34 Chaidh Mi ’n Iomall nan Càirdean
Rinn Anna Nighean Fhionnlaigh MhicDhòmhnaill am marbhrann seo mar chuimhneachan air a piuthar ’s a bràthair a chaochail, gun eatarra ach beagan ùine (Urr. N. MacC.)
’S gur mise tha gu dubhach LINEBREAK A’ siubhal an t-aon là, LINEBREAK O chaill mi mo phiuthar LINEBREAK A bha subhach ’s gu faoilidh, LINEBREAK Bha gu maiseach ciatach, LINEBREAK Bha gu fialaidh ro dhaoine; LINEBREAK Cha leig mis’ thu air dìochuimhne LINEBREAK Ged liathainn san t-saoghal.
O dh’fhalbh ad mhnaoi òig thu, LINEBREAK ’S e mo bhròn-sa mar thachair, LINEBREAK ’S chan eil deò ann am sheòrsa LINEBREAK … LINEBREAK Mar tha smuaintean a bhàis LINEBREAK H-uile là tighinn a-steach orm; LINEBREAK Chaidh mi ’n iomall nan càirdean LINEBREAK O là chàireadh an leac ort.
Chì thu, Rìgh, mar bha mise LINEBREAK ’S mi gam chlisgeadh ’s gam chiùrradh, LINEBREAK Mar tha mi ’g ionndrainn na gibht ud LINEBREAK Tha fon lic air a dùnadh; LINEBREAK Chaidh mi ’n iomall nan càirdean, LINEBREAK Mar tha ’m bàs air mo spùilladh; LINEBREAK ’S tric nam chridhe-sa sàthadh – ’S e mo bhràthair-sa b’ fhiù siud.
Bu tu sguid-fhear na guailne LINEBREAK An àm gluasad a’ bhàta; LINEBREAK Fear ruigheachd a chruaidheachd, LINEBREAK Bhiodh tu shuas air ràmh-bràghad; LINEBREAK ’S gum bu bhinn thu ag èigheach, LINEBREAK An àm èirigh na bàirlinn; LINEBREAK Bha thu foinnidh, deas, treubhach – LINEBREAK Gur mairg cèil’ rinn thu fhàgail.
Gnùis an àigh, cha bu bheag orm LINEBREAK Thu thighinn thugam air chèilidh, LINEBREAK Mar bu mhiannach leam tachairt LINEBREAK Thu thighinn dhachaidh là fèille. LINEBREAK Bu tu an solas ro d’ chàirdean, LINEBREAK ’S mòr a’ bheàrn thu gan trèigsinn; LINEBREAK Och is och, mar a tha mi, LINEBREAK ’S mi gur n-àireamh le chéile.
sguid-fhear — am fear air a bheil uallach sgòd an t-siùil LINEBREAK cruaidh — acair cloiche LINEBREAK ràmh-bràghad — an ràmh as fhaisge air an toiseach LINEBREAK foinnidh, foinneasach — uasal; modhail LINEBREAK treubhach — làidir; foghainteach
LINEBREAK B’ e Mairead a h-ainm, ach chan eil cinnt an-diugh cò an teaghlach dham buineadh i
title | 34. Chaidh Mi ’n Iomall nan Càirdean |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |