ gabhail ceum air an tè tha foidhpe. Tha taobh a-muigh an taighe air iadhadh le talamh agus le truilleis a thathas a’ sadadh a-mach. Tha an taigh a’ coimhead coltach ri cnocan beag uaine. Ann an cuid de dh’àitichean tha iad gu h-iomlan fon talamh. Chan eil ach aon àite far am faigh solas a-steach; ’s e sin toll a tha air fhàgail anns an tughadh, dìreach os cionn a’ bhalla. Tha an doras faisg air màs an taighe le aghaidh gu an ear. Tha na taighean nan dà shreath ghrinn air an cur nan àite beulaibh ri beulaibh, is rathad a’ ruith eatarra, ris an can iad an t-Sràid.
Seo cunntas eile a chaidh a thoirt air taighean dubha Hiort timcheall air 1838.
Chaidh na clachan a chur an sàs gun òrd ga chur orra agus gun aol-tàthaidh. Cha robh càil ga chur eatarra ach beagan ùrach. Tha na ballachan eadar 5 agus 8 troighean a thighead air taobh muigh an taighe agus gu math nas àirde am broinn an taighe. Chan eil ach aona dhoras annta agus tha sin fosgailte gu an ear-thuath. Chan eil uinneagan annta idir. Tha broinn an taighe air a roinn na dhà sheòmar le tallan de chlachan air an càrnadh, tè air muin tè, agus furasda a thoirt às a chèile nuair a dh’fheumar.
Tha an seòmar shìos dhan chrodh sa gheamhradh, agus an seòmar a-bhos dhan teaghlach. Anns an t-seòmar a-bhos, bidh an teaghlach, tràth dhen t-samhradh, a’ tional smùr na mònach agus luath, agus a’ sgaoileadh sin air an ùrlar. Bidh iad a’ taiseachadh an ‘ùrlair’ leis gach boinne de dh’uisge salach a bhios aca mun bhiadh. Mar a thèid na mìosan seachad, bidh an t-ùrlar ag èirigh an-àirde gus am bi e, ann an cuid dhe na taighean aig meadhan an earraich, cho àrd ri mullach nam ballachan. Aig toiseach an t-samhraidh tha e do-dhèanta do dhuine seasamh dìreach. Chan urrainn dha gluasad timcheall an teine gun a bhith smàgardaich air a ghlùinean.
Taigh agus àirnean LINEBREAKLINEBREAK Bàthach, fallan, cist, cuibhle-shnìomh, bucas, beairt, leabaidh, cist, being, cagailt
‘Taigh Betty Scott’ — mar a chunnaic Caiptean FLW Thomas e ann an 1868. LINEBREAK
Bha an t-slinnteach air a dèanamh de dh’fhiodh tana leis na ceangail nan laighe air a’ bhalla-staigh. ’S e connlach choirce an tughadh a bh’ air an taigh. Bha am fodar mu chuairt air ochd òirlich dheug de thighead, agus sin air a chur na laighe na mhuilleanan gun oidhirp sam bith air a sguabadh gus am biodh na sràbhan a’ siubhal suas agus sìos, mar a chithear ann an àitichean eile. Ach bha na muilleanan air am bruthadh teann ris an t-slinnteach gus an robh iad nan laighe nam brat, agus bha an tughadh an uair sin air a cheangal le iomadach taod sìomain a bha air a dhèanamh de shràbhan air an deagh thoinneamh.
Lòban — soitheach air a dhèanamh de dh’fhodar, na sràbhan air an toinneamh mar shìoman. Bha an seòrsa soithich seo ga dhèanamh air croitean ann an Sealtainn chun an Dàrna Cogaidh. LINEBREAK Cuman — soitheach fiodha airson bainne no uisge. LINEBREAK Buta — soitheach fiodha anns am biodh buntàta, iasg, giaban no biadh sam bith eile. LINEBREAK Crùisgean — lampa anns am biodh iad a’ losgadh uileag èisg airson solas a chumail riutha air an oidhche. Tro na linntean, bha iomadach seòrsa crùisgein aca. Mus do dh’fhàg an sluagh an t-eilean, bha crùisgeanan air Hiort a bha air an dèanamh de chanastair, agus a’ losgadh parabhain tro shiobhag.
title | 33. Aitichean-còmhnaidh |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |