36 Rabhd Rocabarra
(Rabhd nach do rinn muinntir Hiort, seach gu robh iad ro mhodhail!)
Seo sgeula air na bodaich bhochd LINEBREAK A dh’anaclaich ’s a theàrn sinn. LINEBREAK Cha thuigeadh sinne smid a bh’ aca, LINEBREAK Fear no bean bha ’n làthair. LINEBREAK Thàinig iad gun Ghàidhlig LINEBREAK Bho staca Rocabarra.
Thog sinn bodach Sasannach LINEBREAK Is chuir sinn ann an crùb e – LINEBREAK Abair thusa ochanaich LINEBREAK Nuair chuir sinn steach na cùl e, LINEBREAK Bodach na cois ciùirrte LINEBREAK Bh’ aig staca Rocabarra.
Thàinig fear le eileatrom, LINEBREAK Is ghiùlain sinn a-bhàn e LINEBREAK Steach gu taigh a’ mhinisteir, LINEBREAK Is chàirich sinn a chnàmhan. LINEBREAK Chluinneadh tu a rànail LINEBREAK Aig staca Rocabarra.
Bha iad air an allaban, LINEBREAK Gun bheathachadh gun bhiathadh, LINEBREAK H-uile fear a’ turraban LINEBREAK Is snagardaich air fhiaclan, LINEBREAK A’ guidheachan ’s a grìosadh LINEBREAK Do staca Rocabarra.
Chuireadh aodach tioram ump’ LINEBREAK Is gharadh iad ri teintean. LINEBREAK Dh’fhàs iad gu math sona LINEBREAK ’S iad nan suidhe air na beingean, LINEBREAK A’ conaltradh ’s a brunndail LINEBREAK Mu staca Rocabarra.
Bheathaich sinn air brochan iad, LINEBREAK Air uighean agus eunlaith; LINEBREAK Dh’ith iad gus na sgog iad orr’ LINEBREAK Gun spadaireachd gun uaisleachd. LINEBREAK Bha ’n t-acras air na truaghain LINEBREAK Bh’ aig staca Rocabarra.
Bha sinn uile carthannach LINEBREAK Is bha sinn uile aoigheil; LINEBREAK Thug sinn dhaibh na dh’itheadh iad LINEBREAK De chudaigean ’s de shaoidhean; LINEBREAK Shàsaich sinn am broinn LINEBREAK ’N ear air staca Rocabarra.
H-uile rud bha seasgair dhaibh, LINEBREAK ’S a h-uile rud bha coibhneil, LINEBREAK Rinn sinn gu math deiseil, LINEBREAK Gus na chuir sinn às an cuimhne LINEBREAK Cho crosd ’s a tha na tuinn LINEBREAK Muigh aig staca Rocabarra.
Cha robh dùil ri sgillinn bhuap’, LINEBREAK Oir tha sinn bitheant’ fialaidh, LINEBREAK A’ cuideachadh luchd-turais LINEBREAK Agus maraichean th’ air siabhan LINEBREAK ’S air teiche bho na biastan LINEBREAK Mar staca Rocabarra.
Ach thuirt iad ris a’ mhinistear LINEBREAK Gu maireadh sinn nan cuimhne, LINEBREAK Gun shabhail sinn gun teagamh iad, LINEBREAK ’S gu robh iad uile taingeil LINEBREAK Nach robh iad anns an doimhne LINEBREAK Aig staca Rocabarra.
Cha do dh’iarr sinne tasdan bhuap’ – LINEBREAK Mo chreach, b’e sin an tàir dhuinn! LINEBREAK Ach thuirt iad gum b’e ’n dleasdanas LINEBREAK Ar cuideachadh ’s ar pàigheadh, LINEBREAK Le taingealachd gun theàrn iad LINEBREAK Bho staca Rocabarra.
Gheall iad mus do dhealaich iad LINEBREAK Gu maitheadh iad am fiachan, LINEBREAK Is thog iad sinn ri tìodhlacan – LINEBREAK Tombaca-dubh is siabann, LINEBREAK Is rudan nach robh riamh ann LINEBREAK An astar Rocabarra.
Mus do dh’fhàg na coigrich sinn, LINEBREAK Bha sinn dun dheoch ’s gun annlan, LINEBREAK Ach thog sinn oirnn is dh’obraich sinn LINEBREAK A’ cogadh ris a’ ghanntar, LINEBREAK A’ feitheamh ris na gheall LINEBREAK Bodaich staca Rocabarra.
Ach ged ràinig iad an dachaighean LINEBREAK Is cagailtean an càirdean, LINEBREAK Cha chualas facal tuilleadh bhuap’ LINEBREAK ’S cha d’fhuair sinn uiread feàrdain – LINEBREAK Eilthirich gun nàir’ LINEBREAK A dhiùlt amar Rocabarra.
’S e dhìochuimhnich na Sasannaich LINEBREAK An cunnart às na theàrn iad, LINEBREAK ’S an cuideachadh a thug sinn dhaibh LINEBREAK An uair a chaochail Charlotte LINEBREAK ’S a chuir i iad nan sgàird LINEBREAK Air cruachainn Rocabarra.
LINEBREAK Rocabarra
title | 36. Rabhd Rocabarra |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |